Naidheachdan

Taisbeanadh na Gaidhlig

Published: 30 Aug 2012

Tha Taisbeanadh Gàidhlig a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a’ toirt cothrom math do luchd-siubhail, farpaisich agus luchd-taic a’ Mhòid, eòlas fhaighinn air na daoine a tha ag obair ann an saoghal na Gàidhlig agus a’ toirt seachad seirbheisean Gàidhlig. ‘Se cothrom a th’ ann cuideachd faicinn dè na seirbhisean a tha ri fhaighinn gu h-ionadail cuideachd.

Mar is tric, bidh rudan mar leabhraichean, cds, pìosan ealain, dealbhan agus mar sin air adhart. Am measg an fheadhainn a bhios a’ gabhail pàirt anns an Taisbeanadh, bidh buidhnean mar Comhairle nan Leabhraichean, MG Alba, Sabhal Mòr Ostaig, SNH, Stòrlann, Comunn na Gàidhlig agus Pròiseact nan Ealain.

Am bliadhna tha an Taisbeanadh gu bhith stèidhichte an teis-meadhan tachartasan a’ Mhòid, ann am Pàillean a bhios taobh a-muigh Talla na Ban-rìghinn, am meadhan Dùn Omhain. Bidh gu leòr a’ dol againn. Biadh is deoch bhon sgìre fhèin, ceòl beò agus gu leòr eile airson ur tàladh a-steach chun Taisbeanadh!

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council