Published: 13 Oct 2025
Tha òigridh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig aig teis-meadhan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail an-diugh, le pailteas cho-fharpaisean is tachartasan Iomall a’ Mhòid far a bheil traidisean a’ dol an lùib ùr-ghnàthachais.
An dèidh latha cnuasachaidh Là na Sàbaid, tha prògram dian nan co-fharpaisean a’ leantainn air, le pailteas dhan fheadhainn òg is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig eadar seinn aon-neach is seinn còisire, innse sgeulachdan is aithris bàrdachd tron latha.
Am measg nan co-fharpaisean as dèine bidh Bonn Probhaist na h-Eaglaise Brice 16-18 agus Bonn Cuimhneachan Sheumais C. Mhic a’ Phì do bhalaich is caileagan 13-15, an dà dhiubh ann an seinn thraidiseanta aon-neach.
Gheibh sinn a’ chiad phlathadh de bharrachd tàlant ùr ann an cultar na Gàidhlig aig co-fharpaisean litreachas na cloinne san Taigh-dhealbh Ghàidhealach a-mach o 4f, a’ toirt seachad duaisean ann an sgrìobhadh, ealain is na meadhanan.
A bharrachd air àireamh mhòr nan co-fharpaisean, tha mòran cuideachd a’ dol do Ghàidheil òga aig Iomall a’ Mhòid, prògram mòr eadar tachartasan, gnìomhachdan, bùthan-obrach is taisbeantasan.
A’ cur nar cuimhne gur e an t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh bòidheach, tha Bookbug a’ dol, seisean sgeulachdan, òran is rannan do chlann suas ri còig bliadhna a dh’aois aig Colaiste na Gàidhealtachd an Iar a-mach o 10.30m an-diugh. Fàilte ro mhàthraichean, athraichean is luchd-cùraim.
Do chlann aig aois bun-sgoile, bidh club Sradagan na cloinne ann an Loidse Taobh na h-Aibhne eadar 10m is 1f, Diluain gu Diciadain, le obair-ealain, làmh-cheàrdan is geamannan, agus cumaidh Leabharlann a’ Ghearastain astar beag suas an loch a’ ruith seisean dà-chànanach le pùpaidean is sgeulachdan an-diugh eadar 11m agus 12.30f.
Dhan fheadhainn eadar aois 7 is 11, bidh cothrom aca coinneachadh ris an sgioba a nì taisbeantas ciùil aig CBBC ALBA, Sruth, aig Colaiste na Gàidhealtachd an Iar. Cumaidh iad seiseanan eadar 10m is 2f an-diugh ’s a-màireach, a’ toirt plathadh dhan òigridh de gach rud eadar preasantadh, agallamhan is dreuchdan dhaoine air cùlaibh a’ chamara air a bheil feum ann an telebhisean.
Cuideachd aig Colaiste na Gàidhealtachd an Iar an-diugh ’s a-màireach, bidh cothrom aig deugairean aig a bheil Gàidhlig a dhol an sàs còig seiseanan cruthachadh susbainte le Cruth, cothrom deuchainn a thoirt do chuid dhe na sgilean digiteach a tha aig teis-meadhan obair nam meadhanan an-diugh.
Ma tha barrachd ùidh aig cuideigin ann an rudan a nì iad air a’ bhlàr a-muigh, tha Spòrs Gàidhlig a’ cumail seisean ann am bòrdadh seasaimh dhan fheadhainn eadar aois 8 is 12 agus bidh an seisean air fad ann an Gàidhlig.
Bidh bùth-obrach ann an Loidse Taobh na h-Aibhne cuideachd, Moladh Eisirean, a’ toirt sùil air eisirean. ’S e an sgioba aig Oilthigh Ghlaschu a ruitheas Pròiseact Eisirean a chumas am bùth-obrach seo agus bidh cothrom aig an fheadhainn òga rud no dhà ionnsachadh mu dheidhinn maoraich agus pròiseact ath-shlànachadh nan eisirean a tha a’ dol faisg air Loch Abar.
Cumaidh an spòrs aig Iomall a’ Mhòid a’ dol air an fheasgar. Dhan fheadhainn a tha a’ sireadh rudeigin ciùin ro àm leapa, bidh cothrom èisteachd ris an tionndadh Gàidhlig dhen leabhar ainmeil aig Beatrix Potter, Sgeulachd Pheadair Rabaid, aig seisean Àm Stòiridh le Leabharlann a’ Ghearastain, a-nochd agus an ath-oidhch’. Ma tha sibh frog fhathast, chan eil àite nas fheàrr na an Cèilidh Teaghlach aig Ionad Nibheis a-mach o 6.30f, cuideachd a-nochd agus an ath-oidhch’.
Airson cothrom suidhe agus tlachd a ghabhail ann am fonn sònraichte a’ Mhòid, dèan air A’ Seinn na Pìoba san Taigh-dhealbh Ghàidhealach a-mach o 7.30f. A bharrachd air tàlant à Loch Abar fhèin, bidh na sàr phìobairean Ailean Dòmhnallach agus Aonghas MacNeacail gad bheò-ghlacadh fad an fheasgair eadar ceòl aotrom is beòthail agus fuinn a dhùisgeas cridhe.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear Gnìomha a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig an ìre-sa: “Tha sinn an-còmhnaidh a’ dèanamh oidhirp mhòr gum bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail a cheart cho iomchaidh do Ghàidheil òga agus dhan fheadhainn a th’ air ùr-thighinn dhan chànan ’s chan ann dìreach dhan fheadhainn a th’ air a bhith an sàs o linn Oisein. Aig deireadh an latha, ’s iad an ath-ghinealach a chumas a’ dol cànan is cultar na Gàidhlig.
“Ri linn sin, chaidh prògram Diluain a’ Mhòid a dhealbhadh gu sònraichte airson ’s gum bi rudeigin ann dhan a h-uile duine, ge be dè an aois no ìre de Ghàidhlig a th’ aca no na rudan sa bheil ùidh aca – agus bidh barrachd ann fhathast sa chòrr dhen t-seachdain.”
Fhuair am Mòd taic o EventScotland, na phàirt de VisitScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Riaghaltas na h-Alba, Cailleannach Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA am bliadhna.
Thig Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar gu crìoch air an 18mh dhen Dàmhair. Gheibhear tiocaidean airson na tachartasan mòra aig https://buytickets.at/ancomunn.
« Back to Mòd News List