Naidheachdan

Tha spiorad na Gàidhlig a’ deàrrsadh ann an Loch Abar is am Mòd a’ tòiseachadh

Published: 11 Oct 2025

Dàimh aig cuirm fhosglaidh a’ Mhòid

Tha an fhèis as motha ann an Alba a chomharraicheas cànan is cultar na Gàidhlig, am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025, fo sheòl gu h-oifigeach a-nis.

Chaidh an tachartas fhosgladh le mòr-shiubhal dòrn-leus a-raoir, le muinntir an àite agus aoighean o fheadh an t-saoghail an guaillibh a chèile, a’ soillseachadh sràidean a’ Ghearastain ann an Loch Abar far a bheil am Mòd am bliadhna.

Bha na thàinig na dhèidh a cheart cho drùidhteach is an còmhlan Gàidhlig, Dàimh, a’ fosgladh na cuirme-ciùil ann an talla Ionad Nibheis, ri taobh Ceilear – buidheann de luchd-ciùil òga a thug ball dhen chòmhlan Dàimh, Aonghas NicCoinnich, cruinn an toiseach.

A bharrachd air spiorad na fèise, chaidh urraman na bliadhna a thoirt seachad aig aig fàilteachas catharra sònraichte cuideachd, urram ainmeil Neach-ionnsachaidh Gàidhlig na Bliadhna agus Caraidean a’ Mhòid.

Air a thaghadh le Sabhal Mòr Ostaig, chaidh Màrtainn Robastan a chrùnadh Neach-ionnsachaidh Gàidhlig na Bliadhna. ’S ann à clachan beag Àrnasdal ann an Gleann Eilg a tha Màirtinn far an robh pailteas Gàidhlig ach ’s ann san sgoil a fhuair Màirtinn a’ chiad bhlasad ceart dhen chànan.

Dh’fhàs a ghaol air cànan is cultar na Gàidhlig ach aig an aon àm, mhothaich e gun robh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a’ crìonadh san sgìre. Ri linn sin, an dèidh dha ceumnachadh aig Oilthigh Shruighlea, chlàraich Màrtainn aig Sabhal Mòr Ostaig airson piseach a thoirt air a chuid Ghàidhlig. Cha d’fhuair e dìreach BA ann an Gàidhlig is Ceòl ach dh’fhàs e na thosgaire airson na Gàidhlig an dà chuid aig an taigh ann an Gleann Eilg agus sa choimhearsnachd air fad.

Thuirt Màrtainn Robastan: “Tha mi air mo dhòigh an duais seo fhaighinn. Ged a thòisich mi Gàidhlig ionnsachadh san àrd-sgoil, rinn mi oidhirp mhòr aig Sabhal Mòr Ostaig gus faighinn gu fileantachd agus tha an duais seo a’ dearbhadh dhomh gu bheil mi air sin a dhèanamh. Tha Gàidhlig a-nis na pàirt mhòr dhem bheatha anns an obair agam agus gu sòisealta agus tha mi gu math taingeil airson sin.

A bharrachd air Neach-ionnsachaidh Gàidhlig na Bliadhna, Màrtainn Robastan, fhuair ceithir Caraidean a’ Mhòid urram airson na rinn iad as leth a’ chànain: Màiri NicNèill a tha a’ fuireach ann an Inbhir Nis; Jimmy Camshronach às a’ Ghearastan; Donaidh MacGilleBhràith à Àird nam Murchan; agus bana-ghaisgeach ionadail Loch Abar Criosaidh NicEachainn, a chaochail na bu tràithe am bliadhna, dìreach ron 90mh co-là breith aice.

Rugadh Màiri NicNèill ann an Grianaig ach bhuineadh a teaghlach a Leòdhas, agus cha robh i ach còig bliadhna a dh’aois nuair a chaidh i dhan mhòd a’ chiad turas. Bliadhnaichean an dèidh sin, stèidhich i mòd gu tur ùr ann an Poll Iùbh ann an iar-thuath na Gàidhealtachd far an robh Breacaist is L aig Màiri agus an duine aice nach maireann – agus bha i na ceann-suidhe aig na co-fharpaisean fad iomadh bliadhna.

Thug Jimmy Camshronach, à Àird nam Murchan o thùs, seachad a’ chuid as motha dhe bheatha sa Ghearastan, agus b’ e dlùth-charaid aige agus ‘athair Mòd Loch Abar’ Teàrlach MacColla a dhùisg gaol ann an ceòl Gàidhlig ann agus a thug brosnachadh dha a dhol an sàs na còisire ionadail aige. ’S e sàr sheinneadair, fear a’ bhogsa agus fear an taighe a th’ ann an Jimmy an-diugh agus chithear gu tric e aig mòdan agus bidh e aig Fèis Phan-Cheilteach na h-Èireann gach bliadhna.

’S ann à Àird nam Murchan a tha Donaidh MacGilleBhràith cuideachd, aonan dhen cheathrar a choisinn duais, agus b’ esan aon dhe na daoine a stèidhich Busaichean Seile. Cha robh ann ach companaidh bheag an toiseach ach tha còrr is 50 bus aca an-diugh ’s iad a’ ruith còmhdhail ionadail agus air feadh na dùthcha. Bha Donaidh a-riamh a’ cur taic dhan a’ Mhòd agus tha seirbheis shònraichte aig a ghluaiseas luchd nan co-fharpaisean, luchd-taisbeantais is luchd-èisteachd a’ Mhòid mun cuairt – a’ gabhail a-staigh bus Mac a’ Bhriuthainn a chaidh ath-leasachadh o chionn goirid a tha ionmhainn aig mòran.

Ged a chaochail i roimhe, chaidh duais a bhuileachadh air Criosaidh NicEachainn airson na rinn i as leth na Gàidhlig fad a beatha. ’S ann à Uibhist a Deas a bha Criosaidh agus bha Gàidhlig on ghlùin aice agus ghabh i pàirt ann am Mòd nuair a bha i naoidh bliadhna a dh’aois an toiseach. Bha i ag teis-meadhan coimhearsnachd na Gàidhlig agus rinn i dachaigh ann an Loch Abar. Choisinn Criosaidh am bonn òir airson seinn thradaiseanta san Eilean Sgitheanach ann an 1982 agus stèidhich i Còisir Ghàidhlig Òigridh Loch Abar a dh’fhàs gu math soirbheachail aig a’ Mhòd fo a stiùir agus chaidh Saorsa Loch Abar a bhuileachadh oirre ri linn ann an 2007.

Leis a’ cheathrar a fhuair an duais am bliadhna, tha 17 Caraidean a’ Mhòid ann uile gu lèir, urram ùr a chaidh a thoirt a-steach ann an 2022.

Tha prògram an latha a’ leantainn air far an do stad comharradh a’ chiad latha agus tha e a cheart cho làn de rudan, eadar pailteas cho-fharpaisean agus taisbeantasan aig Iomall a’ Mhòid a tha sinn uile a’ dèanamh fiughair ris.

Bidh sgioba nam fireannach aig Comann Ball-coise na h-Alba (FA) deiseil is deònach is iad a’ cumail campa trèanaidh aig Astro Àrd-sgoil Loch Abar fad dà latha. Bidh na cluicheadairean air a’ bhlàr-iomain, aig an aon àm, ullamh ealamh airson Cuach Camanachd a’ Mhòid leis gun deach a’ cho-fharpais a chur dheth an-uiridh air sgàth an uisge.

Thèid Cuach Òigridh a’ Mhòid agus Cuach Boireannaich a’ Mhòid, eadar Loch Abar agus Gleanna Garradh, a chumail air Blàr Fhriseil agus Cuach Fireannaich a’ Mhòid, eadar Àird nam Murchan is Baile a’ Chaolais aig an Àird.

Ach cha bhi co-fharpais chàirdeil a’ dol dìreach eadar sgiobannan spòrs Gàidhlig. Tòisichidh cha mhòr 200 co-fharpais ann an cànan, bàrdachd, dannsa agus ceòl an-diugh cuideachd. Nam measg bidh co-fharpais a tha ionmhainn aig mòran aig a’ Mhòd, co-fharpaisean na pìobaireachd, le òigridh na dùthcha fo aois 16 agus feadhainn eadar 16 agus 18 bliadhna a dh’aois a’ gabhail pàirt ann an co-fharpais pìobaireachd òigridh agus an uair sin co-fharpais pìobaireachd inbheach eadar roinn nam prìomh chluicheadairean Ìre A agus B, gach aon le ceòl-mòr, meàrrsa, Srath Spè agus rìdhle.

An dèidh othail an latha bidh cothrom aig muinntir a’ Mhòid gabhail air an socair beaga is cuirm-chiùil fhèillmhor Ar Cànan ’s ar Ceòl a’ tilleadh aig Ionad Nibheis aig 7.30f a-nochd.

Bidh tàlant à Loch Abar is nan sgìrean faisg air an àrd-ùrlar, eadar còmhlain-phìoba. còisirean Gàidhlig, Comann Srath Spè is Rìdhleachan Loch Abar, Cèilidh air Chuairt aig Fèis Loch Abar, buidheann ‘Sealladh’ Àrd-sgoil Àird nam Murchan – agus rud a tha gar fàgail air ar bioran, còmhlan-ciùil taighe an luchd-chiùil ionadail ainmeil eadar Eòghann MacEanraig, Raonaid Nic an Fhùcadair, Aonghas MacNeacail, Ros MacMhàrtainn agus Raibeart Nairn. Bidh taisbeantasan dannsa sgairteil ann cuideachd le Jane Douglas School of Dance a dh’fhàgas ur casan nan torainn.

Mas e cnuasachadh is adhradh a tha a dhìth oirbh, thèid seirbheis eaglais a’ Mhòid a chumail a-màireach aig 2.30f ann an Eaglais Baile Dhonnchaidh agus thèid an t-seirbheis a bheò-chraoladh air BBC Radio nan Gàidheal. An dèidh sin, aig 7f thèid Moladh Ceilteach a chumail le Adhradh Ceilteach, le measgachadh de dh’òrain-adhraidh is ceòl-adhraidh le feadhainn òga agus inbheach.

Thuirt Magaidh Choineagain, Cathraiche a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “’S obair mhòr mhòr a th’ ann am Mòd sam bith, eadar mòran dhaoine agus gu sònraichte a’ chomataidh stiùiridh ionadail agus na saor-thoilich. Tha e a’ toirt togail cho mòr dhomh mar sin gun d’fhuair sinn freagairt cho mòr an seo aig Mòd Loch Abar, eadar an sluagh mòr a bh’ againn aig oidhche an fhosglaidh agus àireamh mhòr nan co-fharpaiseach agus nan daoine a cheannaich tiocaidean airson Iomall a’ Mhòid.

“Tha e cuideachd ag innse dhuinn na tha de ghaol, lùthas agus taic dhan a’ Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig eadar na ginealaichean is ann an coimhearsnachdan thall ’s a-bhos.”

Fhuair am Mòd taic o EventScotland, na phàirt de VisitScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Riaghaltas na h-Alba, Cailleannach Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA am bliadhna.

Thig Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar gu crìoch air an 18mh dhen Dàmhair. Gheibhear tiocaidean airson na tachartasan mòra aig https://buytickets.at/ancomunn.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council

BID Fort William

BID Fort William