Naidheachdan

Clàran-eagair agus pìosan ainmichte ​Mòd 2022 gam foillseachadh

Published: 03 Dec 2021

Tha e na thlachd don Chomunn Ghàidhealach clàran-eagair farpaisean agus pìosan ainmichte Mòd Pheairt 2022 fhoillseachadh. Bidh Mòd Pheairt a’ dol eadar an 14mh agus an 22mh den Dàmhair 2022, nuair a thilleas am Mòd chun a’ bhaile airson a’ chiad uair bho 2004.

Rinneadh ath-sgrùdadh agus co-chomhairleachadh nas tràithe am bliadhna le buidheann-obrach agus com-pàirteachaidh, ‘s thathas air farpaisean ùra a chur ri clàr-fharpaisean na cloinne. Nam measg tha ‘Cogadh nan Còmhlan’ neo ‘Battle of the Bands’ agus farpais tro mheadhain ‘Tik Tok’ ann an roinn nam meadhanan. Bidh dreach ùr air farpaisean còmhraidh, ann an oidhirp còmhradh nas nàdarraiche a bhrosnachadh a-measg an òigridh. Thèid tuilleadh fiosrachaidh fhoillseachadh mun seo ann an ùine gun a bhith fada.

Tha farpaisean ùra ann an clàran-eagair nan inbheach cuideachd. Nam measg, farpais ùr do chòisirean le taic ciùil, farpais a bhios ag amas air co-sheirm do bhuidhnean le eadar 5 agus 10
seinneadairean. Bidh farpais ùr fon ainm ‘The CalMac Competition’ fosgailte do sheinneadairean aon-neach, ann an roinn an luchd-ionnsachaidh.

Bha Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna sa ann an Inbhir Nis na cheum gu math cudromach a thaobh slighe air ais gu Mòd gu tur ‘àbhaisteach’ ann am Peairt an ath-bhliadhna. Chaidh Mòd soirbheachail a lìbhrigeadh air loidhne ann an 2020, mar thoradh air COVID-19 agus chaidh Mòd Inbhir Nis a chumail an dà chuid ann an dà-rìreabh aig Talla Cluiche Chùirt an Aodainn agus air loidhne. Tha sinn toilichte innse gum bi farpaisean air loidhne nam pàirt de Mhòd Pheairt 2022 cuideachd. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na roinnnean eadar-dhealaichte air a’ chlàr-eagair, tro làrach-lìon a’ Chomuinn.

Tha e cuideachd na thlachd don Chomunn foillseachadh gu bheilear air a bhith ag obair ann an co-bhuinn le Comunn Fharpais nam Pìobairean airson farpaisean do dh’ inbhich eadar ìrean A,
Premier agus B. Bidh Pìobaireachd, Caismeachd, Strathspèidh agus Ruidhle nam pàirt de na farpaisean seo. ‘S iad Comunn Farpais nam Pìobairean a bhios a’ dèiligeadh ri iarrtasan airson nam farpaisean seo tron làrach-lìon aca. ‘S e ceithir port a bhios riatanach anns gach farpais. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh brath gu rùnaire Comunn Farpais nam Pìobairean aig: cpa_sec@yahoo.co.uk.

Bu mhath leinn cur an cuimhne dhaoine gum bu chòir fuinn nam pìosan ciùil ainmichte a sheinn mar a tha iad sgrìobhte. Ach, gu faodar ruitheam nam pongan-ciùil a ghabhail a-rèir na Gàidhlig agus dual-chainnt. Tha an t-atharrachadh seo ag amas air cothrom a thoirt do dh’ fharpaisich an dreach fhèin a thoirt air na h-òrain agus a bhith nas cruthachaile.

Mar phàirt de na h-atharrachaidhean, tha cruth eadar-dhealaichte air farpaisean na cloinne. ‘S ann stèidhichte air a’ chlas a bhios pàistean aig àm a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhios cuid de na farpaisean. Thathas air mìneachadh as ùire a dhealbhachadh a thaobh fileantas do sgoiltean neo aonadan tro mheadhan na Gàidhlig. Tha stiùireadh a thaobh nan clàran-eagar ùr airson teaghlaichean, sgoiltean agus pàrantan cuideachd ga fhoillseachadh, feuch tuilleadh fiosrachaidh agus taice a thoirt do dh’ fharpisich. Gheibhear seo aig www.ancomunn.co.uk

Gheibhear cuideachd na clàran-eagair aig www.ancomunn.co.uk agus na pìosan ainmichte gu lèir airson Mòd 2022 aig www.ancomunn.co.uk/store. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk. Neo air a fòn- 01851 703487.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2021 Supporter

Glasgow City Council

Glasgow City Council

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd