Naidheachdan

Taisbeanadh Gaidhlig @ Mod 2011

Published: 03 Oct 2011

AM MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL AG AINMEACHADH SREATH INNTINNEACH DE BHUIDHNEAN AIG TAISBEANADH GÀIDHLIG A’ MHÒID 2011

Tha an 108mh Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba a tha a’ comharrachadh dualchas cànain is cultarail na h-Alba, a thèid air adhart anns na h-Eileanan an Iar am-bliadhna airson an còigeamh uair ann an eachdraidh 120 bliadhna, air ainmeachadh an-diugh cò bhios an sàs anns an Taisbeanadh Gàidhlig aca.

Bidh an comharrachadh Mòd ochd-latha seo de cheòl, danns, dràma, ealain is litreachas na Gàidhlig a’ ruith eadar Dihaoine 14 is Disathairne 22 Dàmhair, agus tha dùil gun tàladh seo mìltean de luchd com-pàirt bho air feadh an t-saoghail agus gun toir e a-steach làn-choimhearsnachd nan Eilean, a’ toirt a-steach Leòdhas, Na Hearadh, Beinn nam Faoghla, Barraigh is na h-Uibhistean.

Thèid an taisbeanadh, aig Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh air adhart eadar 17 – 21 Dàmhair, agus tha seo na chothrom sònraichte do luchd-turais agus do fharpaisich a tha a’ frithealadh a’ Mhòid faighinn a-mach barrachd mun Ghàidhlig agus mu thoraidhean agus sheirbheisean a tha co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.

Am measg nan toraidhean a bhios san taisbeanadh bidh toraidhean ionadail, leabhraichean, CDn, obair-ealain, dealbhan is obair-ciùird – tha luchd-taisbeanaidh a bhios gu cunbhalach nan luchd com-pàirt aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a’ toirt a-steach Comhairle nan Leabhraichean, MG Alba, Sabhal Mòr Ostaig, SNH, Stòrlann, Comunn na Gàidhlig agus Pròiseact nan Ealan.

Am measg nam buidhnean ionadail aig am bi pàirt ann an Taisbeanadh 2011 tha Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Leabhraichean Acair agus Seoclaidean Innse Gall aig am bi “truffles”, cnapan seoclaid agus grunn rudan eile gus luchd-turais a thàladh. Bidh nithean dèante leis a’ Chlò Hearach, leithid bràistean, cromagan bròig, bagannan bròig, adan agus cuiseanan, agus bidh Am Pàipear Beag a’ cur leabhar air bhog leis an t-ainm ‘Cuimhneachain a’ Mhòid’ anns am bi cruinneachadh beag de dhealbhan is cuimhneachain tasglainn a thogar aig a’ Mhòd thar nam bliadhnaichean. Tha an leabhar ùra seo bhon Phàipear Bheag làn de dhealbhan is chuimhneachain thairis air 40 bliadhna de dh’aithrisean bhon Mhòd ann am pàipear-nàidheachd an Eilean Sgìtheanaich.

Bidh tachartasan a bharrachd ann cuideachd a’ taisbeanadh blasadan bìdh is deoch ionadail aig amannan lòin, leithid blasad uisge-beatha bho Thaigh-grùdaidh Abhainn Dearg, taisbeanaidhean seoclaid ionadail & blasad air maragan dubha – Dimàirt 18mh & Diardaoin 20mh Dàmhair.

Tha Clo-bhualadairean Oilthigh Cheap Bhreatainn a’ tadhal airson an treas uair air a’ Mhòd à Alba Nuadh, Canada, gus nochdadh aig an Taisbeanadh. Bidh Ceap Breatainn, a bhios gu sònraichte a’ foillseachadh leabhraichean mu chultar is eachdraidh na Gàidhlig, a’ toirt leotha raon de leabhraichean a chaidh a thaghadh airson an ùidh a bhios aig luchd com-pàirt is luchd-tadhail a’ Mhòid annta.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha ùidh mhòr againn ann an Taisbeanadh a’ Mhòid am-bliadhna – tha sreath mhòr de luchd com-pàirt ann agus mar as àbhaist bheir e blas dha gach cuid luchd-turais is farpaisich mu na tha ri fhaotainn anns an sgìre ionadail.

“Tha bogadh leabhar Cuimhneachain a’ Mhòid cuideachd inntinneach oir bheir seo còmhla mòran de chuimhneachain is dhealbhan bhon tachartas thairis air iomadach bliadhna agus ann an diofar àiteachan, agus bidh seo na thoileachas dhaibhsan a tha a’ coimhead airson tuigse air eachdraidh a’ Mhòid”.

Bidh an fhèis a’ tòiseachadh Dihaoine 14 Dàmhair le tachartas mòr fosglaidh tràth san fheasgair agus às a dhèidh bidh cèilidh sùrdail san t-seann nòs gus faireachdainnean luchd-turais a thogail airson an fhèis fharpaiseach fad-seachdain. Bidh farpaisean a’ tòiseachadh air Disathairne 15 Dàmhair, a’ tòiseachadh làn-sheachdain de cheòl, òrain, dhannsa, dhràma, spòrs is litreachas Gàidhlig. Cumaidh farpaisean na cloinne orra aig toiseach na h-ath sheachdain agus bidh faisg air 1,700 leanabh bho air feadh na dùthcha an sàs annta. Air Diciadain 19 Dàmhair thèid na cuairtean-ullachaidh air adhart airson farpaisean Buinn Òr a’ Chomuinn is an t-Seann Nòis agus bidh na cuairtean deireannach ann air Diardaoin 20 Dàmhair.

Taisbeanadh Gàidhlig a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2011: Sgoil MhicNeacail, Rathad nam Buailtean, Steòrnabhagh, HS1 2PZ (ri taobh deasca reic nan tiocaid, dìreach air cùl Ionad Spòrs Leòdhais).

Airson tuilleadh fiosrachaidh nach cur sibh fios gu Alison NicEanraig air 07552 167801 no air post-d alison@mypinkiepromise.co.uk

Airson làn-fhiosrachadh mun phrògram tadhal air www.acgmòd.org

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council