Naidheachdan

Taisbeanadh Ghuthan is Dàin Ghàidhlig: Fèill mhòr air an dara cuibhreann den Mhòd

Published: 14 Oct 2026

​Urram do sgoilearan fileanta agus farpaisean cliùiteach nan Inbheach a’ tòiseachadh, duaisean litreachais na measg

Farpaiseach Mòid òg

Toiseach-tòiseachaidh dara leth Mòd Nàiseanta Rìoghail 2026 ann an Glaschu agus abair gu bheil na duaisean airson seinn is aithris gan toirt seachad tric is bitheanta.

Thàinig prògram farpaisean fileantaich òg gu crìoch Dimàirt agus ann an Seinn Traidiseanta Aon-neach Nigheanan Fileanta 13-15, choisinn Flora Scott, còig-bliadhna deug à Sgoil an Tairbeirt, Na Hearadh an dà chuid Aigeallan Airgid an t-Seann Nòis agus Cuach Cuimhneachan Anna Cheallaidh NicDhòmhnaill airson na comharran as àirde ann seinn seann nòis. Ann am farpais nam Balach choisinn Joe Thunder còig-bliadhna deug à Ard-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu Prìne-Fèilidh Airgid an t-Seann Nòis.

Ann am farpais Seinn Aon-neach aig aoisean 13-15, choisinn Rebecca Anne NicDhòmhnaill, ceithir bliadhna deug à Sgoil Lionacleit ann am Beinn na Faoghla, Aigeallan Airgid A’ Chomuinn Ghàidhealaich agus ann am farpais nam balach choisinn Seumas MacLeòid à Sgoil an Tairbeirt, Na Hearadh Prìne-Fèilidh Airgid A’ Chomuinn Ghàidhealaich.

Bha farpaisean nan còisirean a’ cheart cho sònraichte. Ann am farpais aois 13-18 airson seinn Còisir Aon-fhuaimneach Fosgailte, thog Còisir Sgoil Sir E Scott às Na Hearadh, Geall-dùbhlain na Mnatha Uaisle Chaimbeul Bhlàirich, agus Geall-dùbhlain Aonghais M Rois airson na comharran as àirde ann an Gàidhlig. Thog iad cuideachd Geall-dùbhlain Belle Chaimbeil ann am farpais Puirt-à-Beul Còisir Fosgailte 13-18, na duaisean sin a’ dèanamh an slighe gu na h-Eileanan an Iar.

Agus cha do dh’fhàg iad aig an sin e agus iad a’ toirt dhachaigh leotha Geall-dùbhlain Tìm an Òbain ann am farpais Còisir Co-sheirm Fosgailte agus Cupa na Mnatha Uasail Hobbs à Inbhir Lòchaidh airson na comharran as àirde ann an Gàidhlig.

Shoirbhich cuideachd le còisirean fosgailte fo aois 13 is iadsan mar an ceudna a’ leigeil a-mach an guthan. ’S iad Còisir Òg Mhuile a thàinig am bàrr ann am farpais Còisir Aon-fhuaimneach Fileantaich a cosnadh Geall-dùbhlain Chomataidh Sgìreil Bhàideanaich agus Srathspèidh.

’S iad Còisir na h-Òige BSGI à Inbhir Nis a choisinn Geall-dùbhlain Meur Abar Phuill is an Sgìre le mar a sheinn iad an òran ainmichte, Eilean mo Ghaoil ann am farpais Còisir Aon-fhuaimneach Fileantaich fo 13 agus Cupa na Mnatha Uasail Schroder ann am farpais Còisir Puirt-à-Beul Fileantaich. Le na comharran as àirde thar na farpaisean uile thug Còisir na h-Òige BSGI dhachaigh leotha Geall-dùbhlain Cuimhneachaidh na Mnatha Uasail Anna Ghrannd na Lagain do Chòisir Co-sheirm Fileantaich còmhla ri Geall-dùbhlain Susan NicPheadrais, Caledonian Mhic a’ Bhruthainn.

