Published: 28 Sep 2026

Tha na duaisean air an glanadh, brògan dannsaidh air an toirt às a’ phreas agus practasan gu leòr a’ dol is Glaschu deiseil gus fàilte a chuir air an comharrachadh Gàidhlig as fheàrr air an t-saoghal, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, a thilleas dhan bhaile taobh staigh dà sheachdain.
Tillidh an cruinneachadh cultarail agus fèis ealain, a thàdhlas na mìltean de dhaoine gach bliadhna, a Ghlaschu airson an 13mh uair agus a’ chiad uair o 2019: am Mòd as motha a-riamh, eadar 9 – 17 Dàmhair.
Eadar oidhche chiùil DJ Gàidhlig, prìomh fharpaisean seinn is tachartas ann an Stèisean Meadhan Ghlaschu, geama ball-coise a’ comharrachadh ‘Firhill Flyer’ Seonaidh MacCoinnich agus cuirm anns am bi co-dhiù 50 seinneadair, pìobair is ceòladair, tha prògram a’ Mhòid cho farsainn ’s a ghabhas.
A’ comharrachadh dualchas cànain is cultair na Gàidhlig agus dlùth cheangal a’ bhaile ris a’ Ghàidhlig, cuiridh an tachartas fàilte air còrr air 2,000 farpaiseach agus mu 10,000 luchd èisteachd eadar Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu agus 15 ionadan eile.
A bharrachd air prìomh fharpaisean air feadh na seachdain, gheibh an t-sluagh cothrom air taisbeanaidhean ealain, seiseanan ciùil traidiseanta, cèilidhean teaghlaich, Dannsa Gàidhealach, cuirmean-ciùil sònraichte is eile. Thèid crìoch a chuir air an t-seachdain le cèilidh aig Seòmar-dannsaidh Barrowland agus Co-chruinneachadh nan Còisirean Gàidhlig air Sràid Sauchiehall.
Gabhaidh prògraman farpaise agus an iomaill a lorg air: https://modghlaschu2026.org/
Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Mar tha an fhoghar a’ tighinn tha agus tachartas cultarail Gàidhlig na bliadhna - Am Mòd Nàiseanta Rìoghail - agus ‘s e cothrom Ghlaschu a th’ ann a bhith ga aoigheachd am-bliadhna. Tha an ullachadh mu dheireadh a’ dol math agus sinn a’ coimhead air adhart gus urram a thoirt do dhualchas beartach na Gàidhlig, a cheart cho math ri far a bheil an cànan san latha an-diugh agus na tha air thoiseach oirre. Fad naoi làithean, chithear, cluinnear agus seinnear Gàidhlig air feadh a’ bhaile agus tha sinne gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith ga taisbeanadh sa bhaile mhòr.”
Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air ar làrach-lìn.
Fhuair Mòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu am bliadhna taic o Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.
« Back to Mòd News List