Published: 10 Sep 2025
Ann am mìos cuiridh sgìre beòthail Loch Abar fàilte air Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, an tachartas cànan is cultar na Gàidhlig as motha air an t-saoghal, is thig fàs air àireamh an fheadhainn a tha an sàs.
Tha dùil ri còrr air 10,000 farpaiseach, neach-ciùil is neach-tadhail aig an tachartas chliùiteach eadar 10 – 18 Dàmhair 2025 anns a’ Ghearasdan agus san sgìre mun chuairt air a’ bhaile.
Chaidh àrdachadh air àireamh fharpaisich airson an treas bliadhna ann an sreath le còrr air 1,900 iarrtas. Tha mu 200 fharpais anns an tachartas eadar ceòl, bàrdachd, ealain, dannsa is eile, le còrr air 270 buinn no cuach rim buannachadh.
Thairis air na naoi làithean bidh cèilidhean, cuirmean-ciùil, taisbeanaidhean, caismeachd, tachartasan litreachais, blasad bìdh is uisge-beatha sa Ghearsasdan san t-foghar. Na cailleabh cuirm Ar Cànan ’s Ar Ceòl aig am bi tàlant dhe na h-Abraich as fheàrr, leithid Eòghann MacEunraig Mànran, an seinneadair ainmeil Rachel Walker, oidhche phìobaireachd le Ailean Dòmhnallach & Aonghas MacNeacail is eile. Cuideachd bidh cuirm air leth ann le Òrain Alba Nuadh le Màiri Nic’IlleMhoire is Alasdair Roberts.
Seo an naoidheamh Mòd Nàiseanta a thèid a chumail ann an Loch Abar. Tha am Mòd 133 bliadhna a dh’aois is tachraidh e ann an sgìre eadar-dhealaichte ann an Alba gach bliadhna.
Tòisichidh am Mòd ann am mìos eile agus tha muinntir Loch Abar, gnìomhachasan agus luchd-ciùil ag ullachadh fàilte chridheil Ghàidhealach mu choinneamh luchd-ciùil.
Cumaidh an companaidh ionadail Busaichean Seile taic ri farpaisich, luchd-ciùil agus luchd-èisteachd gus am faigh iad timcheall na sgìre, chithear bus traidiseanta Mhic a’ Bhriuthainn cuideachd. Tha an teaghlach aig a bheil Busaichean Seile air a bhith a’ cumail taic ris a’ Mhòd o chionn fhada. Chaidh an companaidh a stèidheachadh an Àird nam Murchan agus tha e air fàs gu nàiseanta.
Thuirt Dòmhnall MacGilleBhràith, Busaichean Seile: “Tha sinn air ar dòigh fàilte a chur air an fheadhainn a thig dhan Ghearasdan agus taic a chumail ri tachartas Gàidhlig air leth. Chan e a-mhàin gu bheil am Mòd cudromach dhan luchd-ciùil agus farpaisich ach tha e air leth cudromach dha gnìomhachasan agus dha muinntir na sgìre. ’S e adhbhar moit a th’ anns na goireasan siubhail a chuidicheas daoine a’ dol gu na tachartasan agus tha sinn air leth pròiseil à bus traidiseanta Mhic a’ Bhriuthainn a bhios againn cuideachd. Tha e na urram taic leantainneach a chumail ris a’ Mhòd gus am bi tachartas air leth aig a h-uile duine am bliadhna.”
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Ann am mìos bidh An Gearasdan cho buileach trang le òrain, ceòl, cultar agus coimhearsnachd agus tha a h-uile duine a’ coimhead air adhart ris gu mòr. Tha fàs àireamhan an fheadhainn a tha an sàs san tachartais na dhearbhadh air cho fallainn ’s a tha a’ Ghàidhlig. ’S e adhbhar misneachd a th’ anns an taic a chithear sa choimhearsnachd agus bho chompanaidhean ionadail dhan Mhòd – leis an tachartas air fàire, tha fiughair oirnn bòidheachd sgìre Loch Abar fhaicinn agus e a’ cur fàilte air Gàidheil às gach ceàrnaidh chun tachartais.”
Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Raymond Bremner: “Chan fhada a-nis gus am bi cuirm shònraichte againn ann an Loch Abar.
“Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bhith a’ tilleadh dhan Ghàidhealtachd, agus tha e soilleir gu bheil luchd-eagrachaidh air sàr phrògram thachartasan a chur air dòigh, le rudeigin dhan a h-uile duine.
“Tha e gu h-àraid brosnachail gu bheil àireamhan nam farpaiseach air a dhol an-àird, agus tha seo na theisteanas air an obair a thathar a’ dèanamh ann an iomadh dachaigh, sgoil is coimhearsnachd, le cuideachadh bho iomairtean a leithid Acadamaidh a’ Mhòid.
“Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ faicinn cànan is cultar na Gàidhlig mar sho-mhaoinean prìseil, a tha a’ toirt grunn bhuannachdan sòisealta is eaconamach dhan sgìre.
“Bheir am Mòd seachad cothrom air leth gus an dealas leantainneach againn dhan chànan a thaisbeanadh agus a chomharrachadh.”
Thuirt Rob Dickson, Ceannard Gnìomhachais is Tachartasan aig VisitScotland: “Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail am measg na tachartasan bhliadhnail againn a tha nan samhla air beartais cultar na h-Alba.
“Tha a’ Ghàidhlig na pàirt cudromach dhan inbhe chultarail againn, is bidh an tachartas am bliadhna a’ còrdadh ri luchd-tadhail agus ri muinntir na sgìre. Am measg tachartasan cultarail is turasachd air leth ann an Alba, cuiridh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail sgìre Loch Abar air àrd-ùrlar, a’ trusadh luchd-tadhail is a’ cumail taic ri gnìomhachasan ionadail.”
Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar 2025 a’ faighinn taic bho EventScotland (mar phàirt deth VisitScotland), Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA.
Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Loch Abar bho 10 – 18 Dàmhair 2025. Tha tiogaidean prìomh thachartasan rim faighinn aig: https://buytickets.at/ancomunn.
« Back to Mòd News List