Published: 17 Oct 2025
Traditional Gold Medal and Rural Choir champions revealed at the prestigious Gaelic event
Bha òrain Ghàidhlig ri an cluinntinn air feadh Loch Abar a-raoir is dà sheinneadair a’ faighinn urram ainmeil bonn-òir an t-seann nòis aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, an cuid ainmean a’ dol sìos ann an leabhraichean eachdraidh.
B’ i Màiri NicCathalain à Coatbridge a choisinn an crùn ann an co-fharpais nam ban, ceithir bliadhna na dèidh dhi am bonn-òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich a bhuannachadh ann an Inbhir Nis ann an 2021. Ann an co-fharpais nam fear, chaidh an latha le Donnchadh MacLeòid à Drochaid a’ Bhanna ann an Cataibh air an treas oidhirp is e air an dàrna agus an treas àite a bhuannachadh roimhe.
Thuirt Donnchadh MacLeòid, buannaiche bonn-òir seann nòs nam fear: “Chòrd a’ cho-fharpais rium gu mòr – agus bha mi airson bonn-òir a bhuannachadh o chionn fhada, rud a bha mi a-riamh ag iarraidh. Bha mi còig no sia bliadhna a dh’aois nuair a thug mi pàirt aig a’ Mhòd a’ chiad turas, ann an Dùn Omhain, agus bha mo shùil air a’ bhonn-òir on àm sin. Bha ar pàrantan gu mòr airson ’s gun cuireamaid gu feum ar cuid Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile agus b’ e seinn an dòigh dhòmhsa a’ Ghàidhlig agam a chumail a’ dol agus feabhas a chur oirre. Tha mi toilichte gun do rinn mi oidhirp eile ’s gun robh de dh’earbsa agam, tha mi cho pròiseil asam fhìn.”
Thuirt is Màiri NicCathalain, buannaiche bonn-òir seann nòs nam ban: “Tha mi cho toilichte – cha robh mi an dùil buannachadh idir. Bu toil leam taing mhòr a thoirt do Cheana Chaimbeul agus Iseabail T a chuidich mi thairis air na bliadhnaichean agus dha mo mhàthair is deagh charaid Màiri C NicGilleEathain à Barraigh a thug brosnachadh dhomh cumail a’ dol leis an t-seinn. Seinn sa Ghàidhlig, sin pàirt dhe mo chultar, pàirt dhe mo dhualchas is tha mi cho pròiseil às. Tha mi an dòchas gum brosnaich seo daoine òga gu seinn cuideachd, gu sònraichte na h-òrain mhòra. Tha e do-chreidsinneach, dà bhonn-òir a bhith agam a-nis. Cha do rinn mi seinn san t-seann nòs on a bha mi 15 agus leis a sin, ’s e dùbhlan a bh’ ann a thilleadh dhan nòs seo. Ach, an-tà, saoilidh mi gun do rinn mi a’ chùis air!”
Bha còisirean dùthchail o fheadh na h-Alba a’ strì ri chèile, leis na ceudan dhiubh a’ tighinn cruinn air a’ Ghàidhealtachd. ’S e Còisir Ghàidhlig Bharraigh a thog Sgiath Latharna, duais a bha gach aon dhiubh ag iarraidh, agus bhuannaich Còisir Ghàidhlig Ìle Cuach an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul a tha a cheart cho ion-mhiannaichte.
Thuirt John Joe MacNèill, fear-iùil Chòisir Ghàidhlig Bharraigh: “Tha sinn air ar dòigh glan. ’S e latha cho sònraichte a th’ ann dhuinn oir tha Gruagach Òg an Fhuilt Bhàin, òran a thagh sinn fhìn, gu math sònraichte dhuinne. Chaidh an òran seo a sgrìobhadh mu dheidhinn bana-Bharrach agus chuala sinn gu tric e nuair a bha sinn òg. Bha sinn air ar bioran agus shileadh deòir no dhà sa chòisir nuair a bhuannaich sinn an duais am bliadhna – tha e do-chreidsinneach agus cho sònraichte, iongantach air fad. Tha a h-uile duine cho toilichte agus bha a h-uile duine ag obair cho cruaidh fad nam mìosan mòra. Tha e cho snog gun tàinig e ri chèile mar a bha sinn an dùil air an latha – air mhire buileach.”
Thuirt Libby NicSheathanaich, an leughadair Gàidhlig aig Chòisir Ghàidhlig Ìle: “Tha a’ chòisir air mhire! ’S e cho-fharpais theann a bh’ ann, gu dearbha fhèin, agus ged a bha fios againn gun do rinn sinn gu math – ach cha bhi thu cinnteach gus an cluinn thu an sgòr deireannach. Tha e cho cudromach dhuinn gun do bhuannaich sinn duais nan còisirean dùthchail oir bha sinn ag obair cho cruaidh fad na bliadhna. Thòisich sinn san Fhaoilleach, a’ tighinn cruinn turas gach seachdain gus an robh e dìreach ceart. Tha sinn a’ riochdachadh ar n-eilein an seo agus tha seo cho prìseil do mhòran mar sin.”
Thig an tachartas as motha ann an saoghal na Gàidhlig gu aona-cheann an-diugh ann an co-fharpais nan còisirean sgìreil. Tha Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus Geall-dùbhlain Mairead NicDhonnchaidh ion-mhiannaichte ri bhuannachadh agus tha còisirean o cheithir rannan ruadh na RA, a’ gabhail a-staigh Glaschu, Obar Dheathain, Lunnainn, an t-Eilean Sgitheanach agus nas fhaide air falbh a’ cur brod an òrain is an ciùil air an àrd-ùrlar tron latha ann an Ionad Nibheis.
An dèidh na co-fharpais theann seo, bidh an Dannsa Mòr againn, leis a’ chòmhlan-ciùil tradaiseanta às na h-Eileanan Siar, Beinn Lee. Seo an cothrom mu dheireadh ann an Ionad Nibheis do dhaoine casan dannsa a chur air an làr aig cèilidh bheòthail, a’ cur crìoch air an t-seachdain ann an nòs fìor Ghàidhealach fhad ’s a chumas taighean-seinnse a’ Ghearastain a’ dol leis na seiseanan beòtha acasan is spiorad a’ Mhòid gar toirt a dh’ionnsaigh deireadh na seachdaine.
Thèid feadhainn a chruthaicheas obair-ealain a th’ air a spreigeadh le cultar is tìr nan Ghàidheal a chomharradh cuideachd feasgar an-diugh is Duais Ealain na Gàidhealtachd ga thoirt seachad ann an Taigh-ealain MhicCaluim. Thagh na britheamhan, Beth Robastan Fiddes agus Donaidh Rothach, iad fhèin nan sàr luchd-ealain cuideachd, 12 obair-ealain dhen 70 a tha gan taisbeanadh o fheadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Thuirt Peigi NicGilleFhinnein, Àrd-oifigear Gnìomha eadar-amail a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Chan eil ach latha eile dhen Mhòd air fhàgail agus tha tachartasan a’ dol gun sgur, eadar obair-ealain, ceòl, dràma is spòrs agus innse sgeulachdan, dannsadh cèilidh is ionnsachadh – sàr-thaisbeanadh de ghràinnean-mullaich cultar na Gàidhlig.
“’S e seud ann an crùn a’ Mhòid a th’ ann am bonn-òir an t-seann nòis an-còmhnaidh, ri taobh Sgiath Latharna agus Cuach an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul is bha e fiù nas fheàrr na bha daoine an dùil agus bu chòir dhan a h-uile duine a bhuannaich duais a bhith air leth pròiseil asta fhèin. Tha iad a-nis ann an talla nan sonn, gualann ri gualainn ri seòid seinn na Gàidhlig.
“Tha an t-aoibhneas is an spionnadh a bheir na còisirean dhan Mhòd gun a leithid, a’ glacadh spiorad a’ chompanais a th’ aig teis-meadhan an tachartais seo. Tha mi an dòchas gum bi àm comharraichte math air an latha mu dheireadh dhen Mhòd am bliadhna aig a h-uile a tha an sàs ann.”
Thig Mòd Loch Abar 2025 gu crìoch a-màireach le tachartas mìorbhaileach nan Co-chòisirean far an cluinnear na ceudan de sheinneadairean às na còisirean còmhla ann an Ceàrnag Chamshroin ann an taisbeantas drùidhteach a chomharraicheas deireadh na fèise annasach seo.
Fhuair am Mòd taic o EventScotland, na phàirt de VisitScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Riaghaltas na h-Alba, Cailleannach Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA am bliadhna.
« Back to Mòd News List