Talant @ Mòd Inbhir Ùige

Published: 15 Jun 2012




’S e tìde mhath agus fàilte cridheil a bh’ ann dhan h-uile duine a thadhail air Mòd Ionadail Ghallaibh is Chataibh a chaidh a chumail aig an deireadh sheachdain an Inbhir Ùige.

Shiubhail daoine às A’ Ghearasdain, Glaschu, Banbh agus na h-Eileanan an Iar airson taic a thoirt mar stiùbhardan, britheamhan is eile.

Thuirt Raymond Bremner, Cathraiche Meur Ionadail den Chomuinn, “’S e latha sgoinneil a bh’ ann agus chòrd e ris a h-uile duine. Bha mòran den fheadhainn a thàinig à àiteachan eile, a bhios an sàs ann am Mòdan Ionadail iad fhèin, ag ràdh cho àrd ’s a bha ìre tàlant na farpaisich againn. Tha pàrantan agus tidsearan air a bhi a’ dèanamh obair sònraichte leis an òigridh agus tha seo follaiseach leis an tàlant a tha sinn a’ coimhead. Tha mòran de na farpaisich againn air cuiridhean fhaighinn airson cuir a-steach airson Mòdan Ionadail eile agus thathas ag iarraidh gum brosnaich sinne iad gus seo a dhèanamh. Tha seo a’ dearbhadh dhuinn gu bheil iad cho comasach agus gu bheil duine dhan coimhead mar phàirt de saoghal nam Mòdan a-nis, leis cho soirbheachail ’s a tha iad air a bhi bho chionn ghoirid.

Tha sinn a’ moladh an comataidh agus gach neach a thug cuideachadh sam bith dhuinn, gus dèanamh cinnteach gur e Mòd shoirbheachail a bhiodh againn”

Thàinig cùisean gu crìoch le Cuirm agus Cèilidh le còmhlan Iain Aonghas MacLeòid, a ghabh pàirt cuideachd ann an cuirm ron a’ Mhòd. Ghabh Alasdair Whyte, a choisinn Bonn Òr a’ Chomuinn, agus measgachadh de na farpaisich a bhuannaich duaisean aig a’ Mhòd, pàirt anns a’ chuirm cuideachd, far an robh mòran an làthair air an oidhche.

Thàinig Còisirean Mealabhaich, an Luirg agus Inbhir Narann còmhla a sheinn dhan luchd-èisteachd a bh’ ann an Taigh-òsta Nethercliffe agus aig a’ chuirm, gus cùisean a thoirt gu crìch.

’S e am Mòd Ionadail seo an aon fhear a tha a’ leantainn cruth a’ Mhòd Nàiseanta, le bhi a’ gluasad gu diofair àiteachan gach bliadhna.

Tha e coltach gur ann am Blàran Odhar a thèid Mòd Ionadail 2014 a chumail.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow