Published: 25 Feb 2026

Chaidh a dhearbhadh an-diugh gun till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail dhan Òban, far an robh a’ chiad Mòd a-riamh, is a’ bhaile ainmichte far am bi prìomh fhèille cànan, cultar is ealain na Gàidhlig ann an 2028.
Aithnichte mar chreathail a’ Mhòid bhon fhìor thoiseach ann an 1892, dhearbh an Òban cho freagarrach ’s a tha e nuair a bha Mòd Nàiseanta air leth soirbheachail sa baile ann an 2024.
Sgaoil an naidheachd - air Seachdain na Gàidhlig - nuair a dh’aontaich coinneamh Làn Chomhairle aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, far an deach buannachdan cultarail, eaconamach agus foghlaim A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail aithneachadh.
Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail thairis air naoi làithean ann an àite eadar-dhealaichte an Alba gach bliadhna. ’S e an fhèis Gàidhlig as motha an Alba far am bi farpaisean, cuirmean-ciùil, cèilidhean, bùthan-obrach, òraidean agus seiseanan.
B’ e 2024 an 17mh turas a bha Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban 133 bliadhna o na thòisich e. Chuir an tachartas cultarail mìorbhaileach fàilte air 9,000 neach-tadhail agus thug e buannachd eaconamach nach beag £3.6 millean dhan sgìre. Tha an luchd-eagrachaidh ag iarraidh sin a leudachadh ann an 2028.
Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Gach uair a thèid sinn dhan Òban, dearbhaidh am baile a chliù mar ‘Chreathail a’ Mhòid’, mar sin tha sinn air ar dòigh tilleadh an 18mh turas ann an 2028. Le Comataidh Ionadail èasgaidh an sàs is taic chudromach na Comhairle is luchd-èisteachd Earra-Ghàidheil, tha fios againn gu bheil deagh Mhòd Nàiseanta Rìoghail eile air fàire. Bheir gach àite rudeigin sònraichte dhan fhèis agus ’s cinnteach gum bi blàths agus aoigheachd Mòd an Òbain follaiseach uair eile.”
Thuirt Innes MacCuinn, Cathraiche, Comunn Gàidhealach an Òbain: “Tha Comunn Gàidhealach an Òbain air ar dòigh fàilte a chur air ais dhan Mhòd Nàiseanta ann an 2028. Às dèidh Mòd soirbheachail ann an 2024, tha sinn a’ coimhead air adhart a bhith ag obair cuide ri An Comunn Gàidhealach, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus a’ choimhearsnachd air fad gus a bhith cinnteach gur e tachartas a dh’fhaodadh ar baile a bhith moiteil às a bhios ann am Mòd an Òbain 2028. Tha àite cudromach aig a’ Ghàidhlig agus ar cultar ann an coimhearsnachd an Òbain agus tha sinn a’ coimhead air adhart a bhith a’ comharrachadh sin agus a’ togail air ann an ullachadh agus lìbhrigeadh Mòd Nàiseanta 2028.”
Thuirt an Comhairliche Luna Martin, Stiùiriche Polasaidh Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid: “Tha sinn air ar dòigh gun till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail dhan Òban ann an 2028. ’S e tachartas air leth cudromach a th’ ann, na dhearbhadh air cudromachd cànan is cultar na Gàidhlig is a’ taisbeanadh ar dualchas ealanta. Bheir am Mòd buannachdan cultarail agus eaconamach, trusaidh e luchd-tadhail, taic do ghnìomhachasan ionadail agus na dhearbhadh gun urrainn do dh’Earra-Ghàidheal is Bhòid tachartasan nàiseanta a chuir air bhonn. Nì sinn fiughair ri obrachadh leis A’ Chomunn Gàidhealach gus am bi fèis soirbheachail is brosnachail air thoiseach oirnn.”
Bidh Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu am bliadhna eadar 9mh is 17mh Dàmhair 2026 is anns Na h-Eileanan Siar eadar 8mh is 16mh Dàmhair 2027.
Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2028 san t-Òban, eadar 6mh is 14mh den Dàmhair.
« Back to Mòd News List