Naidheachdan

A' Ruith Airson Mòd 2011!

Published: 03 Oct 2011

An dèidh tachartas soirbheachail a chaidh a thòiseachadh aig Mòd nan Eilean Siar 2005, tha buidheann luchd-ruith bho Cluba Ruith agus Lùth-chleasachd Steòrnabhaigh gu bhith a’ ruith à Gallaibh, far an do ghabh Mòd 2010 àite gu ruige Steòrnabhagh, am prìomh làrach airson Mòd 2011. Thèid airgead a chruinneachadh air an t-slighe airson a’ charthannas Enable. An dèidh a bhith a’ ruith fad dà là thig an sgioba bho aiseig Chal Mac air Dihaoine 14 Dàmhair 2011. Ruithidh am buidheann air fad, anns a bheil ceithir ruitheadair deug, chun an Lanntair far am bi Cuirm Fhosglaidh Oifigeil a’ Mhòid a’ gabhail àite.

Air an t-slighe ruithidh an sgioba tro Inbhir Ùige, Inbhir Bhrùra, Bun Ilidh, Dòrnach, An Luirg agus sìos gu ruige Ulapul, a’ ruith mu ceud gu leth mìle. Fàgaidh an sgioba Gallaibh tràth madainn Diardaoin (13 Dàmhair) le teachdaireachd sònraichte bho Raymond Bremner, Neach-gairm Mòd 2010. A’ fuireach riutha ann an Steòrnabhagh airson an teachdaireachd a ghabhail bhuapa bi Ailig Dòmhnallach, Neach-gairm Mòd 2011.

A’ gabhail pàirt anns an tachartas seo tha Tony Robson, Neach-gairm fo-chomataidh Còmhdhail Mòd 2011 a tha cuideachd na Chathraiche air an SRAC. Thuirt Tony:

“An dèidh soirbheachas 2005 far an do rinn sinn ar slighe à Peairt gu ruige Steòrnabhagh, bha sinn gu mòr airson taic a thoirt a-rithist ann an dòigh eadar-dhealaichte. Còmhla ruinn ann an 2005 aig difear àitean bha Calum agus Ruairidh Dòmhnallach bho Runrig, a tha iad fhèin gu math dèidheil air a bhith a’ ruith. Cuideachd bha ùine againn stad aig dachaigh Ross County agus aig taigh-staile Dalwhinnie. ‘S e deagh chothrom a tha ann an tachartas a shanasachd, airgead a thogail airson carthannas air leth agus tha a’ chùis a’ còrdadh ruinn fhìn math dha rìreabh”.

Thuirt Ross Rothach, Prìomh Choidse an SRAC:

“Tha daoine air ùidh mhòr a ghabhail san tachartasan seo agus a’ ruith còmhla ruinn air difear àitean bi na Highland Hill Runners, Cluba Lùth-chleasachd Ghallaibh agus Club Ruith Cataibh an Ear. Tha sinn toilichte gu bheil fear de na Buill againn fhìn a bhuineas don Ostair, Gerald Kalchauer, còmhla ruinn ‘s e a’ fuireach an dèidh a bhith a’ gabhail pàirt ann an marathon Loch Nìs. Cuideachd bi seann charaidean bho Harriers Chalboist agus caraid à Astràilia. Chan eil càil a dhìth oirnn a-nis ach deagh aimsir agus tòrr airgead a chruinneachadh airson Enable. Cuideachd tha ùine gu bhith againn beagan sanasachd a dhèanamh agus tha sinn an dùil stad aig ceithir taighean-staile air an t-slighe; aig Old Pultney, Clynelish, Glenmorangie agus Balblair.

Airson tuilleadh fiosrachadh agus dealbhan bho 2005 thèid gu làrach lìn an SRAC aig http://www.srac.org.uk/2005modrelay1.htm. Airson tuilleadh fiosrachadh mu thachartas 2011 cuir fios gu Ross Rothach air 07810681803 no 01851 822670

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council