A' comharrachadh an 50mh Mod ann an Sruighlea

Published: 13 Jun 2012

‘Be seo an 50mh bliadhna den Mhòd agus chaidh seo a chomharrachadh le tachartasan sònraichte, nam measg cruinneachadh de na Còisirean gu lèir a thàinig còmhladh mus do thòisich farpaisean na h-inbhich. Be Coinneach MacThòmais a stiùirich na Còisirean agus bha mòran anns an luchd-èisteachd, luchd-turais agus muinntir an àite fhèin.

Chaidh fàilteachas sònraichte a chumail le Comhairle Sruighlea far an robh riochdairean a tha an dràsta, no a bha uaireigin nam buill air Comataidh a’ Mhòid, riochdairean iondail agus feadhain eile a tha air taic a thoirt don Mhòd Iondail thairis air na bliadhnaichean. Thug Mike Robbins, Pròbhost Sruighlea, seachad duais Snowdon dha Còisir Ghàidhlig Struighlea a bhuannaich farpais 4-fhillte na bliadhna seo.

Tha Mairi Anna Brown, Neach-gairm a’ Mhòid, a’ toirt taing mhòr dhan a h-uile duine a chuidich gus dèanamh cinnteach gun robh 50mh Mòd cho soirbheachail!

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow