Published: 19 May 2025
Tha An Comunn Gàidhealach air bùth-obrach a chur air dòigh airson britheamhan a’ Mhòid. Bha cothrom aca an cuid eòlas a roinn nam measg fhèin agus bruidhinn air ciamar a nì iad co-dhùnaidhean.
A bharrachd air sùil a thoirt air bhideothan o Mhòdan a dh’fhalbh, bha sinn air ar dòigh gun robh buill Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu an làthair. Mar sin bha cothrom aig britheamhan breithneachadh a thoirt seachad air gnìomhadh air an latha fhèin.
Ar taing gu sgioba Taigh-òsta Ghlynhill ann an Rinn Friù, faisg air Pàislig, a chur air dòigh àite air leth freagarrach air ar son. Bidh bùth-obrach eile ann an Inbhir Nis san Lùnastal.
Published: 15 May 2025
Tha An Comunn Gàidhealach, luchd-eagrachaidh na fèise cliùitiche, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail ag iarraidh gun cuir feadhainn a tha airson a bhith an sàs ann am farpaisean na bliadhna-sa iarrtasan a-steach air thoiseach air ceann-latha dùnaidh na farpaisean - Disathairne 31 Cèitean 2025.
Tachraidh Am Mòd sa Ghearasdan agus an sgìre mun cuairt bho 10 – 18 Dàmhair, an naoidheamh uair a bhios an tachartas 133 bliadhna a dh’aois sa sgìre. Tha am Mòd aithnichte mar phrìomh fhèis chultarail na Gàidhlig, a’ comharrachadh dualchas, cànan, ealain is cultar.
Cuirear fàilte air farpaisich aig diofar aoisean is comasan ann an còrr air 200 farpais, nam measg; seinn còisir, bogsa-ciùil, fidheall, dràma, bàrdachd agus Cogadh nan Còmhlan.
Gheibhear liosta nam farpaisean anns an clàr-eagair an seo agus gabhaidh iarrtasan a chur a-steach an seo.
Tha An Comunn Gàidhealach an dòchas gum bi àireamhan a’ cheart cho math sa bha iad san Òban, 2,700 farpaisich thairis air naoi làithean.
Tha sgoilearan sgìre Loch Abar nan ceudan gam brosnachadh sgìre a dhol an sàs sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail tro Acadamaidh a’ Mhòid. Tha 6 oidean a’ tadhal air mu 40 clas ann an 18 sgoiltean gus seinn Gàidhlig, bàrdachd is ceòl traidiseanta ionnsachadh agus an òigridh a bhrosnachadh a bhith an lùib a’ Mhòid.
Tha Acadamaidh a’ Mhòid air a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal ann an co-bhanntachd le An Comunn Gàidhealach is maoinichte le Bòrd na Gàidhlig le taic Chomhairle na Gàidhealtachd.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Bidh Mòd Loch Abar na dheagh chomharrachadh air a’ Ghàidhlig ar cànan dùthchasach ath-bheothachadh. Tha sinn ag amas air leudachadh air an àireamh fharpaisich is luchd-ciùil a bh’ againn san Òban an-uiridh is cuiridh sinn fàilte air iarrtasan bhuapa-san a tha ag iarraidh a bhith an sàs aig Mòd na bliadhna-sa ron cheann-latha dùnaidh. Tha an ath ghinealach aig cridhe a’ Mhòid agus tha e misneachail bhith a’ faicinn an obair a tha a’ dol air adhart ann an sgoiltean Loch Abar gus cothrom a thoirt dhan òigridh a bhith a’ sàs san tachartas air an starsaich aca fhèin.”
Thuirt Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil, Fèisean nan Gàidheal: “Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr airson dàimh nas dlùithe ri dualchas a thabhann do chlann a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha sinn air ar dòigh cothrom fhaighinn a bhith ann an co-obrachadh le An Comunn Gàidhealach a-rithist a bharrachd air Comhairle na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig agus sgoiltean Loch Abar.
Tha eòlas farsaing aig an sgioba ionadail Fèisgoil a tha an sàs ann a bhith a’ teagasg am bliadhna le cuid a’ gabhail pàirt sna Mòdan thairis air na bliadhnaichean agus cuid nan luchd-ciùil proifeiseanta. Nam measg tha oileanach foghlaim Gàidhlig Laura Robastan, fìdhlear is seinneadair à Gleann Comhann Lucy Doogan (bhon chòmhlan-ciùil Hò-rò), dithis a choisinn Bonn Òir a’ Chomuinn, Màiri Anna NicUalraig agus Riona NicIlleBhàin agus peathraichean, Ingrid (Còmhlan-ciùil Gleann Fhionnain) agus Megan (Breabach) NicEanraig. Tha sinn gu mòr an dòchas gum brosnaich Acadamaidh a’ Mhòid an òigridh gus toileachas fhaighinn bho bhith a’ seinn sa Ghàidhlig agus airson pàirt a ghabhail sna Mòdan fhèin.”
Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Raymond Bremner: “Tha buannachdan mòra sòisealta, cultarach is eaconamach an lùib na Gàidhlig, agus bidh iad uile air an toirt am follais aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
“Tha am Mòd a’ sealltainn uair eile gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic leantainneach dhan Ghàidhlig ann an sgoiltean, aig tachartasan, agus anns na coimhearsnachdan againn.
“Tha sinn air ar dòigh glan gu bheil am Mòd a’ tilleadh chun na Gàidhealtachd agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri ochd latha sgoinneil ann an Loch Abar.”
Thèid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an àite eadar-dhealaichte air feadh na h-Alba gach bliadhna. A bharrachd air na farpaisean tha prògram an iomaill anns am bi cuirmean-ciùil, bùthan-obrach, taisbeanaidhean agus seiseanan ann an tòrr àitean sa sgìre. Thadhail còrr air 9,000 neach air Mòd an Òbain 2024.
Tillidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2025 a Loch Abar 10 – 18 Dàmhair. Dùnaidh iarrtasan farpaisean aig meadhan-oidhche Disathairne 31 Cèitean. Gabhaidh iarrtasan a chur a-steach an seo.
Published: 08 May 2025
Tha ceòl agus na faclan airson earrainnean ainmichte na bliadhna seo rin ceannach air an làrach-lìn againn. Tha pasgan ann do thidsearan cuideachd, leis na faidhlaichean gu lèir. Bidh seo feumail do na Mòdan Ionadail cuideachd!
Thoiribh sùil anns an stòr againn: https://bit.ly/3GGrVD5
« Back to Mòd News List