Published: 03 Mar 2026

Cuimhnichibh gu bheil iarrtasan Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2026 fosgailte! Feumaidh inntrigean uile an cur a-steach, agus pàighte, tron siostaim inntrigidh air-loidhne aig enter.ancomunn.co.uk ro 23:59 air 31d Cèitean 2026. Thèid iarrtasan nach eil coileanta no pàighte aig no às dèidh a’ cheann-latha seo a dhiùltadh.
Anns na farpaisean far a bheil iad a dhìth feumaidh pìosan roghainn fhèin is faidhlichean eile mar a bhios iomchaidh a bhith a-staigh tron siostam inntrigidh air‑loidhne ro 23:59 air 31d Cèitean 2026. Cha tèid gabhail ri faidhlichean às dèidh a’ cheann-latha. Cha ghabhar ri inntrigean air post-d.
Tha atharraichean beagan fhathast ceadaichte ach cha ghabhar ri atharrachadh ri pìosan fèin-roghnaichte às dèidh 31d Lùnastal 2026.
Gheibhear na riaghailtean air fad an seo.
« Back to Mòd News List