Ann am farpais a tha air leth tarraingeach - Cogadh nan Còmhlan, ’s iad Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil à Barraigh a thàinig am bàrr air chàch. Bha ochdnar sa bhuidheann a fhuair taic bho Lisa NicNèill, an tidsear aca - agus chrath iad dhiubh na còmhlain eile a’ togail Cuach Ailein Tòmas MhicMhìcheil a chosnadh dhaibh pèin, còmhla ri ùine chlàraidh shònraichte aig stiùidio proifeasanta.

A’ gluasad air falbh bho chomhstrì gu cruinneachadh às annas le consart An Drochaid, bha Màiri Anna NicUalraig a bhuineas don bhaile seo òs cionn consart na rionnagan aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu, is an talla làn ceòl à Ìle, Leòdhas is Na Hearadh, Muile agus Eilean Ì, Uibhist is Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach agus Tiriodh.

An-diugh, gluaisidh am fòcas gu prògram farpais nan Inbhich, agus Duaisean Litreachais a’ gabhail àite. Tha farsaingeachd de dhiofar sheòrsa gan comharrachadh agus tachartas na duaisean a’ tòiseachadh aig 12f aig Colaiste Baile Ghlaschu. An làthair bidh Bàrd a’ Chomuinn, Anna C Frater, a bhios a’ tòiseachadh an dara bliadhna aice san dreuchd. An dèidh na duaisean bidh Leabhar ga chuir air bhog – Dualchasan an Eilean Sgiathanaich – ath-dheasachadh air leabhar Alasdair MhicNeacail le ogha a pheathar, Coinneach MacIllEathain.

Ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu bidh farpais luchd-ionnsachaidh inbhich a’ gabhail àite agus An Aigeallan Airgid a’ feitheamh air an neach a shoirbhicheas. Bidh na mnathan a’ seinn an òran ainmichte, Ille dhuinn ’s toil leam thu, agus na fir a’ gabhail Caismeachd Chloinn Chamshroin.

Tha an t-seinn aig sàr àrd ìre a’ leantainn aig 7.30f le Farpais Crìochnachaidh Buinn Òr A’ Chomuinn Ghàidhealaich, le cuid de sheinneadairean cliùiteach shaoghal na Gàidhlig. Ann am farpais nam ban cluinnidh luchd-èisteachd an òran ainmichte An roghainn agus ann am farpais nam fir cluinnear ’S gun òlainn slàinte Theàrlaich.

A’ gluasad bho sheinn gu àrd-ùrlar, fosglaidh Co-fharpais Dràma nan Inbheach Fosgailte aig 7f ann an Òran Mór an taobh an iar Ghlaschu. Tha buidhnean à Glaschu, Inbhir Nis, Cille Mhoire agus Ìle a’ dèanamh spàirn ri Cluicheadairean Uibhist a rinn a’ chùis air an fharpais an-uiridh.

A’ cothromachadh an làn phrògram de dh’fharpaisean tha tachartasan air an iomall. Na measg tha am film goirid Beura, a’ toirt ìomhaigheachd às ùr air Bhana-dhiathan Cheilteach an urra ri nàdar, stoirmean agus geamhraidhean. Aig Bar 442 gheibhear blasad beag air Ruma, Sùgh-aitein agus Uisge-beatha. Tha cuideachd Prògram de dh’fhilmichean ghoirid GFT le trì dhiubh sin a’ togail air Call an Iolaire, le fàilte air luchd-dèanamh nam filmichean agus cothrom ceistean a chur.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich “Tha fèill mhòr air farpaisean crìochnachaidh an latha an-diugh agus fadachd air daoine gu cluinntinn co bhuannaicheas cuid de na farpaisean as cliùitiche agus as eachdraidheil. Taisbeanadh den Ghàidhlig aig an ìre as àirde, seo an fhìor chomharra air ar cànan is ar cultar, agus chan eil teagamh nach bi faireachaidhean làidir na chois.”

“Air falbh bho na farpaisean, tha comataidh ionadail na bliadhna seo còmhla ri luchd saor-thoileach air obair ionmholta a choileanadh, a’ lìbhrigeadh tachartasan air an iomall a tha beòthail, tarraingeach agus – ’s dòcha buileach cudromach – sòisealta, le làithean ann fhathast a bheir toileachas do dhaoine.”

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Rathbones Group Plc

Rathbones Group Plc

VisitScotland

VisitScotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow