Published: 05 Aug 2025
Fhuair sgoilearan bho Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil cothrom clàradh ann an stiùidio aig Cnoc Soilleir le Keith Moireasdan, (Wee Studio), mar phàirt den duais a bhuannaich iad airson farpais Cogadh nan Còmhlan aig Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain. Tha sinn an dòchas gun do chòrd an t-seisean ribh!
Taing mhòr do Keith airson an seisean seo a thoirt dhaibh agus taing do na tidsearan agus na pàrantan a thug taic dhaibh le bhith ag ullachadh airson an fharpais. Tha sinn cinnteach gum faic sinn na cluicheadairean mìorbhailleach seo air an àrd-ùrlar a-rithist a dh’ aithghearr!
Tha sinn an dòchas gun tèid gu math dha gach còmhlan a bhios a’ gabhail pàirt ann am farpais Cogadh nan Còmhlan am bliadhna seo, gu cinnteach, tha sinne a’ coimhead air adhart ris!
Tha tiogaidean airson tachartasan Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar 2025 ri fhaighinn an seo.