Naidheachdan

Glaschu deiseil gus Gàidhlig a chomharrachadh agus Prògram Iomaill a’ Mhòid air fhoillseachadh

Published: 24 Jun 2026

​Cuiridh Glaschu fàilte air spiorad na Gàidheal agus an tachartas cànan, cultar agus ceòl Gàidhlig as motha air thalamh, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, air prògram an iomaill fhoillseachadh; le cuirmean-ciùil, cèilidhean, cruinneachaidhean is bùthan-obrach.

Cleachdaidh an fhèis bhliadhnail iomadh àite ann an Glaschu eadar 9 – 17 Dàmhair, nam measg An Talla Consairt Rìoghail, An Ionad Pìobaireachd Nàiseanta, Seòmar-dannsaidh Barrowland, Òran Mòr, An Club Glee agus Taigh Èideird.

Thachair an fhèis, a mhaireas naoi làithean, mu dheireadh ann am Baile Mòr nan Gàidheal ann an 2019. Cluinnear ceòl, seinn, litreachas is dràma, a bhrosnaicheas luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh is feadhainn aig a bheil ùidh ann an cultar a dhol an sàs sna h-ealain Gàidhlig.

Anns an 134mh bliadhna aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, thathas an dùil fàilte a chuir air mu 10,000 neach-tadhail, is tiogaidean gan reic an-dràsta.

Fosglaidh Mòd na bliadhna-sa le cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl, far am bi tàlant ionadail a’ comharrachadh dà fhichead bliadhna bho thòisich an iomairt Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu. Thèid iomradh a thoirt air na seòid a bha brosnachadh foghlam gus an cànan ath-bheothachadh sa bhaile agus a rinn strì gus am biodh na sgoiltean Gàidhlig a th’ againn san latha an-diugh ann.

Tro fhacail, ceòl, seinn is lèirsinn, seallaidh an cuirm eachdraidh dà fhichead bliadhna is chithear feadhainn a shoirbhich ri linn a dhol tro Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Chaidh a’ mhòr chuid de chòmhlan DLÙ gu sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu is cuideachd bidh orcastra ann le buill a tha no a bha nan sgoilearan FTMG air àrd-ùrlar.

A bharrachd air sin, bidh Cèilidh le na Cormacks aig an Ionad Pìobaireachd Nàiseanta air Disathairne 10mh Dàmhair. Cluinnear na h-òrain is ceòl is fheàrr leotha aig oidhche shònraichte.

Aig cèilidhean teaghlaich Diluain 12na is Dimàirt 13mh thèid fàilte a chuir air dannsairean aig gach aois.

Obrachaidh cuideachd na seachd Comainn Eileanaich Ghlaschu còmhla gus cuirm-chiùil air leth a chuir air bhonn aig Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu. Fo stiùir an t-seinneadair, craoladair is Gàidheal Ghlaschu, Màiri Anna NicUalraig agus Cathraiche a’ Mhòid D-I MacIlleDhuinn. Bidh An Drochaid na chruinneachadh iongantach le luchd-ciùil tàlantach às na h-eileanan is coimhearsnachd Gàidhlig Ghlaschu. Buinidh teaghlach Mhàiri Anna don Eilean Sgitheanach agus Tiriodh is stiùiridh i luchd-ciùil ceangailte ri gach eilean.

Air feadh na seachdain gheibh luchd-tadhail is muinntir Ghlaschu cuideachd cothrom air seiseanan ciùil, cearcaill còmhraidh, geamannan ball-coise is iomain, òraidean, bùthan-obraich is taisbeanaidhean. Bidh an Talla Taisbeanaidh aig Tallaichean Consairt Rìoghail Ghlaschu na ionad ciùil, dannsa is còmhraidh.

Aig Taigh Èideird ar Sràid Sauchiehall, gheibh luchd-tadhail air a dhol an sàs aig cruinneachaidhean Tì is Cofaidh gach madainn is Ceòl is Curry gach feasgar, am measg eile, fo sgèith Ghlaschu Beò le taic bho Chomhairle Baile Ghlaschu.

Thig an t-seachdain gu ceann Disathairne 17 Dàmhair aig na Co-Chòisirean. Cruinnichidh na seinneadairean-còisire nan ceudan ’s iad a’ caismeachd air Sràid Sauchiehall mus cruinnich iad aig staidhre Sràid Bochanan far an seinn iad òrain ainmeil Gàidhlig còmhla.

Air an Dihaoine mu dheireadh bidh cuirm air leth freagarrach ann aig Gael Force 10 anns an Seòmar-dannsaidh Barrowland, a chaidh fhoillseachadh mar-thà. Chithear ceòladairean traidiseanta bho air feadh na h-Albainn aig cuirm gun shamhla. Cumaidh buidheann Mela Ghlaschu taic riutha fo stiùir Sodhi a tha ainmeil mar dhrumair tabla.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “A rèir coltas bi am Mòd sa cho mòr is in-ghabhalach ’s a bh’ againn a-riamh, a’ cuir fàilte air na mìltean a thig a Ghlaschu gus ar cànan, cultar ealain is aithne a chomharrachadh. Tha prògram na bliadhna sa a’ samhlachadh an tàlant a th’ againn am pailteas am measg nan Gàidheil is bidh e na dheagh thachartas cultarail dhan h-uile duine. Cuiridh sinn fàilte mhòr air teaghlach a’ Mhòid a Ghlaschu san Dàmhair.”

Thuirt Rùnaire na Gàidhlig Màiri NicAilein: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail mar phrìomh thachartas ann am mìosachan cultar na Gàidhlig. Tha am Mòd a’ cuir ceòl, litreachas is ealain na Gàidhlig air àrd-ùrlar nàiseanta air a bheil iad airidh, agus a’ sealltainn gun cuir a’ Ghàidhlig tòrr ri ar beatha nàiseanta.

“Seo a’ chiad Mhòd bho fhuair a’ Ghàidhlig inbhe oifigeil taobh a-staigh na h-Alba tro Achd nan Cànan Albannach – agus cuiridh Glaschu fàilte bhlàth air às ùr, ’s am baile a’ dèanamh deiseil airson an ceathramh bun-sgoil tro mheadhan na Gàidhlig fhosgladh.

“Tha mi taingeil dhan Chomunn Ghàidhealach airson an cuid obrach gus an fhèis a stiùireadh, airson an aithne a bheir e do dhualchas Gàidhlig na h-Alba, agus airson na cothroman cultarail a dh’fhosglas e do dh’Albannaich òga. Tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhan a h-uile duine.”

Thuirt D-I MacIlleDhuinn, Cathraiche Comataidh Eagrachaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026: “Tha ceangal làidir aig Glaschu ris a’ Ghàidhlig agus tha am baile air a bhith cudromach ann an ath bheothachadh a’ chànain. Mar sin tha sinn moiteil seo a chomharrachadh tro phrògram iomaill ealanta. Aithnichear gum bi fèis ri fhaicinn an Glaschu, an dà chuid cultar co-aimsireil agus traidiseanan – feuch gum bi sibh an sàs.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “’S cinnteach gu bheil Glaschu ag ullachadh airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus tha mi air leth toilichte fhaicinn gun tèid raon farsaing de thachartasan a lìbhrigeadh mar phàirt de dh’iomall na fèise gus a’ Ghàidhlig a thaisbeanadh. Tha eachdraidh fhada aig Glaschu a thaobh a bhith a’ comharrachadh na Gàidhlig agus tha seo na phàirt chudromach de chultar is dualchas a’ bhaile. Tha e soilleir gu bheil fàilte chridheil a’ feitheamh air gach neach a thèid ann san Dàmhair.”

A bharrachd air tachartasan an iomaill bidh còrr air 200 farpais, nam measg seinn aon neach, còisirean, ionnsramaidean, ealain is eile. Thathas an dùil gum bi tòrr san èisteachd aig farpaisean Bonn-òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Am Bonn-òir Traidiseanta, na prìomh fharpaisean còisire, Cogadh nan Còmhlain agus farpais an dràma. Chì iad na bhios a’ dol aig fear de na tachartasan cultarail is sine agus is cliùitiche an Alba

Fhuair am Mòd taic o Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, EventScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba am bliadhna.

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026. Tha tiogaidean rim faighinn an-dràsta, tadhalaibh air làrach-lìn Mòd Ghlaschu 2026.

« Back to Mòd News List

Rionnagan am pailteas air an àrd-ùrlar aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu

Published: 16 Jun 2026

Dealbh le Elaine Livingstone


​Cruinnichidh na ceòladairean Gàidhlig is traidiseanta as fheàrr ann an Alba ann an Glaschu aig oidhche sònraichte aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Gus crìoch prìomh Fhèis cànan, ceòl is cultar na Gàidhlig a chomharrachadh, bidh Gael Force 10 aig Seòmar-dannsaidh Barrowland air Dihaoine 16 Dàmhair 2026, is tha tiogaidean gan reic an-dràsta.

Cuiridh luchd-ciùil Gàidhealach cliùiteach cuirm cho math ’s a ghabhas air bhonn gus làithean an Fhèis Gàidhlig as motha san t-saoghail a thoirt gu ceann.

Cluinnear Albannaich ainmeil a leithid Dòmhnall Shaw is Karen NicMhathain Capercaillie, Raibeart Robasdan Tidelines, Aonghas MacPhàil, Anndra MacSteafain is Eairdsidh MacAlasdair Skippinish, Daniel is Màrtainn Gilleasbaig Skerryvore, Iain Mac a’ Ghobhainn Trail West is Kim Carnie is Eòghann MacEunraig Mànran.

Thòisich obair ullachaidh na cuirme fo stiùir Comataidh Eagrachaidh Mòd Nàiseanta Ghlaschu le taic on cheòladair, craoladair is co-òrdanaiche Gary Innes.

Thèid fàilte a chuir air John ‘Iky’ Carmichael air àrd-ùrlar ’s e air leth ainmeil am measg coimhearsnachd ceòl traidiseanta.

Bidh A’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan air an riochdachadh aig na Barrowlands; An Òban, Tiriodh, Asainte is Muile. Chithear ceòladair ainmeil Albannaich Jennifer Cruickshank air a’ bhogsa-ciùil, cluicheadair piàno Rory MacMhathain, drumair Friseil MacAonghais, is mòran eile, cuideachd.

Thuirt craoladair is ceòladair Gael Force 10, Gary Innes: “Chan fhaighear luchd-ciùil nas fheàrr na seo! Ged a tha e duilich an aimsir Albannaich a thomhas, le cinnt bidh Gàidheil againn am pailteas ann an Glaschu san Dàmhair. Cha ghabhadh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a dhùnadh ann an dòigh nas fheàrr na a bhith cruinn còmhla le na ceòladairean as fheàrr à taobh siar na h-Alba agus a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan. Tha mi air bhioran toireadh na h-obrach fhaicinn.”

Thuirt D-I MacIlleDhuinn, Cathraiche Comataidh Eagrachaidh Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026: “Tha Glaschu aithnichte mar Bhaile Mòr nan Gàidheal. ’S iomadh Gàidheal is eileanach a dh’imrich dhan bhaile tro na linntean agus tha a’ choimhearsnachd Gàidhlig as motha ann na àite sam bith eile seach na h-Eileanan Siar. Tro bhith ceangal an dualchas Gàidhlig seo le cliù baile Ghlaschu airson ceòl beò agus an luchd-èisteachd as fheàrr air an t‑saoghail fàgaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail deagh dhìleab.

Tha an Comataidh Eagrachaidh air an dòigh Gael Force 10 a thoirt dha na Barrowlands, cèilidh cho math ’s a ghabhas gus am fèis a thoirt gu ceann ann an dòigh air leth iomchaidh. Molaidh sinn do neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan, ceòl no cultar na h-Alba a dhol an sàs sa Mhòd.”

Bidh Gael Force 10 am measg tachartasan iomaill eile aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, eadar Dihaoine 9 is Disathairne 17 Dàmhair, thèid prògram slàn anns am bi cuirmean-ciùil, seiseanan agus bùthan-obrach fhoillseachadh.

Thadhail còrr air 9,400 neach air Mòd Nàiseanta Loch Abar an-uiridh thairis air 9 làithean, is thug e buannachd £3.9 millean dha eaconamaidh na sgìre.

Bidh Gael Force 10 aig Seòmar-dannsaidh Barrowland aig deireadh A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail air Dihaoine 16 Dàmhair. Tha tiogaidean rim faighinn aig https://modghlaschu2026.org/

Postair Gael Force 10 le fiosrachadh luchd-ciùil

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow