Naidheachdan

Postairean o na ciad Mòdan air an càradh às ùr

Published: 31 Aug 2026

Postairean Mòdan 1892 is 1893

​Thèid dà phostair eachdraidheil fhoillseachadh dhan phobaill an ath mhìos air a bheil sgeul toiseach tòiseachaidh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail às dèidh pròiseact càraidh sònraichte.

Chaidh dà phostair o na 1890an a chàradh às ùr agus iad a’ sanasachd na ciad Mòdan Nàiseanta Rìoghail. Tha iad a-nis a cheart cho brèagha ‘s a bha iad bho thùs is thèid am foillseachadh aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar sa Ghearasdan o 8 Sultain.

’S iad na postairean orains agus gorm na h-aon eisimpleirean aithnichte dè shanasan o thràth bliadhnaichean a’ Mhòid, a phrìomh fhèis Ghàidhlig, a tha fhathast ann san latha an-diugh.

Rinn eòlaiche Helen Creasy aig Scottish Conservation Studio an obair mhionaideach tharais air trì mìosan, gus am biodh na postairean a cheart cho àlainn sa bha iad nuair a chaidh an dèanamh bho thùs.

Ged a bha tòrr milleadh air an dà phostair le pìosan a dhìth is air am milleadh le uisge, bha an teacsa àlainn slàn agus chaidh na pìosan a chàradh.

Chaidh obair càraidh a dhèanamh air a’ phaipear, agus chaidh an glanadh, an dèanamh rèidh, is pàipear ùr fhighe far an robh pìosan a dhìth. Thèid na postairean a thaisbeanadh sa Ghearasdan mus tèid an taisbeanadh cuideachd ann an Glaschu aig Mòd na bliadhna sa 9 – 17 Dàmhair.

Tha postair 1893 a toirt iomradh air am pailteas tàlant a bha an sàs san tachartas. Bha cuirm Ghàidhlig ann, òrain o chòisirean Gàidhlig bho air feadh Alba, nam measg Còisir Naomh Calum Cille Ghlaschu, Ceòlraidh Ghàidhlig an Òbain agus Seònaid NicLachlainn a bhiodh a’ seinn fad ’s farsainn is dhan Bhanrigh Bhictoria.

B’ i Màiri Anna NicUalraig a cho-òrdanaich an obair ann an co-bhanntachd le An Comunn Gàidhealach agus Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar le taic Urras Carthannach Gordon Fraser agus tabhartasan on phobaill.

Bha na postairean roimhe fo chùram eachdraiche Bob MacCullaich às an Òban, a fhuair iad o theaghlach fear den fheadhainn a stèidhich Am Mòd, Dùghall MacÌosaig.

Bheir Bob na postairean seachad do An Comunn Gàidhealach agus iad fo chùram Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar agus bidh iad ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd Loch Abair nuair nach bi iad air an taisbeanadh dhan phobaill.

Thuirt Màiri Anna NicUalraig: “’S iad clachan-mìle air leth cudromach ann an eachdraidh nan Gàidheal agus Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a th’ anns na postairean seo. Mar sin, tha e freagarrach gun deach an càradh gu mionaideach. Tha coltas air leth orra agus thuigeadh tu an àite bhiodh aca san Òban sna 1890an agus iad a’ comharrachadh a h-uile càil a bha a dol aig a’ Mhòd.

“Lorg mi na postairean an toiseach nuair a bha mi ag ullachadh taisbeanadh do Mhòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain 2024. Bha iad ann an staid glè chugallach air sgàth an aois agus bha mi ag iarraidh gum biodh iad air an taisbeanadh dhan phobaill uair eile. Bidh e air leth sònraichte am faicinn aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar. Bu mhath leam taing a thoirt do Bob a chùm iad gu cùramach, an sgioba a rinn an obair chàraidh agus na fheadhainn a thug seachad taic airgid dhan phròiseact.”

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha na postairean seo nam pàirt prìseil de h-eachraidh a’ Mhòid agus tha e iongantach gam faicinn air an càradh. Cha b’ urrainn fios a bhith aig luchd-eagrachaidh aig an àm dè cho mòr is a bhiodh dìleab an tachartais, fhathast a’ cruinneachadh daoine gus cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig a chomharrachadh às dèidh 134 bliadhna. Abair deagh dhòigh cuimhneachadh far an do thòisich sgeulachd a’ Mhòid agus tha sinn an comainn Màiri Anna is a h-uile duine a bha an sàs anns an obair seo gus na postairean a ghlèidheadh.”

Mar phàirt den phròiseact, chaidh iarraidh air neach-ealain sgìreil Ali Berardelli postair a dhèanamh coltach ri na postairean eachdraidheil, air a bheil ainmean an fheadhainn a thug seachad taic airgid. Thèid seo a thaisbeanadh ri taobh na postairean eachdraidheil.

Thèid postairean eachdraidheil A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thaisbeanadh aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar o 8 Sultain, is bidh iad an uair sin ann an Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu seachdain a’ Mhòid. Gheibhear a-steach an asgaidh.

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026. Tha tiogaidean rim faighinn an-dràsta, tadhalaibh air: https://modghlaschu2026.org/

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Rathbones Group Plc

Rathbones Group Plc

VisitScotland

VisitScotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow