Published: 29 Sep 2025
Bidh Mòd Ionadail Ùr ann am Moireibh, fo stiùir Buidheann Gàidhlig Mhoireibh agus An Comunn Gàidhealach. Bidh an tachartas ùr na àrd-ùrlar do chànan, chultar agus ceòl na Gàidhlig ann an Eilginn Dihaoine 11d Sultain 2026.
Togaidh an tachartas ùr seo air fèisean a bh’ ann am Moireibh gus cànan is cultar na Gàidhlig a thaisbeanadh. Bidh Moireibh am measg lìonra 22 Mhòd Ionadail air feadh na h-Alba.
Tha Mòdan Ionadail air leth cudromach ann an leasachadh cànan, eachdraidh agus dualchas aig ìrean ionadail agus nàiseanta, agus tha Moireibh am measg na sgìrean aig a bheil tachartasan ùra nan coimhearsnachdan.
Am measg farpaisean is gnìomhadh aig Mòd Ionadail Mhoireibh bidh seinn, pìobaireachd, clàrsach, fidheall is eile, is an tachartas a’ freagairt air gach aois is buidheann – leithid clann sgoile na sgìre is feadhainn a tha nas eòlaiche air a’ Ghàidhlig.
Tha an naidheachd seo ga sgaoileadh dìreach seachdainean air toiseach air an tachartas Gàidhlig as motha air an t-saoghail: Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, far an cruinnich na mìltean aig farpaisean, cuirmean, cèilidhean, is eile tharais air naoi làithean.
Tha eachdraidh na Gàidhlig follaiseach ann an ainmean àite sgìre Mhoireibh. O chionn ghoirid tha Buidheann Gàidhlig Mhoireibh, le buill saor-thoileach a tha ag ionnsachadh a’ chànan, air a bhith ag obair le com-pàirtichean gus ìomhaigh cànan is cultar na Gàidhlig a thogail.
Chaidh obair mhòr a dhèanamh a leithid trì clasaichean a chur air bhonn, foillseachadh air ainmean àite na sgìre, Gaelic Place Names of Moray, buidheann còmhraidh ‘Srùbag’ agus Latha Cruinneachaidh nan Gàidheal gus daoine thoirt cruinn còmhla.
Thuirt Mìcheal Ó Fhlaithbheartaigh bho Buidheann Gàidhlig Mhoireibh: “Chan e a-mhàin gun tarrainn Mòd Ionadail Mhoireibh coimhearsnachdan còmhla ach cuideachd gun cùm e taic ri obair Chomhairle Mhoireibh ann a bhith cur an gnìomh am Plana Gàidhlig.
“Bidh sinn air ar dòigh co-obrachadh gus am bi am Mòd soirbheachail agus gum bi e mar phàirt de bheartas cultarail Mhoireibh.”
Thuirt Fionna NicCoinnich, Oifigear nam Mòdan Ionadail, An Comunn Gàidhealach: “Tha e na thoileachas gum bi Mòd Ionadail ùr ann am Moireabh. Brosnachaidh Mòdan Ionadail Gàidhlig ann an coimhearsnachdan is bidh am Mòd ùr a’ ceangal barrachd dhaoine chun a’ chànan. Mar chuideigin a thogadh ann am Moireabh tha e gu math sònraichte gum bi Mòd Ionadail anns an sgìre dham buin mi fhèin.
“Tha e na adhbhar misneachd gu bheil Gàidhlig ann an sgìrean Albannaich eadar-dhealaichte agus daoine a’ dèanamh ceangal ri ar cànan dùthchasail. Comharrachaidh am Mòd Ionadail ùr eachdraidh Ghàidhlig Mhoireibh agus bheir e cothrom dha daoine a thighinn an sàs sa Ghàidhlig ann an dòighean as ùr.”
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis: “Tha fàs soirbheachais Am Mòd Nàiseanta Rìoghail na shamhla air mar a tha leasachadh na Gàidhlig a’ neartachadh choimhearsnachdan – ach le farsaingeachd cho mòr air mar a tha a’ chànan air a cleachdadh air feadh na dùthcha, tha e cudromach gun tèid a’ Ghàidhlig a chomharrachadh ann an dòigh a fhreagras air coimhearsnachdan ionadail.
“Tha Mòdan Ionadail a’ fàs: an dà chuid cia mheud Mòd a th’ ann agus àireamh feadhainn a tha an sàs annta. Abair gu bheil mi toilichte gum bi Mòd Ionadail ann am Moireabh an ath bhliadhna, a’ cuir ri dualchas Gàidhlig na sgìre.”
Thathar a’ brosnachadh daoine a dhol an sàs le bhith bruidhinn ris an luchd-eagrachaidh no a dhol chun chiad choinneamh aig Buidheann Stiùiridh a’ Mhòid. Bidh seo ann an seòmraichean coinneimh Inkwell ann an Cafaidh Òigridh Eilginn aig 7f Dimàirt 14mh Dàmhair 2025.
Am measg na buidhnean a tha an sàs tha An Comunn Gàidhealach, luchd-eagrachaidh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, Comhairle Mhoireibh agus Buidheann Gàidhlig Mhoireibh.
Tachraidh Mòd Ionadail Mhoireibh ann an Eilginn Dihaoine 11d Sultain 2026. Tadhalaibh air www.gaelicinmoray.com.
Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar 10 – 18 Dàmhair 2025. Tha tiogaidean airson na prìomh thachartasan rim faighinn an seo.