Naidheachdan

Inbhe òr do sheinneadairean Gàidhlig air an latha as trainge aig a’ Mhòd

Published: 15 Oct 2026

Farpaisich dràma a’ Mhòid

​A-raoir ann am farpais Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich choilean na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr san t-saoghal àrd inbhe òr air àrd-ùrlar Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu aig farpaisean mòra Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026.

Choisinn Mark Mac a Ghobhainn Bonn Òr nam Fear agus ’s i Iseabail Bain a thog Bonn Òr nam Ban, iad le chèile a’ foillseachadh bòidhchead agus cumhachd nan òrain Ghàidhlig, a’ cosnadh na comharran as àirde ann am farpais teann.

Tha am farpais iomraiteach seo 134-bliadhna a’ cosnadh urram dhaibhsan a bhuannaicheas. Bha an dithis bhuanaiche à Leòdhas agus iad le chèile an sàs san fharpais a’ chiad uair agus iad a-nis ann an cuideachd na seinneadairean Gàidhlig as ainmeile ann an eachdraidh agus air a bheil mòr-mheas.

Thuirt Buanaiche Bonn Òir nam Ban, Iseabail Bain, a bhuineas do Leòdhas agus i a’ fuireach ann an Astràilia: “Tha mi uamhasach toilichte agus chan urrainn dhomh a chreidsinn gu bheil mi air buannachadh. Tha e a’ ciallachadh an t-uabhas dhomh, ’s e fear de na prìomh fharpaisean aig a’ Mhòd a th’ ann agus ’s e urram a th’ ann buannachadh agus a bhith am measg na buanaichean eile a tha uamhasach soirbheachail agus seinneadairean uamhasach math ann an saoghal na Gàidhlig. Tha mi dìreach cho toilichte. Chòrd a-nochd rium, bu chaomh leam na h-òrain a bha mi a’ seinn agus bha mi a’ faireachdainn cofhurtail air an àrd-ùrlar agus mar sin chòrd e rium a bhith a’ seinn le faireachaidhean agus an dòchas gun chòrd e ris an luchd-èisteachd.”

Thuirt Buanaiche Bonn Òir nam Fear, Mark Mac a’ Ghobhainn, a bhuineas do Leòdhas agus e a’ fuireach ann an Glaschu: “Tha mi rudeigin do-chreidsinneach gun do thachair seo ach tha mi air mo dhòigh glan, tha e a’ faireachdainn mar aisling. Tha seo cho cudromach, tha mi a’ smaoineachadh gur e urram a th’ ann a bhith a’ seinn anns a’ cho-fharpais agus cuideachd còmhla ri daoine a’ seinn aig an ìre aig an robh a h-uile duine a’ seinn agus cuideachd tha mi air a bhith ag ionnsachadh mu bhàrdachd na Gàidhlig agus tha sin air a bhith a’ còrdadh rium fhad ’s tha mi air a bhith ag ullachadh airson a’ cho-fharpais. Bu mhath leam taing mhòr a thoirt do D-I MacIlleDhuinn agus Coinneach MacThòmais, cha b’ urrainn dhomh a bhith air a dhèanamh às an aonais.”

Chumadh farpais An Aigeallan Airgid – farpais co-ionnan do luchd-ionnsachaidh, le Laura Gormley à Balfron agus Euan D MacPhàdruig à Port na h-Apainn a’ cosnadh nam buinn. Cha ghann nach robh duaisean gan cosnadh tron latha, thog Euan Geall-dùbhlain Cuimhneachan Alasdair MhicAonghais agus ’s i Laura a choisinn Duais Cuimhneachain Mhòraig Robb agus Cuach Iain A MacRath.

Bha dràma Gàidhlig cuideachd ri fhaicinn an-raoir, le buidhnean à Uibhist, An Eilean Sgitheanach, Inbhir Nis, Ìle agus Glaschu a’ ruith nan duaisean aig Farpais Crìochnachaidh Drma. ’S iad Cluicheadairean Uibhist a choisinn am prìomh dhuais, Cuach a’ Phàipeir Bhig, agus iad air taisbeanadh Am Faigh an Cowboy Bàs?

Tha riochd brìghmhor air cultar is òrain Ghàidhlig a leantainn an-diugh agus Am Mòd a dol a-steach dhan latha as trainge dhan tachartais.

Thòisich Diardaoin le mionaid sàmhchair ann an tallaichean a’ Mhòid gus an tubaist an Eilean Leòdhais a chomharrachadh.

Feasgar an-diugh cluinnear Farpaisean nan Còisirean Dùthchail air a bheil meas aig a’ mhòr-shluaigh agus an uairsin bidh farpaisich Bonn Òr an t-Seann Nòis a’ dol chun àrd-ùrlar. Bidh farpaisean Dannsa Gàidhealach cuideachd a’ gabhail àite an diugh. Bidh na ceudan a’ gabhail pàirt ann am farpaisean thairis air prògram an latha an-diugh.

Tha tachartasan na fèille a’ ruighinn gach ceàrnaidh den bhaile tro cheòl, òrain, film, ealan agus cultar na Gàidhlig ann am iomadh ionad is talla.

Ann Talla Chonsairt Rìoghail, bidh Ceòl is Craic a’ cur air dòigh Guth a’ Bhaile, a’ sònrachadh sgrìobhadh òrain ùra agus a’ foillseachadh tàlant as ùr. Bidh seinneadairean Màiri Nic a’ Mhaoilein agus Josie Duncan a’ seinn òrain ùra bonntaichte air an eòlas a th’ aig Gàidheil air baile mòr san latha an-diugh. Còmhla riuthasan bidh Germa Adan sgrìobhadair ciùil ainmeil à Haiti agus luchd-ciùil òga bho Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Aig Taigh Èideird, tha prògram air a chuir air dòigh le Glasgow Life, bidh cothroman eòlas fhaighinn agus compàirt a ghabhail ann an tachartasan cultarail Gàidhlig leithid Fèis Ghàidhlig Ghlaschu a tha a’ toirt cuiridh do dhaoine sgeulachdan is cuimhneachain mu Sràid Sauchiehall aon de na sràidean as eòlaiche air a bheil daoine.

Air feadh Ghlaschu tha taighean-seinnse a’ cur fàilte air a’ Mhòd, le seiseanan a’ gabhail àite tron t-seachdain - am Park Bar air a bheil Gàidheil cho eòlach na measg, far a bheil ceòl beò a h-uile latha an t-seachdain seo. Dhaibhsan a tha airson leantainn gu uairean beag na maidne bidh Gluais os cionn Nice n Sleazy.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Fad na seachdain tha Glaschu air a bhith beò le Gàidhlig, ceòl is cultar, agus abair gu robh farpaisean nam Buinn Òir a-raoir dìreach mìorbhaileach. Thug na seinneadairean a bhuannaich seachad coileanadh air leth agus tha iad gu math airidh air àite ri taobh na seinneadairean eile a choisinn na Buinn iomraiteach sin thairis nam bliadhnachan.

“’S e latha mòr eile a tha seo dhan Mhòd, le ceudan le fharpaisich a nochdadh air àrd-ùrlar agus feadhainn de na farpaisean as prìseil leinn a’ tòiseachadh. Air falbh cho na tallaichean tha Gàidhlig a lìonadh gach oisean den bhaile. Tha e na mhòr thogail inntinn a bhith a’ coimhead daoine a’ tighinn còmhla agus a’ cur eòlas air ar cànan agus ar cultar ann an iomadh diofar suidheachaidh.”

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Rathbones Group Plc

Rathbones Group Plc

VisitScotland

VisitScotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow