’B e Mòd Ionadail air leth shoirbheachail a chaidh a chumail ann an Leòdhas eadar 28 Cèitean agus 1 Ògmhios a-rèir Comunn Gàidhealach Leòdhais, a bhios ag ullachadh a’ Mhòid.
Ghabh mu 650 farpaiseach pàirt ann an còrr is 50 farpais thairis air an t-seachdain.
’B e seo a’ chiad Mòd Ionadail a chaidh a chumail air an eilean bho dh’ fhosgail dhà de na sgoiltean coimhearsnachd agus tha àireamhan na farpaisean air fuireachd gu math fallain
Thuirt Cathraiche a’ Mhòid, Amy NicAmhlaigh “’Se Mòd shoirbheachail eile a bha seo. Bha sinn air leth toilichte leis cho àrd ‘s a bha ìre fileantachd na farpaisich agus cuideachd gu bheil blas mhath fhathast ri chluinntinn nam measg. Tha e a’ sealltainn dhuinn an obair mhòr a thathas a’ dèanamh ‘s na sgoiltean anns na h-eileanan agus am-measg nam pàrantan. Taing mhòr dha na britheamhan, striùbheardan, tidsearan, pàrantan ach gu sònraichte dhan chloinn fhèin a tha ag obair gu cruaidh dhan chànan.”