Published: 01 Sep 2025
An siathamh latha den Iuchar
An siathamh latha den Iuchar
a chomharraich sinn daonnan
le ròsan nan con
a thug m’ athair dhan ospadal
gus a’ chiad ghin fhaicinn.
Bhiodh ise trì fichead ’s a naoi an-diugh,
mo phàrantan mu thràth
ceud, agus seo mi
ann am fionnarachd is sàmhchair
eaglais bige cruinn san Eadailt,
Is trasnadh nam boghachan
os mo chionn na thaisbeanadh
air a’ phuing seo dhan tug
an gaol is còmhradh,
co-thuiteamas is gnìomh mi,
Agus a ghlèidheas fhathast mi,
na blàthan pasgte,
is fàgaidh mi an eaglais,
a’ gabhail sràidean lùbach òrail
air ais gu mo charaidean.
« Back to Mòd News List