Published: 20 Aug 2026

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba, a’ tilleadh a Ghlaschu am bliadhna, agus thathas air an àireamh iarrtasan as àirde a-riamh fhaighinn airson farpaisean a’ Mhòid, a thèid a chumail san Dàmhair.
Chaidh còrr air 2,100 iarrtas a chlàradh o fharpaisich ann an roinnean a leithid seinn aon-neach, seinn càraid, seinn ceathrar, còisirean, ionnsramaidean; fidheall, bogsa-ciùil, piàna, a’ phìob mhòr agus còmhlain-ciùil, dràma, bàrdachd, sgeulachdan is ealain.
Le àrdachadh 6.5% an taca ri iarrtasan an-uiridh aig Mòd Loch Abar a bha cho soirbheachail, bidh farpaisich aig gach aois an sàs san tachartas cultarail Albannach eadar 9 – 17 Dàmhair 2026.
Bidh buidhnean agus farpaisich fa leth à Alba agus nas fhaide air falbh a’ taisbeanadh an ùidh aca ann an ceòl is cultar na Gàidhlig, tha dùil againn ri feadhainn às na Hearadh, Barraigh, Inbhir Nis, Glaschu, Dùn Èideann, agus cho fada air falbh ri Lunnainn agus Canada.
Thathas a’ fastadh tallaichean a bharrachd agus ag ullachadh clàr na farpaisean a-rèir feumalachdan na h-iarrtasan; gu h-àraidh mu choinneimh an ùidh mhòr ann a farpaisean cloinne sna fileantaich agus tha seo buileach misneachail dhan chànan.
Am measg nam prìomh fharpaisean cliùitich bidh Na Buinn-òir is Na Buinn-òir Traidiseanta, farpaisean còisire Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.
Tha Am Mòd còrr air 130 bliadhna a dh’aois agus thèid mu 270 cuachan, sgiathan, buinn is duaisean a thoirt seachad thairis air 200 diofar fharpais.
Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Chan eil ach 50 latha gun till Am Mòd a Ghlaschu. ’S e misneachd air leth a th’ ann gu bheil ùidh cho mòr air nochdadh anns na farpaisean a th’ againn aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Tha na mìltean air sealltainn an ùidh a th’ aca sa Ghàidhlig, le bhith airson pàirt a ghabhail anns na farpaisean agus gu bhith a’ tighinn cruinn còmhla mar phàirt deth choimhearsnachd sònraichte a’ Mhòid.
“Tha an ùidh mhòr a tha sinn a’ faicinn, gu h-àirigh ann am farpaisean na cloinne ann an roinnean na fileantaich, na shamhla air fàs ann am misneachd sa Gàidhlig agus na adhbhar dòchais don chànan san àm ri teachd.
“Tha na h-iarrtasan as àirde a fhuair sinn a-riamh na dhearbhadh air an ùidh a th’ ann an ceòl, cànan agus cultar na Gàidhlig bho air feadh na dùthcha agus tha sinn làn chinnteach gu bheil Mòd air leth romhainn ann an Glaschu am bliadhna. A bharrachd air na farpaisean trang bidh cuirmean-ciùil, cèilidhean, seiseanan is mòran thachartasan eile a’ gabhail àite air feadh a’ bhaile.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “’S e cùis bhrosnachaidh a th’ ann an uimhir de dh’inntrigidhean fhaicinn airson farpaisean a’ Mhòid am-bliadhna mu thràth. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ coimhead air adhart ri bhith còmhla ribh ann an Glaschu san Dàmhair airson cànan, ceòl, is cultar na Gàidhlig a thaisbeanadh is a bhrosnachadh ann am baile mòr nan Gàidheal.”
Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026. Tha tiogaidean rim faighinn an-dràsta, tadhalaibh air an làrach-lìn seo.
« Back to Mòd News List