Naidheachdan

Taisbeanadh do fheadhainn a stèidhich Dualchas Làidir Gàidhlig Earra-Ghàidheil

Published: 30 Sep 2024

Còisirean Earra-Ghàidheil
Còisirean Earra-Ghàidheil

Thèid na sgeulachdan aig feadhainn aig a bheil àite air leth ann an eachdraidh chiùil Gàidhlig agus an cuid ceangalan don Òban agus Earra-Ghàidheal – dachaigh A’ Mhòid Nàiseanta – innse ann an dà thaisbeanadh làn fiosrachadh inntinneach.

Bidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban san Dàmhair airson an 17mh turas - ann an sgìre aig a bheil mòran eachdraidh cultarail Gàidhlig.

Chaidh An Comunn Gàidhealach a chuir air bhonn san Òban ann an 1891 agus thachair a’ chiad Mòd Nàiseanta an ath bhliadhna sa bhaile, 132 bhliadhna air ais.

Aig an tachartas seo ann an 1892, às dèidh cho math ’s a rinn Seònaid am fianais Bana - phrionnsa Louise, a bha pòsta aig Am Marcas Latharnach, fhuair i cothrom seinn air beulaibh Banrigh Bhictoria ann am Baile Mhorail far an deach broidse daoimean a thoirt dhi mar thaing, a’ chiad cheum ann an dreuchd ainmeil.

Air leth ainmeil airson a cuid seinn, thug dreuchd Seònaid bho a h-àite breith san Òban gu àrd- ùrlaran air feadh an t-saoghail, nam measg Canada, Na Stàitean Aonaichte, Sealainn Nuadh agus Astràilia. A bharrachd air an teaghlach Rìoghail bha luchd-leantainn aig Seònaid am measg uaislean air feadh Na Roinn Eòrpa.

Gheibhear fiosrachadh air Sheònaid aig taisbeanadh sònraichte aig Mòd na bliadhna, na dachaigh fhèin agus cridhe Gàidhlig na h-Alba. Bheir an taisbeanadh seachad fiosrachadh air a beatha agus a dìleab air leth, ga toirt gu aire a’ mhòr-sluaigh.

Bidh seo ri fhaicinn Disathairne 5mh gu Didòmhnaich 20mh Dàmhair fad seachdain a’ Mhòid aig Ionad Aiseig Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, Cidhe a Deas. Chaidh an taisbeanadh a chuir air bhonn le boireannaich; seinneadair cliùiteach Gàidhlig Màiri Anna NicUalraig, acadamhaiche Dotair Priscilla Scott agus neach-tasgaidh Marij van Helmond – mar urram air an tè a thòisich air cànan agus ceòl Gàidhlig a chuir air àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail.

Le far-ainm Smeòrach nan Gàidheal, thòisich Seònaid a seinn aig aois ochd bliadhna is chaidh a clàradh air gramafon ann an Glaschu ann an 1899. B’ e sin rud eile a rinn Seònaid air thoiseach air càch: a’ chiad uair a-riamh a chaidh Gàidhlig a chlàradh air gramafon.

Thuirt neach tasgaidh an taisbeanaidh, craoladair agus seinneadair Gàidhlig Màiri Anna NicUalraig: “B’ e fìor reul na cruinne a bh’ ann an Seònaid – a’ chiad ghuth Gàidhlig a chaidh air chlàr. B’ e a prìomh ghràdh a cànan màthaireil fhèin, agus na Gàidheil air an do thadhail i thar chuantan airson seinn dhaibh.

Is e adhbhar moit a th’ ann a bhi deasachadh an taisbeanaidh seo mu dhìleab Seònaid mar phàirt de thachartas cho iomchaidh. Tha mi a’ faireachdainn mar gu bheil mi air eòlas a chur oirre mar phearsa, seach dìreach mar neach ann an eachdraidh.

Nuair a smaoineachas tu gu bheil sinn fhathast a’ strì airson co-ionnanachd ann an saoghal nan ealan an-diugh, tha neart is dìcheall Seònaid slighe a dhèanamh dhi fhèin mar sheinneadair dìreach iongantach, gu h-àraid ann an saoghal far nach robh spèis ga thoirt dha leithid. Is e deagh eisimpleir a tha innte do bhoireannaich òga, luchd-ciùil is Gàidheil a cheart cho math. Shìol cuimhne oirre às ri linn uabhas a’ Chogaidh Mhòir, gu robh i meadhanach òg, agus cho beag cothrom ’s a bhiodh ann àite boireannaich a sheasamh ann an eachdraidh. Ach tha mi an dùil gu bheil sinn a’ leigeil leis an reul seo dealradh às ùr.”

Bhàsaich Seònaid ri linn tinneas a fhuair i air a slighe dhachaigh às an Fhraing tron Spàinn aig toiseach A’ Chiad Cogaidh Mòir. Bha na ceudan aig a tìodhlacadh agus chaidh carragh chuimhne a thogail às a leth ann an 1921.

Às dèidh na cogaidhean mòra, cha robh Seònaid cho ainmeil. Chaidh uaigh a lorg agus a leasachadh ann an 2020 le sgioba an taisbeanaidh. Dh’obraich iad cuideachd le Stòrlann gus am biodh àite air loidhne don òigridh far an ionnsachadh iad mu Sheònaid. San ùine ghoirid o na chaidh am foillseachadh chaidh na faidhlichean ionnsachaidh a luchdadh a-nuas còrr air 11,000 turais.

A-rithist, thuirt Màiri Anna NicUalraig: “Bhon a dh’fhoillsich sinn goireasan-ionnsachaidh Stòrlann bho chionn beagan mhìosan, chaidh na faidhlichean a luchdadh a-nuas còrr air 11,000 turas. Tha e riatanach gu bheil Gàidhlig agus Gàidheil a’ faighinn cothrom an sgeulachdan soirbheachais innse. Tha e riatanach gu bheil daoin’ òga a’ faighinn cothrom cluinntinn mu bhoireannaich leithid Seònaid gus am bi spèis aca dhan dualchas fhèin, is gun tuig iad gu bheil àite aige ann an eachdraidh na cruinne san fharsaingeachd.

’S e an taisbeanadh seo an ceum mu dheireadh ann am pròiseact fada gus Seònaid a thoirt air ais dha a dachaigh san t-Òban agus Earra-Ghàidheal – far an do sheinn i aig a’ chiad Mòd, toiseach a dreuchd ionmholta.

“Thiodhlaigeadh Seònaid an Glaschu, agus ged a bha i a’ coimhead gu beanntan Earra-Ghàidheil gu tuath, cha deach aice air tilleadh dhachaigh. Tha mi an dùil gu bheil an obair-càraidh a rinn sinn air a crois-cuimhneachaidh sa chladh agus an taisbeanadh seo ann an da-rìribh ‘a’ cur clach air càrn’.

“Is fìor thoil leam gum bi an taisbeanadh ann an ionad-aisig ChalMac, làmh ris an loidhne-rèile a bha air Seònaid a ghiùlain dhan t-saoghal mhòr a-muigh agus gach nì a rinn i ann. Is e cothrom a bhios ann do mhuinntir an àite, luchd-tadhail a’ Mhòid agus luchd-siubhail san dol seachad ionnsachadh mun bhoireannach àraid seo, a bha cho dlùth is dìleas dha a cuideachd.

“Tha uimhir a dh’òrain Ghàidhlig air an clàradh againn a-nise, ach tha feum ann bho àm gu àm coimhead air far an do thòisich seo uile, agus moladh a dhèanamh air tè a gheàrr an slighe, gus am b’ urrainn dhuinn uile coiseachd na làraich.”

Bidh dualchas beartach còisire na sgìre agus na buidhnean a sheinn air àrdan-ùrlar ionadail agus nàiseanta cuideachd ri fhaicinn aig taisbeanadh a bhios aig Mòd an Òbain ann an Ionad Achadh na Creige.

Tha Taisbeanadh Còisirean Earra-Ghàidheil le Eleanor NicFhionghain agus na Oban Heritage Hunters. Tha mòran còisirean a bha stèidhichte an Earra-Ghàidheal air a bhith air àrd-ùrlaran a’ Mhòid thar na bliadhnaichean.

Thathar an dùil gu bheil 20 còisirean Gàidhlig air a bhith stèidhichte an Earra-Ghàidheil thairis air 60 bliadhna, ceithir à Muile nam measg. Tha Còisir Ghàidhlig an t-Òban air a bhith a dol nas fhaide na càch agus i air tòiseachadh ann an 1892.

Bidh mòran dheilbh san taisbeanadh, tòrr aca a thànaig o An t-Òbanach, a bharrachd air feadhainn a bh’ ann an tasglann a’ buidheann eachdraidh, a’ sealltainn an gaol a th’ aig muinntir Earra-Ghàidheil air òrain Gàidhlig. Seallaidh bhideothan tasglann BBC ALBA buill chòisirean Earra-Ghàidheil a’ seinn gus am bi cothrom aig luchd-tadhail blasad fhaighinn air Mòdan na bliadhnaichean a dh’fhalbh.

Bidh cuideachd film goirid ann le filmeadair Òbanach Anna Garvin san taisbeanadh. Bheir e seachad iomradh cò ris a tha e coltach a bhith an lùib còisir Ghàidhlig is an neart a chuireas feadhainn a-steach dha na buidhnean seo is an toileachas is faireachdainn coimhearsnachd a gheibh iad ri linn.

Thuirt Eleanor NicFhionghain, Neach-tasgaidh: “Mhothaich ar buidheann eachdraidh gu bheil tòrr dealbhan is eile againn nar cruinneachadh eachraidh sòisealta ionadail a ghabhadh a shealltainn do luchd-tadhail. Sin ’s coireach gun do dh’ullaich sinn an taisbeanadh.

’S e ar n-amas gum brosnaich sinn cuimhne agus còmhraidhean thar ginealaichean mun eachraidh iongantach a th’ aig còisirean Gàidhlig Earra-Ghàidheil. Cha bhiodh an taisbeanadh air a bhith ann às aonais taic An t-Òbanach agus cuideachadh coimhearsnachdan Gàidhlig agus ionadail a thug seachad dealbhan is eile thar na bliadhnaichean.

’S e seo mar a tha sinn a’ cuir fàilte dhan Mhòd agus e a’ tilleadh don Òban san Dàmhair. Tha e sònraichte gu bheil cothrom againn ar dualchas a roinn dha na mìltean luchd-tadhail.”

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban eadar 11 – 19 Dàmhair 2024. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhalaibh air làrach-lìn Mòd an Òbain.

« Back to Mòd News List

Mìos ri dhol gus an cuir Costa an Iar fàilte air fèis Ghàidhlig

Published: 11 Sep 2024

Dannsa Gàidhealach
Dannsa Gàidhealach

​Ann an dìreach mìos, bidh baile àlainn an t-Òban air leth trang leis a h-uile càil iongantach a bhios a’ dol aig A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus e a’ tilleadh dhan Costa an Iar.

Bidh an tachartas cultarail Albannaich sa bhaile bho 11 – 19 Dàmhair 2024 agus tha muinntir an Òbain agus an sgìre mun cuairt ag ullachadh airson an 17mh Mòd Nàiseanta, gus am bi e na dheagh thachartas.

Le iarrtasan farpaisean cha mhòr an treas cuid nas àirde na bha iad an-uiridh am Pàislig, ann an 2024 bidh àireamh fharpaisich cho àrd ’s a bha iad ro CHOVID. Tha gnìomhachasan agus luchd-ciùil an Òbain deiseil gus fàilte chridheil a chuir air luchd-labhairt agus luchd-taic na Gàidhlig.

Tha Comataidh Ionadail Mòid an Òbain air sreath chlasaichean Gàidhlig a chuir air dòigh do ghnìomhachasan na sgìre agus an luchd-obrach gus am faigh daoine fàilte cho math ’s a ghabhas. Tha Mòd an Òbain agus Ionad Gàidhlig Furan air clasaichean an asgaidh a chuir air dòigh ann an Tallaichean a’ Chorrain, prìomh ionad a’ Mhòid agus gnìomhachasan na sgìre ag ionnsachadh abairtean Gàidhlig feumail.

Bidh cuideachd cothrom aig gnìomhachasan an Òbain air farpais sgeadachaidh uinneige ron Mhòd, agus bidh bùithtean is eile air an sgeadachadh le stoidhle a fhreagras air an tachartas cultarail.

Tha iarrtas cuideachd air luchd-ciùil na sgìre a tha a’ dèanamh fiughair ri fàilte a chuir air tàlant agus pailteas ciùil nach gabh tomhas dhan bhaile aca.

Tha neach-ciùil ionadail Joanie Garvin air a bhith an sàs ann an ceòl traidiseanta an Earra-Ghàidheal fad bhliadhnaichean. Am measg a teaghlach luchd-ciùil proifeiseanta tha a nighean, Anna Garvin, ag obair air film don taisbeanadh Còisirean Earra-Ghàidheil a bhios aig Mòd an Òbain.

Thuirt Jonie Garvin agus i air a dòigh: “Tha an còmhnaidh deagh fhaireachdainn san Òban nuair a bhios am Mòd Nàiseanta aig baile! Tha an t-uabhas feadhainn òga againn ag ionnsachadh ceòl traidiseanta sa sgìre agus tha am baile air leth moiteil às na còmhlain pìoba, Fèis Latharna agus Sgoil Chiùil Traidiseanta Àrd-sgoil an Òbain. ’S e sàr chothrom a th’ anns A’ Mhòd Nàiseanta dhaibh an cuid sgilean a chleachdadh air àrd-ùrlar agus brosnachadh fhaighinn o chàch. Tha mi air bhioran gum bi an t-Òban làn ceòl beò ann an iomadach àite, le rudeigin a fhreagras air a h-uile duine!”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear A’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha Mòd na bliadhna sa a’ teannadh oirnn agus an t-Òban deiseil gus fàilte a chuir air Gàidheil às gach ceàrnaidh. Tha e air a bhith gu math misneachail fhaicinn mar a tha a’ choimhearsnachd agus gnìomhachasan a chuir fàilte air an tachartas. Le àireamh fharpaisich air fàs agus ullachadh a’ dol gu math, bidh sinn air leth toilichte muinntir an Òbain agus a h-uile duine a bhios an lùib A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail an sàs ann an cànan is cultar na Gàidhlig ann an dìreach mìos.”

Thuirt Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairliche Jim Lynch: “Tha sinn uile air bhioran agus sinn ag ullachadh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail an Òbain. ’S sinne a tha pròiseil às ar dualchas Gàidhlig an Earra-Ghàidheal is Bhòid is bidh sinn toilichte fàilte a chur air daoine às gach àite aig tachartas na bliadhna sa.”

Thuirt Rebecca Edser, Ceannard EventScotland: “Tha tachartasan cudromach nar coimhearsnachdan agus bidh an t-Òban na dheagh àrd-ùrlar agus Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh dhachaigh san Dàmhair. Mar phrìomh thachartas cultar Gàidhlig na h-Alba, bheir e deagh bhuaidh sòisealta, eaconamach agus cultarail dhan choimhearsnachd agus cothrom dhan h-uile duine a tha an sàs ceangalan a dhèanamh ann an dòigh spòrsail.

Tha sinn air leth pròiseil a bhith a’ cumail a’ dol a’ toirt taic leantainneach dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bidh sinn a’ coimhead air adhart ri cultar Gàidhlig na h-Alba a chomharrachadh ann am mìos.”

Thathar an dùil gum bi na mìltean ann am baile an t-Òbain an luib prògram air leth làn farpaisean, cuirmean-ciùil, bùthan-obrach is tachartasan iomaill. Bidh farpaisich às gach ceàrnaidh de dh’Alba agus àitean eile an sàs ann am farpaisean seinn, bàrdachd, ionnsramaidean, dràma agus Dannsa Gàidhealach.

Tòisichidh am Mòd Dihaoine 11 Dàmhair le cuirm-chiùil Mànran, còmhlan traidiseanta a th’ air iomadach duais a chosnadh, aig Tallaichean a’ Chorrain. Air feadh na seachdain bidh cuirmean, taisbeanaidhean, cuir air bhog leabhraichean, tachartasan cloinne agus spòrs agus tòrr eile ann am Prògram an Iomaill, gus an dùin Trail West am Mòd Disathairne 19 Dàmhair.

Tha na buidhnean EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, EventScotland, Riaghaltas na h-Alba, Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, BBC ALBA, Alba Chruthachail agus SQA a’ cumail taic ris A’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail am bliadhna san Òban.

Tachraidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail eadar 11 – 19 Dàmhair 2024 san Òban.

« Back to Mòd News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Argyll & Bute Council

Argyll & Bute Council

BID4Oban

BID4Oban