Naidheachdan

Bathair a' Mhoid a-nise ri fhaotainn!

Published: 27 Sep 2011

A’ coimhead airson tiodhlac airson neach aig a bheil a h-uile sian? Uill, tha comataidh ionadail Mòd nan Eilean Siar air bathar a cheannach a fhreagras air an dearbh neach a tha sin. Mar phàirt den oidhirp gus airgead a chruinneachadh airson Mòd nan Eilean Siar, chaidh leabhar còcaireachd ullachadh a tha a’ taomadh le reasabaidhean de gach seòrsa! Bhiodh fàilte air leithid de leabhar ann an cidsin sam bith, agus airson prìs cho saor ri £8, carson nach ceannaich sibh dha no thrì airson caraidean, càirdean no fiùs feadhainn a tha ag obair còmhla riut! Cuideachd thathar air aparan sònraichte Mòd nan Eilean Siar a chruthachadh agus gheibhear sin airson £5 no carson nach ceannaich sibh an dà rud airson £12. Ma tha ùidh agaibh, nach tadhal sibh air Oifis a’ Chomuinn ann an Steòrnabhagh, no tog a fòn thuca air 01851 703487.

Tha a’ chomataidh cuideachd toilichte ainmeachadh gu bheil bathar oifigeil a’ Mhòid a-nis ri fhaotainn. Tha hoodies agus zoodies ri fhaighinn, le suaicheantas ùr spaideil, agus gheibhear iad ann an difear dhathan agus meudan. Tha a h-uile coltas ann gu bheil iad gu bhith tarraingeach do shean is òg ‘s mar sin thathar ag iarraidh òrdughan fhaighinn a-steach cho luath sa ghabhas. Cuideachd tha an cothrom muga oifigeil Mòd Nàiseanta nan Eilean Siar agus pocannan beag is mòr air a bheil suaicheantas a’ Mhòd a cheannach.

Ma tha sibh airson barrachd fhaighinn a-mach leig fios thugainn gu duilleag Mòd nan Eilean Siar air Facebook, thig a-steach gu Oifis a’ Chomuinn no bruidhinn ri ball den chomataidh.

Cuideachd tha Oifis a’ Chomuinn gu bhith fosgailte air Disathairne 1 agus 8mh Dàmhair gus cothrom a thoirt do dhaoine bathar agus tiogaidean a cheannach.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council