Published: 13 Oct 2026
Soirbheachas Luchd-ionnsachaidh, òigridh fileanta a’ gabhail chun àrd-ùrlar, agus taisbeanadh sònraichte eileanach

Bha latha mòr aig Luchd-ionnsachaidh òg na Gàidhlig agus duais dhan chosnadh an am prògram farpaisean òigridh aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu, agus na fileantaich òga a-nis a’ sireadh an ath chuairt de bhuinn.
An-dè bha òigridh eadar còig is naoi bliadhna deug a’ gabhail pàirt ann an 30 farpais bho bhàrdachd, innseadh sgeulachdan agus seinn òrain, mar chòisirean agus leotha fhèin, is a thuilleadh air a sin bha cleasachd is dràma.
Ghlèidh Libby Bezuidenhout, còig bliadhna deug a dh’aois às an Òban Bonn Cuimhneachain Sheumais C Mhic a Phì is ise a’ gabhail an òran ainmichte, Òran a’ Chlydesdale, agus le na comharran às àirde ann an ceòl choisinn i cuideachd Geall-dùbhlain Sìne Ghreumach, agus Geall-dùbhlain Alasdair Hamalton airson na comharran às àirde ann an Gàidhlig.
Ann am farpais Seinn Traidiseanta Measgte Aon-neach Luchd-ionnsachaidh, ’s i Zoe Leparoux, seachd bliadhna deug a dh’aois à Ùige Leòdhais a bhuanaich a chiad duais anns a’ chuibhreann 16-18 a’ togail Bonn Probhaist na h-Eaglaise Brice agus airson an treas bliadhna ann an sreath ’s e Robbie Dòmhnall MacIlleathain, còig bliadhna deug a dh’aois à Barraigh, a thàinig am bàrr anns a’ chuibhreann 13-15, a’ cosnadh Duais Dhòmhnaill MhicLeòid.
Ann am farpais Seinn Aon Neach Fosgailte 16-18 ’s e Cailean Jennet, ochd bliadhna deug a dh’aois à Àrd-sgoil an Òbain a ghlèidh duais nam balach agus Jenna Yule à Comar nan Allt a ghlèidh duais nan nigheanan.
Bha farpais pailt cho làidir ann an cuibhreann nan còisirean. Ann am farpais Còisir Aon-fhuaimneach fo 13, le seinn brosnachail air an Iorram Ùigeach choisinn Sèisteil Bheag, fo stiùir Riona J I Whyte, a’ togail Geall-dùbhlain Dhòmhnaill MhicPhàil agus a nighean Màiri, còmhla ri Cuach Iubailidh Airgid Chomunn Gàidhlig Dharlington airson na comharran as àirde ann an Gàidhlig agus Cuach Cuimhneachaidh Mhòraig Robb airson na comharran as àirde ann an ceòl.
Ann am farpais Puirt-à-Beul Chòisirean Luchd-ionnsachaidh fo 13 thog an dearbh bhuidheann dà dhuais eile -Cupa Mhic an t-Saoir agus Geall-dùbhlain na Mnatha Uasail Olive Chaimbeul MBE
Ann am farpaisean Chòisirean fo 19 ’s iad Còisir Òg Ghàidhlig na h-Eaglaise Bric a thug dhachaigh leotha na duaisean air fad, a buannachadh farpaisean Seinn Aon-fhuaimneach, Seinn Co-sheirm agus Puirt-à-Beul – ochd duaisean uile gu lèir!
Chruinnich òigridh de chaochladh aois agus à diofar sgìrean eadar Glaschu, Inbhir Nis agus nas fhaide às aig an Ionad Sòisealta airson Duaisean Litreachais Òigridh agus aithne ga thoirt air an cuid sgrìobhadh cruthachail, ealan agus obair-fhilm.
Tha farpaisean òigridh a crìochnachadh an-diugh le na fileantaich a’ toirt chun àrd-ùrlar. Bliadhna an dèidh bliadhna tha sinn a’ faicinn gu bheil àireamh nam farpaiseach fileanta a’ dol am meud, agus an-diugh fhèin tha còrr air 1,100 farpaiseach a’ gabhail pàirt aig A’ Mhòd.
Tha fèill mhòr air farpaisean Seinn Traidiseanta Aon-neach Nigheanan agus Balaich 13-15. A’ tòiseachadh aig 9m ann am Prìomh Thalla Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu, seinnidh na deugairean tàlantach seo òran Gàidhlig dhan roghainn fhèin airson duais Aigeallan Airgid an t-Seann Nòis agus Prìne-fèilidh Airgid an t-Seann Nòis.
Aig an aon àm ann an Seòmar Srath Chluaidh, tha farpaisean Seinn Aon-neach Nigheanan agus Balaich Fileanta 13-15. Seinnidh a’ chlann-nighean Thug mi mo làmh don Eileanach agus seinnidh na balaich Fàgail Ghlaschu, a’ sireadh gleidheadh Aigeallan a’ Chomuinn Gàidhealaich agus Prìne-fèilidh a’ Chomuinn Ghàidhealaich.
Abair cuideachd gum bi fadachd air cluinntinn Cogadh nan Còmhlan a bhios aig Cluba Glee Ghlaschu, far am bi tàlantan Gàidhlig is cheòl chòmhlanan òga air an àrd-ùrlar. Tòisichidh farpais ullachaidh aig 1f, le seachd de chòmhlain òga a’ sireadh àite am measg nan còig a thèid troimhe chun fharpais crìochnachaidh aig 7.30f. Tha na còmhlanan an dòchas Cuach Ailein Tòmas MhicMhìcheil a chosnadh dhaibh pèin, còmhla ri ùine chlàraidh shònraichte aig stiùidio proifeasanta agus Duais Cuimhneachaidh John Robertson.
Air falbh bho na farpaisean tha tachartas às annas, An Drochaid air bilean an t-sluaigh. Air a mhìneachadh mar sàr thàlant diaspora na Gàidhlig, airson a’ chiad turas ann an eachdraidh na h-Alba, a’ toirt còmhla còrr air 50 seinneadair, pìobairean agus luchd-ciùil thraidiseanta, a’ riochdachadh na seachd Comuinn Eileanach an Glaschu.
A’ tòiseachadh aig 8f, bidh an seinneadair agus craoladair Màiri Anna NicUalraig os cionn consart nan rionnagan aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu, is an talla làn ceòl à Ìle, Leòdhas is Na Hearadh, Muile agus Eilean Ì, Uibhist is Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach agus Tiriodh.
A’ cumail ùidh an luchd-tadhail bidh Clas Òrain is Ealain (uiseag) agus Abairtean Feumail airson a’ Mhòd, film goirid Uirsgeul na Feannaig, uile rim faicinn aig Edward House. Às dèidh làimh aig 5f bidh biadh math agus ceòl beò le An Rathad a Ghlaschu.
Ann an Colaiste Baile Ghlaschu bidh bùithtean-obrach meadhanan air an ruith le Sruth agus seiseanan Mo shaoghal obrach do dh’òigridh nach d’ fhuair cothrom frithealaidh air an Diluain agus bidh Cathar-eaglais Ghlaschu a’ toirt seachad cothrom eile airson Coinneachadh ri Ceann Tighearna.
A-steach dhan fhionnairidh, tha taghadh agaibh le Sailm nan Daoine aig Theatre Film Ghlaschu no òraid bho Aonghas Pàdraig Caimbeul air Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach aig Seòmraichean Tì Mhic an Tòisich. No, mas fheàrr leibh bidh Cèilidh Teaghlaich aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu bho 6f.
Thuirt Magaidh Choineagain, Cathraiche, An Comunn Gàidhealach: “Do mhòran dhaoine tha prògram farpaisean òigridh aig bàrr an liosta agus tha sin buileach fìor am bliadhna is àireamh nam farpaisich aig ìre cho àrd sa chunnacas agus thar gach seòrsa farpais. Tha e na fhìor thoil-inntinn a bhith coimhead clann bho aois òg a’ cur luach air Gàidhlig agus air a cultar.
“Le gu bheil an inbhe a’ dol suas gach bliadhna, tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air an òigridh a thug dhachaigh buinn leotha an-dè agus tha sinn a’ guidhe deagh fhortain dha na fileantaich a tha a’ gabhail pàirt anns na farpaisean an-diugh.”
Thuirt D-I MacIlleDhuinn, Neach-gairm Comataidh Ionadail a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail: “Chan eil teagamh nach eil An Drochaid na tachartas air leth ann an Iomall a’ Mhòid. Tha ceangal ga dhèanamh eadar Comuinn Eileanach Ghlaschu tro am meas mòr a th’ aca uile air ceòl is òrain Ghàidhlig, tha e a gealltainn cruinneachadh eileanach nach fhacas mòran de sheòrsa – feuch nach caill sibh an cothrom.”
Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Glasgow Life, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhruthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.
« Back to Mòd News List