Naidheachdan

Pìobaireachd is spòrs a tàladh sluagh gu làithean fosglaidh a’ Mhòid

Published: 11 Oct 2026

Duais iomain nam ban

An treas latha a cothromachadh spòrs agus film agus cothroman airson meòmhrachadh agus adhradh

Tha Glaschu air toiseach-tòiseachaidh air leth a thoirt do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo le deireadh sheachdain loma-làn de thachartasan.

An-dè bha ‘sàr Spòrs Disathairne’ le ball-coise agus iomain a’ gabhail àite tron latha.

Air na raointean far an robh Iomain a’ Mhòid a’ gabhail àite ’s iad sgioba Obar Labhair a thàinig an bàrr ann an Cupa na h-Òigridh, a choisinn Cupa Mòd Ghlaschu dhaibhsan. Ann an Cupa a’ Mhòid airson Iomain nam Ban ’s iad sgioba Meadhan Earra-Ghàidheal Ghlaschu a choisinn Cupa Dùbhlain LearnGaelic agus ann am farpais Iomain nam Fear thog sgioba Meadhan Earra-Ghàidheal Ghlaschu Cupa an Aghaidh Mhòir.

Bha mòran a’ coimhead le miann air duaisean airgid aig Farpaisean Pìobaireachd a’ Mhòid, dìreach aon de na farpaisean gnàthasach a bha a’ dol ann an tallaichean tron bhaile.

Ann am Pìobaireachd nan Inbheach ’s e Aonghas Mac A Phì à Inbhir Nis a choisinn na Prìomh Ìrean agus Ìre A, an inbhe phroifeasanta as àirde ann am pìobaireachd aon neach, agus ’s e Ben Duncan à Dùn Èideann a thog duais Prìomh Ìre agus ìre A airson Caismeachd, Srath Spè agus Ruidhle.

Choisinn Kyle Shead a bhuineas do Ghlaschu an duais airson Pìobaireachd Ìre B agus thog Callum Carn, à Sealainn Nuadh ach a-nis a’ fuireach an Glaschu Geall-dùbhlain Choinnich I MhcRath aig Ìre B caismeachd, Srath Spè agus Ruidhle.

Ann am Pìobaireachd Òigridh, choisinn Moira Bruce, a tha sia bliadhna deug a dh’aois à Colaiste Gleann Almoin, Geall-dùbhlan W.G.G MacUilleam airson Pìobaireachd 16-18, agus choisinn Seonaidh Forrest às an Eilean Sgitheanach Cupa na Royal Highland Fusiliers airson Caismeachd, Srath Spè agus Ruidhle airson aois 16-18.

Ann am farpaisean bho aois U16 choisinn Seumas Silcock, còig bliadhna deug a’ dh’aois às an Eaglais Bhreac a’ chiad àite ann am Pìobaireachd a’ togail Geall-dùbhlain an t-Ollamh DS MacLagain, Cuach Ruairidh Rothaich airson Caismeachd 2/4 agus Cupa Lighting Electrical airson a Srath Spè agus Ruidhle.

A’ cuir ri beòthas an latha, chaidh geàrr-liosta Duais Ealain na Gàidhealtachd 2026 fhoillseachadh aig The Briggait air taobh sear Ghlaschu. ’S iad Eòghann Mac Colla, neach-ealain ioma-chruth agus Scott Bennett, neach-sealbh gailearaidh na britheamhan am bliadhna agus thagh iadsan 12 de dh’obair-ealain bho 75 pìosan ealain rim faicinn air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Iad seo na measg:

  • Cuir air an coire! le Lillian Crichton (Deò Cruinneachadh Ealain Innse Gall)
  • Dùileach le Lydia Warren (Comann Ealain Uibhist)
  • Evening Light, Camanscoille le Jenny Choineagain (An Talla Solais, Ullapul)
  • Craobhan Fallain, Daoine Fallain le Sheila Garden (Comann Ealain Siorrachd Pheairt)
  • Tìogar Innse Gall le Nicola Neate (Comann Ealain Uibhist)
  • Fo Sgàile Mhuile le Deb Wing (Luchd-ealain Alba)
  • Learag le Sheila NicDhonnchaidh (An Talla Solais, Ullapul)
  • Tràigh Shòbhraig , Port Uairce, Àird nam Murchan le Helen L NicDhonnchaidh, Comann Ealain is Ciùird An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse)
  • Tha cuimhne aig an Talamh le Angela Scrivin (MapaEalain Earra-Ghàidheall)
  • Dàn an Uisge le Mòrag Young (Urras An Ealdhain, Loch Abar)
  • ’S iadsan an àm ri teachd le Patricia Hughes (Comann Luchd-ealain Bhàideanach agus Srath Spè)
  • Luaths le Heather Ogilvie (Comann Ealain Siorrachd Pheairt)

Leanaidh an taisbeanadh gu Disathairne 17 Dàmhair, còmhla ri taisbeanadh The Way I See It le Katherine Sutherland a bhuannaich an duais ann an 2025. Thèid buanaiche Duais Ealan na Gàidhealtachd 2026 ainmeachadh aig tachartas sònraichte air Dihaoine 16 Dàmhair.

Thàinig latha trang Disathairne gu crìoch le Cèilidh le na Cormacks – feasgar dòigheil le dibhearsain gu leòr, le aon de na teaghlaichean ciùil is cliùitich air Ghàidhealtachd, agus còmhla riutha bha aoighean sònraichte Ailean MacEanraig, Seonaidh Mac an t-Saoir, Murchadh ‘Yogi’ Camshroin, Emma NicLeòid agus Claire NicLeòid.

Leis an treas latha den Mhòd Nàiseanta Rìoghail a tòiseachadh, tha cothroman aig luchd-tadhail pàirt a ghabhail ann an tachartasan agus ann an creideamh agus adhradh.

Do luchd-leantainn spòrs, ’s e latha eachdraidheil a bhios ann le dràma gu leòr air an raon-cluich, le Cuach Cuimhneachaidh Iain MhicCoinnich le Alba FA an aghaidh Partick Thistle U19s aig Pàirc Petershill ann an Glaschu, far an do chluich am ‘Firhill Flyer’ mar a thugta air Iain, à Tiriodh, a’ mhòr-chuid de dhreuchd mar cluicheadair ball-coise.

Don fheadhainn a tha sireadh meòmhrachadh is ùrnaigh, bidh fàilte oirbh gu Seirbheis a’ Mhòid, a bhios a’ gabhail àite ann an Cathair-eaglais Naomh Anndra aig 2.30f, an eaglais as sine ann an Glaschu, Thèid an t-seirbheis a chraoladh beò Radio nan Gàidheal. Gus an fheadhainn òga a chumail dòigheil bidh seisean Lego Bricks Connections ann Talla na h-Eaglaise bho 2.00f gu 4.00f.

Oidhche Dòmhnaich bidh an dàrna cothrom airson meòmhrachadh le Ceòl Soisgeulach ann an Stèisean Meadhain aig 7.30f leis a’ chòmhlan soisgeulach Gàidhlig, Glòraich agus le còisir a chaidh a chur air dòigh gu sònraichte.

Don fheadhainn leis an toil filmichean bidh Theatre Film Ghlaschu a’ sealltainn Às an Eilean ag innseadh sgeulachd òganach a’ tighinn gu ìre a’ lorg slighe tro ghnàthasan, dùilean agus saoghal a choimhearsnachd ag atharrachadh. Nuair a bhios am film seachad bidh cothrom ceistean a chur air na cleasaichean Iain MacRath agus Wilma NicUalraig.

Thuirt D-I Mac ’Ille Dhuinne, Neach-gairm Comataidh Ionadail a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail: “Tha Mòd a soirbheachadh nuair a tha prògram in-ghabhail cothromach ga ullachadh a’ lìbhrigeadh do gach aois, ìrean sgil agus ùidhean. Dh’obraich an sgioba air cùl Mòd Ghlaschu –An Comunn Gàidhealach, an comataidh ionadail, com-pàirtichean tachartais agus iomadh neach saor-thoileach – gu dìcheallach gus an amas sin a choileanadh.

“Air deireadh sheachdain an fhosglaidh chunnacas farpaisean càirdeil, tachartasan air an Iomall agus amannan airson sàmhchair – rudeigin dha na h-uile duine, agus mòran a bharrachd ri thighinn anns an t-seachdain a tha romhainn.”

Tha taic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Glaschu a tighinn bho Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, VisitScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ dol ann an Glaschu gu Disathairne 17 Dàmhair 2026.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus tiocaidean tadhailibh air https://modghlaschu2026.org.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Rathbones Group Plc

Rathbones Group Plc

VisitScotland

VisitScotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow