Naidheachdan

Postairean o na ciad Mòdan air an càradh às ùr

Published: 31 Aug 2026

Postairean Mòdan 1892 is 1893

​Thèid dà phostair eachdraidheil fhoillseachadh dhan phobaill an ath mhìos air a bheil sgeul toiseach tòiseachaidh A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail às dèidh pròiseact càraidh sònraichte.

Chaidh dà phostair o na 1890an a chàradh às ùr agus iad a’ sanasachd na ciad Mòdan Nàiseanta Rìoghail. Tha iad a-nis a cheart cho brèagha ‘s a bha iad bho thùs is thèid am foillseachadh aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar sa Ghearasdan air 8mh Sultain.

’S iad na postairean orains agus gorm na h-aon eisimpleirean aithnichte dè shanasan o thràth bliadhnaichean a’ Mhòid, a phrìomh fhèis Ghàidhlig, a tha fhathast ann san latha an-diugh.

Rinn eòlaiche Helen Creasy aig Scottish Conservation Studio an obair mhionaideach tharais air trì mìosan, gus am biodh na postairean a cheart cho àlainn sa bha iad nuair a chaidh an dèanamh bho thùs.

Ged a bha tòrr milleadh air an dà phostair le pìosan a dhìth is air am milleadh le uisge, bha an teacsa àlainn slàn agus chaidh na pìosan a chàradh.

Chaidh obair càraidh a dhèanamh air a’ phaipear, agus chaidh an glanadh, an dèanamh rèidh, is pàipear ùr fhighe far an robh pìosan a dhìth. Thèid na postairean a thaisbeanadh sa Ghearasdan mus tèid an taisbeanadh cuideachd ann an Glaschu aig Mòd na bliadhna sa 9 – 17 Dàmhair.

Tha postair 1893 a toirt iomradh air am pailteas tàlant a bha an sàs san tachartas. Bha cuirm Ghàidhlig ann, òrain o chòisirean Gàidhlig bho air feadh Alba, nam measg Còisir Naomh Calum Cille Ghlaschu, Ceòlraidh Ghàidhlig an Òbain agus Seònaid NicLachlainn a bhiodh a’ seinn fad ’s farsainn is dhan Bhanrigh Bhictoria.

B’ i Màiri Anna NicUalraig a cho-òrdanaich an obair ann an co-bhanntachd le An Comunn Gàidhealach agus Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar le taic Urras Carthannach Gordon Fraser agus tabhartasan on phobaill.

Bha na postairean roimhe fo chùram eachdraiche Bob MacCullaich às an Òban, a fhuair iad o theaghlach fear den fheadhainn a stèidhich Am Mòd, Dùghall MacÌosaig.

Bheir Bob na postairean seachad do An Comunn Gàidhealach agus iad fo chùram Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar agus bidh iad ann an Tasglann Comhairle na Gàidhealtachd Loch Abair nuair nach bi iad air an taisbeanadh dhan phobaill.

Thuirt Màiri Anna NicUalraig: “’S iad clachan-mìle air leth cudromach ann an eachdraidh nan Gàidheal agus Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a th’ anns na postairean seo. Mar sin, tha e freagarrach gun deach an càradh gu mionaideach. Tha coltas air leth orra agus thuigeadh tu an àite bhiodh aca san Òban sna 1890an agus iad a’ comharrachadh a h-uile càil a bha a dol aig a’ Mhòd.

“Lorg mi na postairean an toiseach nuair a bha mi ag ullachadh taisbeanadh do Mhòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain 2024. Bha iad ann an staid glè chugallach air sgàth an aois agus bha mi ag iarraidh gum biodh iad air an taisbeanadh dhan phobaill uair eile. Bidh e air leth sònraichte am faicinn aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar. Bu mhath leam taing a thoirt do Bob a chùm iad gu cùramach, an sgioba a rinn an obair chàraidh agus na fheadhainn a thug seachad taic airgid dhan phròiseact.”

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha na postairean seo nam pàirt prìseil de h-eachraidh a’ Mhòid agus tha e iongantach gam faicinn air an càradh. Cha b’ urrainn fios a bhith aig luchd-eagrachaidh aig an àm dè cho mòr is a bhiodh dìleab an tachartais, fhathast a’ cruinneachadh daoine gus cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig a chomharrachadh às dèidh 134 bliadhna. Abair deagh dhòigh cuimhneachadh far an do thòisich sgeulachd a’ Mhòid agus tha sinn an comainn Màiri Anna is a h-uile duine a bha an sàs anns an obair seo gus na postairean a ghlèidheadh.”

Mar phàirt den phròiseact, chaidh iarraidh air neach-ealain sgìreil Ali Berardelli postair a dhèanamh coltach ri na postairean eachdraidheil, air a bheil ainmean an fheadhainn a thug seachad taic airgid. Thèid seo a thaisbeanadh ri taobh na postairean eachdraidheil.

Thèid postairean eachdraidheil A’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thaisbeanadh aig Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar air 8mh Sultain, is bidh iad an uair sin ann an Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu seachdain a’ Mhòid. Gheibhear a-steach an asgaidh.

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026. Tha tiogaidean rim faighinn an-dràsta, tadhalaibh air: https://modghlaschu2026.org/

« Back to Mòd News List

50 latha ri dhol: Iarrtasan as àirde a-riamh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a thèid a chumail an Glaschu

Published: 20 Aug 2026

Farpaiseach

​Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, prìomh fhèis Ghàidhlig na h-Alba, a’ tilleadh a Ghlaschu am bliadhna, agus thathas air an àireamh iarrtasan as àirde a-riamh fhaighinn airson farpaisean a’ Mhòid, a thèid a chumail san Dàmhair.

Chaidh còrr air 2,100 iarrtas a chlàradh o fharpaisich ann an roinnean a leithid seinn aon-neach, seinn càraid, seinn ceathrar, còisirean, ionnsramaidean; fidheall, bogsa-ciùil, piàna, a’ phìob mhòr agus còmhlain-ciùil, dràma, bàrdachd, sgeulachdan is ealain.

Le àrdachadh 6.5% an taca ri iarrtasan an-uiridh aig Mòd Loch Abar a bha cho soirbheachail, bidh farpaisich aig gach aois an sàs san tachartas cultarail Albannach eadar 9 – 17 Dàmhair 2026.

Bidh buidhnean agus farpaisich fa leth à Alba agus nas fhaide air falbh a’ taisbeanadh an ùidh aca ann an ceòl is cultar na Gàidhlig, tha dùil againn ri feadhainn às na Hearadh, Barraigh, Inbhir Nis, Glaschu, Dùn Èideann, agus cho fada air falbh ri Lunnainn agus Canada.

Thathas a’ fastadh tallaichean a bharrachd agus ag ullachadh clàr na farpaisean a-rèir feumalachdan na h-iarrtasan; gu h-àraidh mu choinneimh an ùidh mhòr ann a farpaisean cloinne sna fileantaich agus tha seo buileach misneachail dhan chànan.

Am measg nam prìomh fharpaisean cliùitich bidh Na Buinn-òir is Na Buinn-òir Traidiseanta, farpaisean còisire Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn agus Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.

Tha Am Mòd còrr air 130 bliadhna a dh’aois agus thèid mu 270 cuachan, sgiathan, buinn is duaisean a thoirt seachad thairis air 200 diofar fharpais.

Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Chan eil ach 50 latha gun till Am Mòd a Ghlaschu. ’S e misneachd air leth a th’ ann gu bheil ùidh cho mòr air nochdadh anns na farpaisean a th’ againn aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Tha na mìltean air sealltainn an ùidh a th’ aca sa Ghàidhlig, le bhith airson pàirt a ghabhail anns na farpaisean agus gu bhith a’ tighinn cruinn còmhla mar phàirt deth choimhearsnachd sònraichte a’ Mhòid.

“Tha an ùidh mhòr a tha sinn a’ faicinn, gu h-àirigh ann am farpaisean na cloinne ann an roinnean na fileantaich, na shamhla air fàs ann am misneachd sa Gàidhlig agus na adhbhar dòchais don chànan san àm ri teachd.

“Tha na h-iarrtasan as àirde a fhuair sinn a-riamh na dhearbhadh air an ùidh a th’ ann an ceòl, cànan agus cultar na Gàidhlig bho air feadh na dùthcha agus tha sinn làn chinnteach gu bheil Mòd air leth romhainn ann an Glaschu am bliadhna. A bharrachd air na farpaisean trang bidh cuirmean-ciùil, cèilidhean, seiseanan is mòran thachartasan eile a’ gabhail àite air feadh a’ bhaile.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “’S e cùis bhrosnachaidh a th’ ann an uimhir de dh’inntrigidhean fhaicinn airson farpaisean a’ Mhòid am-bliadhna mu thràth. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ coimhead air adhart ri bhith còmhla ribh ann an Glaschu san Dàmhair airson cànan, ceòl, is cultar na Gàidhlig a thaisbeanadh is a bhrosnachadh ann am baile mòr nan Gàidheal.”

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026. Tha tiogaidean rim faighinn an-dràsta, tadhalaibh air an làrach-lìn seo.

« Back to Mòd News List

Ruitheam Dà-chànanach: Tionndadh Gàidhlig Òran Ghlaschu air thoiseach air A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail

Published: 10 Aug 2026

Postair Ar n-Òran do Ghlaschu

​Chaidh dreach Gàidhlig a chuir air òran molaidh Ghlaschu air thòiseach air A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh dhan bhaile as t-fhoghar. Thug Ar n-Òran do Ghlaschu guthan Norrie Tago MacÌomhair agus Còisir Sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu, anns a bheil sgoilearan bho na ceithir bun-sgoiltean sa bhaile, còmhla.

Tha an àireamh as àirde de Ghàidheil taobh a-muigh Na h-Eileanan Siar a’ fuireach an Glaschu, is tha an òran - a thèid fhoillseachadh Diardaoin 13 Lùnastal - a’ comharrachadh am baile agus coimhearsnachd na Gàidhlig.

Chaidh an òran a sgrìobhadh sa Bheurla an toiseach le Jamie Caimbeul bhon chòmhlan Ghlaschu Dignity Row is bhuannaich e farpais Glaschu Beò ann an co-bhanntachd le Go Radio mar òran a’ comharrachadh spiorad a’ bhaile is chaidh a chleachdadh leis a’ charthannas ann an sanasan bhon uair sin.

Air thoiseach air an tachartas Gàidhlig as motha air thalamh a’ tighinn a Ghlaschu, dh’obraich Jamie còmhla ris a cheòladair, sgrìobhadair is craoladair Màiri Anna NicUalraig gus am moladh do Ghlaschu a chuir dhan Ghàidhlig.

Cleachdaidh an òran ìomhaigh Ghlaschu mar ‘am baile as càirdeile air an t-saoghail’ agus sealladh air Sràid Bhochanan làn ceòl agus seinn, mar a bhios i nuair a bhios Am Mòd aig baile san Dàmhair.

Bidh an dreach Gàidhlig air fhoillseachadh air àrd-ùrlar aig cuirm Dignity Row sa Bhungalow far an seinn Màiri Anna. Cluinnear cuideachd aig àm a’ Mhòd e, eadar 9 – 17 Dàmhair 2026.

Sheinn sgoilearan à Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile Ghobhainn, Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail, Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu is Bun-sgoil Ghàidhlig a’ Challtainn an òran cuide ri Jamie Campbell à Dignity Row air a’ mheur-chlàr, Dario Palazzo air giotàr, Julian Pombo air beus-giotàr agus Gavin Paterson air na drumaichean.

Chaidh a chlàradh aig Studio 1790 ann an Comar nan Allt, is chaidh guthan nan sgoilear a chlàradh aig sgoiltean ann am Finnieston agus Baile a’ Ghobhainn, le taic bhon seinneadair is sgrìobhadair Isla Scott.

Thuirt Jamie Campbell, Dignity Row: “Tha Ar n-Òran do Ghlaschu ag amas air beatha Ghlaschu a shamhlachadh, far a bheil daoine treun, càirdeil is fosgailte ag innse sgeul am beatha, is cha bhith thu uair sam bith le faireachdainn aonranach. Cruinnichidh muinntir a’ bhaile agus luchd-tadhail deagh sgeulachdan an seo, is bidh cuimhne aca air ìomhaighean sònraichte a’ bhaile. Thèid do chuairteachadh le ceòl nuair a choisicheas tu air Sràid Bochanan, sa bhaile às am bu chòir dhuinn a bhith pròiseil.

“Dh’fheuch mi ri òran a sgrìobhadh bho mo chridhe gus faireachdainnean a ghlacadh ann an dòigh a tha doirbh ann an còmhraidhean làitheil. Tha na faclan a’ sealltainn mo ghaol do Ghlaschu agus ris na daoine a tha gam cheangal ri mo dhachaigh. Chan eil thu uair sam bith nad aonar an Glaschu!”

Thuirt Cathraiche Glaschu Beò agus Neach-tionail Cultair, Spòrs is Ceanglan Eadar-nàiseanta, Bàillidh Annette Christie: “’S e rud prìseil a th’ ann gun urrainn dhuinn spioraid a’ bhaile a chomharrachadh, sa Ghàidhlig, tro Ar n-Òran do Ghlaschu, mus till Am Mòd Nàiseanta Rìoghail.

“Nì sinn fiughair ris an tachartas cultarail seo a bhith aig baile uair eile. Mar dhachaigh don àireamh luchd-labhairt Gàidhlig as motha taobh a-muigh Na h-Eileanan Siar, tha dàimh làidir aig a’ bhaile dhan Ghàidhlig, agus tha ùidh is gnìomhadh air fàs o chionn ghoirid. Tha sinn gu cinnteach airson togail air an ùidh ann an cànan is cultar – is tha ar Plana Ealain Gàidhlig 2025-2029 mar dhearbhadh air ar n-amas agus spèis dha cruthachalachd sa Ghàidhlig.

“Aithnichidh sinn cho cudromach ’s a tha e gum faigh luchd-labhairt Gàidhlig agus feadhainn nach bruidhinn an cànan cothroman a bhith an sàs aig tachartasan a bhrosnaicheas cànan agus cultar na Gàidhlig. Bheir seo fàs air a’ bhuaidh sòisealta agus eaconamach a tha na lùib. Mar sin, tha e air leth cudromach dhan bhaile gum bi Am Mòd Nàiseanta Rìoghail an seo, a’ taisbeanadh gach buannachd aig ceòl agus na h-ealain Gàidhlig.”

Thuirt Màiri Anna NicUalraig, a rugadh an Glaschu: “’S e urram a th’ ann a bhi dèanamh eadar-theangachaidh air obair neach eile, ach is e tlachd a tha ann a bharrachd, oir tha an gràdh ceudna aig Jamie dhan bhaile ’s a tha agam fhèin.”

Fhuair am Mòd taic o Ghlaschu Beò, Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, EventScotland, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus Teisteanasan Alba am bliadhna.

Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu bho 9 – 17 Dàmhair 2026. Tha tiogaidean rim faighinn an-dràsta, tadhalaibh air https://modghlaschu2026.org/

Gabhaidh Ar n-Òran do Ghlaschu luchdadh a-nuas is sruthadh o Diardaoin 13 Lùnastal, ceangal SoundCloud an seo.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

Teisteanasan Alba

Teisteanasan Alba

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Rathbones Group Plc

Rathbones Group Plc

VisitScotland

VisitScotland

Visit Glasgow

Visit Glasgow