Published: 01 Jul 2025
Bidh dealbhan rim faighinn an seo o 12:30
Cluinnear ceòl Gàidhlig, seinn na pìoba, is bidh cèilidhean is caismeachd ann an Loch Abar nuair a thilleas Am Mòd Nàiseanta Rìoghail dhan Ghàidhealtachd 10 – 18 Dàmhair 2025.
Tha naoi làithean trang air toiseach air na fheadhainn a bhios aig an fhèis ceòl is cultar na Gàidhlig as motha air an t-saoghail. Bidh tachartasan ann le ceòl, bàrdachd, dannsaichean, taisbeanaidhean, leabhraichean ùra agus am biadh agus deoch as fheàrr sa sgìre.
Chaidh Bile nan Cànanan Albannaich aontachadh gu h-aona guthach ann am Pàrlamaid na h-Alba o chionn ghoirid, is mar sin tha ìomhaigh na cànain a’ fàs fhathast.
Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail air eagrachadh leis A’ Chomunn Ghàidhealach is bidh e ann am baile Albannaich eadar-dhealaichte gach bliadhna. Tha e na sàr chruinneachadh do luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh is luchd-taic na Gàidhlig.
Ann an 2025 cuiridh An Gearasdan agus an sgìre mun cuairt air fàilte an tachartas a tha 133 bliadhna a dh’aois airson an naoidheamh uair. Tha dùil gun cruthaich Am Mòd buannachd mòr eaconamach don sgìre aig a’ cheart àm.
Fosglaidh Mòd Loch Abar 2025 le caismeachd lòchrain tro shràidean A’ Ghearasdain, mus bi Cuirm Fhosglaidh aig Ionad Nibheis, a bhios na phrìomh ionad Mòid air feadh na seachdain. Bidh tàlant Loch Abar air an deagh riochdachadh le Dàimh, a chuireas an t-seachdain air a casan, agus an fhacal dàimh fhèin na shamhla air an ceangal eadar buill a’ chòmhlan agus an luchd-èisteachd. Còmhla riutha air àrd-ùrlar bidh còmhlan Ceilear. Nochd iad an toiseach mar phàirt den phròiseact Culture Collective aig Aonghas MacCoinnich: Eilean a’ Cheòl.
Bidh farsaingeachd tàlant na sgìre ri fhaicinn cuideachd aig Ar Cànan ’s Ar Ceòl Disathairne 11 Dàmhair. ’S e cuirm-chiùil air leth a bhios ann, le ceòl bho chòmhlain-phìoba, còmhlan traidiseanta Àrd-sgoil Àird nam Murchan, Jane Douglas School of Dance, còisirean òigridh na sgìre agus tòrr a bharrachd.
Aig Àrd-ùrlar an Teanta cluinnear ceòl gach latha, agus Dùbhlain Seinn Cèilidh , Gabh Òran, far am faighear cothrom òran a ghabhail. Bidh pannal breitheamhan dìomhair falaichte anns an luchd-èisteachd.
Aig Ceàrnag Camshroin gach latha bidh Cèilidh Shràid ann air feadh na seachdain, is bidh taighean-seinnse A’ Ghearasdain trang le clàr-ama seiseanan ciùil air an oidhche.
Bidh cuid de na pìobairean as fheàrr sa sgìre, Aonghas MacNeacail is Moira Robasdan nam measg, a taisbeanadh ionnsramaid nàiseanta na h-Alba aig Ceadal Pìobaireachd Diluain 13 Dàmhair. Cuideachd Dimàirt 14 Dàmhair bidh cuirm-chiùil le Màiri Nic’IlleMhoire & Alasdair Roberts: Remembered in Exile, Òrain Alba Nuaidh.
Chaidh Sruth a chur air bhonn gus àite a thoirt do luchd-labhairt òga is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig coinneachadh ri Gàidheil ainmeil. Thèid ath-bheothachadh am bliadhna mar phàirt pròiseact L.A.B. aig BBC ALBA. Gheibh òigridh cothrom sgilean camara ionnsachadh is eòlas a chur air na bhios a’ dol aig cùl ghnòthaichean ann an telebhisean, is an sgilean Gàidhlig a chleachdadh aig a’ cheart àm.
Chìthear spòrs cuideachd anns a’ phrògram, iomain, ball-coise agus cur-seachadan sam faod òigridh a dhol an sàs, cèilidhean teaghlaich is eile.
Ionnsachaidh daoine mu dheidhinn deagh bhiadh agus dheoch na sgìre aig taisbeanadh Taste of Lochabar agus tachartas sònraichte Blasad Uisge-beatha.
Thèid an t-seachdain a thoirt gu ceann le Cuirm-dhùnaidh Dihaoine 17 Dàmhair aig am bi còmhlan làn rionnagan, air thoiseach air na Co-chòisirean Disathairne 18 Dàmhair, aig am bi na ceudan buill còisire o air feadh na h-Alba a’ caismeachd is a’ seinn air sràidean A’ Ghearasdain.
Bidh farpaisean ainmeil A’ Mhòid – leithid seinn aon-neach, clàrsach, còisirean, bogsa-ciùil is Cogadh nan Còmhlan – aig teas-meadhan an tachartais. Le barrachd na 200 farpais agus bonn is cuas rim buannachadh air feadh na seachdain, bidh feadhainn o gach ceàrnaidh de dh’Alba agus an t-saoghail a’ dèanamh air a’ Mhòd gus am bi cothrom aca buannachadh.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Le fàs àireamhan luchd-labhairt òga agus taic às ùr sa phàrlamaid dhan chànan, tha dùil againn gu bheil a’ Ghàidhlig air deagh shlighe. Tha àite riatanach aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann a bhith riochdachadh agus brosnachadh cultar na Gàidhlig agus e a’ samhlachadh am bòidheachd is na ceangalan anns a’ chànan. ’S e tlachd a th’ ann tilleadh dhan Ghàidhealtachd am bliadhna agus Loch Abar cho cudromach ann an eachdraidh na Gàidhlig le coimhearsnachd a tha bàidheil dhan chànan.”
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis: “Leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a’ sìor-fhàs nas soirbheachaile, tha dearbhadh ann gun tèid coimhearsnachdan a bheartachadh tro bhrosnachadh na Gàidhlig, ’s e ceangailte
gu dlùth ri soirbheachadh eaconamach. “Thathar a’ tomhas gun tug am Mòd Nàiseanta an-uiridh £3.6 millean a-steach dhan eaconamaidh. B’ e sin am figear as àirde ann an còig bliadhna.
“Gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig, bidh Bile nan Cànan Albannach againn a’ neartachadh còraichean nam pàrantan a bhith ag iarraidh gun tèid sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns na sgìrean aca, agus bheir e a-steach targaidean
a thaobh àireamh nan daoine a tha a’ bruidhinn na Gàidhlig.
“Tha sinn cuideachd ag obair gus leasachaidhean a bhrosnachadh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig, airson ’s gum bi barrachd dhaoine aig a bheil an cànan fhathast a’ fuireach anns na sgìrean sin.”
Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Raymond Bremner: “Tha a’ Ghàidhlig air leth cudromach dhan slàinte sòisealta, cultarail agus eaconamach ann an sgìre na Gàidhealtachd. Bidh sin gu math follaiseach nuair a thilleas Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Loch Abar san Dàmhair.
“Chaidh deagh phrògram ullachadh leis an luchd-eagrachaidh – bidh rudan ann a fhreagras air a h-uile duine is tha mi cinnteach gun tachair tòrr rudan air an cuimhnich daoine aig Mòd Nàiseanta na bliadhna. Cruthaichidh e cuideachd càirdeasan ùra agus buannachdan eaconamach mòra don sgìre.
“Tha fhios agam fhìn cho cudromach ’s a tha Mòd Nàiseanta do chleachdadh na Gàidhlig agus cho math sa bhios na tachartasan don sgìre.
“Aithnichidh Comhairle na Gàidhealtachd cho cudromach ’s a tha cànan is cultar na Gàidhlig do ar eaconamaidh. Chithear dearbhadh air a’ sin nar sgoiltean Gàidhlig – tha sinn am bliadhna a’ comharrachadh 40 bliadhna foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa sgìre – agus nar coimhearsnachdan.
“Tha sinn air ar dòigh gu bheil A’ Mhòd Nàiseanta a tilleadh dhan Ghàidhealtachd a bhios na fhìor dheagh fhèis ann an Loch Abar.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ taisbeanadh ar cànan is ar cultar tro cho-fharpaisean, tachartasan agus cruinneachaidhean a-rithist am-bliadhna, le prògram mìorbhaileach a bheir seachad tòrr chothroman airson a’ Ghàidhlig a chleachdadh agus a chomharrachadh. Gun teagamh, ’s e àite math a th’ ann an Loch Abar airson am Mòd a chumail agus tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri bhith a’ tadhal ann san Dàmhair.”
« Back to Mòd News List