Published: 17 Oct 2026
Bratach a’ Mhòid ga cuir fo chùram na h-Eilean an Iar a bhios a’ gabhail an uallaich an tachartas a ruith ann an 2027

Tha luchd-rianachd A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail air ceud mìle taing fhàgail aig Glaschu agus Mòd na Bliadhna a’ tighinn gu crìoch.
Naoi làithean iongantach de chomharrachadh cultarail air na thadhail suas ri 11,500 neach, le an àireamh as farpaisean is luchd-tadhail as motha a-riamh, a’ gabhail pàirt ann am mu 300 farpais agus tachartas ann an 16 de thallaichean air feadh Ghlaschu.
Tha a h-uile coltas gum bi buaidh eaconamach na bliadhna-sa fiù nas motha na £3.9 millean a bh’ ann an-uiridh, le luchd-frithealaidh air meudachadh le 20% an taca ri Loch Abar, a’ toirt sealladh da-rìribh dòchasach don chànan.
Abair gu tàinig an fhèill ioma-ealain gu ceann ann an dòigh mìorbhaileach agus na ceudan de sheinneadairean Gàidhlig a’ cruinneachadh aig ìomhaigh Dhòmhnaill Dewar aig mullach Sràid Bhochanan agus Còmhlan Pìoba Chill Bhearchain air an ceann. Tha na còisirean uile a’ tighinn còmhla gu seinn gu h-aon-ghuthach ann an tachartas iomraiteach nan Co-chòisirean.
Chaidh bratach samhlachail a’ Mhòid, a bhios ga toirt seachad don sgìre sam bi am Mòd na h-ath-bhliadhna, a bhios anns na h-Eileanan an Iar ann an 2027.
Bha farpaisean teann agus mòr-mholadh a’ gabhail àite ann an Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu agus na duaisean mòra cliùiteach rin cosnadh.
’S iad Còisir Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu agus Còisir Ghàidhlig Sgìre Phort Rìgh a thàinig am bàrr ann am Farpaisean nan Còisirean Sgìreil. Choisinn Còisir Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu Sgiath Latharna agus Thulaich Bhàrdainn fo stiùir Iseabail Nic an t-Sagairt agus ’s iad Còisir Ghàidhlig Sgìre Phort Rìgh a bhuannaich Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh fo stiùir Iain MacCormaig.
Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Còisir Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu: “Tha mi cho fìor mhoiteil às a’ chòisir, agus cho pròiseil às gach còisir a ghabh pàirt san dà fharpais, tha na h-ìrean air a bhith sònraichte àrd. A thaobh ullachaidhean ciùil ùr, òrain ùr agus diofar dhòighean air rudan a dhèanamh, tha mi a’ faireachdainn gur e seo an seata fharpaisean as co-fharpaisiche a chunnaic mise a-riamh. Tha e gam fhàgail làn pròis mun Ghàidhlig agus le mòr mhisneachd mun Ghàidhlig agus an dleastanas a th’ ann do sheinn Ghàidhlig agus tha e a’ toirt sàsachadh dhomh a bhith nam phàirt ann an sin. Bha fhios againn gur e farpais teann is faisg a bhiodh ann. Tha mis’ a smaointinn gu bheil e na adhbhar brosnachail gu bheil seinn chòisirean Gàidhlig aig sàr àrd inbhe. Chuala sinn bho aon bhritheamh mu “inbhe cruinne” agus tha mise den bharail gu robh farpais an latha an-diugh aig an ìre sin.
“’S e sàsachadh mòr a th’ ann dhan chòisir a bhith buannachadh. Tha e a’ toirt spionnadh dhuinn agus gar brosnachadh gu barrachd rudan às annas fheuchainn agus a’ togail ìomhaigh seinn chòisir Gàidhlig. San fharsaingeachd, tha e mìorbhaileach a bhith a’ cluinntinn ullachaidhean ciùil às ùr air na fìor seann òrain Ghàidhlig a’ toirt cothrom do luchd labhairt òg na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh a bhith mar phàirt den ghluasad seo a’ dealbhadh nuadh-chumadh agus cha ghabh tomhais air a’ bhuaidh a thig às.”
Thuirt Iain MacCormaig, Stiùiriche Còisir Sgìre Phort Rìgh: “Abair latha sònraichte, abair làithean dìreach sònraichte! ’S gann gun urrainn dhomh creidsinn gu bheil air tachairt agus abair obair tha mi cho moiteil às gach neach sa chòisir, abair obair a tha iad air a chur a-staigh gu ruighinn an ìre seo agus tha mi an dòchas gum bi fìor dheagh oidhche aig gach neach. Tha e a’ ciallachadh a h-uile càil dhomh, cha mhòr nach eil e a’ ciallachadh barrachd dhomh na bha na h-oidhche a-raoir oir ’s e obair gu cruinn còmhla a tha seo, abair obair a rinn gach neach sa chòisir, tha mi cho moiteil asta, tha iad làn airidh air na comharran a choisinn iad agus tha mi an dòchas gum bi hòro-gheallaidh mòr uamhasach aca a-nis!”
Anns na Barrowlands a-raoir bha oidhche mhòr de cheòl thraidiseanta aig Gael Force 10, le na craoladairean iomraiteach Gary Innes and Joy Dunlop os cionn chùisean. Luchd-ciùil tàlantach air a bheil a h-uile duine eòlach a’ nochdadh air stèidse na Barrowlands agus na mìltean a’ dannsa Strip the Willow Arcaibh, Gay Gordon’s agus iomadach danns’ eile!
Thàinig luchd-ealain bho air feadh Alba a’ tighinn còmhla airson Duais Ealain na Gàidhealtachd aig am Briggait, le Jenny Coineagain bhon Talla Solais ann an Ullapul a’ cosnadh urram airson am pìos ealain sònraichte aicese, Camanscoille.
Thagh na britheamhan Eòghann Mac Colla, neach-ealain ioma-chuspair agus Scott Bennett, aig a bheil gailearaidh ealain, am pìos ealain a-mach à geàrr-liosta de 70, agus gheibh an neach a bhuannaich an cothrom taisbeanadh a chur air dòigh aig Mòd na h-ath-bhliadhna.
Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: Ceud mìle taing do Ghlaschu. Abair Mòd Nàiseanta Rìoghail a thug Glaschu dhuinn. Tha dàimh domhainn làidir aig Glaschu ris a’ Ghàidhlig agus chunnaic sinn an t-seachdain seo cho fìor làidir sa tha Gàidhlig sa bhaile. Tha dleastanas cudromach aig Gàidhlig ann an Alba an latha an-diugh, nar cruth-thìre cultarail agus nar fèin-aithne nàiseanta, agus gu deimhinne bha sin follaiseach.
“Tha mòran dhaoine a’ co-obrachadh còmhla ann a bhith a’ cur Mòd Nàiseanta air dòigh agus tha sinn taingeil do na farpaisich, luchd-ciùil, britheamhan, luchd-obrach saor‑thoileach, luchd compàirt, luchd-maoineachaidh agus luchd-èisteachd gus an soirbhich a leithid seo de thachartas. Chan eil teagamh nach fhaod sinn a ràdh le fìrinn gur e Glaschu “Baile Mòr nan Gàidheal.” Faodaidh sinn a-nis a bhith a’ coimhead air thoiseach oirnn gu Gàidhlig, a ceòl agus a cultar a bhith air seasmhachd làidir agus sinn a’ tilleadh gu ceàrnaidh far a bheil bun-stèidh aig a’ chànan.”
Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam. Cultar agus Gàidhlig, Màiri NicAilein: “’S e urram a bh’ ann dhomh a bhith a’ fosgladh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail, tachartas a bhios a’ cur am follais nan rudan as fheàrr mun Ghàidhlig. Tha e air a bhith na fhìor thoileachas a bhith a’ faicinn measgachadh nam farpaisean agus tachartasan a chaidh a chumail ann an Glaschu.
“Airson bliadhna eile tha An Comunn Gàidhealach, luchd-obrach saor-thoileach a’ Mhòid agus na farpaisich uile gu lèir air dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig Alba tlachd fhaighinn às an àrd-ùrlar nàiseanta a gheibh a’ Ghàidhlig tron fhèis seo.
“Gu sònraichte, tha mi airson gàirdeachas a dhèanamh air a’ chloinn-sgoile a chaidh an sàs is iad nan adhbhar-pròis do na sgoiltean is coimhearsnachdan aca is iad a’ sealltainn na slighe misneachail a tha ron Ghàidhlig.”
Thuirt Rob Dickson, Stiùiriche Gnìomhachas agus Tachartasan aig VisitScotland: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ leantainn le bhith a’ taisbeanadh an tàlant, an obair chruthachaidh agus an dealas a th’ aig cridhe cultar na Gàidhlig.
“Dh’fhoillsich tachartas na bliadhna seo farsaingeachd shònraichte de dh’àrd-ghnìomhan agus coileanadh a’ toirt ri daoine ri chèile a’ comharrachadh cànan, ceòl agus litreachas na Gàidhlig.
“Tha am Mòd a’ toirt àrd-ùrlar don Ghàidhlig agus a cultar, le cothrom a sgaoileadh agus a comharrachadh, còmhla ri eòlas sònraichte nach fhaighear ach ann an Alba, a’ misneachadh luchd-turais gu fiosrachadh a lorg mu ar coimhearsnachdan, ar n-eachdraidh agus ar dualchasan thraidiseanta. Meal-a-naidheachd air luchd buanachaidh na bliadhna seo, agus luchd-compàirt, agus gach neach a bha an sàs le bhith a’ toirt an tachartas seo gu buil le soirbheachadh èifeachdach.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Abair seachdain a tha air a bhith againn ann seo ann an Glaschu. Meal a naidheachd air a’ Chomunn Ghàidhealach, an comataidh ionadail, agus air na co-fharpaisich airson Mòd cho soirbheachail is tlachdmhor a chur air dòigh agus airson cultar na Gàidhlig a thaisbeanadh is a chomharrachadh. Tha mi airson mo thaing a thoirt gu muinntir Ghlaschu cuideachd airson fàilte cho blàth a chur air na luchd-frithealaidh uile. Tha mi a-nis a’ coimhead air adhart ri bhith a’ tighinn còmhla a-rithist ann an Steòrnabhagh an ath bhliadhna is mi a’ guidhe gach soirbheachas dhan sgioba-planaidh.”
Thuirt am Bàillidh Annette Christie, Cathraiche Glasgow Life agus Neach-gairm Baile Ghlaschu airson Cultar, Spòrs agus Dàimhean Eadar-nàiseanta: “Gu teagamh sam bith shoirbhich Mòd Nàiseanta Rìoghail 2026 aig fìor àrd inbhe, agus tha moit air Ghlaschu gun deach againn aon uair eile a bhith a’ toirt aoigheachd do phrìomh fhèill na cruinne a comharrachadh a Ghàidhlig, a ceòl agus na h-ealain.
“Thug na farpaisean chultarail chliùiteach còmhla sgaoilteach farsaing de thàlant, cuid air a bheil sinn eòlach agus cuid a tha tòiseachadh às ùr. A’ tàladh luchd-èisteachd bho air feadh na dùthcha tro phrògram fharsaing an Iomaill, ann an tallaichean air feadh a’ bhaile bha caochladh thachartasan a’ le cothrom compàirteachaidh aig a h-uile duine – eadar gu bheil an cànan aca no nach eil - agus cruinneachadh gu eòlas a chur air beartas de dh’àrd-ghnìomhan cruthachail na Gàidhlig, cuid dhiubh traidiseanta agus cuid bhon àm seo fhèin.
“Chuir fèis na bliadhna seo soillse air cho cudromach sa tha a’ Ghàidhlig dhan dùthaich agus dhan bhaile. Thug Mòd Ghlaschu gu ar n-aire a thilleadh air gu bheil Gàidhlig a’ fighe a-steach nar n-eachdraidh agus dualchas, tha dleastanas riatanach aig a’ chànan nar fèin-aithne chultarail agus tha sinn toilichte leantainn le bhith ga misneachadh, a’ cumail taic rithe agus ga leasachadh.”
Thuirt D-I MacIlleDhuinn agus Ann Kindness, Cathraiche agus Iar-chathraiche Comataidh Ionadail Mòd Ghlaschu: “Tha sinn air ar dòigh glan le mar a chaidh an t-seachdain. Bha e nar rùn Mòd àrd-amasach a lìbhrigeadh a’ sealltainn don dùthaich agus don t-saoghal cho sònraichte sa tha Glaschu. Le cuid den tàlant as cliùitiche sa bhaile agus le cuid de na tallaichean as fheàrr san dùthaich, bha àrd-mhiann againn iad sin a thaisbeanadh agus tha sinn a’ faireachdainn gun choilean sinn an àrd-amas sin agus tòrr a bharrachd. Bho thoiseach bha ar bunait air gum bithte a’ comharrachadh an dà-fhichead bliadhna bho thòisich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhaile agus rinn sinn sin. Aig gach ceann den Mhòd, bho thòisich sinn le Ar Cànan ’s ar Ceòl air 9 Dàmhair agus a’ cuir crìoch le DLÙ air an stèidse aig na Barrowlands a-raoir. ’S ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a thòisich DLÙ agus tha sinn moiteil asta.
Thug Ann agus D-I iomradh air an obair mhòr a rinn an Comataidh Ionadail thairis air na h‑ochd mìosan deug mu dheireadh ag ullachadh Mòd mìorbhaileach don bhaile agus dhan fheadhainn a bha ga fhrithealadh.”
Thuirt an Comhairliche Coinneach MacLeòid, Neach-gairm Comhairle nan Eilean Siar: “Tha mi airson mo mhìle dùrachd a chur air gach neach a bha an sàs le Mòd Ghlaschu a bha dha‑rìribh na sàr thaisbeanadh air cultar na Gàidhlig agus air an tàlant ciùil iongantach a tha na cois. Tha mi airson meal-a-naidheachd a chur orrasan a choisinn duaisean agus gu dearbh air na co-fharpaisich air fad a ghabh pàirt fad na seachdain. Le Mòd 2026 a’ tighinn gu ceann, tha ar n-aire a-nis a’ tionndadh gu Mòd nan Eilean Siar 2027. Tha e na mhòr-thlachd gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh gu Na h-Eileanan an Iar, agus bidh fàilte mhòr air farpaisich, luchd-èisteachd is luchd-tadhail. ’S e àm làn subhachais a bhios ann do ar cànan agus cultar.”
Fhuair Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo taic bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.
’S ann sna h-Eileanan an Iar a bhios Am Mòd Nàiseanta Rìoghail an ath-bhliadhna, bho 8-16 Dàmhair. Gheibhear toraidhean A’ Mhòid an seo.
« Back to Mòd News List