Published: 16 Oct 2026
Rionnagan an t-seann nòis ag ullachadh airson cèilidh mhòr Gael Force 10 aig na Barrowlands

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tighinn gu ceann an-diugh le latha mòr eile de dhuaisean rin cosnadh agus prògram làn de cheòl beò.
Abair gu robh caithream agus buaidh-ghuthan ri chluinntinn a-raoir an dèidh farpaisean Bonn Òr an t-Seann Nòis agus Còisirean Dùthchail is an fheadhainn a bhuannaich gu tur air an dòigh.
Ann am farpais an t-seann nòis far a bheil na seinneadairean a taghadh òrain thraidiseanta ’s i, Anna NicGriogair à Glaschu agus ’s e Iain MacCormaig às an Eilean Sgitheanach a choisinn na buinn.
Thug iad le chèile seachad fìor choileanadh air na h-òrain a thagh iad, agus tha Iain a-nis air dà bhonn òir a choisinn agus e air Bonn Òir a bhuannachadh ann am Pàislig ann an 2023.
Thuirt Iain MacCormaig am fear a choisinn Bonn Òr an t-Seann Nòis: “Tha mi air leth toilichte le mar a chaidh gnothaichean na h-oidhche a-nochd. Thàinig piseach air mo ghuth dìreach aig an àm cheart oir bha mi a’ fulang agus a’ strì gu mòr le gnothaichean ro làimh. Agus mar sin bha e na fhaochadh gun d’ fhuair mi tron na h-oidhche a-nochd, agus tha e nas fheàrr buileach gur e seo mar a chrìochnaich e dhomh. Tha e gu math doirbh a bhith ga chuir ann am faclan dè tha seo a’ ciallachadh dhomh, tha mis’ air a bhith a’ frithealadh mòdan fad mo bheatha agus tha mi a-nis aig aois ceithir bliadhna fichead, is cha mhòr nach eil seo mar an caibideil crìochnachaidh air mo chuid àrach.”
Thuirt Anna NicGriogair an tè a choisinn Bonn Òr an t-Seann Nòis: “Chan eil mi ga chreidsinn! ’S e urram a th’ ann seo a chosnadh ach gu sònraichte anns a’ bhaile agam fhèin, abair urram, tha mi dìreach air mo dhòigh. Bha mi a’ dèanamh mòdan nuair a bha mi na b’ òige anns a’ bhun-sgoil agus san àrd-sgoil, ach ’s e a’ chiad mòd a rinn mi mar inbheach ’s e Mòd Phàislig ann an 2023, agus air sgàth ’s gu robh e ann an Glaschu, am baile agam fhèin, shaoil mi gun dèanainn e rithist agus tha mi cho toilichte gun chuir mi a-steach air a shon. ’S e urram mhòr a tha seo, tha fios agam gu bheil tòrr sheinneadairean a choisinn romham agus bi mi a’ giùlain seo trom bheatha. Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do Kenna Chaimbeul a thug tòrr taic dhomh le na h-òrain agus taing shònraichte do m’ athair agus mo sheanmhair air sgàth taic leis a’ Ghàidhlig agus mo bhrosnachadh leis an t-seinn agam.”
Chuir Glaschu cuideachd fàilte air a’ chiad farpaisean chòisirean inbhich le buidhnean à Muile, Ìle, Glaschu, Barraigh agus iomadh ceàrnaidh eile. Ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu bha na Còisirean Dùthchail, iadsan uile a’ seinn aig àrd an comais.
’S e Còisir Sgìr’ a’ Bhac, à Eilean Leòdhais, fo stiùir Avil Allen, a thog Sgiath Latharna agus ann an Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul ’s iad Còisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich fo stiùir Donna Dugdale a thàinig am bàrr air chàich.
Tha aon bliadhna deug bho choisinn Còisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich an tiotal mu dheireadh agus ’s e Glaschu a thug dhaibh an tiotal às ùr fo stiùir Donna Dugdale, agus an turas mu dheireadh a choisinn Còisir Sgìr’ a’ Bhac, Sgiath Latharna ’s ann san Òban ann an 2024.
Thuirt Avril Allen, Stiùiriche Còisir Sgìr’ a’ Bhac: “Tha sinn air leth toilichte. Sheinn sinn na h-òrain cho math sa b’ urrainn dhuinn, gu h-àraid ar roghainn fhèin a bha làn faireachadh agus òran air a bheil sinn cho measail. Thàinig sinn far na stèidse agus thuirt sinn - ‘bheil fhios agaibh dè, chan eil diofar dè an co-dhùnadh a bhios ann,’ mar sin ’s e bonas a th’ ann buannachd.
“’S e buidheann sònraichte a th’ ann am buill a’ chòisir, tha dàimh agus càirdeas eatorra. Tha mòran aca a dh’fhàs suas còmhla ach tha iad cho fosgailte. Bha buill ùr againn am bliadhna agus tha e a’ còrdadh rinn nuair a tha daoine ag iarraidh a bhith còmhla rinn. Tha a h-uile duine gu math dòigheil. Tha iad a’ creidsinn ann a bhith ag innseadh na sgeulachd, agus a’ brosnachadh na Gàidhlig - cha b’ urrainn dhomh a bhith ag obair le buidheann nas fheàrr.
“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil comataidh a’ Mhòid ann an Glaschu air obair mhòr a dhèanamh gu Mòd a tharraing a Ghlaschu. Tha iad air an dleastanas a choileanadh agus tòrr mòr a bharrachd air, agus bha an còisir aon-ghuthach ag aontachadh.”
Thuirt Donna Dugdale, Stiùiriche Còisir Ghàidhlig an Eilein Mhuilich: “Ghabh mi dìreach iongnadh- cha robh dùil againn ri àite fhaighinn san fharpais, mar sin tha sinn glan air ar dòigh. Bha sinn gu math socair agus dìreach airson gun còrdadh e rinn. B’ àbhaist do Vic Linaman, a sgrìobh ar roghainn fhèin, a bhith na bhall den chòisir. Tha e fhathast a’ cur fuinn ri chèile, agus thàinig e chun fharpais an-diugh, dìreach mus do thòisich sinn a’ seinn, agus thuirt sinn, ‘Tha Vic san èisteachd, seinnidh sinn dhath-san, agus sin an rud a rinn sinn’.
“Dè tha seo a’ ciallachadh dhuinn? Tha mise air a bhith a’ stiùireadh airson còig bliadhna, agus tha mòran obrach ri ionnsachadh mun dleastanas, ach tha an còisir sònraichte taiceil agus tha iad air leth taiceil. Bha sinn faisg air bonn nan comharran anns na bliadhnachan mu dheireadh agus le sin tha buannachd sgoinneil. Dh’obraich an còisir cho cruaidh am bliadhna agus bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur orra. Bha an inntinn is an cridhe gu tur deiseil agus chòrd e riutha.
Tha tuilleadh a’ feitheamh air luchd-èisteachd an-diugh le Farpaisean nan Còisirean Sgìreil far am bi còisirean a’ strì gu cothrom fhaighinn air Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.
Thatar cuideachd a’ dèanamh moladh air is a’ taisbeanadh Ealan le buidheachas do Dhuais Ealan na Gàidhealtachd aig am Briggait. Tha an tachartas seo a-nis anns an còigeamh bliadhna, agus thèid aon phìos a thaghadh bho 12 pìos-ealain air geàrr-liosta a tha a togail air a’ Ghàidhlig is a cultar no air cruth-thìre.
Tha 70 pìos sònraichte air an taisbeanadh agus chì luchd-amharc cò a tha na britheamhan Eòghann Mac Colla, neach-ealain ioma-chuspair agus Scott Bennett, aig a bheil gailearaidh ealain, air taghadh gu bhith a taisbeanadh aig Mòd na h-ath bhliadhna.
A-nochd, bidh cuid de na rionnagan as motha ann an saoghal traidiseanta na h-Alba a’ tighinn còmhla airson oidhche hòro-gheallaidh a’ cuir crìoch air seachdain a’ Mhòid aig Seòmar-dannsa iomraiteach na Barrowlands ann an Glaschu. Le Gael Force 10 bidh na seinneadairean cliùiteach a’ tilleadh chun dualchas, a’ toirt ceòl-chòmhlan dannsa-cèilidh air ais chun àrd-ùrlar le aon de na cruinneachaidhean chòmhlain as làidire air taobh siar na h-Alba.
Thuirt D-I MacIlleDhuinn, Neach-gairm Comataidh Ionadail Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026: “Abair gun d’ fhuair am Mòd fàilte bho bhaile Ghlaschu agus tha e fìor sònraichte a bhith nar fianaisean air a seo. Anns gach cuibhreann den bhaile tha faireachadh beòthail is dòigheil mun Ghàidhlig agus tha sinn pròiseil gu bheil an coileanadh a rèir an obair mhòr a rinn an comataidh gu tachartas dhan mheud seo a thoirt gu buil. Bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur orrasan uile a bhuannaich na duaisean - bha sàr àrd inbhe, dealas agus spiorad coimhearsnachd cho làidir ann fad na seachdain.
“Chan eil sinn ullamh fhathast – a-nochd tha Gael Force 10 a’ dol a thoirt na naoi làithean sònraichte seo gu ceann le hòro-gheallaidh de cheòl traidiseanta na Gàidhlig. Bidh cèilidh nach fhacas mòran dha leithid aig an Barrowlands – feuch gum bi sibh ann!”
Tha Mòd Ghlaschu 2026 a’ dùnadh air madainn Disathairne le tachartas na Co-chòisirean, far am bi na ceud de luchd-còisir a’ cruinneachadh mun chuairt air ìomhaigh Dhòmhnaill MhicGilleDheòradha aig mullach Sràid Bhochanan.
Bidh an t-sràid ainmeil seo làn de cheòl Gàidhlig a’ co-dhùnadh an tachartas eachdraidheil le aonachd seinn.
Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Glasgow Life, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.
« Back to Mòd News List