Naidheachdan

Cothrom Laithean Saora a Bhuannachadh!

Published: 29 Mar 2011

Cothrom Laithean Saora a Bhuannachadh!

Tha comataidh ionadail Mòd nan Eilean Siar gu bhith a’ tòiseachadh air an ath oidhirp gus airgead a chruinneachadh airson an tachartas. Tha a’ chomataidh a’ tabhann an cothrom bileag-fianais luach £1500 airson làithean-saora tron Cho-op a bhuannachadh. A thuilleadh air sin gheibhear £500 agus tha Loganair air ticeadan a thoirt seachad airson an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus am baile far a bheil am port-adhair airson na làithean-saora.

Tòisichidh a’ chomataidh a reic thiogaidean a dh’aithghearr agus gheibhear iad bho diofair bhùithtean, buill a’ chomataidh Ionadail agus aig www.modnaneileansiar.com. Bidh an comataidh cuideachd a’ reic na tiocaidean aig tachartasan sònraichte air feadh na h-eileanan eadar seo agus an Dàmhair, agus thairis air seachdain a’ Mhoid fhèin.

Thèid an taghadh a dhèanamh aig seachdain a’ Mhòid (14 gu 22 Dàmhair 2011), mar sin tha ùine gu leòr aig daoine ticeadan a cheannachd

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council