Published: 16 Jun 2026
Dealbh le Elaine Livingstone
Cruinnichidh na ceòladairean Gàidhlig is traidiseanta as fheàrr ann an Alba ann an Glaschu aig oidhche sònraichte aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Gus crìoch prìomh Fhèis cànan, ceòl is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh, bidh Gael Force 10 aig Seòmar-dannsaidh Barrowland air Dihaoine 16 Dàmhair 2026, is tha tiogaidean gan reic an-dràsta.
Cuiridh luchd-ciùil Gàidhealach cliùiteach cuirm cho math ’s a ghabhas air bhonn gus làithean an Fhèis Gàidhlig as motha san t-saoghail a thoirt gu ceann.
Cluinnear Albannaich ainmeil a leithid Dòmhnall Shaw is Karen NicMhathain Capercaillie, Raibeart Robasdan Tidelines, Aonghas MacPhàil, Anndra MacSteafain is Eairdsidh MacAlasdair Skippinish, Daniel is Màrtainn Gilleasbaig Skerryvore, Iain Mac a’ Ghobhainn Trail West is Kim Carnie is Eòghann MacEunraig Mànran.
Thòisich obair ullachaidh na cuirme fo stiùir Comataidh Eagrachaidh Mòd Nàiseanta Ghlaschu le taic on cheòladair, craoladair is co-òrdanaiche Gary Innes.
Thèid fàilte a chuir air John ‘Iky’ Carmichael air àrd-ùrlar ’s e air leth ainmeil am measg coimhearsnachd ceòl traidiseanta.
Bidh A’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan air an riochdachadh aig na Barrowlands; An Òban, Tiriodh, Asainte is Muile. Chithear ceòladair ainmeil Albannaich Jennifer Cruickshank air a’ bhogsa-ciùil, cluicheadair piàno Rory MacMhathain, drumair Friseil MacAonghais, is mòran eile, cuideachd.
Thuirt craoladair is ceòladair Gael Force 10, Gary Innes: “Chan fhaighear luchd-ciùil nas fheàrr na seo! Ged a tha e duilich an aimsir Albannaich a thomhas, le cinnt bidh Gàidheil againn am pailteas ann an Glaschu san Dàmhair. Cha ghabhadh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a dhùnadh ann an dòigh nas fheàrr na a bhith cruinn còmhla le na ceòladairean as fheàrr à taobh siar na h-Alba agus a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha mi air bhioran toireadh na h-obrach fhaicinn.”
Thuirt D-I MacIlleDhuinn, Cathraiche Comataidh Eagrachaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026: “Tha Glaschu aithnichte mar Bhaile Mòr nan Gàidheal. ’S iomadh Gàidheal is eileanach a dh’imrich dhan bhaile tro na linntean agus tha a’ choimhearsnachd Gàidhlig as motha ann na àite sam bith eile seach na h-Eileanan Siar. Tro bhith ceangal an dualchas Gàidhlig seo le cliù baile Ghlaschu airson ceòl beò agus an luchd-èisteachd as fheàrr air an t‑saoghail fàgaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail deagh dhìleab.
Tha an Comataidh Eagrachaidh air an dòigh Gael Force 10 a thoirt dha na Barrowlands, cèilidh cho math ’s a ghabhas gus am fèis a thoirt gu ceann ann an dòigh air leth iomchaidh. Molaidh sinn do neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan, ceòl no cultar na h-Alba a dhol an sàs sa Mhòd.”
Bidh Gael Force 10 am measg tachartasan iomaill eile aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, eadar Dihaoine 9 is Disathairne 17 Dàmhair, thèid prògram slàn anns am bi cuirmean-ciùil, seiseanan agus bùthan-obrach fhoillseachadh.
Thadhail còrr air 9,400 neach air Mòd Nàiseanta Loch Abar an-uiridh thairis air 9 làithean, is thug e buannachd £3.9 millean dha eaconamaidh na sgìre.
Bidh Gael Force 10 aig Seòmar-dannsaidh Barrowland aig deireadh A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail air Dihaoine 16 Dàmhair. Tha tiogaidean rim faighinn aig https://modghlaschu2026.org/

« Back to Mòd News List