Published: 02 Apr 2026

Tha an uair a’ teannachadh dha seinneadairean, luchd-ciùil, còmhlain-ciùil, cleasaichean, luchd-ealain is bàird Gàidhlig a tha ag amas air pàirt a ghabhail ann a farpaisean A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu. Tha buanaichean bho Mòd an uiridh a’ brosnachadh farpaisich pàirt a ghabhail ann am prìomh fhèis Gàidhlig na h-Alba, mar dhòigh ceangalan dualchais a leasachadh agus cuideachd càirdeasan maireannach a dhèanamh tron Mhòd.
Thuirt Màiri Callan a bhuannaich Bonn-òir an t-Seann Nòis aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar 2025: “’S e cothrom air leth a th’ anns na farpaisean seinn beairteas dualchas nan òran Gàidhlig a thaisbeanadh, agus ar n-eòlas air an dualchas sin, agus ar sgilean cànain, a leasachadh an lùib charaidean, sean is ùr.”
Thuirt am fear a bhuannaich Bonn-òir an-uiridh, Finlay Morse: “’S e dòigh air dùbhlan a thoirt dhut fhèin a th’ anns a’ Bhonn-òir, do mhisneachd a neartachadh, agus a bhith nad phàirt de rudeigin gu math sònraichte. Tha e na urram mòr do sgìre fhèin a riochdachadh air àrd-ùrlar cho cliùiteach, agus rudeigin às an urrainn dhut a bhith uabhasach moiteil.
Le bhith a’ gabhail pàirt, gheibh thu cuideachd cothrom òrain ùr ionnsachadh agus a sheinn, a’ cuideachadh ceangal nas doimhne a dhèanamh ris a’ chultar agus an dualchas againn ann an dòigh bhrìoghmhor. Ach ’s e na daoine fhèin a tha ga dhèanamh cho sònraichte – na càirdeasan a thogas tu, agus an taic is am brosnachadh a gheibh thu bho chàch.
Ma tha thu a’ smaoineachadh air ceum a-mach às an raon comhfhurtachd agad, rudeigin ùr fheuchainn, agus a bhith nad phàirt de choimhearsnachd air leth – bhithinn gad bhrosnachadh gu mòr feuchainn air a’ Mhòd. ’S dòcha gun cuir thu iongnadh ort fhèin leis na ’s urrainn dhut a dhèanamh.”
Gheibh sgoilearan Gàidhlig air feadh Glaschu brosnachadh a dhol an sàs tro Acadamaidh a’ Mhòid. Bidh oidean, Màiri Callan nam measg, a’ tadhail air sgoiltean a’ bhaile gus taic a chumail ri òigridh bàrdachd no òran Gàidhlig ionnsachadh gus am bi iad an sàs aig a’ Mhòd am bliadhna. Thug an iomairt leudachadh mòr air àireamh sgoilearan ionadail a bha an sàs an-uiridh. Fhuair An Comunn Gàidhealach taic bho Bhòrd na Gàidhlig airson Acadamaidh a’ Mhòid agus thèid am pròiseact a lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le Fèisean nan Gàidheal.
Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal: “Chaidh ar brosnachadh leis an iarrtas o na ceithir sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu, a tha mothachail air na buannachdan dha sgoilearan a bhith an sàs ann an Acadamaidh a’ Mhòid. Tha sinn air ar dòigh co-obrachadh còmhla ris A’ Chomunn Gàidhealach a-rithist gus na seiseanan seo a lìbhrigeadh, a’ teagaisg òrain tro gheamannan dhan òigridh mus tòisich sinn air na pìosan ainmichte. ’S e dòigh math a th’ ann an òigridh a bhrosnachadh gus seinn còmhla, a tha math dha slàinte agus sunnd, a bharrachd air ionnsachadh cànan is ceòl. Tha sinn air leth fortanach gu bheil sgioba oidean sònraichte againn, feadhainn aca a choisinn prìomh dhuaisean aig a’ Mhòd o chionn ghoirid.”
Aithnichear Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, a tha 133 bliadhna a dh’aois, air sgàth farpaisean cliùitich anns a bheil iomadach seòrsa ealain an sàs. Bheir iad fàs air tàlant is brosnachaidh iad cànan is cultar na Gàidhlig.
Bha mu 1,900 aig gach aois is ìre an sàs ann am Mòd Loch Abar an-uiridh, is tha Glaschu an dòchas gum bi iarrtas cheart cho mòr ann am bliadhna. Tha mu 270 cuachan, gill-dùbhlain, sgiathan, cuachan, buinn agus duaisean rim faighinn ann an 200 farpais.
Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “’S e seo an àm as fheàrr iarrtas a chuir a-steach airson cothrom a bhith an sàs san tachartas as motha a’ comharrachadh cultar na Gàidhlig – tha a’ Ghàidhlig beò agus àireamh an òigridh is an fheadhainn a tha ga bruidhinn sna bailtean a’ fàs. Tha cothroman gu leòr ann dhan h-uile duine, feadhainn a th’ air a bhith an sàs sa Mhòd roimhe, feadhainn a tha airson na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh no dìreach a thighinn agus a bhith an lùib coimhearsnachd a’ Mhòid agus na tachartasan.
“Tha e na phrìomhachas dhuinn taic a chumail ris an òigridh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig is mar sin tha e fìor mhath fàilte a chuir air Acadamaidh a’ Mhòid uair eile gus am faigh na ceudan an taic a tha a dhìth gus pàirt a ghabhail. Bidh Mòd air leth ann an Glaschu, na cailleabh an cothrom a bhith an sàs.”
Chaidh atharraichean air riaghailtean trì prìomh fharpaisean fhoillseachadh o chionn ghoirid, air mar a tha comharran air cruinneachadh eadar farpaisean ullachaidh is cuairtean deireannaich, gus brosnachadh barrachd a dhol an sàs.
’S e am Mòd am prìomh fhèis ann an Alba a’ comharrachadh cànan, cultar, spòrs agus na h-ealain Gàidhlig. A bharrachd air na farpaisean, bidh prògram iomall air leth ann eadar cuirmeanciùil, cèilidhean, bùthan-obrach, òraidean agus seiseanan tron t-seachdain.
Bheir am Mòd buannachdan eaconamach is cultarail dha na sgìrean anns am bi e, a’ leasachadh is a’ togail inbhe na Gàidhlig ann an Alba an latha an-diugh.
Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu am bliadhna eadar 9mh is 17mh Dàmhair 2026.
Dùnaidh iarrtasan Didòmhnaich 31d Cèitean. Tadhail air https://enter.ancomunn.co.uk
« Back to Mòd News List