Published: 10 Oct 2025
Bidh Loch Abar aig teis-meadhan fèis na Gàidhlig fad naoi làithean is am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tòiseachadh an-diugh.
Cuiridh an t-sàr fhèis seo ceòl is cultar Gàidhlig de gach seòrsa air an àrd-ùrlar, a’ tilleadh dhan a’ Ghàidhealtachd a’ chiad turas ann an ochd bliadhna, a’ tàladh 2,000 co-fharpaiseach is neach-compàirteachaidh gu sràidean is ionadan a’ Ghearastain.
Tòisichidh an tachartas comharraichte seo le mòr-shiubhal leusan bòidheach, a’ sealltainn draoidheachd is spiorad coimhearsnachd a’ chruinneachaidh. Falbhaidh na ceudan tro na sràidean le dòrn-leòis nan làmhan, taisbeantas a sheallas dhan a h-uile duine dè seòrsa seachdain spaideil a tha gu bhith ann.
Bidh fàilte ro aoighean is muinntir an àite an uair sin sa phrìomh ionad, Ionad Nibheis, a dh’fhaicinn buidheann òigridh Ceilear às an Eilein Sgitheanaich agus buidheann ainmeil na Gàidhealtachd, Dàimh , aig a’ chuirm-fhosglaidh.
Ruithidh am Mòd – facal a tha a’ ciallachadh ‘cruinneachadh’ – gu 18mh latha dhen Dàmhair agus ’s e seo an fhèis as motha san t-saoghal a chomharraicheas a’ Ghàidhlig. Tha e air a bhith a’ dol fad 133 bliadhna agus thèid a chumail ann am baile Albannach eile gach bliadhna agus bha e ann an Loch Abar ann an 1922 an turas mu dheireadh.
Tha cuirmean-ciùil, co-fharpaisean, taisbeanaidhean, seiseanan, mòr-shiubhal, cèilidhean sràide agus spòrs air a’ chlàr-ghnothaich, a’ sealltainn gu soilleir dè cho beòthail, cumhachdach is cudromach ’s a tha an cànan.
A’ chiad latha dhen Mhòd, thèid Tosgaire Gàidhlig na bliadhna ainmeachadh cuideachd leis an Leas-Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Eaconomaidh agus Gàidhlig, Ceit Fhoirbeis. Leis an duais chliùiteach seo le Riaghaltas na h-Alba, thèid sàr-Ghàidheil aithneachadh a th’ air am beatha a thoirt do bhrosnachadh a’ chànain.
’S e Art MacCormaig, seinneadair, craoladair is fear nan ealan Gàidhlig às an Eilean Sgitheanach a fhuair an duais seo ann an 2025. Rugadh Art anns an Eilean Sgitheanach agus ’s e gaisgeach cultar, ceòl is foghlam na Gàidhlig a th’ ann a rinn obair ionmholta sna deicheadan de bhliadhnaichean a thug e seachad aig Fèisean nan Gàidheal, iomairt a chumas taic ri leasachadh oideachadh sna h-ealain Ghàidhlig sa choimhearsnachd aig fèisean air feadh na h-Alba. Bha Fèisean nan Gàidheal fo stiùir Art fad còrr is 30 bliadhna, a’ leasachadh is a’ cumail taic ri ealain is foghlam na Gàidhlig is ris na fèisean, is mu thuaiream 80,000 duine an sàs annta gach bliadhna.
Nochd Art aig Mòdan ionadail an toiseach, a’ seinn, nuair a bha e ochd bliadhna a dh’aois is bha e an sàs gach Mòd Nàiseanta on a bha e 10 is choisinn e bonn òir nuair a bha e 18 aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an Tobar na Màthar. Rinn e clàran leis fhèin, chluich e ann an còmhlanan-ciùil air feadh an t-saoghail agus ann an còmhlan dithis agus nochd e air an telebhisean is air an rèidio, a’ brosnachadh cultar na Gàidhlig. Chuir e air chois companaaidh ciùil Macmeanmna còmhla ri caraid agus rinn iad còrr is 60 albam agus fhuair iad fàilte gu Talla Gaisgeach Ceòl Tradaiseanta na h-Alba ann an 2011.
Tha Art air a bhith an sàs iomairtean Gàidhlig gu domhain is e na bhall air iomadh bòrd is aig teis-meadhan nan iomairtean airson sgoiltean làn-Ghàidhlig ann am Port Rìgh agus Dùn Èideann. Bha e cuideachd na chathraiche air buidheann-obrach gheàrr-ùine air cothroman eaconamach agus sòisealta dhan Ghàidhlig; tha a cuid mholaidhean ag amas air cothroman sòisealta agus eaconamach àrdachadh ann an sgìrean dham buin a’ Ghàidhlig gu traidiseanta, airson taic a chumail ri soirbheas a’ chànain. Fhuair Art OBE ann an 2015 mar urram air an obair a rinn e ann am foghlam na Gàidhlig. Tha Art fhathast a’ seinn an-diugh, a’ dèanamh obair britheimh is preasantair agus fhathast na fhear-iomairt mòr airson cultar na Gàidhlig. Tha an triùir cloinne aige an sàs ann an seinn Ghàidhlig cuideachd is tha gach aon dhiubh air bonn òir iomraiteach a bhuannachadh.
’S e tachartas na bliadhna seo a’ chiad Mhòd Nàiseanta a thathar air cumail o chaidh Achd nan Cànan Albannach aontachadh. Leis an reachdas seo a fhuair taic aona-ghuthach bho BhPA, thèid a’ Ghàidhlig a stèidheachadh mar chànan oifigeil, agus thèid cumhachdan a thoirt a-steach leis am faod pàrantan iarraidh gun tèid sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns na sgìrean aca.
Thuirt Art MacCormaig, Tosgaire na Gàidhlig: Bha a’ Ghàidhlig riamh cudromach na mo bheatha, eadar dachaigh agus obair, ach bha taic ann bho theaghlach is bho cho-obraichean anns a h-uile rud a rinn mi. Tha mi glè thaingeil do Riaghaltas na h-Alba agus don Chomunn Ghàidhealach airson urram a bhuileachadh orm mar Thosgaire Gàidhlig na Bliadhna. Ged nach eil mi ag obair làn-ùine tuilleadh, cha chuirinn mo chùl ri iomairtean Gàidhlig agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri taic a thoirt seachad far am biodh sin comasach dhomh.”
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear Gnìomha a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig an ìre-sa: “Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail na chlach-stèidh aig cultar na Gàidhlig agus tha sinn air ar bioran gu bheil an fhèis seo a’ tilleadh a Loch Abar. Chì sinn tàlant, dìorras agus dealas do-chreidsinneach nan co-fharpaiseach is an luchd-taisbeantais an t-seachdain-sa, spiorad ar cànain. Tha am Mòd na chuimhneachan làidir is e a’ toirt nar cuimhne dè cho cudromach ’s a tha e Gàidhlig a dhìon is a bhrosnachadh dha na ginealaichean seo romhainn agus tha e na chothrom coinneachaidh agus cruthachaidh fìor mhath. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri seachdain do-chreidsinneach de cheòl, càirdean is pròis chultarach.”
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis: “Tha am Mòd Rìoghail Nàiseanta na phàirt phrìseil de dhualchas cultarail na h-Alba, ’s e air a bhith aig fìor chridhe na coimhearsnachd Gàidhlig fad còrr is 100 bliadhna. Tha an tachartas a’ cur beairteas ri coimhearsnachdan agus a’ cuideachadh le bhith ag àrdachadh na chosgas luchd-tadhail, ’s am Mòd Nàiseanta an-uiridh a’ toirt a-steach mu £3.6 millean dhan eaconamaidh.
“Tha e na thoileachas mòr dhomh Tosgaire Gàidhlig na bliadhna seo - Art MacCarmaig - ainmeachadh, ’s e na shàr-eisimpleir dhen choisrigeadh agus dealas a chumas a’ Ghàidhlig a’ dol bho neart gu neart. Air sgàth cho dealasach ’s a tha e a thaobh foghlam agus cultar Gàidhlig, faodaidh na ginealaichean ri thighinn an gàirdeachas agus an dàimh fhaireachdainn a thig bho chleachdadh na Gàidhlig.”
Thuirt ceannard Comhairle na Gàidhealtachd Raymond Bremner – e fhèin na sheinneadair ainmeil a bhuannaich bonn òr nuair a bha am Mòd ann an Loch Abar ann an 1999: “’S e prìomh chruinneachadh coimhearsnachd na Gàidhlig a th’ anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus tha e math gu bheil e a’ tilleadh chun na Gàidhealtachd a-rithist.
“Tha sinn uile fada an comain luchd-obrach a’ Chomuinn Ghàidhealaich, comhairle na Gàidhealtachd, comataidh ionadail a’ mhòid agus sluagh mòr nan saor-thoileach airson a rinn iad de dh’ullachadh airson mòr na bliadhna.
“Bidh rudeigin dhan a h-uile duine ann am sàr phrògram na bliadhna. Tha mi làn-chinnteach gum bi Mòd Nàiseanta Rìoghail air leth soirbheachail againn ann an Loch Abar agus gum bi deagh àm aig gach co-fharpaiseach is aoigh a thig tron t-seachdain.
“Tha sàr thradaisean pròiseil Gàidhlig againn ann an Loch Abar agus cluinnidh ’s chì sinn seo sna h-òrain, fuinn is sgeulachdan a bhios aig na diofar thachartasan.
“Còrdaidh comharradh cultar na Gàidhlig seo do mhuinntir an àite gu mòr agus bidh deagh dhìleab buan aige dhan chànan, dhan a’ Ghàidhealtachd is do dh’Alba.”
Thuirt Rob Dickson, Ceannard a’ Ghnìomhachais is nan Tachartasan aig VisitScotland: “Tha Gàidhlig na phàirt chudromach de dhearbh-aithne na h-Alba agus tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a bhith a’ comharradh an t-sàr-dhualchais seo fad còrr is 130 bliadhna. Tha an tachartas seo am measg pailteas thachartasan is fhèisean a th’ againn tron bhliadhna, tachartas nach eil dìreach a’ toirt urram dhan dualchas Ghàidhlig againn ach prìomh iomairt a neartaicheas eaconamaidh na h-Alba le bhith a’ tàladh luchd-turais gu diofar àitichean nar dùthaich is a’ sealltainn dhan t-saoghal na th’ againn de shàr-thurasachd is tachartasan.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach Ceannard (CEO) Bhòrd na Gàidhlig: “Leis na chunnaic sinn ro làimh dhen mhòd ann an Loch Abar, tha sinn uile làn-chinnteach gum bi deagh àm againn. Tha mi cho toilichte gu bheil cothrom aig an sgìre seo a-rithist brod cànan, cultar, dualchas is coimhearsnachd na Gàidhlig a thaisbeanadh agus tha Bòrd na Gàidhlig a’ guidhe gach soirbheas leis na daoine a tha ga chur air chois, na daoine ghabhas pàirt sna co-fharpaisean agus a h-uile duine a thig a dh’fhaicinn a’ Mhòid!
“Bu chaomh leam meal do naidheachd a thoirt dha Art MacCormaig cuideachd is e air urram Tosgairean na Gàidhlig a chosnadh am bliadhna, urram a tha e làn-airidh air is e an sàs brosnachadh ar cànain is ar coimhearsnachdan o chionn fhada.”
Fhuair am Mòd taic o EventScotland, na phàirt de VisitScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Riaghaltas na h-Alba, Cailleannach Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA am bliadhna.
Tillidh Mòd Nàiseanta Rìoghail a Loch Abar ann an 2025, eadar 10mh is 18mh dhen Dàmhair. Gheibhear tiocaidean airson na tachartasan mòra aig https://buytickets.at/ancomunn.
« Back to Mòd News List