Chaidh Mòd Ionadail Ìle a chumail air an 2mh den t-Ògmhios ann an Àrd Sgoil Ìle. Ghabh 150 neach ionadail pàirt ann an 47 farpais thairis air an latha. ‘B e seo a’ chiad uair a ghabh gach Bun Sgoil air an eilean pàirt airson faisg air 20 bliadhna.
Bha measgachadh de fharpaisean ann, le feadhainn ùra a chaidh a stèidheachadh gus cothrom a thoirt dhaibhsan a bhios a’ cluiche Clàrsach, Fidheal no Feadan aig Fèis Òigridh Ìle & Dhiura. Chaidh 21 duais a bharrachd a cheannachd airson farpaisean ùr agus airson farpaisean aig nach robh duaisean.
Bha Talla Cruinneachaidh Àrd Sgoil Ìle làn airson Cuirm Criochnachaidh a’ Mhòid, far an d’ fhuair daoine cothrom èisteachd ri tàlantan an fheadhainn a bhuannaich.
Bha sinn mothachail gun robh a h-uile duine a bha an sàs anns a’ Mhòid cho càirdeil agus dh’ obraich iad uile cho math le chèile – rudeigin a tha follaiseach aig na Mòdan Ionadail & na Mòdan Nàiseanta air fad – a’ sealltainn gur e an aon amas a th’ againn uile agus ‘se sin gu bheil sinn uile airson ar cànan, ar ceòl agus ar cultar a dhìon.
Tha sinn a’ coimhead air adhart ri Mòd Nàiseanta Rìoghail 2012 ann an Dùn Omhain agus Mòd Ionadail shoirbheachail eile ann an Ìle a-rithist ann an 2013.
Suas leis a’ Ghàidhlig!