Naidheachdan

Fàilte don sgioba, a Choinnich!

Published: 18 Mar 2024

​Tha An Comunn Gàidhealach air leth toilichte fàilte a chuir air Coinneach Combe mar Oifigear Thachartasan agus Conaltraidh Digiteach.

Tha eòlas farsaing aige air coimhearsnachd na Gàidhlig, coimpiutaireachd agus tachartasan a chuir air bhonn. Am measg na obraichean a bh’ aige roimhe seo tha e air a bhith na oifigear leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig agus na thidsear coimpiutaireachd àrd-sgoile. Bha e cuideachd air a’ sgioba a leasaich an app ionnsachaidh agus cultar IndyLan.

A bharrachd air a’ sin tha e gu math dèidheil air seinn agus a’ drumaireachd ann an Còmhlan Pìoba Cill Bhearchain. Mar sin, tha e ro thoilichte tòiseachadh aig A’ Chomunn gus cùisean a’ thoirt air adhart agus a’ Mhòid agus a’ Ghàidhlig a thoirt gu suidheachadh nas treasa sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Thòisich Coinneach anns an dreuchd an diugh agus tha an sgioba a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris.

Fàilte mhòr ort a Choinnich!

« Back to Mod News List

Coinneamh Bhliadhnail

Published: 11 Mar 2024

​​Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail air Dihaoine an 15mh den Mhàirt, aig 7f ann an Taigh Òsta a’ Ghlynhill, Pàislig. Tha fàilte chridheil air Buill a’ Chomuinn a thighinn còmhla rinn air an oidhche.

Tha fios air a dhol a-mach gu buill a’ Chomuinn air post-dealain. Mur a d’ fhuair sibh am post-dealan, agus ma tha sibh nur ball, feuch gun dèan sibh cinnteach gu bheil an seòladh post-dealain agaibh anns an siostam againn – tadhlaibh an seo gus dèanamh cinnteach gu bheil e anns a’ chunntas agaibh:
https://enter.ancomunn.co.uk/

Cuiribh fios gu peigi@ancomunn.co.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.

« Back to Mod News List

​​Coinneamh Bhliadhnail

Published: 02 Mar 2023

Thèid Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail air Dihaoine an 17mh den Mhàirt 2023, aig 7.30f ann an Taigh Òsta a’ Ghlynhill, Pàislig. Tha fàilte chridheil air Buill a’ Chomuinn a thighinn còmhla rinn air an oidhche.

Tha fios air a dhol a-mach gu buill a’ Chomuinn air post-dealain. Mur a d’ fhuair sibh am post-dealan, agus ma tha sibh nur ball, feuch gun dèan sibh cinnteach gu bheil an seòladh post-dealain agaibh anns an siostam againn – tadhlaibh an seo gus dèanamh cinnteach gu bheil e anns a’ chunntas agaibh:
https://enter.ancomunn.co.uk/

Cuiribh fios gu peigi@ancomunn.co.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.

« Back to Mod News List

​Clàradh a-nis fosgailte airson farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail® 2023 ann am Pàislig

Published: 02 Feb 2023

Tha an siostam inntrigidh air-loidhne do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a-nis fosgailte, tha An Comunn Gàidhealach air ainmeachadh. Tha cothrom aig farpaisich a tha airson com-pàirt a
ghabhail ann an tachartas 2023, a tha a’ gabhail àite eadar 13-21 Dàmhair 2023 ann am Pàislig, air an innteartan a chur a-steach suas gu meadhan-oidhche air Diciadain 31 Cèitean 2023.

Chì 2023 prìomh thachartas ciùil is cultair saoghal nan Gàidheal a bhios a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig, a’ tilleadh a Phàislig airson an dàrna turas. Chaidh an tachartas a chumail mu dheireadh sa bhaile o chionn deich bliadhna ann an 2013 agus dhearbh e an uair sin a bhith na àite air an robh fìor mheas am measg chom-pàirtichean agus luchd-èisteachd.

Chunnaic tachartas 2022 na bliadhna an-uiridh a chaidh a chumail ann am Peairt, Mòd làn-sgèile a’ tilleadh an dèidh dà bhliadhna de throimh-chèile, le tachartasan gan cumail air-loidhne agus ann an
cruth tar-chinealach ann an 2020 agus 2021. Bidh Pàislig airson togail air a dhìleab shoirbheachail bhon tachartas ann an 2013, le bhith a’ lìbhrigeadh Mòd air leth eile a’ toirt buaidh dheimhinneach air a’ bhaile agus air a’ chànan san sgìre. Tha dualchas cultarach saidhbhir san sgìre de dhaoine le Gàidhlig a ghluais a Phàislig aig deireadh na 18mh linn agus tràth san 19mh linn a dh’obair ann an gnìomhachas nam muilnean snàith nuair a bha an gnìomhachas soirbheachail.

Am measg na làn liosta de fharpaisean a bhios a’ gabhail àite, bidh roinnean seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus dannsa Gàidhealach a lorgar ann an clàran-obrach a’ Mhòid aig ancomunn.co.uk/nationalmod/syllabus agus faodar innteartan a chur a-steach aig Innteartan

Tha an eileamaid air-loidhne a’ fuireach na dhòigh air a bheil meas leothasan a tha airson pàirt a ghabhail san tachartas air astar, a’ ceadachadh do fharpaisich an gnìomhaidhean a chur a-steach, a chlàradh agus a luchdachadh suas tron t-siostam dhidseatach. Thèid na farpaisean is gnìomhaidhean air-loidhne a mhòr-thaisbeanadh tro shianalan mheadhanan sòisealta a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail mar phàirt den tachartas san Dàmhair.

Am-bliadhna, chithear an fharpais chliùiteach Cogadh nan Còmhlan a’ tilleadh. Bhuannaich BowReel, an duais an-uiridh airson seisean clàraidh sa Wee Studio ann an Steòrnabhagh.

Taobh a-muigh a’ chlàr-obraich, bidh fàilte air ais ga chur air an fharpais fhèillmhor TikTok agus tachartas Sruth ann am prògram 2023. Is e tachartas a th’ ann an Sruth a tha ag amas air barrachd còmhraidh nàdarra a bhrosnachadh am measg dhaoine òga agus ’s e cothrom air leth a th’ ann airson coinneachadh agus còmhradh le cuid de na h-aodainn as aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu deidhinn nan tachartasan ùra sin aig www.ancomunn.co.uk.

Ann an clàr-obrach nan inbheach, bithear a’ cur fàilte air ais air na farpaisean as ùire mar farpais chòisirean le taic-ciùil a tha ag amas air buidhnean a bhios a’ seinn ann an co-sheirm sa bheil eadar còig agus deich seinneadairean, agus an fharpais ùr aon-neach Farpais CalMac, a tha fosgailte do luchd-ionnsachaidh inbheach.

Ann an tachartas 2023, chithear cuideachd an fharpais ealain fìor shoirbheachail a’ tilleadh, air a co-òrdanachadh le Comunn Gàidhealach Lunnainn a bhios a’ cur mòr-thaic ri obraichean chruthachail
bho air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Gheibh an taisbeanadh aoigheachd sa Briggait, Glaschu ann an co-bhonn ri WASPS, carthannas a tha a’ solarachadh stiuidiothan aig prìs reusanta do luchd-ealain air feadh Alba agus bidh taisbeanadh sònraichte ga fhaicinn bho bhuannaiche na bliadhna an-uiridh, David Page à Muile.

Thuirt Marina NicAoidh, Oifigear a’ Mhòid aig A Chomunn Gidhealach: “Tha mi gu mòr a’ moladh do neach sam bith a tha a’ smaoineachadh air tagradh, dìreach sin a dhèanamh agus an innteart a chur a-steach. Gach bliadhna, tha sinn a’ faicinn a leithid de raon de thàlant am follais agus cha bhi Pàislig 2023 diofraichte. Faodaidh iadsan a tha airson pàirt a ghabhail air astar tagradh a chur a-steach air-loidhne, ga dhèanamh fosgailte do na h-uile. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris na th’ ann de thàlant iongantach fhaicinn uile aig tachartas na bliadhna seo.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Àrd-Oifigear, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn air leth toilichte taic a chur ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail uair eile, a tha ga chumail ann am Pàislig 2023. Tha a’ bhuaidh a tha e a’ toirt air meudachadh ann an cleachdadh is adhartachadh na Gàidhlig thar luaich, agus tha a bhuaidh eaconamach gu cunbhalach a’ taisbeanadh cho cudromach ’s a tha Gàidhlig ann an eaconamaidh na h-Alba.”

Thuirt Lorraine Chamshroin, Pròbhaist Siorrachd Rinn Friù: “Tha mi a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air farpaisich agus luchd-tadhail chun na sgìre nuair a thilleas am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Phàislig am-bliadhna, deich bliadhna on a bha e air aoigheachd roimhe sa bhaile.

“Tha ullachadh airson Mòd Phàislig gu mòr fo sheòl gus an inbhe as àirde de chultar is dualchas na Gàidhlig a chomharrachadh.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Siorrachd Rinn Friù, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, BBC ALBA agus SQA.

Bidh Mòd na bliadhna-sa a’ gabhail àite ann am Pàislig bho 13-21 Dàmhair 2023. Airson làn fhiosrachadh mun t-siostam inntrigidh air-loidhne agus clàran-obrach a’ Mhòid 2023, tadhailibh air
ancomunn.co.uk/nationalmod/syllabus agus a thaobh pìosan ainmichte a’ Mhòid 2023, tadhailibh air ancomunn.co.uk/store .

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach aig info@ancomunn.co.uk no fòn: 01851 703487.

« Back to Mod News List

Toraidhean

Published: 15 Oct 2022

​Cumaibh suil air an duilleag seo airson toraidhean bho farpaisean na bliadhna seo. Thèid an duilleag seo ùrachadh gach latha.

« Back to Mod News List

De tha dol?

Published: 15 Oct 2022

​Madainn mhath dhuibh!

Seo na bhios a’ dol an diugh, air a’ chiad latha den Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt. Feuch gun tig sibh còmhla rinn!

https://www.horsecross.co.uk/.../the-royal-national-m%C3…

#modpheairt2022 #gaidhlig #gaelic

« Back to Mod News List

​​FIOSRACHADH FEUMAIL

Published: 15 Oct 2022

Ma tha sibh a’ lorg fios mu dè tha dol, cuin agus ciamar a gheibh sibh ann,
thoiribh sùil air na ceanglaichean gu h-ìosal!

Prògram oifigeil a’ Mhòid: https://bit.ly/3eRfBSv

Iomall a’ Mhòid: bit.ly/3K5ZGvi

Tiocaidean: https://bit.ly/3CsdEnL

Busaichean: https://bit.ly/3T0ABFR

« Back to Mod News List

Mòd 2022 a’ fosgladh & Tosgaire ùr ga ainmeachadh

Published: 14 Oct 2022

Tha an tachartas cliùiteach nàiseanta a’ tilleadh don Bhaile Bhòidheach airson a’ chiad uair bho 2004

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ fosgladh a-nochd gu fàilte is furan agus mu 7,500 neach-tadhail a’ tighinn a Pheairt gus tlachd a ghabhail às an raon mhòr de ghnìomhaidhean iongantach agus de ghnìomhachdan cultarach a thathar a’ tabhann thar nan naoi làithean ri teachd.

A’ tilleadh don Bhaile Bhòidheach airson a’ chiad uair ann an ochd bliadhna deug, bidh an tachartas eachdraidheil seo a’ tarraing luchd-leantainn ceòl is cultar na Gàidhlig còmhla uair eile, gus an cànan, an eachdraidh agus àm teachdail nan Gàidheal a chomharrachadh, agus thathar a’ sùileachadh gun toir e togail eaconamach de £1 millean don sgìre sa phròiseas sin.

Gus fosgladh a’ Mhòid chudromaich seo a chomharrachadh, tha luchd-eagrachaidh a’ Mhòid An Comunn Gàidhealach air Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna ainmeachadh. Tha an t-urram bliadhnail seo bho Riaghaltas na h-Alba ga bhuileachadh am-bliadhna air Iain Urchadain – preasantair, sgrìobhadair, òraidiche agus na phearsa fhollaiseach sa choimhearsnachd Ghàidhlig.

Tha Mgr Urchadain, a rugadh is thogadh sna Hearadh le Gàidhlig mar chiad chànan, air prògraman rèidio a’ BhBC leithid Caithris na h-Oidhche agus Car mu Chnoc a phreasantadh, agus prògraman TBh leithid Prògraman a’ Mhòid air a’ BhBC, Dòtaman, Brag, Around Scotland, The Ice Cream Van agus Beag air Bheag.

Anns na 1990an, chuir Iain facail Ghàidhlig ri òrain roc do na còmhlain-ciùil 101 agus Mise Mise. Bha e a’ frithealadh mar Mhinistear Eaglais na h-Alba airson dà bhliadhna dheug agus dh’eadar-theangaich e mòran artaigilean, leabhraichean agus laoidhean Beurla gu Gàidhlig. Bha e cuideachd na phàirt den sgioba a dh’eadar-theangaich an Tiomnadh Nuadh bho Ghreugais gu Gàidhlig.

Mar ùghdar agus mar bhàrd cliùiteach, bhuannaich e Duais Dhòmhnaill Meek leis a’ chiad chruinneachadh bàrdachd aige, Turas, agus bha e air a’ gheàrr-liosta airson duais sgrìobhainnean
neo-fhoillsichte aig na Duaisean Litreachais air an ruith le Comhairle nan Leabhraichean, airson an dàrna cruinneachaidh aige, Ceum. Tha Mgr Urchadain gu làithreach na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus bidh e a’ preasantadh podcastan SpeakGaelic.

Is e Mgr Urchadain an 14mh neach a fhuair an duais chliùiteach seo le taic bho Riaghaltas na h-Alba, gus aithne a thoirt do agus tabhartasan sònraichte a thaobh cànan is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh.

Thuirt Iain Urchadain: “ ’S e fìor urram a th’ ann Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna fhaighinn, agus tha mi air leth toilichte a’ choimhearsnachd Ghàidhlig a riochdachadh. ’S e Gàidhlig mo chiad chànan agus tha mi air a bhith ag obair ann am foghlam agus fèisteas do na Gàidheil fad còrr air 30 bliadhna, mar sin tha e a’ dèanamh an urraim seo fiù nas speisealta.”

Tha 2022 cuideachd a’ faicinn A’ Chomuinn a’ cur duais ùr air bhog. Tha Caraidean a’ Mhòid a’ tuigsinn na h-obrach a tha a leithid de dhaoine air a dhèanamh, agus a’ leantainn air adhart a’ dèanamh, gus dèanamh cinnteach gum fuirich spiorad na Gàidhlig beò. Bidh suas ri ceathrar luchd-faighinn a’ dol a-steach do Thalla Cliù Caraid a’ Mhòid gach bliadhna, air an taghadh airson na chuir iad ri coimhearsnachd, ceòl agus cànan. Is iad a’ chiad ceithir taghaidhean Anna NicLeòid, an Gàidheal aithnichte Freddie MacCoinnich, Marlene Yule bho Chòisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain agus an taoitear Gàidhlig, Christine NicIain.

Bidh am feasgar seo a’ cur a dhol prògram aoibhneach a’ Mhòid de ghnìomhaidhean is fharpaisean le Caismeachd Lòchranach air a stiùireadh le Còmhlan Pìoba Shrath Athaill agus Còmhlan Pìoba Sgìre Pheairt a’ fàgail bho Àrd-Shràid Pheairt aig 6.30f.

Chithear aig an t-seirbheis fhosglaidh chatharra, an seinneadair cliùiteach à Siorrachd Pheairt, Mairead Bennett, a’ lìbhrigeadh òraid dhealasach mar fhosgladh oifigeil a’ Mhòid, agus Cuirm-chiùil an Fhosglaidh a’ cur nan tachartasan ciùil air bhog le stoidhle ann an Talla Consairt Pheairt aig 7.30f. Bidh cuid den tàlant as fheàrr ann an saoghal nan Gàidheal, a’ gabhail a-steach nan seinneadairean Màiri NicAonghais, Art MacCarmaig, Ceitlin Lilidh agus Darren MacIlleathain, a’ tighinn còmhla le còmhlan-ciùil fo stiùir luchd-ciùil Mànran agus preasantairean a’ BhBC Gary Innes agus Eoghann MacEunraig.

Thar nan naoi làithean às dèidh sin, bidh an fhèis a’ cothlamadh clàr eadar-mheasgte de fharpaisean brosnachail beò agus consairtean air an iomall, a thuilleadh air clàr de ghnìomhaidhean air-loidhne a bhios rin craoladh fad na seachdaine, le timcheall air 2,000 neach-ciùil is com-pàirtiche a’ lìonadh còrr air 14 ionadan-cruinneachaidh air feadh a’ bhaile.

Am measg nam prìomh thachartasan, bidh farpais chrìochnachaidh Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich air Diciadain 19 Dàmhair agus farpais chrìochnachaidh Bonn Òir an t-Seann Nòis air Diardaoin 20 Dàmhair. Bidh Farpaisean nan Còisirean Dùthchail agus Farpaisean nan Còisirean Sgìreil a’ tilleadh cuideachd air Diardaoin agus Dihaoine an ath-sheachdain.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air seann chàirdean agus càirdean ùra chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt. Tha eachdraidh aig a’ Ghàidhlig ann an Siorrachd Pheairt agus mar sin tha sinn air ar dòigh a bhith air ais ann am Peairt airson a’ chiad Mhòd sa bhaile bho 2004.

“Tha buannachdan cultarach agus eaconamach a’ Mhòid fad-ruigsinneach, agus thar nan naoi làithean ri teachd bidh sinn a’ coimhead gum bi adhartachadh eadar-nàiseanta na Gàidhlig agus
baile aoigheachd Pheairt a’ toirt buaidh dheimhinneach air a’ ghnìomhachas turasachd is aoigheachd ionadail, agus gu sònraichte a’ togail spiorad dhaoine coinneachadh a-rithist agus dàimhean ath-ùrachadh.

“Tha a’ Chaismeachd Lòchranach agus a’ Chuirm Fhosglaidh le chèile nan dòigh fhoirfe air an tachartas a chur air bhonn le toileachas, agus tha sinn a’ dèanamh fiughar ris gach neach a bhith a’ gabhail tlachd às a’ chlàr bheairteach de thachartasan, farpaisean agus cuirmean-ciùil a tha sinn a’ tabhann am-bliadhna.”

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Shirley-Anne Somerville: “’S e fìor urram a th’ air a bhith ann comharrachadh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a bhith a’ tilleadh a Pheairt.

“’S e seo sàr fhèis na h-Alba son a bhith a’ comharrachadh a dualchas cultarail is cànanach Gàidhlig. Tha am Mòd cuideachd a’ tabhann cothrom bliadhnail son Gàidheil is feadhainn gun Ghàidhlig cruinneachadh gus comharrachadh aon de phrìomh phàirtean fèin-aithne na h-Alba.

“Tha tachartasan den t-seòrsa seo a’ cur am follais carson a bu chòir dhuinn leantainn oirnn a’ toirt taic don Ghàidhlig is aithneachadh luach cultarail, eaconamach is sòisealta a’ chànain
do dh’Alba gu lèir.”

Thuirt Stiùiriche Comhairle Pheairt is Cheann Rois, An Comhairliche Grant Laing: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Pheairt gus Gàidhlig a chomharrachadh ann an iomadach dòigh. Tha sinn air a bhith ag ullachadh airson fàilte a chur air luchd-tadhail gu Peairt agus Siorrachd Pheairt bho fhad’ is farsaing, agus tha sinn an dòchas gum bi fèis mhìorbhaileach aig gach com-pàirtiche anns na prìomh fharpaisean agus sna tachartasan air an Iomall.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a bhith an-còmhnaidh na àrd-ùrlar foirfe airson cultar agus cruthachalachd na Gàidhlig adhartachadh tro cheòl, dràma agus barrachd agus tha EventScotland fìor thoilichte leantainn air adhart a’ cur taic ris an tachartas ann an 2022. A’ fosgladh a-nochd le caismeachd lòchranach mhìorbhaileach, agus le ealain agus luchd-ealain air an riochdachadh sa phrògram loma-làn airson a’ chiad uair, tha mise co-dhiù a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh a Pheairt airson a’
chiad uair ann an 18 bliadhna.”

Thuirt Seòna NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn fìor thoilichte taic a chur ris a’ Mhòd am-bliadhna ann am Peairt. Tha am Mòd an-còmhnaidh na shubhachas mòr às leth cànan is cultar na Gàidhlig, a’ toirt seachad chothroman air a’ chànan a chleachdadh ann an raon farsaing de thachartasan. Tha e cuideachd a’ cur ri faireachdainn de shunnd, gu h-àraid tro bhith a’ tarraing seann charaidean is caraidean ùra còmhla an dèidh bliadhnaichean a bha glè dhùbhlanach. Tha sinn a’ cur fàilte air subhachasan uile às leth na Gàidhlig agus a cultar, agus tha mi cinnteach gum bi Peaairt na àite-cruinneachaidh air leth a-rithist am-bliadhna.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn agus SQA.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ ruith ann am Peairt gu Disathairne 22 Dàmhair. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn aig www.ancomunn.co.uk. Tha tiogaidean rim faotainn le an ceannach bho oifis Ealain Horsecross aig www.horsecross.co.uk.

« Back to Mod News List

Busaichean ann am Peairt

Published: 13 Oct 2022

Gheibhear fiosrachadh gu h-ìosal mu busaichean agus àiteachan airson pairceadh ann am Peairt thairis air seachdain a’ Mhòid.

Map of car parking - Perth & Kinross Council (pkc.gov.uk) – Interactive Map
Parking in Perth City Centre - Perth & Kinross Council (pkc.gov.uk) – Rates and Locations in Perth City Centre
Perth Park&Ride (Broxden) - Perth & Kinross Council (pkc.gov.uk) – Broxden Roundabout Park and Ride (72 hours free)
Maps | Stagecoach (stagecoachbus.com) – Interactive map of live buses in Perth run by Stagecoach

« Back to Mod News List

​SRUTH – BUAINIDH AON FHACAL CEUD

Published: 22 Sep 2022

​SRUTH – BUAINIDH AON FHACAL CEUD

*Sgoilearan aois bun-sgoile & àrd-sgoile*

Talla Chonsairt Pheairt
Dil. 17mh luchd-ionnsachaidh
Dim. 18mh fileantaich
10.00 – 15.00

Cothrom air leth airson coinneachadh ri feadhainn de na rionnagan as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig agus beagan còmhraidh a dhèanamh leotha, nam measg:

Calum MacIlleathain (Dhan Uisge)
Ruairidh Greumach (Niteworks)
Lauren NicFheargais (TikTok)
Claire Frances NicNèill (CBeebies)

Tha seo fosgailte do dh’fhileantaich agus luchd-ionnsachaidh anns a’ bhun-sgoil agus an àrd-sgoil.

Ma tha ùidh agaibh a bhith mar phàirt den tachartas ùr seo, cuiribh fios gu rowan@ancomunn.co.uk

« Back to Mod News List

Tiocaidean & Prògram Iomall a' Mhòid ri Fhaotainn!

Published: 19 Aug 2022

​​‘S e Dihaoine a th’ ann agus abair deagh naidheachd a th’ againn dhuibh! Chan eil ach 56 làithean air fhagail gus an toisich am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann am Peairt am bliadhna agus faodar tiocaidean a cheannachd a-nis airson na prìomh chuirmean-ciùil agus tachartasan a thèid an cumail tro sheachdain a’ Mhòid!

Chithear prògram dheth na prìomh thachartasan an seo https://bit.ly/3K5ZGvi agus gheibhear tiocaidean bho Horsecross an seo https://www.horsecross.co.uk/.../the-royal-national-m%c3%b2d air neo bho Box Office Horsecross tro bhith a’ fònadh 01738 621031.

Bidh prògram slàn airson iomall a’ Mhòid ri fhaotainn a dh’aithghearr.

« Back to Mod News List

An Roghainn - atharrachadh

Published: 16 Aug 2022

C107

District Ladies - An Roghainn
Bars 77/78 - change to the 2nd Soprano Line:
The minim notes G, Ab, Bb (mi fa so) currently the same as the Alto 1 line should be Bb, C, D (so, la, ti) to make them each a 3rd above the Alto 1 line.

« Back to Mod News List

Atharrachaidhean ri Earrainnean Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022

Published: 01 Mar 2022

​Bithibh mothachail gu bheil sinn air atharrachaidhean fhoillseachadh airson na farpaisean a leanas:

Competition C104 - Lovat and Tullibardine: Eilean na h-Òige

Competition C106 - District Puirt-à-beul: Chuirinn Mo Bhalachan, Faca Sibh Màiri Nigh’n

Competition C101 - Rural Choirs - Sheriff MacMaster: Soraidh Alasdair, Bainne nan Gobhar .

Gheibhear tuilleadh fiosrachadh mu na h-atharraidhean seo AN SEO.

Thèid atharrachaidhean ri Earrainnean Mòd Nàiseanta Rìoghail 2022 a chlàradh air an larach-lìn againn agus anns a’ chuairt-litir anns na mìosan a tha romhainn.

Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn thugainn air 01463 709 705.

« Back to Mod News List

Clàran-eagair agus pìosan ainmichte ​Mòd 2022 gam foillseachadh

Published: 03 Dec 2021

Tha e na thlachd don Chomunn Ghàidhealach clàran-eagair farpaisean agus pìosan ainmichte Mòd Pheairt 2022 fhoillseachadh. Bidh Mòd Pheairt a’ dol eadar an 14mh agus an 22mh den Dàmhair 2022, nuair a thilleas am Mòd chun a’ bhaile airson a’ chiad uair bho 2004.

Rinneadh ath-sgrùdadh agus co-chomhairleachadh nas tràithe am bliadhna le buidheann-obrach agus com-pàirteachaidh, ‘s thathas air farpaisean ùra a chur ri clàr-fharpaisean na cloinne. Nam measg tha ‘Cogadh nan Còmhlan’ neo ‘Battle of the Bands’ agus farpais tro mheadhain ‘Tik Tok’ ann an roinn nam meadhanan. Bidh dreach ùr air farpaisean còmhraidh, ann an oidhirp còmhradh nas nàdarraiche a bhrosnachadh a-measg an òigridh. Thèid tuilleadh fiosrachaidh fhoillseachadh mun seo ann an ùine gun a bhith fada.

Tha farpaisean ùra ann an clàran-eagair nan inbheach cuideachd. Nam measg, farpais ùr do chòisirean le taic ciùil, farpais a bhios ag amas air co-sheirm do bhuidhnean le eadar 5 agus 10
seinneadairean. Bidh farpais ùr fon ainm ‘The CalMac Competition’ fosgailte do sheinneadairean aon-neach, ann an roinn an luchd-ionnsachaidh.

Bha Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa ann an Inbhir Nis na cheum gu math cudromach a thaobh slighe air ais gu Mòd gu tur ‘àbhaisteach’ ann am Peairt an ath-bhliadhna. Chaidh Mòd soirbheachail a lìbhrigeadh air loidhne ann an 2020, mar thoradh air COVID-19 agus chaidh Mòd Inbhir Nis a chumail an dà chuid ann an dà-rìreabh aig Talla Cluiche Chùirt an Aodainn agus air loidhne. Tha sinn toilichte innse gum bi farpaisean air loidhne nam pàirt de Mhòd Pheairt 2022 cuideachd. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na roinnnean eadar-dhealaichte air a’ chlàr-eagair, tro làrach-lìon a’ Chomuinn.

Tha e cuideachd na thlachd don Chomunn foillseachadh gu bheilear air a bhith ag obair ann an co-bhuinn le Comunn Fharpais nam Pìobairean airson farpaisean do dh’ inbhich eadar ìrean A,
Premier agus B. Bidh Pìobaireachd, Caismeachd, Strathspèidh agus Ruidhle nam pàirt de na farpaisean seo. ‘S iad Comunn Farpais nam Pìobairean a bhios a’ dèiligeadh ri iarrtasan airson nam farpaisean seo tron làrach-lìon aca. ‘S e ceithir port a bhios riatanach anns gach farpais. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh brath gu rùnaire Comunn Farpais nam Pìobairean aig: cpa_sec@yahoo.co.uk.

Bu mhath leinn cur an cuimhne dhaoine gum bu chòir fuinn nam pìosan ciùil ainmichte a sheinn mar a tha iad sgrìobhte. Ach, gu faodar ruitheam nam pongan-ciùil a ghabhail a-rèir na Gàidhlig agus dual-chainnt. Tha an t-atharrachadh seo ag amas air cothrom a thoirt do dh’ fharpaisich an dreach fhèin a thoirt air na h-òrain agus a bhith nas cruthachaile.

Mar phàirt de na h-atharrachaidhean, tha cruth eadar-dhealaichte air farpaisean na cloinne. ‘S ann stèidhichte air a’ chlas a bhios pàistean aig àm a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhios cuid de na farpaisean. Thathas air mìneachadh as ùire a dhealbhachadh a thaobh fileantas do sgoiltean neo aonadan tro mheadhan na Gàidhlig. Tha stiùireadh a thaobh nan clàran-eagar ùr airson teaghlaichean, sgoiltean agus pàrantan cuideachd ga fhoillseachadh, feuch tuilleadh fiosrachaidh agus taice a thoirt do dh’ fharpisich. Gheibhear seo aig www.ancomunn.co.uk

Gheibhear cuideachd na clàran-eagair aig www.ancomunn.co.uk agus na pìosan ainmichte gu lèir airson Mòd 2022 aig www.ancomunn.co.uk/store. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk. Neo air a fòn- 01851 703487.

« Back to Mod News List

Diciadain a' Mhòid

Published: 13 Oct 2021

​Diciadain mu thràth?! Seo na bhios a’ dol an diugh aig Mòd Inbhir Nis. Nach tig sibh còmhla rinn!

Eden Court Tickets: https://eden-court.co.uk

Online: https://myplayer.uk/mod

#Mòd2021 #YCW2021

« Back to Mod News List

Disathairne aig a' Mhod

Published: 08 Oct 2021

​​Seo na bhios a’ dol an diugh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis.

Tiocaidean Cuirt Eden: https://eden-court.co.uk/event/mòd-nàiseanta-rìoghail-2021-royal-national-mod-2021

Tiocaidean airson tachartasan air-loidhne: https://myplayer.uk/mod

Prògram an seo: https://edition.pagesuite-professional.co.uk//launch.aspx?pbid=16c844be-71dc-4d03-9d73-d6025d482fa0

« Back to Mod News List

Fosgladh a' Mhoid

Published: 08 Oct 2021

​Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo fhosgladh gu h-oifigeil A-NOCHD ann an Inbhir Nis!

Feuch gun tig sibh còmhla rinn gu Cùirt Eden aig 19.30!

Faodaidh sibh a choimhead air-loidhne cuideachd.

Eden Court Tickets: https://eden-court.co.uk/event/mòd-nàiseanta-rìoghail-2021-royal-national-mod-2021

Live-stream Tickets: https://myplayer.uk/mod

Prògram an seo | Programme here:

https://edition.pagesuite-professional.co.uk//launch.aspx?pbid=16c844be-71dc-4d03-9d73-d6025d482fa0

« Back to Mod News List

​PRÒGRAM A’ MHÒID AN SEO!

Published: 24 Sep 2021

Seo agaibh Prògram oifigeil Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021! Gheibhear liosta de na farpaisean agus na tachartasan, a thèid a chumail ann an Cùirt Eden agus air-loidhne thairis air seachdain a’ Mhòid.

Tha ticeadan airson farpaisean Cùirt Eden rin ceannach aig: https://eden-court.co.uk/event/mòd-nàiseanta-rìoghail-2021-royal-national-mod-2021

Thèid cuid de na prìomh thachartasan a chumail air-loidhne cuideachd. ‘S urrainnear ticeadan airson seo a cheannach aig: https://myplayer.uk/mod

Bidh prògram slàn ri cheannach bho www.ancomunn.co.uk agus bho Cùirt Eden anns na làithean a tha romhainn cuideachd no cuiribh fòn thugainn air 01851 703 487.

Siuthad sibh, thigibh còmhla rinn airson seachdain air leth aig Mòd Inbhir Nis 2021!

#Mòd2021 #YCW2021

Prògram an seo | Programme here:

« Back to Mod News List

ROYAL NATIONAL MÒD 2021 IN INVERNESS TO HOST PRESTIGIOUS MEDAL COMPETITIONS

Published: 01 Jun 2021

​Tha An Comunn Gàidhealach air clàran-eagair fhoillseachadh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa, a bhios a’ dol air adhart ann an cruth air loidhne agus ann an da-rìreabh gu ìre, an 8mh chun an 16mh den Dàmhair. Bheir an clàr-eagair air loidhne, a tha glè choltach ri Mòd air loidhne 2020, cothrom do dhaoine pàirt a ghabhail ann an cruth bhideo. Thathas air farsaingeachd a bharrachd de dh’aoisean agus farpaisean a chur ri Mòd air loidhne na bliadhna-sa ann an oidhirp toirt air na h-uimhir de dhaoine ‘s a ghabhas pàirt a ghabhail.

Bidh grunn fharpaisean seinn aon-neach air an cumail aghaidh ri aghaidh, ann an Eden Court. Nam measg Bonn Òr a’ Chomuinn, Bonn Òr an t-Seann Nòis agus an Aigeallan Airgead. Thèid beagan de phrìomh fharpaisean na cloinne a chumail cuideachd - nam measg buinn Sheumais C Mhic a’ Phì, Buinn airgead a’ Chomuinn agus farpaisean seann nòs.

Tha na clàran-eagair rim faotainn air an làrach-lìn againn, An Comunn Gàidhealach - Royal National Mod : Mòd Air Loidhne

Bidh cuirmean cuideachd nam pàirt de Mhòd na bliadhna-sa, a’ taisbeanadh cuid den luchd-ciùil as aithnichte ‘s a tha ann an ceòl traidiseanta air a’ Ghàidhealtachd. Bidh am fìdhlear ainmeal Lauren NicColla, a’ taisbeanadh ceòl a rinneadh a dh’aona-ghnothaich airson Bliadhna nan Costaichean is Uisgeachan na h-Alba. Chaidh seo a chur dheth an uiridh mar thoireadh air Covid. Bidh cuirm shònraichte ‘Ar Cànan ‘s ar Ceòl’ a’ toirt sealladh air an uimhir de thàlant ‘s a tha air a’ Ghàidhealtachd. Mar fhreagairt air dùbhlain a’ chòrona-bhìoras a thaobh bacaidhean air àireamhan luchd-amharc, thathas an dòchas na cuirmean seo a chraoladh air loidhne cuideachd gus am faigh daoine air feadh an t-saoghail cothrom a bhith anns an èisteachd.

Ged nach bi farpaisean nan còisirean ann am bliadhna, ri linn ‘s nach eil iad a’ faighinn a’ chothrom tighinn còmhla mar as àbhaist, tha An Comunn Gàidhealach a’ cumail conaltradh riutha tro mheadhain Comunn nan Còisir. Thathas ag obair air ciamar a ghabhas cuirm beò a chumail ann an Inbhir Nis a bhios a’comharrachadh seinn agus ceòl nan còisir. Tha planaichean airson seo aig ìre thràth agus tha còmhraidhean a’
leantainn.

Thuirt Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich Seumas Greumach, “Tha sinn mothachail air na dùbhlain a tha fhathast mu ar coinneamh a thaobh a’ choròna-bhìoras, ach tha sinn beò an dòchas gum faigh farpaisich agus luchd-amharc cothrom air farpaisean agus cuirmean aghaidh ri aghaidh ann an Inbhir Nis am bliadhna, a dh’ aindeoin nach ann sa chruth àbhaisteach a thachras sin. Tha e na thlachd gu bheil sinn air chomas cruth Mòd air-loidhne a chumail, gus cothrom a thoirt do dhaoine air feadh an t-saoghail pàirt a ghabhail.

Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le ar co-obraichean aig Eden Court a thaobh cruth nam farpais agus nan cuirm. Tha sinn a’ dèanamh fiughar ri dearbhadh de ghabhas dèanamh am bliadhna ann an Inbhir Nis. Tha sinn cuideachd gu mòr an comain ar luchd-maoineachaidh agus ar buidhnean taic. Bu mhath leinn taing a thoirt do cheannardan agus oifigearan Chomhairle na Gàidhealtachd airson taic a thoirt dhuinn agus airson fàilte a thoirt don Mhòid Nàiseanta Rìoghail a dh’ Inbhir Nis.

Thuirt Calum Rothach, Cathraiche Comtataidh na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, “Tha mi toilichte dha-rìribh gun tèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann am prìomh-bhaile na Gàidhealtachd ‘s bidh taic Comhairle na Gàidhealtachd deatamach ann a bhith ga dhèanamh soribheachail. Tha buaidh chànanch, chultaral agus eaconomach a’ Mhòid cudromach do bhaile Inbhir Nis agus sgìre na Gàidhealtachd, gu seach àraid aig an am seo.

Bidh sinn a’cumail ri riaghailtean agus comhairle oifigeil a tha a’ bunntainn ri Covid, mar sin, thèid am Mòd air adhart ann an cruth digiteach agus ann an dà-rìribh.

‘S e cothrom math a th’ann do dhaoine pàirt a ghabhail anns an tachartas an darna cuid air loidhne neo ann an Inbhir Nis fhèin.

Tha An Comunn Gàidhealach a’ leanntainn air adhart leis a’mhodal seo ri linn Covid ‘s bithear a’toirt cothrom do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail coimhead air tachartasan agus pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna sa.

Bu mhath leam cuideachd dèanamh soilleir gum faigh Inbhir Nis agus sgìre na Gàidhealtachd deagh fhoillseachadh air feadh an t-saoghail le luchd-èisteachd is luchd-amharc a’coimhead air a’ Mhòd, a’sanasachd na sgìre mar “dachaigh” airson na Gàidhlig agus an cultar.

Bu mhath leam taing a thoirt don Chomunn Ghàidhealach, do Bhuidhean-Eagrachaidh a’ Mhòid agus do na com-pàirtichean air fad. ‘S e àm gu math dùbhlannach a th’ann an-dràsta do bhuidhnean tachartais a tha a’ feuchainn ri tachartasan culturach a chur air adhart. Mar sin, tha mi a’guidhe gach soribheas don Chomunn Ghàidhealach le Mòd na bliadhna sa.”

’S i An Comunn Gàidhealach aon de na Prìomh Buidhnean Lìbhrigidh aig Bòrd na Gàidhlig agus thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard na buidhne:

“Tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd gun tèid cuid de na farpaisean air adhart am-bliadhna ann an Inbhir Nis is gum bi an cothrom aig coimhearsnachd na Gàidhlig a thighinn còmhla uair eile. Tha a’ bhuidheann air a bhith a’ dèiligeadh le suidheachadh Covid gu proifeasanta is iomchaidh agus tha sinn a’ moladh a’ Chomuinn airson an cuid saothair thairis air a’ bhliadhna dhuilich a dh’fhalbh.”

Thèid làn phrògram de thachartasan fhoillseachadh nuair a thèid cùisean a dhearbhadh gu h-iomlan agus gu bheil planaichean air tighinn gu ceann.

« Back to Mod News List

​MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL 2021 GU BHITH EADAR-DHEALAICHTE!

Published: 27 Apr 2021

Tha An Comunn Gàidhealach, buidheann-deasachaidh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, air dearbhadh gum bheil dùil an tachartas a chur air adhart ann an Inbhir Nis eadar 8 agus 16 an Dàmhair am-bliadhna, agus gum bheil obair-deasachaidh air tòiseachadh air cruth na cuirme.

Ri linn na mì-chinnt a tha riaghailtean Covid19 a’ cur air cruinneachaidhean den t-seòrsa tha an luchd-deasachaidh air nochdadh gum bi dreach eadar-dhealaichte air Mòd na bliadhna seo, le barrachd cruth taisbeanaidh subhachais agus nas lugha de dh’fharpaisean air chomas.

Thuirt Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Seumas Greumach, “ ’S e dùbhlan a th’ ann clàr-tachartais a dheasachadh far am bheil riaghailtean pandemic a’ cuingealachadh chùisean cho mòr, agus gun chinnt air dè dh’fhaodadh tachairt eadar seo agus an Dàmhair. Ach tha sinn ag obair gu dlùth le ar buidhnean co-phàirte ag amas air clàr-tachartais a bhios innleachdach agus tarraingeach. Tachartas a chuireas ri inbhe na Gàidhlig is a bheir toileachas dha luchd-amhairc is èisteachd, agus aig an aon àm a dh’fhoillsicheas prìomh bhaile na Gàidhealtachd feadh an t-saoghail. Bidh dùil againn togail air na dh’fhoghlam sinn bhon Mhòd Air-loidhne a dh’fhoillsich sinn ann an 2020, agus a bha cho soirbheachail, nuair a b’ fheudar Mòd àbhaisteach a chur dheth air sgàth a’ chorònabhìorais.

“Le mothachadh gum feum an clàr a bhith sùbailte gu leòr gus an tèid aige air aomadh ma choinneamh atharraichean a dh’fhaodadh tighinn, tha obair-deasachaidh dìreach air tòiseachadh agus tha sinn
an dùil barrachd fiosrachaidh fhoillseachadh deireadh a’ Chèitein. Aig an ìre seo tha sinn airson innse dha caraidean a’ Mhòid anns gach àite gum bheil cuirm gu bhith ann am-bliadhna, agus gum bi cothrom aca taic a chur ris na bhios a’ tachairt.

“Dh’iarrainn taing a thoirt dha Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, agus Comhairle na Gàidhealtachd airson an cuid taice leantainnich tro na h-amannan dùbhlanach seo, agus cuideachd buidhnean-goistidheachd a’ Mhòid bhon roinn phrìobhaideach.”

« Back to Mod News List

Cuirm Feasgair Disathairne @ 2f

Published: 10 Oct 2020

Cuirm Feasgair Disathairne @ 2f: Cruinneachadh de chuid de na gnìomhaidhean as fheàrr tarsainn roinnean nan ionnsramaidean fo aois 13.

Tha e na thlachd dhuinn na cluicheadairean a leanas a thoirt thugaibh an-diugh.

*Airson fiosrachadh: Chaidh na h-àiteachan a bhuileachadh mar a leanas:

‘Sònraichte’ (1); ‘Air leth math’ (2) agus ‘Ri mholadh’ (3)

(B1) Bogsa CSR fo Aois 13 / Accordion MSR U13

1. Jake, Biggar
2. Eilidh, Inbhir Nis
3. Lauren, Leòdhas

(F1) Fidheall fo aois 13 / Fiddle U13
1. Seonaidh, Barraigh
2. Alice, Steòrnabhagh
3. Eliza, An Gearastan

(P1) Pìana fo aois 13 / Piano U13
1. Grace, Inbhir Nis
2. Hazel, Dùn Èideann

(PB1) Feadan – neach-ionnsachaidh. Fosgailte / Chanter – novices. Open
1. Dòmhnall Eachann, Barraigh
2. Iain, Inbhir Nis
3. Ronnie, Inbhir Nis

(PB3) Pìob – CSR fo aois 13 / Bagpipes MSR U13
1. Archie, An t-Òban
2. Magnus, Massachusetts, Na Stàitean Aonaichte
3. Grace, Inbhir Nis

(PB5) Pìob – fo aois 13 / Bagpipes U13
1. Grace, Inbhir Nis
2. Charlie, Inbhir Nis
3. Archie, An t-Òban

(PB8) Pìobaireachd fo aois 13 / Bagpipes U13
1. Magnus, Massachusetts, Na Stàitean Aonaichte

« Back to Mod News List

Mod Air-loidhne a' Fosgladh a-nochd!

Published: 09 Oct 2020

Tòisichidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail Air-loidhne an a-nochd, le cuirm air leth air a lìbhrigeadh le Kirsteen NicDhòmhnaill.

Bidh ceòl agus òrain againn bho Mary Ann Kennedy & Finlay Wells, Alasdair MacIllebhàin agus Graham MacIllinnein & Keith Moireasdan.

Feuch gun tig sibh còmhla rinn, a-nochd aig 7f air duilleag Facebook a’ Mhòid agus seanal YouTube a’ Chomuinn!

Chì sinn ann sibh!

!

« Back to Mod News List

Ceann-latha Mod Air-loidhne an ath sheachdain!

Published: 13 Aug 2020

​​Madainn mhath dhuibh. Tha sinn an dòchas gu bheil sibh uile toilichte a bhith air ais anns an sgoil!

Cuimhnichibh gu bheil agaibh gu Dihaoine 21 Lùnastal airson clàradh airson Mòd Air-loidhne 2020.

Feumar na bhideothan agaibh a chur thugainn ron latha seo cuideachd. Tha e cho furasta an cuir thugainn!

https://enter.ancomunn.co.uk/

Cuiribh fios thugainn aig info@ancomunn.co.uk no 01463 709 705.

« Back to Mod News List

CEANN-LATHA IARRTASAN A’ MHÒID NÀISEANTA RÌOGHAIL AIR LOIDHNE AIR A LEUDACHADH

Published: 30 Jul 2020

Tha an ùine a’ ruith airson tagraidhean a chlàradh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail air loidhne am bliadhna. Bu mhath, ge-tà, leis a’ Chomunn Ghàidhealach innse gu bheilear a’ sìneadh ceann là nan tagraidhean chun an 21mh Lùnasatal. Tha sin a’ toirt barrachd cothrom do dhaoine cur a-steach agus pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna sa.

Thuirt Seoang NicAnndrais, Oifigear a’ Mhòid, “Le sgoiltean a’ tilleadh tràth san Lùnastal a-niste, tha sinn airson airson ùine a bharrachd a thoirt do chlann, gu h-àraidh, iarrtasan a chur a-steach airson a’ Mhòid air loidhne le bhith a’ sìneadh a-mach ceann là nan tagraidhean rud beag nas fhaide. Tha daoine air oidhirp nach gann a dhèanamh le an cuid thagraidhean gu ruige seo, ann am farsaingeachd de roinnean. Tha cothrom a bharrachd a-nise aig sgoiltean
agus sgoilearan pàirt a ghabhail”.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd Oifigear a’ Chomuinn, “’Ri linn a’ choròna-bhìorais, ‘s e bliadhna air leth mì-àbhaisteach a th’ air a bhith ann do thachartasan ealain, leithid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail. Cha robhar an dùil idir gum bithear a’
cumail thachartasan air loidhne seach ann an da-rìribh. Le sin a ràdh, ‘s e cothrom eile a th’ ann a bhith a’ taisbeanadh nan ealain Gàidhlig dhan mhòr-shluaigh a dh’ aindeoin nan dùbhlain a tha romhainn an-dràsta.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail air loidhne am bliadhna san Dàmhair. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn, feuch gun tadhal sibh air: https://www.ancomunn.co.uk/air-loidhne.

« Back to Mod News List

TAIGH CÈILIDH A’ MHÒID

Published: 08 Jul 2020

​TAIGH CÈILIDH A’ MHÒID

Bidh òrain againn bho na leanas aig Taigh Cèilidh a’ Mhòid an t-seachdain seo. Oidhche Dhiardaoin @ 8.30f, beò air duilleag Facebook a’ Mhòid.2000 – Deirdre Nic an t-Sagairt

2000 – Innis MacLeod
2001 – Riona J I Whyte
2001 – Archie Maclean
2002 – Kirsteen S Menzies
2002 – Calum Alex MacMillan
2003 – Jenna Cumming
2003 – Darren MacLean
2004 – Iseabail Nic an t-Sagairt
2004 – Gillebride Mac‘Illemhaoil
2005 – Fiona NicChoinnich
2005 – Kenneth Nicolson
2006 – Kirsteen L NicDhòmhnaill
2006 – Alasdair C Whyte
2007 – Jean Mackay
2007 – James Graham
2008 – Kerrie Finlay
2008 – Lyle Kennedy
2009 – Sineag MacIntyre
2009 – Steven MacIomhair

#MòdCèilidh #ancomunngàidhealach #ammòdnàiseantarìoghail #gàidhlig #gaelic #cleachdiaigantaigh

« Back to Mod News List

AM MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL- AIR LOIDHNE 2020

Published: 10 Jun 2020

Tha e na thlachd don Chomunn Gàidhealach foillseachadh gun tèid dreach air loidhne den Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chumail nas fhaide air adhart dhan bhliadhna. Mar a bu dual don Mhòd a h-uile bliadhna, ‘s ann anns an Dàmhair a bhios an tachartas; a’ comharrachadh agus a’ taisbeanadh cànan agus cultar na Gàidhlig.

Bha dùil ri Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis, ach, mar thoireadh air a’ Choròna-bhìoras, b’ fheudar a chur dheth chun an ath-bhliadhna.

Tha fàilte gu chur air clann agus inbhich pàirt a ghabhail anns an tachartas. Eadar roinnean seinn, bàrdachd, ionnstramaidean agus dannsa Albannach, faodar clàraidhean a chur dhan Chomunn tron eadar-lìon. Bithear gan taisbeanadh tro mheadhanan sòisealta a’ Chomuinn. Gheibhear an liosta slàn de roinnean agus tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn a’ Mhòid air loidhne tro bhith a’ tadhal an seo.

‘S e 31mh Iuchair an ceann là mu dheireadh airson clàraidhean a chur a-steach.

A thuilleadh air Mòd air loidhne na bliadhna-sa, tha tachartasan air loidhne cuideachd anns an amharc aig a cheart àm. Bithear a’ sgaoileadh tuilleadh fiosrachaidh mun seo anns na seachdainnean a tha romhainn.

Thuirt Oifigear a’ Mhòid, Marina NicAoidh “Tha sinn gu mòr an dòchas gun gabh clann agus inbhich brath air a’ chothrom a tha seo, gun uallach a bhith air beulaibh luchd-amharc neo britheamhan. Chan ann a’ feuchainn ri Mòd Nàiseanta Rìoghail àbhaisteach a tharraing còmhla a tha sinn idir. ‘S e tha fainear dhuinn ach cothrom a thoirt do dhaoine ar cànan ‘s ar ceòl a thaisbeanadh ann an dòigh mi-fhoirmeil, spòrsail.”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd Oifigear a’ Chomuinn, ‘Bha e na bhriseadh dùil air leth dhuinn gum b’ fheudar Mòd Nàiseanta na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis a chur dheth, ‘s ri linn sin, nach fhaigh coimhearsnachd na Gàidhlig an cothrom
tighinn còmhla mar is àbhaist. Tha sinn air bhioran, ge-tà, tachartas air loidhne a chur air dòigh, feuch ceangalaichean agus conaltradh a chumail ri coimhearsnachd a’ Mhòid. Tha suidheachadh den t-seòrsa seo air cothrom a thoirt dhuinn dòighean eile a lorg airson a’ Ghàidhlig agus ceòl a thaisbeanadh agus a chomharrachadh.’

Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd - “Tha Bòrd na Gàidhlig agus tha sinn cinnteach daoine air feadh an t-saoghail a’ cur fàilte bhlàth air an naidheachd seo. Tha e nas cudromaiche an-dràsta na bha e riamh gum bi coimhearsnachd na Gàidhlig a’ tighinn còmhla gus cleachdadh na Gàidhlig a chur air adhart agus gus ar cultar agus ar cànan luachmhor a chomharrachadh. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas gu An Comunn Gàidhealach agus a h-uile duine a bhios a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd air loidhne anns an Dàmhair.”

Thuirt an Comhairliche Helen NicIlleMhicheil, Probhost Inbhir Nis: “Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhan Mhod Naiseanta Rioghail air-loidhne 2020 agus tha Baile Inbhir Nis a’ coimhead air adhart ri failte a chur air neach-tadhail a’ Mhoid don bhaile ann an 2021.

Tha An Comunn Gàidhealach toilichte a bhith ag obair ann an co-bhann le Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a-rithist ‘s iad nan prìomh bhuidheann maoineachaidh airson an tachartais sònraichte seo. Thuirt Diane Burke, Stiùiriche Coimeirsealta Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, “Tha sinn air a bhith ag obair ann an com-pàirteach leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fad iomadh bliadhna, agus ‘s e tlachd a th’ ann a bhith a’ cumail taic ri coimhearsnachd agus cultar na Gàidhlig. Tha sinn gu mòr an dòchas gun glac an tachartas sònraichte seo aire dhaoine air feadh an t-saoghail.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn air Mòd Nàiseanta Rìoghail air loidhne 2020, neo airson stiùireadh sam bith fhaighinn air mar a bu chòir clàraidhean a chur thugainn tadhaibh air www.ancomunn.co.uk cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk, neo fòn 01463 709705.

« Back to Mod News List

Taigh Cèilidh a' Mhoid - a-nochd!

Published: 12 May 2020

Feuch gun tig sibh còmhla rinn a-nochd @ 8.30f, airson sàr oidhche de dh’ òrain Gàidhlig.

Bidh sinn a’ tighinn thugaibh beò air duilleag Facebook a’ Mhòid, le measgachadh de sheinn agus clàraidhean den fheadhainn a choisinn Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich anns na 90s!

1990 - Gillian NicChoinnich
1990 - Dòmhnall Mìcheal MacAonghais
1991 - Wilma NicUalraig
1991 - Dòmhnall Moireach
1992 - Katrina NicEalair
1992 - Seòras Gunn
1993 - Mairead Stiùbhart
1993 - Seumas Gunn
1994 - Maggie Dhòmhnallach
1994 - Tormod MacFhionghuinn
1995 - Mairead J NicIllFhaoilean
1995 - Fionnlagh MacAoidh
1996 - Joanne Mhoireach
1996 - Alisdair Barnett
1997 - Alyth NicArmaig
1997 - Graham Neilson
1998 - Barbara Nic a’ Ghobhainn
1998 - Aonghas Mac a’ Ghobhainn
1999 - Joyce Mhoireach
1999 - Raymond Bremner

#MòdCèilidh #ancomunngàidhealach #ammòdnàiseantarìoghail #gàidhlig #gaelic #cleachdiaigantaigh​Nach tig sibh còmhla rinn oidhche Dhiardaoin airson Taigh Cèilidh a’ Mhòid!

« Back to Mod News List

Taigh Cèilidh a' Mhòid

Published: 07 May 2020

​Nach tig sibh còmhla rinn, beò air-loidhne, air duilleag Facebook a’ Mhòid airson sàr oidhche de dh’ òrain Ghàidhlig air an 14mh den Chèitean.

Taigh Cèilidh a’ Mhòid – le feadhainn de na seinneadairean Gàidhlig is ainmeil a choisinn Bonn Òr a’ Chomuinn sna 90’s.

Tha John Joe MacNèill gu bhith na Fhear an Taighe air an fheasgair.

Chì sinn ann sibh!

« Back to Mod News List

Mòd Nàiseanta Rìoghail 2020 air a chur dheth

Published: 24 Apr 2020

​​Mar thoireadh air a’ bhìoras COVID-19 a tha air sgapadh air feadh an t-saoghail, cho-dhùin Bòrd Stiùiridh a’ Chomuinn Ghàidhealaich nach tèid Mòd Nàisenta Rìoghail 2020 na bliadhna a chumail.

Thathas cuideachd air co-dhùnadh gun tèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na h-ath bhliadhna a chumail ann an Inbhir Nis, 8-16 Dàmhair 2021. Bithear a’ conaltradh ann an co-bhann le Ùghdarasan Ionadail feuch slighe a dhearbhadh do Mhòdan 2022, 2023 & 2024, thèid tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh mun seo cho luath ‘s a thèid planaichean a dhaingneachadh.

Cha bheag am briseadh dùil a th’ ann dhuinn nach bi sinn a’ coinneachadh san Dàmhair am bliadhna ach tha sinn a’ coimhead air adhart le mòran fiughair ri coinneachadh ribh an Inbhir Nis ann an 2021.

« Back to Mod News List

Còisir Soisgeul air ais!

Published: 11 Mar 2020

​Tha Soisgeul, a’ Chòisir Ghàidhlig Shoisgeulach, air ais! Nach mìorbhaileach! Agus tha sinn gu mòr air ar dòigh a bhi nar pairt de ghrunn chuirmean an Inbhir Nis thairis air an deir-sheachdain, a’ togail airgid agus a’ togail aire dhaoine gu bheil am Mòd Rìoghail Nàiseanta a’ tilleadh do phrìomh bhaile na Gàidhealtachd nas fhaide dhen bhliadhna.

Os cionn gnothaich aon uair eile bidh Màiri Anna NicUalraig agus ar prìomh stiùiriche air aoigheachd, Gareth Fuller, agus air a’ phiàna bidh Pòl Watson. Bidh againn dà là de bhùithean-obrach le ceann a’ mhaide ga chumail rinn is sinn ag ionnsachadh òrain ainmeil soigeulach nar dreach Gàidhlig fhìn, agus bidh sinn cuideachd a’ tilleadh do dh’iomadh òran spioradail air a bheil sinn ro-dheidheil.

Is e seo an ceathramh turas a bha Gareth air aoigheachd againn an Alba. Tha cliù aige mar aon de phrìomh stiùirichean soisgeulach na rìoghachd, agus theab nach eil e air fàs cleachdte ri aimsir na h-Alba mu dheireadh thall – b’ ann car fionnar a bha a bhaisteadh anns a’ chòisir agus e a’ tadhal air Eilean Ì comhla rinn aig deireadh a’ gheamhraidh bho chionn tri bliadhn’ air ais.

Mur a cuala sibh fhathast sinn, agus sibh deiseil airson ceòl a thogas anam is cridhe, no ma chuala sibh cheana sinn, is sibh air bhioran airson tuilleadh, tha dà chothrom ann ar cluinntinn air an deir-sheachdain seo.

Tha sinn gu math moiteil an cothrom fhaighinn a bhi air aoigheachd sinn fhìn aig cuirm shònraichte oidhche Shathairne (14mh) aig taigh-òsta, far am bi sàr-ghaisgich ceòl na Gàidhlig - Iain ‘Costello’ MacÌomhair agus New Tradition air an àrd-ùrlar.

Agus bhiodh sinn cho toilichte ur faicinn ann an ionad-bhùithean an Eastgate air an DìDòmhnaich (15mh). Bidh sinn a’ seinn fad uair a thìde le Gareth agus Pòl aig am ‘Blue Wall’ làimh ri bùth Waterstones bho 2uf. Gàirdeachas mòr!

Tha Soisgeul a’ toirt taing airson an taic bho Alba Chruthachail agus stòras Tasgadh.

www.soisgeul.com

www.facebook.com/gaelicgospelchoir

« Back to Mod News List

Acadamaidh a' Mhòid 2020

Published: 05 Mar 2020

​Tha Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal agus An Comunn Gàidhealach gus pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid a leasachadh, gu h-àraid ann an sgìre Inbhir Nis a thoiseach air Mòd Roinneil Inbhir Nis agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail a bhios air an cumail ann an Inbhir Nis san Ògmhios agus san Dàmhair. Tha Acadamaidh a’ Mhòid ag amas air sgoiltean Foghlam tron Ghàidhlig agus sgoiltean Foghlam tron Bheurla a tha air a’ Ghàidhlig a thaghadh mar dhàrna cànan a bharrachd (C3). Airson Ionnsachadh Cànain 1+2 cuiridh a’ chlann agus na daoine òga eòlas air cànan a bharrachd bho P1 air adhart (Cànan 2 no C2). Tha dàrna cànan a bharrachd air a thoirt a-steach bho P5 (Cànan 3 no C3). Bidh am pròiseact cuideachd air a lìbhrigeadh ann an sgoiltean a tha airson taic
fhaighinn le bhith ag ullachadh dhaoine òga airson a’ Mhòid.

