Published: 14 Oct 2025
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025 ann an Loch Abar letheach slighe a-nis agus tha an òigridh a tha fileanta sa Ghàidhlig ag ullachadh ceòl, dràma, bàrdachd is òrain is iad gu bhith air an àrd-ùrlar an dèidh pailteas duaisean a bhuannaich an luchd-ionnsachaidh an-dè.
Air a’ cheathramh latha dhen fhèis naoi làithean, bha Gàidheil suas ri aois 19 an sàs co-fharpaisean airson buinn, duaisean is gill-dhùbhlain eadar 27 tachartas.
Nam measg, ann an seinn aon-neach luchd-ionnsachaidh 13-15, bhuannaich Eilidh NicAonghais, aois 14, à Àird nam Murchan Bonn Cuimhneachan Sheumais C. Mhic a’ Phì, an dèidh dhi ar fàgail bog balbh is i a’ seinn an òrain ainmichte aice, Do’n Chuthaig.
Bhuannaich Eilidh Geall-dùbhlain Alasdair Hamalton cuideachd leis gum b’ ise a fhuair an comharra as àirde ann an Gàidhlig, ach ’s e Erin Greig aois 15 à Muilea fhuair Geall-dùbhlain Sìne Ghreumach leis a’ chomharra as àirde ann an ceòl.
Ann an roinn aois 16-18 ann an seinn thraidiseanta mheasgte aon-neach luchd-ionnsachaidh b’ i Màiri Mhoireastan, aois 18, às an Rubha a choisinn a’ chiad àite, a’ buannachadh Bonn Probhaist na h-Eaglaise Brice.
Ann an roinn 13-15 ann an seinn thraidiseanta mheasgte aon-neach luchd-ionnsachaidh, ’s e Robaidh Dòmhnall MacGilleEathain, aois 14, à Bàgh a’ Chaisteil ann am Barraigh a thug buaidh, a’ toirt dhachaigh Duais Dhòmhnaill MhicLeòid.
Ann an roinn seinn aon-neach 16-18 , ’s e Isla Duke às an Eaglais Bhreac a bhuannaich co-fharpais nan caileagan is Fionnlagh Moireastan à Glaschu a bhuannaich co-fharpais nam balach.
Bha na còisirean a cheart cho gasta. Ann an co-fharpais còisir aon-fhuaimneach an luchd-ionnsachaidh fo aois 13, ’s e Còisir Ghàidhlig Fèis Phàislig, fo shàr stiùireadh luchd-iùil Màiri NicGilleBhràith agus Ellen NicDhòmhnaill, sgeulachd an latha. Rinn iad cho math ’s gun do bhuannaich iad gach duais a bha ri fhaighinn, a’ gabhail a-staigh Geall-dùbhlain Dhòmhnaill MhicPhàil is Màiri NicPhàil, Cuach Iùbailidh Airgid Comunn Gàidhlig Dharlington agus Cuach Cuimhneachan Mhòraig Robb.
B’ e Sèisteil Bheag a dhrùidh air na britheamhan ann an co-fharpais puirt à beul còisirean luchd-ionnsachaidh fo aois 13 is thug iad leotha Cupa Mhic an t-Saoir agus Geall-dùbhlain na Mnà-uasail Olive Chaimbeul MBE. Fo stiùir Rhiona NicGilleBhàin, sheinn an còmhlan seata beòthail ’s ruitheamach.
Sna co-fharpaisean an-diugh, ann an roinn nam fileantach, ’s e tachartasan a’ Bhuinn-airgid an t-Seann Nòis do chaileagan is balaich aois 13 gu 15 an tè as motha, a-mach o 2f ann an Eaglais Chaitligeach an Naomh Moire, leis na deugairean a’ seinn òran Gàidhlig a thagh iad fhèin leotha fhèin.
Nan dèidh aig 6f bidh co-fharpais Aigeallan Airgid a’ Chomuinn Ghàidhealaich, le caileagan eadar 13 is 15 a’ seinn an òrain ainmichte Tha Thu Daonnan nam Smuain agus co-fharpais Prìne-fèilidh Airgid an t-Seann Nòis anns am bi balaich eadar aois 13 agus 15 a’ gabhail an t-seann òrain Balachan Beag a’ Chuailein Bhàin.
Ag ullachadh dhan chòmhrag cuideachd tha an 12 chòmhlan a tha a’ gabhail pàirt ann an Cogadh nan Còmhlan – tachartas a tha a’ fàs cho cudromach is e a’ toirt plathadh dhuinn dhen tàlant ùr a tha ag èirigh ann an saoghal na Gàidhlig is a’ chiùil thradaiseanta. Tòisichidh na farpaisean-ullachaidh aig 2f aig Eaglais Baile Dhonnchaidh, agus thèid na còig còmhlain as fheàrr air adhart chun na farpaise-crìochnachaidh aig 7.30f nuair a bhios gach sùil air an duais mhòr: seisean clàraidh ann an stiùideo.
A bharrachd air clàr-ama trang nan co-fharpaisean, bidh pailteas eile ann do luchd a’ Mhòid a bheir dhaibh cothrom a’ Ghàidhlig a chomharradh. Dhan fheadhainn bheaga, tha seo a’ gabhail a-staigh spòrs Bookbug aig Colaiste na Gàidhealtachd an Iar a-mach o 10.30m, Bookbug dà-chànanach ann an Leabharlann a’ Chaoil a-mach o 11m agus cothrom stobadh a-steach do sheisean làmh-cheàrdan dà-chànanach ann an Leabharlann a’ Ghearastain a-mach o 1f.
Do theaghlaichean, bidh Cèilidh sa Cheàrnag le ceòl beò le còmhlan-dannsa Robert Nairn agus aoighean sònraichte ann an Ceàrnag Chamshroin a-mach o 1f, agus an uair sin Cèilidh Teaghlaich eile ann an Ionad Nibheis a-mach o 6.30f.
A’ toirt cùisean an latha gu crìoch gu h-àrd-nòsach, cluichidh luchd-ciùil Albannach ainmeil Màiri NicGilleMhoire agus Alasdair Roberts tracaichean on albam as ùire aca Remembered in Exile: Òrain Alba Nuaidh san Taigh-dhealbh Ghàidhealach a-mach o 8f.
Thuirt Magaidh Choineagain, Cathraiche a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha am Mòd letheach slighe ann an Loch Abar am bliadhna agus chan eil coltas idir gu bheil iarrtas is ùidh sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail a’ crìonadh idir – an ceart-aghaidh sin!
“Tha àireamh nan daoine, an luchd-chiùil is an luchd-taisbeantais a chuireas sìos ainm a’ sìor fhàs, dìreach mar a tha cumhachd-thàlaidh agus ruigheachd an tachartais – agus ri linn, na buannachdan eaconamach, sòisealta agus cultarach nach beag idir. Tha e cho mìorbhaileach fhaicinn.”
Fhuair am Mòd taic o EventScotland, na phàirt de VisitScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Riaghaltas na h-Alba, Cailleannach Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA am bliadhna.
Thig Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar gu crìoch air an 18mh dhen Dàmhair. Gheibhear tiocaidean airson na tachartasan mòra aig https://buytickets.at/ancomunn.
« Back to Mòd News List