Published: 05 Jun 2025
Bha Mòd Ionadail air leth soirbheachail ann an Cille Bhrìghde an Ear Disathairne 31d Cèitean. Chòrd e ri na farpaisich agus teaghlaichean a bha an sàs is thug na breitheamhan iomradh air cho math ’s a bha a’ Ghàidhlig agus an ceòl air àrd-ùrlar. Sna dealbhan chithear Còisir Bhun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail agus Lily, ’s i choisinn na comharran Gàidhlig as àirde.
Bu mhath leinn taing a thoirt dhan Comataidh Ionadail, britheamhan, farpaisich, luchd-obrach na sgoil, teaghlaichean agus luchd-obrach A’ Chomuinn a dh’obraich còmhla gus Mòd cho math a chuir air a chasan.