Published: 10 Aug 2026

Chaidh dreach Gàidhlig a chuir air òran molaidh Ghlaschu air thòiseach air A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh dhan bhaile as t-fhoghar. Thug Ar n-Òran do Ghlaschu guthan Norrie Tago MacÌomhair agus Còisir Sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu, anns a bheil sgoilearan bho na ceithir bun-sgoiltean sa bhaile, còmhla.
Tha an àireamh as àirde de Ghàidheil taobh a-muigh Na h-Eileanan Siar a’ fuireach an Glaschu, is tha an òran - a thèid fhoillseachadh Diardaoin 13 Lùnastal - a’ comharrachadh am baile agus coimhearsnachd na Gàidhlig.
Chaidh an òran a sgrìobhadh sa Bheurla an toiseach le Jamie Caimbeul bhon chòmhlan Ghlaschu Dignity Row is bhuannaich e farpais Glaschu Beò ann an co-bhanntachd le Go Radio mar òran a’ comharrachadh spiorad a’ bhaile is chaidh a chleachdadh leis a’ charthannas ann an sanasan bhon uair sin.
Air thoiseach air an tachartas Gàidhlig as motha air thalamh a’ tighinn a Ghlaschu, dh’obraich Jamie còmhla ris a cheòladair, sgrìobhadair is craoladair Màiri Anna NicUalraig gus am moladh do Ghlaschu a chuir dhan Ghàidhlig.
Cleachdaidh an òran ìomhaigh Ghlaschu mar ‘am baile as càirdeile air an t-saoghail’ agus sealladh air Sràid Bhochanan làn ceòl agus seinn, mar a bhios i nuair a bhios Am Mòd aig baile san Dàmhair.
Bidh an dreach Gàidhlig air fhoillseachadh air àrd-ùrlar aig cuirm Dignity Row sa Bhungalow far an seinn Màiri Anna. Cluinnear cuideachd aig àm a’ Mhòd e, eadar 9 – 17 Dàmhair 2026.
Sheinn sgoilearan à Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail, Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu is Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Challtainn an òran cuide ri Jamie Campbell à Dignity Row air a’ mheur-chlàr, Dario Palazzo air giotàr, Julian Pombo air beus-giotàr agus Gavin Paterson air na drumaichean.
Chaidh a chlàradh aig Studio 1790 ann an Comar nan Allt, is chaidh guthan nan sgoilear a chlàradh aig sgoiltean ann am Finnieston agus Baile a’ Ghobhainn, le taic bhon seinneadair is sgrìobhadair Isla Scott.
Thuirt Jamie Campbell, Dignity Row: “Tha Ar n-Òran do Ghlaschu ag amas air beatha Ghlaschu a shamhlachadh, far a bheil daoine treun, càirdeil is fosgailte ag innse sgeul am beatha, is cha bhith thu uair sam bith le faireachdainn aonranach. Cruinnichidh muinntir a’ bhaile agus luchd-tadhail deagh sgeulachdan an seo, is bidh cuimhne aca air ìomhaighean sònraichte a’ bhaile. Thèid do chuairteachadh le ceòl nuair a choisicheas tu air Sràid Bochanan, sa bhaile às am bu chòir dhuinn a bhith pròiseil.
“Dh’fheuch mi ri òran a sgrìobhadh bho mo chridhe gus faireachdainnean a ghlacadh ann an dòigh a tha doirbh ann an còmhraidhean làitheil. Tha na faclan a’ sealltainn mo ghaol do Ghlaschu agus ris na daoine a tha gam cheangal ri mo dhachaigh. Chan eil thu uair sam bith nad aonar an Glaschu!”
Thuirt Cathraiche Glaschu Beò agus Neach-tionail Cultair, Spòrs is Ceanglan Eadar-nàiseanta, Bàillidh Annette Christie: “’S e rud prìseil a th’ ann gun urrainn dhuinn spioraid a’ bhaile a chomharrachadh, sa Ghàidhlig, tro Ar n-Òran do Ghlaschu, mus till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail.
“Nì sinn fiughair ris an tachartas cultarail seo a bhith aig baile uair eile. Mar dhachaigh don àireamh luchd-labhairt Gàidhlig as motha taobh a-muigh Na h-Eileanan Siar, tha dàimh làidir aig a’ bhaile dhan Ghàidhlig, agus tha ùidh is gnìomhadh air fàs o chionn ghoirid. Tha sinn gu cinnteach airson togail air an ùidh ann an cànan is cultar – is tha ar Plana Ealain Gàidhlig 2025-2029 mar dhearbhadh air ar n-amas agus spèis dha cruthachalachd sa Ghàidhlig.
“Aithnichidh sinn cho cudromach ’s a tha e gum faigh luchd-labhairt Gàidhlig agus feadhainn nach bruidhinn an cànan cothroman a bhith an sàs aig tachartasan a bhrosnaicheas cànan agus cultar na Gàidhlig. Bheir seo fàs air a’ bhuaidh sòisealta agus eaconamach a tha na lùib. Mar sin, tha e air leth cudromach dhan bhaile gum bi Am Mòd Nàiseanta Rìoghail an seo, a’ taisbeanadh gach buannachd aig ceòl agus na h-ealain Gàidhlig.”
Thuirt Màiri Anna NicUalraig, a rugadh an Glaschu: “’S e urram a th’ ann a bhi dèanamh eadar-theangachaidh air obair neach eile, ach is e tlachd a tha ann a bharrachd, oir tha an gràdh ceudna aig Jamie dhan bhaile ’s a tha agam fhèin.”
Fhuair am Mòd taic o Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, EventScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba am bliadhna.
Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026. Tha tiogaidean rim faighinn an-dràsta, tadhalaibh air https://modghlaschu2026.org/
« Back to Mòd News List