Published: 09 Apr 2026
Le sia mìosan ri dhol gus an till am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu tha Comataidh Ionadail a’ Mhòid air sreath thachartasan ainmeachadh air thòisich air a’ Mhòd, am prìomh thachartas ann an Alba a bhios a’ comharrachadh cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig. Bidh tachartasan mìosail gan cumail thairis air a Ghiblein, an Cèitean agus an Òg mhìos a’ comharrachadh ceòl, cultar, biadh is deoch agus a’ togail aire ann an Ghlaschu air na bhios a’ tachairt leis a’ Mhòd a’ tilleadh dhan Bhaile san Dàmhair.
Thèid Cèilidh Teaghlaich a chumail air Dihaoine 24 Giblein aig 7.30f ann an Aonad Oilthigh Ghlaschu. Thèid fàilte bhlàth air luchd èisteachd de gach aois a thighinn còmhla gus èisteachd ri ceòl traidiseanta agus pàirt a ghabhail san dannsa leis a’ chòmhlan ciùil Eriskay Lilt.
Thèid Farpais Cheist a chumail an Taigh-sheinnse a’ Phàirc air Diardaoin 14 Cèitean aig 7.30f airson cothrom a thoirt do Ghàidheil agus luchd-taic na Gàidhlig a thighinn còmhla airson oidhche le co-fharpais spòrsail, càirdeil.
Bidh Blasad Gin air a chumail ann an Taigh-òsta Maldron am meadhan baile Ghlaschu air Disathairne 6 Òg mhìos eadar 2-4f. Thèid Gins a th’ air an dèanamh ann an sgìrean Gàidhealach air feadh Alba a thaisbeanadh agus thèid slàinte a thogail a’ fàilteachadh am Mòd air ais a Ghlaschu a-rithist an dèidh seachd bliadhna.
Bheir an airgead a thèid a thogail aig na tachartasan seo taic dhan Chomataidh Ionadail le bhith a’ stèidheachadh Prògram deth thachartasan Iomall a’ Mhòid a bhios a’ ruighinn a-mach air feadh a’ Bhaile rè seachdain a’ Mhòid.
A’ gabhail àite bho Dihaoine 9mh gu Disathairne 17 Dàmhair. ’s e Fèis bheòthail, ioma-ealain a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus aon de na tachartasan cultarail as cudromaiche ann an Alba. Thathas a’ cur fàilte air com-pàirtichean agus luchd-èisteachd gus tlachd fhaighinn à farpaisean, cuirmean-ciùil, òraidean, seiseanan, bùthan-obrach agus cèilidhean.
Thèid grunn chlachan-mìle a chomharrachadh air an t-slighe gu ruige Mòd Ghlaschu. Tha ceann-latha airson farpaisean a’ Mhòid a’ dùnadh air Didòmhnaich 31 Cèitean agus thèid Prògram a’ Mhòid agus Prògram Iomall a’ Mhòid fhoillseachadh anns na mìosan tha romhainn.
Thuirt D-I Brown, Neach-gairm Comataidh Ionadail Mòd Ghlaschu 2026, “Le sia mìosan ri dhol gus an till am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu, tha e mìorbhaileach an fhiosrachadh seo a sgaoileadh gus fàilte bhlàth a thoirt don h-uile duine a thighinn cruinn còmhla rinn. Bheir na tachartasan seo daoine còmhla bho air feadh na coimhearsnachdan, gach cuid fileantaich agus luchd ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha sinn airson aire agus fìor thoileachas a thogail mu choinneamh tachartasan a’ Mhòid sa bhliadhna a tha romhainn a tha a’ gealltainn a bhith dìreach air leth ann a bhith a’ togail inbhe cànan agus cultar na Gàidhlig.”
Thàinig còrr is 9,400 neach gu tachartasan Mòd 2025 ann an Loch Abar thairis air naoi latha agus thàinig buannachd mu £3.9m air ais chun eaconamaidh san sgìre sin mar thoradh air a’ Mhòd.
Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Ghlaschu ann an 2026 bho 9mh gu 17mh Dàmhair. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu thachartasan Ionadail an seo.
Tha ceann-latha airson farpaisean a’ Mhòid a’ dùnadh air Didòmhnaich31 Cèitean. Siostam iarrtais an seo.
« Back to Mòd News List