Published: 24 Jun 2026

Cuiridh Glaschu fàilte air spiorad na Gàidheal agus an tachartas cànan, cultar agus ceòl Gàidhlig as motha air thalamh, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, air prògram an iomaill fhoillseachadh; le cuirmean-ciùil, cèilidhean, cruinneachaidhean is bùthan-obrach.
Cleachdaidh an fhèis bhliadhnail iomadh àite ann an Glaschu eadar 9 – 17 Dàmhair, nam measg An Talla Consairt Rìoghail, An Ionad Pìobaireachd Nàiseanta, Seòmar-dannsaidh Barrowland, Òran Mòr, An Club Glee agus Taigh Èideird.
Thachair an fhèis, a mhaireas naoi làithean, mu dheireadh ann am Baile Mòr nan Gàidheal ann an 2019. Cluinnear ceòl, seinn, litreachas is dràma, a bhrosnaicheas luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh is feadhainn aig a bheil ùidh ann an cultar a dhol an sàs sna h-ealain Gàidhlig.
Anns an 134mh bliadhna aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, thathas an dùil fàilte a chuir air mu 10,000 neach-tadhail, is tiogaidean gan reic an-dràsta.
Fosglaidh Mòd na bliadhna-sa le cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl, far am bi tàlant ionadail a’ comharrachadh dà fhichead bliadhna bho thòisich an iomairt Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu. Thèid iomradh a thoirt air na seòid a bha brosnachadh foghlam gus an cànan ath-bheothachadh sa bhaile agus a rinn strì gus am biodh na sgoiltean Gàidhlig a th’ againn san latha an-diugh ann.
Tro fhacail, ceòl, seinn is lèirsinn, seallaidh an cuirm eachdraidh dà fhichead bliadhna is chithear feadhainn a shoirbhich ri linn a dhol tro Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Chaidh a’ mhòr chuid de chòmhlan DLÙ gu sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu is cuideachd bidh orcastra ann le buill a tha no a bha nan sgoilearan FTMG air àrd-ùrlar.
A bharrachd air sin, bidh Cèilidh le na Cormacks aig an Ionad Pìobaireachd Nàiseanta air Disathairne 10mh Dàmhair. Cluinnear na h-òrain is ceòl is fheàrr leotha aig oidhche shònraichte.
Aig cèilidhean teaghlaich Diluain 12na is Dimàirt 13mh thèid fàilte a chuir air dannsairean aig gach aois.
Obrachaidh cuideachd na seachd Comainn Eileanaich Ghlaschu còmhla gus cuirm-chiùil air leth a chuir air bhonn aig Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu. Fo stiùir an t-seinneadair, craoladair is Gàidheal Ghlaschu, Màiri Anna NicUalraig agus Cathraiche a’ Mhòid D-I MacIlleDhuinn. Bidh An Drochaid na chruinneachadh iongantach le luchd-ciùil tàlantach às na h-eileanan is coimhearsnachd Gàidhlig Ghlaschu. Buinidh teaghlach Mhàiri Anna don Eilean Sgitheanach agus Tiriodh is stiùiridh i luchd-ciùil ceangailte ri gach eilean.
Air feadh na seachdain gheibh luchd-tadhail is muinntir Ghlaschu cuideachd cothrom air seiseanan ciùil, cearcaill còmhraidh, geamannan ball-coise is iomain, òraidean, bùthan-obraich is taisbeanaidhean. Bidh an Talla Taisbeanaidh aig Tallaichean Consairt Rìoghail Ghlaschu na ionad ciùil, dannsa is còmhraidh.
Aig Taigh Èideird ar Sràid Sauchiehall, gheibh luchd-tadhail air a dhol an sàs aig cruinneachaidhean Tì is Cofaidh gach madainn is Ceòl is Curry gach feasgar, am measg eile, fo sgèith Ghlaschu Beò.
Thig an t-seachdain gu ceann Disathairne 17 Dàmhair aig na Co-Chòisirean. Cruinnichidh na seinneadairean-còisire nan ceudan ’s iad a’ caismeachd air Sràid Sauchiehall mus cruinnich iad aig staidhre Sràid Bochanan far an seinn iad òrain ainmeil Gàidhlig còmhla.
Air an Dihaoine mu dheireadh bidh cuirm air leth freagarrach ann aig Gael Force 10 anns an Seòmar-dannsaidh Barrowland, a chaidh fhoillseachadh mar-thà. Chithear ceòladairean traidiseanta bho air feadh na h-Albainn aig cuirm gun shamhla. Cumaidh buidheann Mela Ghlaschu taic riutha fo stiùir Sodhi a tha ainmeil mar dhrumair tabla.
Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “A rèir coltas bi am Mòd sa cho mòr is in-ghabhalach ’s a bh’ againn a-riamh, a’ cuir fàilte air na mìltean a thig a Ghlaschu gus ar cànan, cultar ealain is aithne a chomharrachadh. Tha prògram na bliadhna sa a’ samhlachadh an tàlant a th’ againn am pailteas am measg nan Gàidheil is bidh e na dheagh thachartas cultarail dhan h-uile duine. Cuiridh sinn fàilte mhòr air teaghlach a’ Mhòid a Ghlaschu san Dàmhair.”
Thuirt Rùnaire na Gàidhlig Màiri NicAilein: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail mar phrìomh thachartas ann am mìosachan cultar na Gàidhlig. Tha am Mòd a’ cuir ceòl, litreachas is ealain na Gàidhlig air àrd-ùrlar nàiseanta air a bheil iad airidh, agus a’ sealltainn gun cuir a’ Ghàidhlig tòrr ri ar beatha nàiseanta.
“Seo a’ chiad Mhòd bho fhuair a’ Ghàidhlig inbhe oifigeil taobh a-staigh na h-Alba tro Achd nan Cànan Albannach – agus cuiridh Glaschu fàilte bhlàth air às ùr, ’s am baile a’ dèanamh deiseil airson an ceathramh bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig fhosgladh.
“Tha mi taingeil dhan Chomunn Ghàidhealach airson an cuid obrach gus an fhèis a stiùireadh, airson an aithne a bheir e do dhualchas Gàidhlig na h-Alba, agus airson na cothroman cultarail a dh’fhosglas e do dh’Albannaich òga. Tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhan a h-uile duine.”
Thuirt D-I MacIlleDhuinn, Cathraiche Comataidh Eagrachaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026: “Tha ceangal làidir aig Glaschu ris a’ Ghàidhlig agus tha am baile air a bhith cudromach ann an ath bheothachadh a’ chànain. Mar sin tha sinn moiteil seo a chomharrachadh tro phrògram iomaill ealanta. Aithnichear gum bi fèis ri fhaicinn an Glaschu, an dà chuid cultar co-aimsireil agus traidiseanan – feuch gum bi sibh an sàs.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “’S cinnteach gu bheil Glaschu ag ullachadh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus tha mi air leth toilichte fhaicinn gun tèid raon farsaing de thachartasan a lìbhrigeadh mar phàirt de dh’iomall na fèise gus a’ Ghàidhlig a thaisbeanadh. Tha eachdraidh fhada aig Glaschu a thaobh a bhith a’ comharrachadh na Gàidhlig agus tha seo na phàirt chudromach de chultar is dualchas a’ bhaile. Tha e soilleir gu bheil fàilte chridheil a’ feitheamh air gach neach a thèid ann san Dàmhair.”
A bharrachd air tachartasan an iomaill bidh còrr air 200 farpais, nam measg seinn aon neach, còisirean, ionnsramaidean, ealain is eile. Thathas an dùil gum bi tòrr san èisteachd aig farpaisean Bonn-òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Am Bonn-òir Traidiseanta, na prìomh fharpaisean còisire, Cogadh nan Còmhlain agus farpais an dràma. Chì iad na bhios a’ dol aig fear de na tachartasan cultarail is sine agus is cliùitiche an Alba
Fhuair am Mòd taic o Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, EventScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba am bliadhna.
Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026. Tha tiogaidean rim faighinn an-dràsta, tadhalaibh air https://modghlaschu2026.org/
« Back to Mòd News List