Published: 04 Feb 2026

Tha An Comunn Gàidhealach, luchd-eagrachaidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ fosgladh iarrtasan tachartas am bliadhna, a bhios an Glaschu, an-diugh.
Tillidh an tachartas dhan bhaile as motha an Alba eadar 9 – 17 Dàmhair 2026. Bidh an tachartas, a tha 134 bliadhna a dh’aois, air ais am baile mòr nan Gàidheal.
Tha eachdraidh làidir aig A’ Mhòd Nàiseanta ann an Glaschu, chaidh a chumail sa bhaile 12 tursan, mu dheireadh ann an 2019.
Mar dhachaigh do choimhearsnachd luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, roinn ealain is ciùil beòthail, ionadan air leth agus aithnichte air feadh an t-saoghail airson tachartasan mòra: tha am baile deiseil gus fàilte a chuir air Mòd 2026.
Tha luchd-eagrachaidh A’ Chomuinn Ghàidhealaich an-dràsta a’ sireadh farpaisich de gach aois is le diofar sgilean, a chuireas iarrtasan a-steach gus am bi iad an lùib an fhèis Ghàidhlig as motha san t-saoghal, clach-mhìle chudromach ann an clàr-ama a’ Mhòid.
Bha Mòd an-uiridh, air a chumail ann an Loch Abar air leth soirbheachail le 1,900 farpaiseach an sàs.
Thairis air naoi làithean, bidh raon diofar fharpaisean a-rithist aig A’ Mhòd, nam measg seinn còisir, seinn aon-neach, bogsa-ciùil, clàrsach, dràma, bàrdachd, sgeulachdan, ealain agus Cogadh nan Còmhlan. Faodaidh farpaisich iarrtasan a chlàradh an seo (enter.ancomunn.co.uk) ro mheadhan-oidhche Didòmhnaich 31d Cèitean.
Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Nì sinn uile ar slighe a Ghlaschu ann an 2026 agus Am Mòd a’ tilleadh dhan bhaile as motha an Alba. Tha e na clach-mhìle mhòr iarrtasan fhosgladh agus sinn ag amas air na h-àireamhan mòr a bh’ againn an-uiridh a bhith am follais uair eile. Tha farpaisean aig cridhe a’ Mhòid agus iad a’ brosnachadh daoine an sgilean Gàidhlig a leasachadh. A bharrachd air sin, leasachaidh iad càirdeasan, pròis agus coimhearsnachd. Tha in-ghabhail aig teas-mheadhan a’ Mhòid agus gheibh gach pàirt de chultar na Gàidhlig cothrom a bhith air beulaibh an t-sluaigh. Brosnachaidh sinn a h-uile duine a dhol an sàs ann an tachartas am bliadhna ann an Glaschu.”
Gach bliadhna bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an àite eadar-dhealaichte an Alba agus is e an fhèis as motha a tha a’ comharrachadh cànan, cultar, spòrs agus na h-ealain Gàidhlig.
A bharrachd air farpaisean, bheir prògram an iomaill cuirmean-ciùil, cèilidhean, bùthan-obrach, òraidean agus seiseanan air feadh a’ bhaile.
Bheir Am Mòd seachad buannachdan eaconamach agus cultarail dhan àite far am bi e a’ brosnachadh is a’ leudachadh na Gàidhlig ann an Alba an latha an-diugh.
Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu ann an 2026, eadar 9mhis 17mh den Dàmhair.
Gliog an seo gus iarrtas a chuir a-steach.
« Back to Mòd News List