Tha am pròiseact an-dràsta a’ cur oidean air dòigh gus oideachadh a lìbhrigeadh ann an ionnsachadh is cleachdadh na Gàidhlig, òrain Ghàidhlig, seinn chòisirean Gàidhlig, bàrdachd, agus cluiche còmhlain-chiùil. Bidh an t-oideachadh a’
buntainn ri clàr-obrach is farpaisean a’ Mhòid agus com-pàirteachas sa Mhòd.

Bidh An Comunn Gàidhealach a’ lìbhrigeadh sreath de thachartasan Togail Aire Òigridh a’ Mhòid ann an sgoiltean na sgìre.

Thuirt Iar-Phròbhaist Inbhir Nis, an Comhairliche Graham Ros, “Bidh pròiseactan a bhrosnaicheas ionnsachadh, cleachdadh is com-pàirteachas a thaobh cultar na Gàidhlig a’ neartachadh eòlas ionnsachaidh dhaoine òga. Tha mi an dòchas gun gabh sgoiltean an cothrom gus com-pàirt a ghabhail ann am pròiseact Acadamaidh a’ Mhòid seach gu bheil e a’ tabhann fìor dheagh oideachadh mar ullachadh airson prìomh fhèis na Gàidhlig.” Lean e air adhart, “Tha a’ Chomhairle ag
aithneachadh gu bheil buannachd shòisealta, chànanach, chultarail is eaconamach an lùib na Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd.”

Thuirt Janice NicRath, Ceannard Bun-Sgoil Bhaile an Fhraoich, “Tha sinne, aig Bun-Sgoil Bhaile an Fhraoich fìor thoilichte gun deach iarraidh oirnn Acadamaidh a’ Mhòid a chur air bhog airson na bliadhna sa.” Lean i air adhart,
“Tha pàirt fìor chudromach aig a’ Ghàidhlig ann an cultar is dualchas na Gàidhealtachd. Tha e sgoinneil gu bheil sinne a’ faighinn taic mar sgoil gus com-pàirt a ghabhail sa Mhòd ionadail agus nàiseanta, agus gu bheil cothrom aig a’ chloinn againn com-pàirt a ghabhail ann am fèis Ghàidhlig bheothail a tha a’ brosnachadh an ùidh is an tlachd sa chànan.”

Thuirt Eilidh NicCoinnich Barker, “Tha Fèisean nan Gàidheal a’ cur fàilte air a’ chothrom obrachadh còmhla ri daoine òga gus na sgilean ciùil Gàidhlig aca a thoirt air adhart. Tha am meur foghlaim foirmeil againn, Fèisgoil, air a bhith
an lùib Acadamaidh a’ Mhòid airson grunn bhliadhnaichean a’ cuideachadh chloinne is thidsearan gus òrain is bàrdachd ullachadh sa bhaile anns am bi am Mòd air aoigheachd gach bliadhna. Tha sinn gu h-àraid toilichte a bhith ag
obair ann an sgoiltean FtG na Gàidhealtachd agus anns na sgoiltean far a bheil sgoilearan ag ionnsachadh na Gàidhlig mar chànan a bharrachd. Chuireamaid fàilte air a’ chothrom an com-pàirteachas co-obrachail seo a leudachadh le
bhith a’ brosnachadh luchd-obrach is dhaoine òga gus na cothroman a tha an lùib ionnsachadh cultarail Gàidhlig a ghabhail.”

Tha am pròiseact a’ faighinn taic bho Bòrd na Gàidhlig.

« Back to Mod News List

​Ceannard ùr dhan Chomunn Ghàidhealach

Published: 13 Feb 2020

​Tha An Comunn Gàidhealach air fhoillseachadh gur e Seumas Greumach, a bhuineas bho thùs dha Loch an Inbhir, an Ceannard ùr a bhios air a’ bhuidheann nuair a leigeas Iain Moireasdan dheth an dreuchd aig deireadh a’ Mhàrt, an dèidh còrr air dusan bliadhna.

‘S e Seumas a th’ air a bhith na Mhanaidsear air a’ Mhòd aig a’ Chomunn bho 2010 agus tha an t-eòlas farsaing a thog e thar nam bliadhnaichean a’ dèiligeadh ri dùbhlain rianachd agus deasachadh Mhòdan Nàiseanta agus Ionadail gu bhith na chuideachadh mòr dhà na dhreuchd ùr.

Thuirt Seumas, “Tha e na urram mhòr dha-rìribh an dreuchd a tha seo a ghabhail os làimhe agus tha mi a’ dèanamh fiughair ris an obair ionmholta a rinn Iain Moireasdan a chumail a’ dol, cha bheag an dùbhlan sin. Bidh e na amas agam obrachadh gus leasachadh agus piseach a bharrachd a thoirt air a’ bhuidhinn anns an ùine ri teachd. Bho bha mi nam bhalach beag bhithinn a’ gabhail pàirt anns na Mòdan aig ìre ionadail agus nàiseanta agus tro m’ obair nam Mhanaidsear anns na deich bliadhna a dh’ fhalbh, tha mi ag aithneachadh gu bheil am Mòd na bhun-stèidh do chultar agus nan ealain Ghàidhlig. Bidh dùbhlain mu choinneimh na h-obrach, ach bidh dùil agam ri làn thaic bhon luchd-obrach
agus Buill a’ Bhùird airson a’ bhuidheann a thoirt air adhart.”

Thuirt Ceann-suidhe a Chomuinn, Ailean Caimbeul, “Gum meal Seumas à naidheachd, agus tha sinn a’ cur fàilte bhlàth air chun dreuchd chudromach seo, agus a’ guidhe gach soirbheachadh dha innte! Aig an aon àm bith ar beannachdan agus deagh dhùrachd airson iomadh bliadhna shona air chluaineas a’ dol le Iain Moireasdan nuair a dh’fhàgas esan an dreuchd aig deireadh a’ Mhàrt!”

« Back to Mod News List

​​Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2020

Published: 02 Dec 2019

Chuir an Comunn Gàidhealach, Comataidh Ionadail Mòd 2020,
Comhairle na Gàidhealtachd agus Maoin Math Coitcheann Inbhir Nis air
bhog, Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis 2020 ann a Talla Bhaile Inbhir
Nis, air Diluain 2mh Dùbhlachd. Chluinn sinn ceòl bho òigridh na sgìre
agus bha tì, cofaidh agus grèim-bìdh air a chur air dòigh le Maoin Math
Coitcheann Inbhir Nis.

Tha tuilleadh naidheachdan agus fiosrachadh ri thighinn.


« Back to Mod News List

​Sgeama Measaidh nan Cairtean Gàidhlig

Published: 19 Feb 2019

Cuimhnichibh dèanamh cinnteach ma tha feum agaibh air measadh Gàidhlig a dhèanamh mus gabh sibh pàirt ann an farpaisean.

Ma tha feum agaibh air cairt fhaighinn airson Mòd Ghlaschu 2019, cuiribh fios gu Seonag Anderson airson measadh a chuir air dòigh seachdain a’ Mhòid.

Cuideachd, cuimhnichibh gu bheil feum aig inbhich a tha airson Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich no Bonn Òr an t-Seann Nòis a dhèanamh air cairt fhaighinn gach trì bliadhna.

Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh measadh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach tro mheadhain post-dealain gu

seonag@ancomunn.co.uk neo cuiribh fòn gu:

01463 709 705

« Back to Mod News List

​Àite-fuirich

Published: 16 Jan 2019

​Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, Glaschu 2019, fìor thoilichte a bhith ag obair ann an co-bhann le People Make Glasgow agus Biùro Co-chruinneachadh Ghlaschu ann a bhith ag ìsleachadh prìsean àite-fuirich is taighean-òsta do dhaoine airson seachdain Mòd Ghlaschu 2019.

Lorgar tuilleadh fiosrachaidh air àite-fuirich aig:

https://peoplemakeglasgow.com/MOD2019 neo air fòn: 0141 566 0821

« Back to Mod News List

Duaisean a' Mhòid

Published: 11 Sep 2018

​Bu chòrr dhuibh a bhith air duaisean a’ Mhòid a thilleadh thugainn a-nis. Bu chòrr dhaibh uile a bhith ann an staid reusanta airson Mòd Nàiseanta Rìoghail Dhùn Omhain 2018. Mur a bheil sibh air an tilleadh thugainn, cuiribh fios thugainn cho luath ’s a ghabhas. Tha sinn airson taing a thoirt dhan a h-uile duine a tha air na duaisean aca a thilleadh mu thràth.

Feumaidh duaisean a bhith air ais ann an Oifis Inbhir Nis no an Oifis Steòrnabhaigh ro Diluain 17 Sultain.

« Back to Mod News List

Foirm airson Tiocaidean a' Mhòid 2018

Published: 03 Aug 2018

​​Gheibh sibh foirm airson tiocaidean agus prògraman a’ Mhòid gu h-ìosal.

Nam b’ urrainn dhuibh a’ foirm a thilleadh thugainn ro Diciadain 12/09/18 cuiridh sinn an òrdugh thugaibh tron phost.

Am bliadhna tha sinn a’ tabhachd tiocaidean aig prìs nas ìsle – ach dìreach suas gu 12 Sultain. Dèanaibh cinnteach nach caill sibh seo!

Foirm airson Tiocaidean a’ Mhòid

Foirm airson Tiocaidean a’ Mhòid (Buill ACG)

« Back to Mod News List

​Ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail air a leudachadh

Published: 29 Jun 2018

Tha an ùine a’ ruith a-mach airson tagraidhean a chlàradh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail ann an Dùn Omhain am bliadhna ach bu mhath leis a’ Chomunn Ghàidhealach innse do dh’ fharpisich gu bheilear a’ sìneadh ceann là nan tagraidhean air adhart chun an 13mh Iuchar. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil 11 làithean a bharrachd aig farpisich a tha airson pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna-sa cur a-steach.

Thuirt Alison Bruce, Oifigear a’ Mhòid, “Le soirbheachas siostam tagraidhean air loidhne a-niste a’ dèanamh obair-rianachd nan tagraidhean rud beag nas fhasa dhuinn, tha sinn airson ùine a bharrachd a thoirt do dh’ fharpisich le bhith a’ sìneadh a-mach ceann là nan tagraidhean rud beag nas fhaide am bliadhna. Tha sin a’ ciallachadh cuideachd gu bheil ceann là nam farpaisean air fad a-niste air an aon là. Tha sinn mothachail gu bheil uallach air clann is pàrantan le sgoiltean a’ dùnadh an t-seachdain sa ‘s gum biodh e caran teann do chuid de dhaoine an cuid tagraidhean a chur a-steach ron cheann là a bh’ againn. Mar sin, tha aig farpisich chun 13mh Iuchar a-niste gus clàradh airson a’ Mhòid Nàiseanta.”

Chuir Neach-gairm na Comataidh Ionadail, Dick Walsh fàilte air prìomh fhèis chultarail na Gàidhealtachd a’ tilleadh gu Dùn Omhain a tha an-còmhnaidh na dheagh àite tarraingeach do luchd-frithealaidh is luchd-èisteachd a’ Mhòid. “Tha obair ullachaidh Mòd Nàiseanta 2018 a’ sìor thighinn air adhart. Tha a’ Chomataidh Ionadail agus Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid toilichte dha rìribh taic a chur ris an tachartas am bliadhna-sa agus tha sinn a’ coimhead air adhart gus fàilte a chur air farpaisich, luchd-amharc agus a h-uile duine a bhios an làthair aig na co-fharpaisean agus na tachartasan. Tha a’ Chomhairle air a bhith taiceil dhan Mhòd anns a h-uile roinn de sheirbheis thairis air na bliadhnachan agus tha an taic sin leantainneach. Gu dearbh, tha sinn a’ dèanamh fiughair prìomh fhèis na Gàidhlig ga cumail ann an Dùn Omhain san Dàmhair.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Dùn Omhain 12-20 Dàmhair 2018. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh a thaobh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, feuch gun tadhal sibh air www.ancomunn.co.uk no www.moddhunomhain.com

« Back to Mod News List

Dreach Prògram 2018

Published: 20 Jun 2018

​​Gheibhear dreach prògram airson farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail an seo.

Cuimhnichibh nach eil ann ach dreach agus gun tèid atharrachaidhean a dhèanamh fhathast.

Updated: 02/08/2018

« Back to Mod News List

Measaidhean Gàidhlig

Published: 13 Jun 2018

Cuiribh fios gu Seonag Anderson ma tha sibh airson Measadh Gàidhlig a chur air dòigh. Cuimhnichibh, tha agaibh ri measadh a dhèanamh ro 2 Iuchar 2018.

Fòn: 01463 709705
Post-d: seonag@ancomunn.co.uk

« Back to Mod News List

Cuairt a’ Mhòid a’ gabhail chun an rathaid

Published: 30 May 2018

Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa a’ tilleadh gu Dùn Omhain. Mar sin, ghabh mi fhèin agus mo cho-obraiche, Seonag NicAnndrais chun an rathaid an t-seachdain a chaidh, le ‘Cuairt a’ Mhòid’; a’ tadhal air sgoiltean sgìre Dhùn Omhain is Earra Ghàidheal. Chuir sinn seachad trì là a’ bruidhinn ri sgoilearan bho 7 sgoiltean. Bidh sinn a’ tilleadh aig toiseach na h-ath mhìos airson tadhal air sgoiltean eile anns an sgìre.

Chaidh ‘Cuairt a’ Mhòid’ a stèidheachadh an toiseach san Òban ann an 2015. A h-uile bliadhna bhon uairsin, tha sinn air a bhith a’ tadhal air sgoiltean anns na sgìrean far a bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail ga chumail. ‘S e a bhith a’ brosnachadh chloinne gus pàirt a ghabhail sa Mhòd, prìomh àmais na h-iomairte. Tha Cuairt a’ Mhòid air a bhith gu math soirbheachail ann a bhith a’ piobrachadh chloinne gus ùidh san fhèis ath-bheothachadh a-measg fharpaisich òg.

Tha e cudromach gu bheil òigridh sgìre Dhùn Omhain a’ faireachdainn nam pàirt mhòr dhe na bhios a’ dol anns a’ bhaile aca fhèin san Dàmhair, thoireadh, aig deireadh an là, ‘s e am Mòd aca fhèin a th’ ann. Faodaidh iad sin a dhèanamh le bhith a’ feuchainn air cuid dhe na farpaisean. Ach, mas e agus nach eil iad airson sin a dheànamh, bidh iomadh cothrom eile anns am faod iad pàirt a ghabhail anns a’ Mhòd. Bidh bùithean-obrach, consairtean, seiseanan-ciùil is caismeachdan a’ dol, ‘s gu dearbha bi fàilte romhpa a bhith an làthair.

‘S e tha fainear dhuinne, a thaobh sgeama ‘Cuairt a Mhòid ‘ ach aire chloinne a tharraing gu na Mòdan Ionadail agus Nàiseanta, ann an dòigh aotrom, spòrsail agus inntinneach. Thathas an dòchas gun tog seo aire òganaich ann an cànan agus cultar na Gàidhlig agus gum bi na Mòdan mar mheadhan a thaobh sgilean-ciùil agus cànain a leasachadh. Bhiodh e na thlachd dha-rìribh riochdachadh mòr bho sgìre Dhùn Omhain fhèin fhaicinn a’ gabhail pàirt sa Mhòd am-bliadhna, gu sònraichte an dèidh na chualas de thàlant ann an sgoiltean na sgìre an t-seachdain a chaidh. Thèid Cuairt a’ Mhòid a thadhal air sgoiltean cho fad is farsaing ri Taigh na Bruaich, Srath Chura, Grianaig agus Gleann Da-Ruail. Bithear a’ tadhal air 12 sgoiltean uile gu lèir mus bi an cuairt seachad.

A thuilleadh air an seo, tha obair chudromach eile a’ dol air adhart ann an sgoiltean na sgìre an-dràsta tron sgeama ‘Acadamaidh a’ Mhòid’. Tha An Comunn Gàidhealach air a bhith ag obair còmhla ri Fèisean nan Gàidheal agus Fèisgoil gus luchd-teagasg a chur an luib nan sgoiltean mar thaic airson nam Mòdan. Bidh clann-sgoile a’ faighinn oideachadh le bhith ag ionnsachadh an cuid phìosan airson a’ Mhòid ‘s thathas an dòchas gun cuir an sgeama ri àrdachadh àireamhan fharpisich ‘s gum bi làn-riochdachadh ann bhon sgìre air fad.

Mar a bhios fios aig gu leòr, mar phàirt de phrògram tachartasan Riaghaltas na h-Alba ‘s e 2018, ‘Bliadhna na h-òigridh’, agus tha sinne gu mòr airson taic a chuir ris a bhliadhna shònraichte a tha seo, le bhith a’ brosnachadh na h-òigridh a thaobh nan ealan Ghàidhlig. ‘S e tlachd a th’ ann am faicinn aig Mòdan Ionadail agus Nàiseanta agus cha bheag an luach a thaobh na Gàidhlig.

Seumas Greumach
Manaidsear a’ Mhòid




« Back to Mod News List

Mòd 2018 Entry Deadlines

Published: 25 May 2018

​​Bheil sibh airson iarrtas agus pìosan fèin thaghte a chur a-steach tron phost? Chan eil fada ri dhol gus an ceann-latha!

Tha agaibh gu 2 Iuchar 2018 ma chuireas sibh an iarrtas agaibh a-steach air loidhne.

« Back to Mod News List

Farpaisean Litreachas na h-Òigridh

Published: 15 May 2018

​Aon, dhà, sgrìobh!

Tha tòrr chothroman againn dha Gàidheil òga, cruthachail aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Nach cuir sibh sgeulachd, pìos bàrdachd, cunntas-naidheachd no postair a tha sibh air a dhèanamh a-steach airson cothrom duais a bhuannachadh.

Tha farpais prògram rèidio agus film goirid againn cuideachd- deagh chothrom dha òigridh a tha airson a bhith ag obair anns na meadhanan Gàidhlig.

⭐CUIMHNICHIBH⭐

Faodaidh sibh rudeigin a tha sibh air a dhèanamh sa chlas no aig buidhean as dèidh na sgoile a chur a-steach

« Back to Mod News List

Atharrachadh air Farpaisean agus Riaghailtean 2018

Published: 30 Mar 2018

​​Bidh mòran agaibh ag ullachadh airson cuir a-staigh airson farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a dh’ aithghearr. Dèanamh cinnteach gu bheil sibh a’ cleachdadh an liosta as ùra de farpaisean a’ Mhòid, gun fhios nach deach atharrachaidhean sam bith a dhèanamh ri na farpaisean. Tha sinn air cuid de na riaghailtean atharrachadh am bliadhna, cuideachd. Gheibh sibh na pàipearan seo gu h-ìosal:

Clàr-eagair Òigridh

Clàr-eagair Inbhich

Riaghailtean

Feumar cuir a-staigh airson na farpaisean ro 31 Cèitean 2018 tron phost agus ro 2 Iuchar2018 air loidhne. Bidh an siostam iarrtais againn fosgailte a dh’aithghearr.

Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn air 01463 709 705 no post-d gu info@ancomunn.co.uk

« Back to Mod News List

An Comunn Gàidhealach ag ainmeachadh Bailtean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 & 2022

Published: 23 Mar 2018

​Aig coinneamh bhliadhnail a’ Chomuinn, (Dihaoine an 23mh den Mhàirt) chaidh fhoillseachadh gur ann am Peairt a bhios Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021, ‘s gur ann am Pàislig a bhios Prìomh Fhèis na Gàidhlig ann an 2022. Tillidh am Mòd gu Peairt airson a’ chiad turas ann an seachd bliadhna deug. Bha am Mòd mu dheireadh ann am Pàislig ann an 2013.

Chaidh fhoillseachadh aig a’ Mhòd an-uiridh gun tilleadh an Fhèis dhan dà bhaile, ach bha dàil ann a bhith ag innse gu mionaideach cò am baile dhan deidheadh am Mòd cuin, mar thoireadh air tagradh Phàislig airson Prìomh Bhaile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte ann an 2021.

Leis nach deach an là le Pàislig a thaobh an tagraidh sin, cho-dhùin Bòrd Stiùiridh a’ Chomuinn siostam phuingean a chleachdadh airson co-dhùnadh cò a’ shoirbhicheadh le Mòd 2021 fhaighinn, agus cò am baile dhan deidheadh an Fhèis ann an 2022.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn;

“Bha sinn ann an suidheachadh gu math àraid an-uiridh a thaobh cò a shoirbhicheadh le tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 agus 2022. Bha na tagraidhean bhon dà bhaile air leth math. Mar thoireadh air an sin, roghnaich sinn gum faigheadh an dà bhaile cothrom air a’ Mhòd, Ach, cho-dhùin sinn cuideachd feitheamh ri naidheachd mu thagradh Phàislig airson Prìomh Bhaile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte mus biodh taghadh ann a thaobh cò am baile a gheibheadh am Mòd agus cuin. Chaidh an dà bhaile a chur fo sgrùdadh gu math mionaideach a-rithist, le siostam phuingean. Fhuair Peairt beagan a bharrachd chomharran, ‘s mar sin, ‘s ann an sin a bhios Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021.

Tha sinn da-rìreabh a’ dèanamh fiughair ri Mòd Pheairt; tha seachd bliadhna deug air a dhol seachad bho bha am Mòd anns a bhaile seo mu dheireadh. Tha dàimh làidir aig a’ bhaile ri cultar nan Gàidheal. Aig a cheart àm, chaidh Mòd Phàislig 2013 a mheas mar aon den fheadhainn bu shoirbheachail bho chionn beagan bhliadhnaichean. ‘S e fìor dheagh naidheachd a th’ ann gu bheil am Mòd a’ tilleadh do bhaile a tha air na h-uimhir a dhèanamh a thaobh brosnachadh na Gàidhlig bho chionn ghoirid.

Tòisichidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2018 air an 12mh den Dàmhair, chun 20mh den Dàmhair ann a Dùn Omhain, a’ comharrachadh agus a’ brosnachadh cànan agus cultar nan Gàidheal; eadar litreachas na Gàidhlig, ceòl, seinn agus ealain, le farpaisean do gach aois agus comas.

Thuirt an Comhairliche Murray Lyle, Ceannard Chomhairle Pheairt agus Cheann Rois;

“Tha mi air mo dhòigh glan gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh gu Peairt ann an 2021. ‘S e cothrom air leth a tha seo airson ìomhaigh na Gàidhlig a thogail agus airson cultar agus dualchas ar sgìre a chur mu choinneamh an t-sluaigh. Tha sinn air bhioran cothrom fhaighinn Prìomh Fhèis na Gàidhlig a chumail, gu sònraichte aig àm nuair a thathas a’ cur luach cho mòr air cultar, le bhith a’ cumail taic ri Taigh-Cluiche Pheairt agus ann a bhith ag ath-bheothachadh Talla Bhaile Pheairt. Cha bheag cliù Pheairt is Cheann Rois a thaobh tachartasan aig fìor àrd-ìre gu h-eadar-nàiseanta. Chan eil teagamh nach toir prìomh fhèis na Gàidhlig spionnadh air leth dhan bhaile agus dha eaconamaidh na sgìre.

Thuirt Probhaist Siorrachd Rinn Friù, Iar-Chathraiche Comataidh Ionadail a’ Mhòid:

“Tha sinn toilichte dha-rìribh gun tig am Mòd Nàiseanta Rìoghail air ais a Phàislig ann an 2022. Tha muinntir Phàislig glè aithnichte mar ‘Buddies’- ‘s bidh fàilte bhlàth air Gàidheil bho air feadh Alba is fad is farsaing.

Nuair a chaidh am Mòd a chumail ann am Pàislig ann an 2013 airson a’ chiad turas-b’ e an dàrna Mòd a bu mhotha ann an eachdraidh an tachartais, le mu 8,000 duine ann thairis air naoi latha, buaidh eaconamach de £1.4 dhan sgìre, ‘s bha an t-àite air bhoil.

Thog tagradh Phàislig, ann am farpais ‘Baile Chultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021’ ìomhaigh na sgìre mar bhaile tarraingeach an Alba. ‘S e tha fainear dhuinn a-nise, togail air soirbheachas na sgìre a thaobh tachartasan mòra, ‘s bidh am Mòd an teis meadhain sin nuair a thilleas e.

« Back to Mod News List

Comataidh na h-Òigridh 2018

Published: 09 Mar 2018

Tha An Comunn toilichte innse dhuibh mun Chomataidh ùr againn a tha gu bhith stèidhte mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh 2018 ann an Alba.

Tha sinn a’ lorg 6 inbheach òg eadar 16-26 bliadhna dh’ aois airson a bhith air a’ Chomataidh ùr Gàidhlig againn. ‘S e deagh chothrom a tha seo dha òigridh am beachdan a chur air adhart.

Gheibh sibh barrachd fiosrachadh an seo.

Cuiribh fios gu Alison Bruce aig alison@ancomunn.co.uk ma tha ceist sam bith agaibh.

Ceann-latha: Diluain 2 Giblean, 12f.

Foirm-Iarrtais



Nach tadhal sibh air làrach-lìn YOYP 2018 ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn na tachartasan eile a thèid a chumail mar phàirt de Bhliadhna na h-Òigridh.

« Back to Mod News List

Làrach-lìn Comataidh Ionadail a' Mhòid

Published: 06 Mar 2018

​Tha làrach-lìn Comataidh Ionadail a’ Mhòid beò a-nis.

Dèanaibh cinnteach gun tadhal sibh air airson fiosrachadh a thaobh Comataidh Ionadail a’ Mhòid, tachartasan airson airgead a thogail, àitichean-fuirich agus cothroman saor-thoileach!

www.moddhunomhain.com

Cuideachd, tha duilleag Facebook aca– dèanamh cinnteach gu bheil sibh gan leantainn: www.facebook.com/DunoonMod2018/

« Back to Mod News List

Bliadhna na h-Òigridh 2018

Published: 21 Dec 2017

​Tha sinn gu math toilichte a bhith mar phàirt de na tachartasan a bhios a’ gabhail aite an ath-bhliadhna airson Bliadhna na h-Òigridh ann an Alba a chomharrachadh. Nach cum sibh sùil air na meadhanan sòisealta againn airson barrachd fiosrachadh sa bhliadhn’ ùr.

« Back to Mod News List

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 & 2022

Published: 07 Dec 2017

​Tha An Comunn Gàidhealach ag aithneachadh an obair mhòr a rinn Pàislig leis an tagradh aca airson inbhe Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021 a chosnadh. Ged nach robh Pàislig soirbheachail aig a’ cheann thall, bha an tagradh aca air leth adhartach agus cruthachail.

Aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chaidh a chumail ann an Loch Abar bho chionn ghoirid, chaidh dearbhadh mura biodh Pàislig soirbheachail leis an tagradh aca airson inbhe Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021, gun deidheadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air an dà thagradh a thàinig a-steach airson Mòd 2021. ’S ann bho Phàislig agus bho Pheairt a fhuair sinn na tagraidhean sin.

Bidh sinn a’ dèanamh sgrùdadh air an dà thagradh agus gheibh an tagradh leis na comharran as àirde cothrom am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an 2021 agus gheibh an tagradh eile cothrom air a’ Mhòd ann an 2022. Ainmichidh An Comunn Gàidhealach far an tèid am Mòd a chumail ann an 2021 agus 2022 aig coinneamh bhliadhnail a’ Chomuinn Ghàidhealaich anns a’ Mhàrt 2018.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich:

“Ged nach robh Pàislig soirbheachail leis an tagradh aca airson Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021, tha sinn airson meal an naidheachd a chuir air an sgioba airson tagradh a bha air leth proifeiseanta agus cruthachail a chur ri chèile.

Tha sinn airson cothrom a thoirt dha Pàislig agus Peairt aoigheachd a thoirt don Mhòd Nàiseanta Rìoghail san àm ri teachd as dèidh an obair chruaidh a rinn iad leis an dà thagradh aca airson inbhe Baile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte 2021. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris na h-àitichean seo gus sin a thoirt gu buil anns na bliadhnaichean a tha romhainn.”

Thathas an dùil gun tèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail air na cinn-latha a leanas:

2021- 8mh – 16mh den Dàmhair (ri dhearbhadh)

2022- 14mh – 22mh den Dàmhair (ri dhearbhadh)</br>

« Back to Mod News List

Aigeallan Airgid 2018

Published: 14 Nov 2017

​Feumaidh farpaisich ann an ​A252 (Mnathan) agus A253 (Fireannaich) òran a thaghadh a tha leantainn air cuspair sònraichte.

Airson 2018 ‘s e tàladhcuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A252 (Mnathan) agus ‘s e òran-seilgecuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A253 (Fireannaich).

« Back to Mod News List

Taing Mhòr

Published: 30 Oct 2017

Tha luchd-obrach a’ Chomuinn Ghàidhealaich air ais ag obair seachdain as dèidh Mòd air leth soirbheachail ann an Loch Abar.

Taing mhòr a-rithist dhan a h-uile duine a bha an sàs ann am Mòd na bliadhna-sa: Bòrd-Stiùiridh a’ Chomuinn; an sgioba a chuidich sinn ann an Oifis a’ Chomuinn agus aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid; Comataidh Ionadal a’ Mhòid; na stiùbhardan; an luchd-taic againn; na britheamhan agus na cathraichean againn; na farpaisich; an luchd-èisteachd agus muinntir Loch Abar. Cha bhiodh Mòd ann gun bh’ ur taic.

Tha sinn an dòchas gun do chòrd Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar 2017 ribh uile agus gu faic sinn sibh ann an Dun Òmhainn eadar 12 - 20 den Dàmhair 2018.

​Cuimhnichibh gum faigh sibh dealban a’ Mhòid bho làrach-lìn Graham Hood an seo.

« Back to Mod News List

Fiosrachadh cudromach dha Farpaisich

Published: 09 Oct 2017

​Dàil air Farpaiseach

Ma thachras gum bi dàil air farpaiseach ann a bhith a’ faighinn gu farpais sam bith aig an àm iomchaidh, feumaidh e/i fios a chur chun Àrd-stiùbhard no aon de luchd-taic aige/aice ann an àite na farpais gu am faighear fios mun dàil gu Cathraiche na farpais.

Stiùireadh dha Farpaisich

Chan faod farpaisich leabhar, làmh-sgrìobhainn, no leth-bhreac de cheòl a chleachdadh ann am farpais, ach a-mhàin ann am farpaisean ionnstramaid ciùil.

Ionad Fiosrachaidh Mòd 2017

Bidh Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid ann an Àrd-sgoil Loch Abar Disathairne 14mh, Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh agus ann an Ionad Nibheis eadar Diciadain 18mh ‘s Dihaoine 20mh Dàmhair.

Gheibhear tiocaidean a’ Mhòid agus progràman bhon Ionad Fiosrachaidh. Ma tha sibh air tiocaidean no prògraman a cheannach air-loidhne, faodar an togail an seo cuideachd.

Bileagan Breithneachaidh

Gheibhear bileagan breithneachaidh airson gach farpais aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid ann an Àrd-sgoil Loch Abar Disathairne 14mh, Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh agus ann an Ionad Nibheis eadar Diciadain 18mh ‘s Dihaoine 20mh Dàmhair.

Nota: Bu chòir farpaisich feitheamh co-dhiù 2 uair a-thìde às deidh crìoch farpais mus tog iad bileagan breithneachaidh aig an deasc.

Pìosan ainmichte Mòd 2018

Gheibhear Leabhran nam Pìosan Ainmichte airson Mòd 2018 aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid ann an Àrd-sgoil Loch Abar Disathairne 14mh, Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh agus ann an Ionad Nibheis eadar Diciadain 18mh ‘s Dihaoine 20mh Dàmhair.

Pàirceadh aig an Lime Tree, An Gearasdan

Cha bhi pàirceadh ri fhaotainn airson tahcartasan Mòid a bhios a’ gabhail àite aig an Lime Tree. Thèid na h-àiteachan a tha ann a chleachdadh do luchd-chleachdaidh ciorramach a-mhàin. Bidh pàirceadh ri fhaighinn tarsaing an rathaid mu choinneamh an Lime Tree fhèin ge-ta, ann am ‘Pàirc-chàraichean Ceann an Iar- Fuirich Fada’ (comharraichte mar àireamh 1 air mapa nam pàirce-chàraichean).

Dèanaibh cinnteach gu bheil sibh gar leantainn air Facebook no Twitter airson fiosrachadh fhaighinn seachdain a’ Mhòid.

« Back to Mod News List

Parcadh aig a' Mhòd - 2017

Published: 20 Sep 2017

Bidh ​tàillean pharcaidh Comhairle nan Gàidhealtachd fhathast air dòigh seachdain a’ Mhòid. Gheibh sibh mapa de na h-àitichean pharcadh anns a’ Ghearasdan. Bidh oifigear trafaig a’ dol timcheall na h-àitichean parcadh fad na seachdain.

« Back to Mod News List

***STIÙBHARDAN**

Published: 20 Sep 2017

​Leis gu bheil Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 dìreach ceitheir seachdainnean air falbh, tha comataidh ionadail a’ Mhòid air a bhith a’ sireadh luchd saor-thoileach a bhiodh deònach a bhith nan stiùbhardan air an t-seachdain mhòr fhèin.

Tha pàirt cudromach dha rìreabh aig na stiùbhardan ann a bhith a deànamh cinnteach gu bheil a h-uile càil a’ ruith mar bu chòir, agus tha feum air grunnan dhiubh, gu h-àraidh aig toiseach an t-seachdain aig àm farpaisean na cloinne. ‘S e dòigh air leth a tha seo a bhith a’ gabhail pàirt sònraichte anns a’ Mhòd agus fìor bhlas a’ Mhòid fhaighinn. Bhiodh sinn toilichte cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan, ceòl agus cultar nan Gàidheal.

Ma tha ùidh agaibhse a bhith nur stiùbhard cuiribh fios gu Comataidh Ionadail Loch Abar.

« Back to Mod News List

Tiocaidean a' Mhòid 2017 rim faighinn air loidhne

Published: 15 Sep 2017

Tha sinn toilichte gu bheil Prògram a’ Mhòid agus tiocaidean airson tachartasan a’ Mhòid a-nis rim faighinn AIR LOIDHNE

Bidh tiocaidean rim faighinn anns na h-oifisean againn agus sa Ghearasdan a dh’aithghearr. Cumaibh sùil a-mach airson tuilleadh fiosrachach an seo.

**Bidh sinn a’ cur a-mach na h-òrdughan gu lèir nuair a thig am Prògram. Tha dùil againn am Prògram fhaighinn ann an dà sheachdain**

« Back to Mod News List

Àireamhan Farpaiseach gun Samhail airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017

Published: 13 Sep 2017

​Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail gu Loch Abar an ath mhìos (Dihaoine 13 Dàmhair – Disathairne 21 Dàmhair) airson bliadhna don Fhèis a tha coltach a bhios gun samhail, agus àireamhan farpaiseach an dùil a bhith nas àirde na 3,600 – an àireamh as àirde ann an deich bliadhna.

Thèid an tachartas naoi-latha de cheòl, ealain agus spòrs Gàidhlig a chumail anns a’ Ghearasdan airson a’chiad uair ann an deich bliadhna agus, am-bliadhna, bheirear aoigheachd do riochdairean bho bhailtean beaga is mòra nach fhac am Mòd fad ghinealaichean.

An-uiridh thug am Mòd a-steach £2.5m airson na sgìre aoigheachd, na h-Eileanan an Iar, agus tha luchd-eagrachaidh misneachail gum bi an aon sheòrsa buaidh ri fhaicinn ann an Loch Abar, a tha ainmeil airson coimhearsnachd bhlàth agus aoigheil.

Tòisichidh an Fhèis Chultarail Ghàidhlig as motha ann an Alba air Dihaoine 13 Dàmhair le caismeachd lòchranach, anns am bi na ceudan de dhaoine a’ coiseachd ann an soilleireachd nan lòchrain tro shràidean a’ Ghearasdain.

Thig a’ chaismeachd gu crìch aig Ionad Nibheis far an tèid an tachartas fosglaidh air adhart agus air an àrd-ùrlar bidh Raibeart MacDhonnchaidh a choisinn am Bonn Òir, Ross MacUilleam agus buidheann ciùil dùthchail Na h-Òganaich anns a bheil buannaiche Bonn Òir, a’ cur fèis na bliadhna seo air bhog.

Tha Am Mòd mar an fhèis as cudromaiche don Ghàidhlig ann an Alba. Chithear na mìltean de dh’fharpaisich à Alba agus bho air feadh an t-saoghail, eadhon buidheann de dh’fharpaisich Ameireaganach am-bliadhna, a’ gabhail pàirt no an làthair aig còrr air 200 farpais a’ toirt a-steach dannsa Gàidhealach, spòrs, litreachas agus dràma, a bharrachd air ceòl is òrain Ghàidhlig.

Taobh ri taobh ris na farpaisean, bidh Iomall a’ Mhòid le prògram beòthail le lànachd de cheòl traidiseanta, leabhraichean gan cuir air bhog, mòran chuirmean agus cruthan ealain de gach seòrsa fad na seachdain. Gheibhear prògram iomaill na Fèise, a thèid a chuir air bhog an-diugh cuideachd, an seo agus air na meadhanan sòisealta agus thèid a chuairteachadh tro Thìm an Òbain a bharrachd air a bhith ann an taighean-seinnse, taighean-òsta agus àiteachan eile air feadh Loch Abar.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich; “Tha sinn air ar dòigh a’ tilleadh don Ghearasdan airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna agus tha e air leth misneachail a bhith a’ dèanamh sin le àireamhan farpaiseach gun samhail. Tha bliadhna gu math trang air a bhith againn a’ tighinn nas dlùithe air an fhèis, eadar a bhith a’ ruith Chlasaichean Ciùil a’ Mhòid a tha cho tarraingeach, a’ brosnachadh na cloinne gus pàirt a ghabhail ann, agus Acadamaidh a’ Mhòid a tha a’ toirt luchd-teagaisg le Gàidhlig gu 14 sgoil air feadh na h-Alba – agus mar sin tha e math a bhith faicinn àireamhan mòra mar thoradh air an sin. Tha sinn toiliche gu bheil luchd-ciùil ainmeil bhon sgìre againn le Raibeart MacDhonnchaidh, Ross MacUilleam agus Na h-Òganaich mar phairt den tachartas fosglaidh am-bliadhna, agus bi seo na fhìor thòiseachadh math do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2017.”

Thuirt an Comhairliche Gàidhealach, Alister MacFhionghuin, Cathraiche Comataidh nan Goireasan Corporra: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh gu Loch Abar, sgìre den Ghàidhealtachd far a bheil a’ Ghàidhlig agus a cultar fhathast na pàirt den choimhearsnachd. Tha sinn toilichte a bhith toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail oir tha an tachartas seo a’ cur gu mòr ri coimhearsnachd na Gàidhlig. Bidh e math fàilte a chuir air luchd-turais don Ghàidhealtachd, nam measg feadhainn bho thall thairis, a gheibh tlachd bhon chàirdeas a bhios ann, an raon farsaing de dh’fharpaisean seinn agus ciùil, na h-iomadh cèilidhean, òraidean agus diofar thachartasan a tha mar phàirt de phrògram inntinneach an iomaill. Tha am Mòd a’ cur a’ Ghàidhlig air àrd-ùrlairean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, leis gu bheil e a’ toirt seachad cothrom a’ chuid as fheàrr de ar cànan, cultar a thaisbeanadh, anns na sgìrean far a bheil sinn beò, ag ionnsachadh agus ag obair.

“Tha mi cinnteach gun toir am Mòd buaidh adhartach air an sgìre agus tha sgrùdaidhean oifigeil a’ dearbhadh gu bheil e a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na sgìre anns am bidh an tachartas. Bu math leam an cothrom seo a ghabhail airson taing a thoirt do Chomataidh Ionadail a’ Mhòid ann an Loch Abar airson an cuid saothair, gu sònraichte co-cheangailte ri togail airgid, agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do Mhòd Loch Abar. Le dìreach mìos ri dhol, cumaibh ag ullachadh agus gach soirbheachas don h-uile farpaiseach bhon Ghàidhealtachd.”

Thuirt Pòl Bush OBE, Stiùiriche Thachartasan VisitScotland: “Tha dualchas Gàidhlig na h-Alba mar phàirt mhòr de ar dearbh-aithne nàiseanta. Tha sinn toilichte a bhith toirt taic don Mhòd Nàiseanta Rìoghail airson seo a chomharrachadh, gu sònraichte tro Bhliadhna Eachdraidh, Dualchas is Àrsaidheachd na h-Alba. A-rithist, tha prògram làn de cheòl, Dhannsa Gàidhealach, dhràma agus barrachd, aig an luchd-eagrachaidh don choimhearsnachd Ghàidhlig às gach cuid Alba agus thall thairis, a bheir tlachd dhaibh.

Gu dearbh tha Alba na fhìor àrd-ùrlar math airson tachartasan cultarail agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an fhèis ainmeil eadar-nàiseanta seo ann an ceann mìos.”

Thuirt Stiùiriche Coimhearsnachd agus Ceangal Luchd-ùidhe aig CalMac, Brian Fulton: “Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail na fhìor thachartas mòr ann am mìosachan CalMac agus tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith tighinn don Ghearasdan, le cinnt gum bi sin an-còmhnaidh na thachartas tlachdmhor as fhiach a chumail air chuimhne.”

Shane O`'Rua
Shane O’Rua (10), Arran Stephen (10)

Ciara MacDonald (11), Owen MacRaild (9), Shane O’Rua (10), Arran Stephen (10), Seumas MacFarlane (10), Seumas Stevenson (9)

« Back to Mod News List

Aite Fuirich

Published: 25 Aug 2017

​Ma tha sibh fhathast a’ lorg aite fuirich airson Mod Naiseanta Rioghail na bliadhna seo, faic gu h-iosal:

Mrs Johanna MacGillivray

Dontra

Banavie

Fort William

PH33 7PB

Tel: 01397 772 349

1 House sleeps 5

1 Chalet sleeps 4

« Back to Mod News List

Piping Competitions

Published: 05 Jul 2017

​​Tha obair ullachaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 a’ sìor thighinn air adhart!

Bu mhath leis a’ Chomunn Ghàidhealach cur an cuimhne farpaisich phìobaireachd gum feum tagraidhean a bhith a-staigh ro Dihaoine 7mh Iuchar 2017, ‘s nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch, neo ri feadhainn air nach deach crìoch a chur, as dèidh a’ cheann-latha seo.

Cha ghabh sinn iarrtasan airson farpaisean sam bith ach farpaisean pìobaireachd.

« Back to Mod News List

Ceann-latha 30/06/2017

Published: 30 Jun 2017

​​Tha agaibh gu MEADHAN OIDHCHE A-NOCHD (30/06/017) airson iarrtas a chur a-steach airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

Feumaidh sibh iarrtas a chur a-steach air loidhne aig enter.ancomunn.co.uk

Cha ghabh sinn foirmean tro post-dealain no tron phost.

Ma tha ceistean agaibh a thaobh an iarrtas agaibh, cuir fios thugainn air 01463 709705 no 01851 703487 suas gu 5f.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bh’ur faicinn ann an Loch Abar san Dàmhair! ☺

♪♫♪♫♪♫♪♫

« Back to Mod News List

​SUAICHEANTAS ÙR IS AMASAN ÀRDA AIR AM FOILLSEACHADH AIRSON MÒD GHLASCHU 2019

Published: 23 Jun 2017

Thàinig clann-sgoile bho air feadh Ghlaschu còmhla an-diugh (Dihaoine 23 Ògmhios) gus an suaicheantas airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an 2019 fhoillseachadh.

Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail ann an Glaschu ann an 2019 – bidh 29 bliadhna ann an uair sin bho chaidh am Mòd a chumail sa bhaile mu dheireadh – agus chaidh suaicheantas ùr a dhealbh airson Mòd Ghlaschu a tha na shamhla beòthail is ealanta air an fhèis iomraitich a mhaireas seachdain agus far an tèid bratach cànan, ceòl agus cultar nan Gàidheal a thogail an àirde sa bhaile-mhòr uair eile.

Tha e na amas do Chomataidh Ionadail Mòd Ghlaschu 2019, le taic bho Chomhairle Baile Ghlaschu agus Glaschu Beò, An Comunn Gàidhealach a chuideachadh le bhith cur Mòd adhartach is lèirsinneach air dòigh a bhios cuideachd a’ sealltainn spèis do dhualchas is freumhan cultarach a’ Mhòid.

Tha a’ bhuidheann-dhealbhachaidh shoirbheachail a tha stèidhichte ann an Glaschu, An Còmhlan Cruthachail, air a bhith ag obair gu dlùth còmhla ris a’ Chomataidh Ionadail gus suaicheantas a dhealbh a bhios na shamhla iomchaidh air a’ Mhòd an dà chuid ann an stuthan clò-bhuailte agus thar nam meadhanan sòisealta. Thathar an dòchas gum bi an ìomhaigh ùr, bhrosnachail seo a’ togail ùidh sa Mhòd am measg luchd na Gàidhlig agus dhaoine aig nach eil an cànan agus gum bi i gam piobrachadh gu bhith gabhail pàirt sna farpaisean, a’ toirt taic dhan Mhòd mar luchd-obrach saor-thoileach agus gu bhith dol ann mar luchd-èisteachd.

Bidh taghadh farsaing de dh’fharpaisean ann a-rithist aig Mòd 2019 airson clann agus inbhich – a’ gabhail a-steach aithris is còmhradh, seinn agus farpaisean ciùil. Dh’fhaodadh cuideachd gun tèid na farpaisean airson Dannsa Gàidhealach is Pìobaireachd a chumail aig àm ùr aig a’ Mhòd gus an gabh comasan is sgilean nam farpaiseach tàlantach seo an taisbeanadh aig cridhe na fèise.

A thuilleadh air na farpaisean, bidh prògram iongantach is farsaing aig Iomall a’ Mhòid far am bi cuid den luchd-chiùil as fheàrr a th’ ann an Alba a’ cluich fad seachdain a’ Mhòid agus airson beagan làithean ron Mhòd, le cuid de na seinneadairean is luchd-ciùil as cliùitiche a th’ ann bho am measg nan Gàidheal a’ nochdadh air an àrd-ùrlar.

Thuirt Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn, Cathraiche Mòd Ghlaschu 2019: “Nuair a shoirbhich leis an tairgse bho Ghlaschu airson Mòd 2019 a chumail, bha fios againn gum feumamaid ìomhaigh is suaicheantas beòthail a chruthachadh gus an fhèis a chur air adhart agus a chuireadh an cèill do mhuinntir Ghlaschu gu bheil am Mòd fosgailte dhan a h-uile duine agus gum bi fàilte air a h-uile duine. Tha sinn airson sealltainn gum faod duine sam bith a dhol an sàs ann an cultar na Gàidhlig, chan eil e gu diofar ged nach eil Gàidhlig aca.

“Nuair a chluinneas daoine ceòl is seinn ann an cànan sam bith, tha e gan toirt còmhla, agus tha sinne mar Chomataidh Ionadail air a chur romhainn gum brosnaich sinn an àireamh as motha de dhaoine as urrainn dhuinn gu bhith dol an sàs sa Mhòd agus tha sinn airson gun toir muinntir Ghlaschu taic dhan tachartas agus gun gabh iad tlachd ann an dualchas beairteach nan Gàidheal , dualchas a tha na phàirt de chultar a’ bhaile aca fhèin.”

Thuirt an Comhairliche Daibhidh MacDhòmhnaill, Iar-Cheannard Comhairle Baile Ghlaschu agus Ball de Ghlaschu Beò: “Tha ceangal air a bhith aig a’ bhaile seo ris a’ Chomunn Ghàidhealach fad còrr is 120 bliadhna bho chaidh am Mòd a thòiseachadh ann an 1891. Tha e cha mhòr 30 bliadhna bho bha am Mòd ann an Glaschu agus leis an t-suaicheantas ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh tha sinn ceum nas fhaisge air an latha nuair a thilleas am Mòd ann an 2019.

“Tha Comhairle Baile Ghlaschu a’ toirt taic do dh’adhartachadh na Gàidhlig tron Phlana Ghàidhlig againn, agus tha am Plana sin na bhunait don obair againn a thaobh na Gàidhlig ann am foghlam, coimhearsnachdan, àiteachan-obrach, na h-ealain, na meadhanan, dualchas, turasachd agus a thaobh a bhith cur na Gàidhlig air adhart agus a’ meudachadh nan cothroman a th’ ann gus an cànan a chleachdadh. San latha an-diugh, mar eisimpleir, tha barrachd sgoilearan ann am Foghlam tron Ghàidhlig ann an Glaschu na gheibhear ann an cha mhòr sgìre sam bith eile ann an Alba, ’s iad a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan na h-aon sgìrean far a bheil barrachd.

“Cuideachd, tha cliù eadar-nàiseanta aig Glaschu mar àite fìor ghoireasach airson tachartasan mòra, agus le bhith cumail a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail thèid cur ris a’ chliù sin agus bidh e mar bhun-stèidh làidir air an gabh togail sna bliadhnaichean ri thighinn gus a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart ann an Glaschu.”

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Ghlaschu às dèidh cha mhòr deich bliadhna fichead. Tha cliù aig a’ bhaile air feadh an t-saoghail mar àite air leth airson ceòl agus nan ealain agus tha sinn a’ faireachdainn gu bheil an suaicheantas seo a’ nochdadh beothalachd is brìgh a’ Mhòid agus spiorad Ghlaschu fhèin. Tha am Mòd am measg nam prìomh thachartasan cultarach a bhios gan cumail gach bliadhna, far am faic sibh na Gàidheil agus iomadh duine eile bho air feadh an t-saoghail aig na diofar thachartasan is farpaisean a bhios ann. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte chridheil bho mhuinntir Ghlaschu ann an 2019.”

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt daingeann de dh’eachdraidh is cultar Ghlaschu. Tha Gàidheil air a bhith fuireach sa bhaile fad iomadh linn, agus tha ath-bheothachadh air tighinn air a’ chànan sa bhaile san latha an-diugh, agus àrdachadh mòr air tighinn air an àireimh de sgoilearan FtG sa bhaile thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh.

Thathar an dùil gum bi trì bun-sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu ann an 2019, a bharrachd air àrd-sgoil agus na sgoiltean-àraich ceangailte riutha, agus tha ro-innleachd èifeachdach airson nan ealain agus a’ Ghàidhlig a chur air adhart am measg dhaoine a’ toirt taic dhan fhoghlam sin.

Thèid farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 a chumail san Talla Chonsairt Rìoghail, Glaschu eadar Dihaoine 11 – Disathairne 19 Dàmhair, agus bidh mìltean de dh’fharpaisich bho air feadh Alba agus bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn dhan bhaile gus pàirt a ghabhail ann an dannsa Gàidhealach, spòrs, litreachas is dràma, agus ceòl agus seinn na Gàidhlig.

« Back to Mod News List

Farpaisean Litreachais 2017

Published: 12 Jun 2017

​​Tha tìde gu leòr agaibh fhathast airson pìosan litreachais a chur a-steach airson farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

« Back to Mod News List

Iomain Cholmcille a’ còmharrachadh deich bliadhna de shoirbheachas aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.

Published: 09 Jun 2017

​Thèid Iomain Cholmcille, an co-fharpais iomain eadar-nàiseanta do luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail anns a’ Ghearasdan am–bliadhna-sa, a’ còmharrachadh deich bliadhna mar thachartas cho soirbheachail a tha ann ann an saoghal spòrs na Gàidhlig ann an Alba. Thèid an fharpais a chumail air an 14mh den Dàmhair an lùib Mòd Loch Abair 2017

Feumaidh Gàidhlig na h-Alba no na h-Èireann a bhith aig a h-uile cluicheadair air a’ phàirc agus feumaidh i a bhith ga cleachdadh air a’ phàirc cuideachd. Is e seo a a’ chaid uair a chaidh an fharpais a chumail mar phàirt den Mhòd na eachdraidh fhada shoirbheachail.

Chaidh Iomain Cholmcille a ruith airson a’ chiad uair anns an Òban mar phàirt de Fhèill Chaluim Chille air an deicheamh latha den Ògmhios 2007. On uairsin, tha e air a bhith ga cumail ann an Conamara, Dùn nan Gall, An t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu. Tha i air leudachadh o aon gheam eadar Alba agus Cumann Micheal Breathnach gu bhith a’ toirt a-staigh sgiobaidhean eile, Fir Uladh o Cheann a Tuath na h-Èireann agus Na Gaeil Óga à Baile Atha Cliath. Tha co-fharpais ann a-nise cuideachd eadar na boireannaich às an dà dhùthaich, le Còrn Sgàthaich ga cluich gach bliadhna.

Am –bliadhna-sa, bidh co-fharpais òigridh ann do dh’òigridh Loch Abair far am bi iad ag ionnsachadh beagan Gàidhlig tro bhith a’ cluich spòrs nan Gàidheal. Ionnsaichidh iad mu dheidhinn na sgilean a tha an-sàs ann an iomaniocht cuideachd le coidseadh mus faigh iad cothrom geam eadar an dà sgioba Èireannach a choimhead air An Àird anns a’ mhadainn.

Thuirt Eòghan Stiùbhart a tha air a bhtih na cho-ordanaiche Albannach on a thòisich an tachartas o chionn deich bliadhnaichean “Tha sinn glè thoilichte a bhith a’ cumail Iomain Cholmcille X anns a’ Ghearasdan aig an aon àm ri Mòd Loch Abair. Tha e a’ suidheachadh an tachartais iongantaich a tha seo aig cridhe cultarach na Gàidhlig agus ’s e cothrom air leth a th’ ann a bthih ag ionnsachadh o chèile an dà chuid mu chànan agus mu spòrs”

“Tha mòran rudan brosnachail a’ tachairt thall ann an Èirinn an-dràsta a thaobh strì airson còraichean cànain agus tha sinn an dòchas gun tog muinntir na h-Alba spionnadh o ar n-aoighean Èireannach. Is iomadh neach òg a bhrosnaich sinn gus Gàidhlig a bhruidhinn a-rithist le Iomain Cholmcille thar nam bliadhnaichean agus tha sinn an dòchas gun lean sinn oirnn a dhol o neart gu neart.”

Chuir Seumas Greumach, Manaidsear Leasachaidh a’ Mhòid, fàilte chridheil air a’ chompairteachas “Tha An Comunn Gàidhealach air ar dòigh a bhith a’ cumail na farpaise eadar-naiseanta iomain airson Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann. Chan eil àrd-urlar nas fhèarr ann airson na farpaise na am Mòd Nàsieanta Rìoghail, an fhèis as motha airson Ealain Ghàidhlig ann an Alba. Cuideachd, tha e glè fhreagarrach gu bheil an fharpais a’ tachairt ann an Loch Abar, sgìre le dualchas iomain làidir. Tha an fharpais cudromach gu cultural dhan dà chànan, Gàidhlig agus Gaeilige, le bhith a’ neartachadh a’ cheangail eadar na coimhearsnachdan Gàidhealach anns gach dùthaich.”

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ cumail farpais a h-uile bliadhna airson iomain co-dhiù, agus cha tèid dearmad a dhèanamh air sin. Thèid Cùpa a’ Mhòid do sgiobaidhean ionadail a chumail cuideachd air an aon latha aig àite eile anns an sgìre. Uile gu lèir, ’s e fèis iomain air leth thar Loch abair a bhios ann.

Tha Iomain Cholmcille a’ faighinn taic-airgid o Cholmcille, compairteachas eadar Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge a bhios a’ feuchainn ri ceanglaichean eadar Gàidheil ann an Èirinn is Alba a leudachadh is a neartachadh.

Bidh Iomain Cholmcille ag obair ann an compairteachas leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus Comataidh Ionadail Mòd Loch Abair air a’ phròiseact seo còmhla ri Sgioba Iomain a’ Ghearasdain cuideachd.

« Back to Mod News List

​Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017, Loch Abar-Farpaisean Pìobaireachd

Published: 19 May 2017

Tha obair ullachaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2017 a’ sìor thighinn air adhart! Bu mhath leis a’ Chomunn Ghàidhealach cur an cuimhne fharpaisich pìobaireachd gum feum tagraidhean a bhith a-steach ro Dihaoine 7mh Iuchar 2017, ‘s nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch, neo ri feadhainn air nach deach crìoch a chur, an-dèidh a’ cheann-latha sin.

Bidh am Mòd a’ tilleadh gu Loch Abar airson a’ chiad uair ann an deich bliadhna, ‘s thèid farpaisean Pìobaireachd na h-òigridh ‘s nan inbheach a chumail ann an Àrdsgoil Loch Abar am bliadhna Disathairne 14mh Dàmhair 2017

Thuirt Moira Robastan, Màidsear na Pioba, Còmhlan Pìoba Loch Abar agus ball de Chomtaidh Ionadail a’ Mhòid, “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cumail farpaisean pìobaireachd a’ Mhòid am bliadhna. ‘S e eachdraidh phròiseil, fharsaing a th’ aig Loch Abar a thaobh na Pìobaireachd ‘s tha an t-uamhas de thàlant a-measg nam pìobairean òga anns an sgìre.”

Feumar foirmean airson farpaisean pìobaireachd a chur a-steach gu An Comunn Gàidhealach ro Dihaoine 7mh Iuchar 2017. Faodar tagraidhean a chur a-steach air loidhne: enter.ancomunn.co.uk. Faodar foirm iarrtais a luchdachadh a-nuas agus air a chur a-steach tron phost cuideachd. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na farpaisean fhèin sa chlàr-eagair an seo.

Tha farpaiean C108 (caismeachd) agus farpaisean C109 (srath spè & ruidhle), a bha roimhe do dh’ aois 13-15, a-niste fogailte do dh’ fharpisich fo 15 bliadhna a dh’aois. The farpaisean C130 (MSR) and C131 (port cruinn), a bha roimhe do dh’ aois 16-18, a-niste fosgailte do dh’ fharpisich fo 19 bliadhna a dh’ aois. Thathas a’ cur an cuimhne farpaisich na h-òigridh mu dheidhinn fharpais fhosgailte Phìobaireachd fo aois 19 bliadhna, ‘s bidh farpais ùr ann do dh’fharpisich fo aois 13, a’ cluich port mall Gàidhealach air an fheadain.

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Loch Abar eadar 13mh agus 21mh Dàmhair 2017.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach air am fòn, 01463 709705 air neo air a’ phost-d: info@ancomunn.co.uk.

« Back to Mod News List

Farpais Ùr B327

Published: 10 May 2017

​Tha farpais ùr againn dha inbhich am bliadhna: Farpais B372. ‘S e farpais fosgailte a th’ ann dha cluicheadairean a’ bhogsa agus an fhìdheall. Gheibhear barrachd fios bho clàr a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

♪ ♫ ♩ ♬♪ ♫ ♩ ♬♪ ♫ ♩ ♬♪ ♫ ♩ ♬

« Back to Mod News List

Atharrachadh air Farpaisean agus Riaghailtean

Published: 13 Apr 2017

​Bidh mòran agaibh ag ullachadh airson cuir a-staigh airson farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a dh’ aithghearr. Dèanamh cinnteach gu bheil sibh a’ cleachdadh an liosta as ùra de farpaisean a’ Mhòid, gun fhios nach deach atharrachaidhean sam bith a dhèanamh ri na farpaisean. Tha sinn air cuid de na riaghailtean atharrachadh am bliadhna, cuideachd. Gheibh sibh na pàipearan seo gu h-ìosal:

https://www.ancomunn.co.uk/nationalmod/rules

Feumar cuir a-staigh airson na farpaisean ro 31 Cèitean 2017 tron phost agus ro 30 Ògmhios 2017 air loidhne. Bidh an siostam iarrtais againn fosgailte a dh’aithghearr.

Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn air 01463 709 705 no post-d gu info@ancomunn.co.uk

« Back to Mod News List

*Farpais A234*

Published: 28 Mar 2017

​​Tha sinn air an òrain ainmichte airson an fharpais seo atharrachadh.

‘S e ‘Maighdean Loch nan Eala’ a th’ ann an àite ‘Eilean Cholla’.

Cuiribh fios gu mairi@ancomunn.co.uk airson leth-bhreac de dh’òrain fhaighinn.

« Back to Mod News List

Sgeama Measaidh nan Cairtean Gàidhlig

Published: 15 Mar 2017

Tha Sgeama Measaidh nan cairtean a’ toirt taic agus spionnadh do dh’fharpaisich an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh, gus am faigh iad na cairtean a tha dhith orra airson pàirt a gabhail ann an cuid de dh’fharpaisean a’ Mhòid. Ri linn seo, tha Sgeama a’ Chomuinn gu mòr a’ cur ris an àrdachadh de fhileantas a-measg inbhich agus luchd-labhairt na Gàidhlig agus ri leasachadh na Gàidhlig san fharsaingeachd.

Faodar iarrtas a chur gu An Comunn Gàidhealach gus measadh a dhèanamh aig àm sam bith den bhliadhna ach tron t-Sultain. B’ fheàrr leis a’ Chomunn Ghàidhealaich nam b’ urrainn do dhaoine Measadh a dhèanamh ro ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid.

Bidh agaibh ri Measadh a dhèanamh ro ceann-latha iarrtas a’ Mhòid an ath bhliadhna.

Ma tha sibh airson latha measaidh a chur air dòigh no ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh na measaidhean, cuiribh fios gu seonag@ancomunn.co.uk no cuiribh fòn gu 01463 709 705.

« Back to Mod News List

Oidhche Fosgailte- Mòd Loch Abar 2017

Published: 02 Feb 2017

​Tha Comataidh Ionadail Mòd Loch Abar a’ cumail Oidhche Fosgailte air Diluain 6 An Gearran, 7f aig ‘Oisean a’ Mhòid’ air Àrd-Shràid a’ Ghearasdain.

Gheibhear fios mu dheidhinn: de th’anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, luach eaconamach dhan sgìre agus ciamar a ‘s urrainn dhuibh a bhith an sàs ro làimh no tron tachartas san Dàmhair.

Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh brath chun an duilleag aca no cuiribh post-d thuca air lochabar2017@gmail.com

Bidh fàilte chridheil romhaibh.

« Back to Mod News List

Àite-fuirich rim faotainn- Mòd Loch Abar 2017

Published: 05 Jan 2017

Two rooms within walking distance of Lochaber High School available to rent during the week of the Mod in Lochaber. They are a double and a twin, on ground floor level and served by a toilet/bathroom/shower.

Shared kitchen and sitting room facilities will also be available.

Please phone Isabel on 01397 703 819 for more information

« Back to Mod News List

Aigeallan Airgid 2017

Published: 09 Nov 2016

Feumaidh farpaisich ann an ​A252 (Mnathan) agus A253 (Fireannaich) òran a thaghadh a tha leantainn air cuspair sònraichte.

Airson 2017 ‘s e ‘eileanan’ cuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A252 (Mnathan) agus ‘s e ‘seòladh’ cuspair an òrain do dh’fharpaisich ann an A253 (Fireannaich).

« Back to Mod News List

Shuttle Bus

Published: 17 Oct 2016

​Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ cur bus air dòigh a bhios a’ dol timcheall Tallaichean a’ Mhòid tron t-seachdain.

Ma sibh airson bus a chuir air dòigh- cuiribh fòn gu 07795291551

« Back to Mod News List

Massed Choirs 2016

Published: 12 Oct 2016

​​

Please note that the time for this year’s Massed Choir event has changed to 11.30am

« Back to Mod News List

e-Prògram a' Mhòid 2016

Published: 12 Oct 2016

​Am bliadhna, tha prògram digiteach ri fhaotainn airson feadhainn a tha air Prògram a’ Mhòid fhaighinn air-loidhne.

As dèidh dhuibh am prògram fhaighinn bhon siostam air-loidhne againn bidh lethbhreac ri fhaotainn air coimpiutairean, tablets no smartphones a tha freagarrach airson faidhlean pdf.

Tha sinn an dòchas gu bheil an siostam seo a’ cordadh ribh agus gu bheil e feumail airson fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn Mòd nan Eilean Siar 2016.

« Back to Mod News List

BBC Alba a' Craoladh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 Beò às na h-Eileanan an Iar

Published: 11 Oct 2016

​​

Bidh BBC ALBA a’ craoladh prògraman làitheil bho Mhòd Nàiseanta Rìoghail am-bliadhna anns na h-Eileanan an Iar, nam measg tri prògraman beò bho phrìomh cho-fharpaisean chliùiteach a’ Mhòid.

Is e am Mòd, a tha air a chuir air chois leis a’ Chomunn Gàidhealach, an fhèill as cliùitiche do dh’ealain, ceòl, dùthchas is cànain aig coimhearsnachd na Gàidhlig.

Bidh BBC Gàidhlig a’ riochdachadh prògraman na seachdain bho Dhiluain 17mh gu Dihaoine 21mh Dàmhair a bhios a’ nochdadh air BBC ALBA.

Am-bliadhna, airson a’ chiad uair a-riamh, bidh prògraman beò a’ tighinn gu luchd-amhairc bhon là mu dheireadh den Mhòd le na còisirean mòra a’ strì ann am farpais Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn. Bidh seo a thuilleadh air an dà phrìomh fharpais do sheinneadairean fa leth, Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich air Diciadain agus Bonn Òir an t-Seann Nòis air Diardaoin.

Seo na bhios BBC ALBA a’ craoladh bhon Mhòd:

• Diluain 17mh, 10.00-11.30f – cuid de na thog duaisean bhon chiad là aig Mòd na Cloinne, nam measg an dithis a chaidh urramachadh le Bonn Cuimhneachan Sheumais C. Mhic a’ Phì.
• Dimàirt 18mh, 10.00-11.30f – bidh òigridh a’ nochdadh sa phrògram seo, nam measg am balach agus a’ chaileag a bhuinnig Buinn Airgid phrìseil a’ Chomuinn Ghàidhealaich.
• Diciadain 19mh, 7.30-10.00f – Cathy, beò le Bonn Òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich le Màiri Anna NicUalraig agus Gillebride Mac ‘Ille Mhaoil a’ toirt seachad mìneachadh air na seinneadairean. Cuideachd air a’ phrògram bidh iadsan a bhuannaich Buinn Airgid airson inbhich a tha ag ionnsachadh Gàidhlig.
• Diardaoin 20mh, 7.30-10.00f – craoladh beò bho fharpais Bonn Òir an t-Seann Nòis. Bidh dithis chliùiteach, an craoladair Mòrag Dhòmhnallach agus an seinneadair Sgitheanach Art MacCarmaig, a’ tilleadh a thoirt beachd air an t-seinn. Bidh na còisirean buannachdail bho fharpaisean nan Còisirean Dùthchail, a chumar air an là sin, a’ nochdadh cuideachd.
• Dihaoine 21mh, 1.30-5.00f – beò bho fharpaisean nan còisirean a tha a’ strì gus Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn a chosnadh. Bidh Calum Màrtainn à Leòdhas agus Lisa NicNèill a tha a’ teagasg ceòl ann am Barraigh a’ toirt thugainn mìneachadh air a’ cho-fharpais a thuilleadh air an fharpais airson Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.
• Dihaoine 21mh, 10.00-11.30f – blas bho na còisirean a bhuannaich na prìomh dhuaisean sna lathaichean a dh’fhalbh. Cluinnear òrain bho na Còisirean Sgìreil a thog Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn, Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh agus Geall-dùbhlain Esme Nic a’ Ghobhainn. Bidh na còisirean buannachdail bho fharpaisean nan Còisirean Dùthchail a’ nochdadh, nam measg an fheadhainn a bhuannaich Sgiath Latharna agus Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim McaMhaighstir Caimbeul.

Thuirt Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard Seirbheis BBC ALBA: “Tha sinn cho toilichte prògraman cho tlachdmhor a chraoladh bho Mhòd na bliadhna-sa às na h-Eileanan an Iar. Bidh BBC ALBA a’ toirt barrachd gu luchd-amhairc gach là bho na prìomh fharpaisean. Ann an cuideachd Chathy bidh sgioba cliùiteach a’ toirt bheachdan agus mìneachadh fhads a tha na prògraman a’ dol a-mach beò”.

Bidh Radio nan Gàidheal a’ tairgse craoladh co-amail de na bhios a’ nochdadh air BBC ALBA a thuilleadh air prògraman a bharrachd. A bharrachd air prògram beò bho chuairtean deuchainn Bonn Òir an t-Seann Nòis madainn Diardaoin aig 9m, cluinnear na còisirean dùthchail feasgar Diardaoin aig 1.30f a’ farpais airson Sgiath Latharna agus Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul. Saoil am buannaich Còisir Ghàidhlig Mhealbhaich agus Còisir Ghàidhlig An Eilein Mhuilich am-bliadhna a-rithist? Dihaoine, bidh prògraman a’ Mhòid a’ tòiseachadh aig 10.00m le fàilte bho Mhòrag Dhòmhnallach do chèilidh cliùiteach Mire ri Mòir, agus gu leòr de dh’òrain bhon fheadhainn a choisinn duaisean.

Tha BBC Radio nan Gàidheal cuideachd gu bhith a’ craoladh sreath phrògraman co-cheangailte ris an fhèis, Seòid a’ Mhòid agus Anna Dholaidh nam measg. Cuiridh Seòid a’ Mhòid air Diluain aig 12.03f a’ phrosbaig air cuid de na ceudan a tha a’ dèanamh obair gu saor-thoileach airson an tachartas a chur air dòigh. Air Dimàirt aig 12.03f, Anna Dholaidh, sgeulachd Anna NicLeòid à Leòdhas a tha fad bhliadhnaichean air a bhith a’ toirt cuideachadh do sheinneadairean san t-seann nòs agus iad a’ dèanamh deiseil airson pàirt a ghabhail sa Mhòd.

Thèid naidheachdan cuideachd a chraoladh tron t-seachdain le Aithris na Maidne agus Aithris an Fheasgair air rèidio agus An Là air BBC ALBA a’ toirt prìomh naidheachdan a’ Mhòid chun an luchd-èisteachd agus luchd-amhairc.

Bidh gach prògram, a thuilleadh air na pìosan as fheàrr bhon Mhòd, ri fhaighinn air an làrach http://www.bbc.co.uk/alba.

« Back to Mod News List

Choir Practice Rooms

Published: 07 Oct 2016

​Tha na h-àitichean gu h-ìosal a’ toirt cothrom do choisirean a tha airson practas a dhèanamh ro farpaisean.

Cuiribh fios thuca airson tuilleadh fios agus airson àite fhaighinn:

Sea Angling Club: 01851 702 021

The Crown Hotel: 01851 703 734

Banca Rìoghail na h-Alba, Steòrnabhagh: 01851 763 806

« Back to Mod News List

Fiosrachaidh mu dheidhinn Tiocaidean a' Mhòid 2016

Published: 27 Sep 2016

Tha tiocaidean rim faotainn airson tachartasan Iomall a’ Mhòid agus cuid de dh’fharpaisean a’ Mhòid.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh a thaobh Iomall a’ Mhòid an seo.

Prìsean

Fosgladh Oifigeil
Official Opening

£5 (Buill: An Asgaidh)
£5 (Members: Free)

_________________________________________________________________________________________________________________________

Ar Cànan ‘s ar Ceòl: Cèol nan Innse Gall
Ar Cànan ‘s ar Ceòl: A Hebridean musical showcase

Cèilidh Phìobaireachd
Piping Ceilidh

Fuaigh Fosgail
Fuaigh Fosgail

Solas
Solas

Farpais Crìochnachaidh an Aigeallain Airgid
Silver Pendant Final

Farpais Crìochnachaidh an Dràma
Drama Finals

Farpais Crìochnachaidh nam Bonn Òir
Gold Medal Final

Farpais Latharna agus an t-Siorraim
Combined Rural Choirs

Farpais Crìochnachaidh an t-Seann Nòis
Traditional Final

Mac-talla Cogaidh
E
choes of War

Cèilidh Thraidiseanta an Neach-Gairm
Convener’s Traditional Cèilidh

Farpais Thulaich Bhardainn & NicDhonnchaidh
Combined Area Choirs (Lovat & Tullibarnine & Margrat Duncan)

Àite Mo Ghaoil
Place Of My Heart

£12 (Buill: £6)
£12 (Members: £6)

__________________________________________________________________________________________________________________________

Gach Sgeul
Story Telling

£8 (Buill: £4)
£8 (Members: £4)

__________________________________________________________________________________________________________________________

Càit am faigh mi tiocaidean?

Gheibhear tiocaidean airson na tachartasan seo ron a’ Mhòd bho Oifis a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Steòrnabhagh no air a’ fòn: 01851 703 487.

Bidh tiocaidean rim faotainn tron t-seachdain aig Ionad Fiosrachaidh a’ Mhòid, Sgoil MhicNeacail.

* * *

Tiocaidean airson Fuaigh Fosgail rim faotainn bho Oifis a’ Chomuinn no Bùth MhicGilleBhràith, Baile a’ Mhanaich agus Taigh Chearsabhagh, Loch nam Madadh.

Tiocaidean airson Cèilidh Phìobaireachd rim faotainn bho Bhùth AC MacLean, Bàgh a’ Chaisteil

* * *

Cuideachd, geibhear tiocaidean airson na tachartasan a leanas bhon Lanntair, Steòrnabhagh: Solas, Farpais Crìochnachaidh an Dràma & Àite Mo Ghaoil

* * *

TIOCAIDEAN RI FHAOTAINN AIR LOIDHNE BHO http://enter.ancomunn.co.uk/tickets

Ma tha sibh nur ball, feumaidh àireamh ballrachd a bhith agaibh nuair a tha sibh a’ ceannach thiocaidean. Mur eil fios agaibh air an àireamh agaibh no ma tha ballrachd agaibh, cuiribh fios gu aon de na h-oifisean againn air 01463 709 705 no 01851 703 487.

Ma tha sibh airson ballrachd a thoirt a-mach, tadhlaibh air: www.ancomunn.co.uk no cuiribh fòn gu aon de na h-oifisean againn. Gheibh buill a’ Chomuinn lùghdachadh suas gu 50% air a’ chiad thiocaid airson tachartas sam bith – ‘se sàbhaladh mòr a tha seo dhuibh, gu h-àraidh ma bhios sibh a’ frithealadh mòran fharpaisean tro sheachdain a’ Mhòid!

Ballrachd:
£15 – Inbhich

£5 - Oileanaich

« Back to Mod News List

Mapa airson Mòd nan Eilean Siar

Published: 22 Sep 2016

​Geibhear mapa a’ sealltainn thallaichean agus àitean parcaidh ann am Baile Steòrnabhaigh airson Mòd nan Eilean Siar 2016 gu h-ìosal.

Mapa Baile Steòrnabhaigh

« Back to Mod News List

​Sgeama Measaidh nan Cairtean Gàidhlig

Published: 13 Sep 2016

Cuimhnichibh dèanamh cinnteach ma tha feum agaibh air measadh Gàidhlig a dhèanamh mus gabh sibh pàirt ann an farpaisean.

Ma tha feum agaibh air cairt fhaighinn airson Mòd nan Eilean Siar 2016, cuiribh fios gu Seonag Anderson airson measadh a chuir air dòigh seachdain a’ Mhòid.

Cuideachd, cuimhnichibh gu bheil feum aig inbhich a tha airson Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich no Bonn Òr an t-Seann Nòis a dhèanamh air cairt fhaighinn gach trì bliadhna.

Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh measadh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach tro mheadhain post-dealain gu

seonag@ancomunn.co.uk neo cuiribh fòn gu:

01463 709 705

« Back to Mod News List

*** STIÙBHARDAN***

Published: 08 Sep 2016

​Leis gu bheil Mòd nan Eilean Siar 2016 dìreach còig seachdainnean air falbh, tha comataidh ionadail a’ Mhòid air a bhith a’ sireadh luchd saor-thoileach a bhiodh deònach a bhith nan stiùbhardan air an t-seachdain mhòr fhèin. Tha Neach-Gairm ùr Comataidh Tallaichean agus Stiùbhardachd, Iain MacArtair, a bhuineas do Chàrlabhagh, misneachail mu na dùbhlain a bhios mu choinneamh fhèin agus a’ chomataidh anns na seachdainnean a tha romhainn.

“Tha pàirt cudromach dha rìreabh aig na stiùbhardan ann a bhith a deànamh cinnteach gu bheil a h-uile càil a’ ruith mar bu chòir, agus tha feum air grunnan dhiubh, gu h-àraidh aig toiseach an t-seachdain aig àm farpaisean na cloinne. Le suas gu 30 làrach dha cleachdach aig an aon àm, tha e cudromach gu bheil gu leòr dhaoine deònach taic a thoirt seachad. ‘S e dòigh air leth a tha seo a bhith a’ gabhail pàirt sònraichte ann am Mòd nan Eilean Siar 2016 agus fìor bhlas a’ Mhòid fhaighinn. Bhiodh sinn toilichte cluinntinn bho neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan, ceòl agus cultar nan Gàidheal”.

Mar a mhìnich Iain:

Ma tha ùidh agaibhse a bhith nur stiùbhard cuiribh fios gu Oifis a’ Chomuinn Ghàidhealaich air 01851 703487 agus leigidh Peigi fios gu Iain MacArtair agus Comataidh Tallaichean agus Stiùbhardach gu bheil sibh air ùidh a chlàradh.

« Back to Mod News List

Duaisean

Published: 28 Jul 2016

Bu chòir dhuibh a bhith mothachail gur e DILUAIN 1 LÙNASTAL 2016 an ceann-latha airson duasain Mòd an Òbain 2015 a thilleadh gu Oifis a’ Chomuinn an Inbhir Nis no Steòrnabhagh. Bu chòir dha na duaisean a bhith glan agus le ainmeanan nuair a thilleas iad.

Taing mhòr dhan a h-uile duine a thill na duaisean mu thràth, le ainmeanan agus air an glanadh.

Ma tha duileaghadas agaibh a thaobh seo, cuiribh fòn gu Oifis Inbhir Nis air 01463 709 705


« Back to Mod News List

C42A

Published: 25 Jul 2016

​​Ann an roinn na h-òigridh anns na h-earranan ainmichte, bu chòir a bhith C42A seach C42, ‘s e mearachd rianachd a tha seo. ‘S e ‘A’ ghaoth’ am pìos fhèin agus ‘s ann dha chlann eadar 11-12 a tha an fharpais.

« Back to Mod News List

Uploading Own Choice Submissions on the Online System

Published: 30 Jun 2016

​- All entries must be paid for before you can submit own choice pieces

- When you have paid for the competition, click on the ‘Manage Submissions’ button (on left hand side of screen)

- You will see the competitions which require own choice music

- Click Add and you will be directed to a page which will allow you to search your computer for your files

- Once selected, upload and finalise the files for your entry to be complete.

- The status of these entries will change to ‘submissions require approval’. An Comunn Gàidhealach staff will be checking andapproving entries in the coming months

Please note: own choice submissions for junior storytelling competitions C21, C25, C41, C41A & C89 are not necessary. However, the system will require for you to upload a document for your submission for your entry to be shown as complete. We ask that you please upload a blank document for this submission.

« Back to Mod News List

Ceann-latha iarrtasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ teannadh airson tagraichean air-loidhne

Published: 23 Jun 2016

​​Tha tagraidhean airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 a’ taomadh a-steach, ach thathas a’ cur an cuimhne daoine gu bheil an ceann là airson iarrtasan air-loidhne mu choinneamh farpaisean a’ teannadh dlùth. Tha gu deireadh na mìos aig daoine, 30mh den Ògmhìos, a tha airson pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna-sa, a thèid a chumail anns na h-Eileanan Siar, airson an t-siathamh turas.

Thuirt Seònaid NicDhòmhnaill, Stiùiriche a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, “Tha làn-chothrom aig farpaisich cur a-steach an cuid iarrtasan on a chaidh an ceann-latha a leudachadh fad mìos na b’ fhaide. Tha an siostam iarrtais ùr againn a chaidh a leasachadh thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad air a dheagh chleachdadh le farpaisich mu thràth, le dùil gum bi fad a bharrachd a’ cur a-steach ro 30mh Ògmhìos. Bu mhath leinn cluinntinn bho fharpaiseach sam bith ma tha trioblaid sam bith aca le bhith a’ cur a-steach iarrtas, agus faodar comhairle a thoirt seachad le seo.”

“Thèid Cuairt Dheireannach nam Bonn Òir a chraoladh beò a-rithist air BBC Alba agus air Rèidio nan Gàidheal oidhche Chiadain seachdain a’ Mhòid, às deidh cho soirbheachail ‘s a bha craoladh Cuairt Dheireannach Bonn Òir an t-Seann Nòis beagan bhliadhnaichean air ais. Chuirear fàilte mhòr air na h-atharrachaidhean seo le farpaisich agus luchd-èisteachd le chèile ‘s tha sinn toilichte gum faigh luchd-coimhid ‘s luchd-èisteachd nas fharsainge an cothrom coimhead air na farpaisean seo a-nist.”

Chuir Neach-gairm na Comataidh Ionadail, Tormod Dòmhallach fàilte air prìomh fhèis chultarail na Gàidhealtachd a’ tilleadh dha na h-Eileanan an Iar. “Tha e air leth freagarrach gun till am Mòd gu na h-Eileanan an Iar seach gur e bun-stèidh a’ Mhòid beartas ar cànan is cultar a’ thaisbeanadh. `S e cànan coimhearsnachd a th’ anns a’ Ghàidhlig sna h-Eileanan agus bi luchd-frithealaidh a’ Mhòid cinnteach gum faighear fàilte fìor Ghàidhealach anns na h-Eileanan am bliadhna-sa.”

Tha Comhairle nan Eilean Siar fhèin a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd a’ tilleadh dha na h-Eileanan, a tha an-còmhnaidh na dheagh àite tarraingeach do luchd-frithealaidh is luchd-èisteachd a’ Mhòid. Thuirt Stiùiriche Poileasaidh, Sgioba na Gàidhlig, Doileag NicLeòid: “Tha Comhairle nan Eilean Siar toilichte dha rìribh taic a chur ris an tachartas am bliadhna-sa agus tha sinn a’ coimhead air adhart gus fàilte a chur air farpaisich, luchd-amharc agus a h-uile duine a bhios an làthair aig na co-fharpaisean agus na tachartasan. Tha a’ Chomhairle air a bhith taiceil don Ghàidhlig anns a h-uile roinn de sheirbheis thairis air na bliadhnachan agus tha an taic sin leantainneach. Tha sinn air a bhith adhartach le cleachdadh na Gàidhlig agus le bhith a’ togail inbhe a’ chànain agus le sin tha e freagarrach gum bi prìomh fhèis na Gàidhlig ga cumail anns na h-Eileanan san Dàmhair.”

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na h-Eileanan Siar eadar 14-22 Dàmhair 2016. Ma tha feum air tuilleadh fiosrachaidh a thaobh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, feuch gun tadhal sibh air www.ancomunn.co.uk no www.modnaneileansiar2016.com.

« Back to Mod News List

Seirbheis-Bìdhe aig a’ Mhòd

Published: 20 Jun 2016

​Bithear a’ toirt seachad Seirbheis-Bìdhe aig Mòd nan Eilean Siar bho Ionad-bìdhe Sgoil ‘Ic Neacail, Steòrnabhagh rè seachdain a’ Mhòid. Gheibhear dìnnear, biadh teth, blasad-bìdhe, tì/cofaidh agus bèicearachd-dachaigh gach latha dhen Mhòd bho 10m-4f. Bithidh lòn ri fhaighinn aig Oifisean Chomhairle nan Eilean Siar cuideachd le bhith ag òrdachadh ro-làimh.

Ma tha an còisir agaibh biadh fhastadh aig amannan sònraichte tron t-seachdain, faodar fios a chur gu Louise Laing, post-d: louise.laing@cne-siar.gov.uk neo fòn: 01851 822 733, ro-làimh.

Thèid clàr-bìdh a chuairteachadh gu buidhnean sam bith aig a bheil ùidh.

« Back to Mod News List

Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016, na h-Eileanan an Iar- Farpaisean Pìobaireachd

Published: 10 May 2016

​Tha obair ullachaidh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 a-nis aig àrd-ìre agus bu mhath leis a’ Chomunn Ghàidhealach cur an cuimhne fharpaisich pìobaireachd gum feumar tagraidhean a bhith a-steach ro Dihaoine 8mh Iuchar 2016, ‘s nach tèid gabhail ri tagraidhean anmoch neo neo-chrìochnaichte a gheibhear an-dèidh a’ cheann-latha sin.

‘S e seo an t-siathamh turas a thèid am Mòd a chumail sna h-Eileanan an Iar ‘s thèid farpaisean Pìobaireachd na h-òigridh ‘s nan inbheach a chumail ann an Sgoil Lionacleit ann am Beinn na Faoghla am bliadhna Disathairne 15mh Dàmhair 2016

Thuirt Pauline Craib, rùnaire Comunn Phìobaireachd Uibhist is Bharraigh, “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ cumail farpaisean pìobaireachd a’ Mhòid am bliadhna. ‘S e eachdraidh phròiseil, fharsaing a th’ aig na h-Uibhistich a thaobh na Pìobaireachd ‘s tha an t-uamhas de thàlant a-measg nam pìobairean òga anns na h-Eileanan , mar sin, ‘s ann gu math iomchaidh a tha e gun till farpaisean pìobaireachd a’ Mhòid dhan na h-Eileanan seo.”

Feumar foirmean airson farpaisean pìobaireachd a chur a-steach gu An Comunn Gàidhealach ro Dihaoine 8 Iuchar 2016. Faodar tagraidhean a chur a-steach air loidhne: https://www.ancomunn.co.uk/nationalmod/entryform. Faodar foirm iarrtais a luchdachadh a-nuas agus air a chur a-steach tron phost cuideachd. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na farpaisean fhèin sa chlàr-eagair aig: https://www.ancomunn.co.uk/nationalmod/rules

Thathas a’ cur an cuimhne farpaisich na h-òigridh mu dheidhinn fharpais fhosgailte Phìobaireachd fo aois 19 bliadhna, an roghainn fhèin .‘S e seo an ceathramh bliadhna a tha an fharpais ga ruith.

Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns na h-Eileanan an Iar eadar 14mh agus 22mh Dàmhair 2016.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu An Comunn Gàidhealach air am fòn, 01463 709705 air neo air a’ phost-d: info@ancomunn.co.uk

« Back to Mod News List

Ceann-lath Ùr airson Mòd 2016

Published: 22 Mar 2016

Bu chòir dhuibh a bhith mothachail gu bheil sinn air na cinn-latha atharrachadh airson foirmean agus earrainnean ainmichte Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo.

Ma tha sibh a’ cuir foirmean thugainn sa’ PHOST, feumar seo a dhèanamh ro 31 Cèitean 2016. Ma thig foirmean thugainn tron phost as dèidh an ceann-latha seo, CHA TÈID GABHAIL RIUTHA.

Ma tha sibh a’ cuir bh’ ur pìosan fèin-thaghte thugainn tron PHOST, feumar seo a chur thugainn ro 31 Cèitean 2016 cuideachd.

Tha ceann-latha ùr ann airson duine sam bith a tha airson cuir a-steach airson farpaisean air-loidhne. Bidh agaibh gu 30 Ògmhios 2016 airson cuir a-steach airson farpaisean tron làrach-lìn. ‘S e seo an ceann-latha airson pìosan fèin-thaghte a chur a-steach air-loidhne cuideachd.

CHA GHABH sinn foirmean no pìosan fèin-thaghte tro post-dealain idir.

Feuch nach fhàg sibh seo chun a’ mhionaid mu dheireadh, gun fhios nach bidh duilgheadasan sam bith agaibh.

Mar a bhios sibh mothachail, tha sinn air a bhith ag obair air an siostam air-lòidhne againn thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad agus tha sinn an dòchas gun cleachd a’ mhòr-chuid de na farpaisich an goireas seo. Leis gu bheil mìos a bharrachd
aig farpaisich ri cuir a-steach airson farpaisean air-loidhne, tha sinn an dòchas gun toir seo air barrachd an siostam seo a chleachdadh. Ma bhios cuideachadh sam bith a dhìth oirbh leis, cuiribh fios thugainn aig àm sam bith.

CINN-LATHA

Tron phost – 31 Cèitean 2016

Pìosan fèin-thaghte tron phost – 31 Cèitean 2016

Air-loidhne – 30 Ògmhios 2016

Pìosan fèin-thaghte air-loidhne – 30 Ògmhios 2016

Leis gum bidh feadhainn de na sgoiltean a’ dùnadh airson saor-làithean na Sàmhraidh ro cheann-latha an t-Ògmhios, dèanaibh cinnteach gun cuir sibh àireamh-fòn air na foirmean agaibh far am faigh sinn grèim oirbh thairis air na saor-làithean. Ma bhios duilgheadasan sam bith ann agus mur a bidh dòigh againn faighinn grèim oirbh, dh’ fhaodadh seo buaidh a thoirt air an àite agaibh san fharpais.

Feuch gun cuir sibh an fhiosrachadh cudthromach seo air adhart gu farpaisich, tidsearan, Rùnairean sam bith agus mar sin air adhart a bhios a’ dèiligeadh ris na foirmean agaibh.

« Back to Mod News List

Cuairt a’ Mhòid

Published: 02 Feb 2016

Leis Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh chun na h-Eileannan an Iar am-bliadhna, chìthear sgioba a’ Chomuinn a’ tarring orra le ‘Cuairt a’ Mhòid’ sa Ghearran ‘s a’ tadhail air sgoiltean air feadh Eilean Leòdhais. Thèid Cuairt a’ Mhòid a
chumail thairis air seachdain gus aire a’ Mhòid a thogail agus clann a bhrosnachadh a thaobh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, a thèid a chumail san Dàmhair, 2016. Bidh Seumas Greumach, Manaidsear a’ Mhòid, agus Seonag Anderson, Rianadair a’ Mhòid, a’ stiùireadh an sgioba le luchd-ciùil ionadail, Andy Yearly, Louisa Barron agus Stephen Drummond nam measg. Mar phàirt den Chuairt seo agus, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, bithear a’ cur cuideam air dòighean innse sgeulachdan, rud a chòrdas ris a’ chloinn.

Chaidh Cuairt a’ Mhòid a stèidheachadh an-uiridh san Òban ‘s iad a’ tadhail air 12 sgoiltean sa sgìre. Bha an Iomairt gu math soirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh chloinne gus pàirt a ghabhail sa Mhòd agus gus ùidh san fhèis ath-bheothachadh a-measg fharpaisich òga.

Bidh am Mòd a’ tighinn dha na h-Eileanan airson an 6mh turas na eachdraidh am bliadhnas tha luchd-eagrachaidh a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi làn-riochdachadh aige bho nah-Eileanan air fad.

Thuirt Seonag Anderson, Rianadair a’ Mhòid, “S e sgeama a tha ann an Cuairt a Mhòid a tha An Comunn Gàidhealach airson cumail a’ dol gach bliadhna ann an ceàrnaidhean eadar-dhealaichte, airson aire chloinne a tharraing gu na Mòdan ionadail agus nàiseanta ann an dòigh aotrom, spòrsail agus inntinneach. Thathas an dòchas gun tog seo aire òganaich ann an cànan agus cultar na Gàidhlig agus gum bi na mòdan mar mheadhan a thaobh sgilean ciùil agus cànain a leasachadh. Bhiodh e na thlachd dha-rìribh riochdachadh mòr bho na h-Eileanan fhaicinn a’ gabhail pàirt sa Mhòd am-bliadhna, gu h-àraidh leis gu bheil na h-Eileanan làn thàlant a leithid.”

Thathas an dòchas gum bi sgioba a’ Chomuinn a’ tadhail air sgoiltean air feadh nan Eilean Siar nas fhaide sa bhliadhna. Thuirt Seonag, “Gu mì-fhortanach, cha cheadaich an tìde dhuinn faighinn timcheall a h-uile sgoil sna h-Eileanan an triop seo, ach tha sinn airson ceilidh air sgoiltean sna Hearadh, an Uibhist agus ann am Barraigh roimhe a’ Mhòid.

Bha suas ri 10,000 neach a’ frithealadh Mòd Nàiseanta Rìoghail an-uiridh, a chunnacas farpaisich bho air feadh na h-Alba, còisirean Gàidhlig às a’ Ghearmailt agus Canada agus farpaisich inbheach à Astràilia a’ gabhail pàirt. Aig fèis iomall a’ Mhòid bidh cuirmean, seiseanan, òraidean is eile ann an diofar àiteachan air feadh na fèise naoi-latha.

Thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 a chumail sna h-Eileanan an Iar eadar 14-22 Dàmhair. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh tadhailibh air: www.ancomunn.co.uk.

« Back to Mod News List

Club 400 Mòd nan Eilean Siar

Published: 29 Jan 2016

Meal an naidheachd dha John Y Moireach, Ceann Loch Gilp, a fhuair an 1mh duais (£250) ann an Club 400 Mòd nan Eilean Siar san Fhaoilleach. Fhuair Joan Bower, Dùn Deagh an 2mh duais (£100) agus fhuair Ealasaid NicIlleathain, Steòrnabhagh, an 3mh duais (£50).

Thèid duaisean an ath mhìos a thogail air an 26mh den Ghearran 2016.

« Back to Mod News List

Club 400 Mòd nan Eilean Siar

Published: 15 Dec 2015

Meal an naidheachd air John Y Murray, Ceann Loch Gilp, a bhuannaich £250 ann an Club 400 Mòd 2016 airson an t-Samhain. Chaidh £100 gu Elizabeth NicIllethain, Steòrnabhagh agus £50 gu Dòmhnall Macleòid, Steòrnabhagh.

Thèid Club 400 an Dùbhlachd a chumail air an 18mh den Dùbhlachd, dìreach ron an Nollaig!

« Back to Mod News List

Duaisean Leabhraichean Mòd 2015

Published: 02 Dec 2015

Thàinig grunn leabhraichean a-steach thugainn airson farpaisean Mòd na bliadhna seo.

Tha sinn a’ cur meal a naidheachd air an fheadhainn a fhuair na duaisean. Seo iad gu h-ìosal:



Leabhar Cloinne

‘Cairistìona Camaillean’

Ùghdar / Author: Catriona

NicIlledhuibh

Air a chlò-bhualadh le / Publisher: Acair

Mu dheidhinn an leabhar seo: Tha Cairistìona diùid. Nuair a bheir a’ ghaoth leatha i gu eilean beag Gàidhealach, feumaidh i dòigh a lorg gus tilleadh dhan fhàsaich. An tèid i am falach, no am bi misneachd gu leòr aice gus cuideachadh iarraidh?

Leabhar Deugairean

‘Saighdearan nan Sràidean’

Ùghdar: Fiona Nic an Aba

Air a chlò-bhualadh le: Acair

Mu dheidhinn an leabhar seo: Nuair a bha Caitlin NicRathna boil a’ falbh a Ghlaschu air saor-làithean, cha do smaoinich i riamh gum biodh fadachd oirre tilleadh. Ach rinn na thachair ann an Glaschu dragh mòr do Chaitlin.

Leabhar Inbhich


‘Dol Fodha na Grèine / The Going Down of the Sun’

Ùghdar: Comunn Eachdraidh Nis

Air a chlò-bhualadh le: Acair

Bha Dol Fodha na Grèine air a’ gheàrr-liosta airson Duaisean Saltire na bliadhna seo. Mealaibh ur naidheachd airson seo!

Mu dheidhinn an leabhar seo: Cruinneachadh de dhealbhan agus sgrìobhaidhean bhon sgìre eadar Sgiogarstaigh agus Baile an Truiseil, Eilean Leòdhais. Air fhoillseachadh le Acair ann an co bhonn le Comunn Eachdraidh Nis, a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon Chogadh Mhòr.

‘Se leabhar dà-chànanach a tha seo.

« Back to Mod News List

Brot is Milsean

Published: 16 Nov 2015

​Thig còmhla rinn airson brot is milsean gu math blasta Dihaoine 20mh Samhain. Bidh sinn a’ togail airgead airson Mòd nan Eilean Siar 2016

An dòchas gum faic sinn ann sibh!

« Back to Mod News List

Duilleagan Breithneachaidh

Published: 16 Nov 2015

Thathar an dòchas gum bi na duilleagan breithneachaidh a bha air fhàgail às dèidh Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain a chuir a-mach sa phost ro deireadh na seachdaine. Mur eil iad agaibh ro Dihaoine, cuir fios thugainn ann an oifis a’ Chomainn Inbhir Nis.

01463 709 705

« Back to Mod News List

Errannan Ainmitche

Published: 13 Nov 2015

Earrannan Ainmichte rim faotainn airson Mòd nan Eilean Siar 2016!

Gheibhear an ceannachd air-loidhne an seo.

No ‘s urrainn dhuibh an ceannachd,aig aon de na h-oifisean againn:

An Comunn Gaidhealach
Taigh Bhaile an Athain,
40 Sraid Hunndaidh,
Inbhirnis.
IV3 5HR

Fon: 01463 709705

Post-d: info@ancomunn.co.uk



Clarsach

Gheibhear tuilleadh fiosrachadh bho:

Michelle Kelly,
Rianadair Comunn na Clarsaich Studio G43,
Out of the Blue Drill Hall,
36 Sraid Dalmeny,
Dun Eideann.
EH6 8RG

Fon:0131 554 0212

Post-d:office@clarsachsociety.co.uk

« Back to Mod News List

Mòdan ri thighinn

Published: 16 Oct 2015

Mòd nan Eilean Siar - 14-22 Dàmhair 2016

Mòd Loch Abar - 13-21 Dàmhair 2017

Mòd Dhùn Omhain - 12-20 Dàmhair 2018

Mòd Ghlaschu - 11-19 Dàmhair 2019

« Back to Mod News List

Ceilidh na Cloinne

Published: 10 Oct 2015

​Oidhche spòrsail dha clann agus teaghlaichean. Beagan ùine airson faochadh fhaighinn bho na farpaisean Diluain agus Dimàirt!

« Back to Mod News List

Cearcall Ciùil

Published: 10 Oct 2015

​Tha tòrr a’ dol anns an Òban an t-seachdain seo. Thigibh gu na taighean-seinnse airson deagh cheòl is craic

« Back to Mod News List

Fighe

Published: 10 Oct 2015

​Obair ùr bho Raonaid Walker a tha air duaisean a chosnadh, stèidhichte air òrain is ruitheaman bho ghnìomhachas aodaich na h-Alba. Bidh Art MacCarmaig agus Fiona Nic an t-Sealgair cuideachd nam pàirt den taisbeanadh fìor mhath seo. Ann an co-bhann le Comunn Dunollie

« Back to Mod News List

Seann Bhaile an Òbain

Published: 10 Oct 2015

​Gabh iongnadh mu na caractaran agus na suidheachaidhean a tha air cumadh a thoirt air an Òban thar nam bliadhnaichean le Bob MacCulloch agus ceòl tùsail bho Erik Spence agus Dave Mason.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council