Naidheachdan

Mòd Nàiseanta Rìoghail @ Blas

Published: 09 Sep 2014

Tha Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, an Fhèis Chultarail Ghàidhlig as motha ann an Alba, a’ dol ann an com-pàirt ri Fèis Blas a tha a’ dol air adhart eadar Dihaoine 5 is Disathairne 13 Sultain gus a bhith an sàs ann an cuirmean ann an dachaighean cùraim agus ospadalan air feadh na Gàidhealtachd.

Le dùil ri tachartas ciùil gach oidhche, bidh an dà fhèis a’ co-obrachadh air sia cinn-latha agus àiteachan, gus dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine tlachd bho chultar na Gàidhlig.

A’ tòiseachadh le ‘Còisir G’, còisir Ghàidhlig Òigridh na Gàidhealtachd, a’ seinn ann an Dachaigh Cùraim Ach an Eas an Inbhir Nis air Disathairne 6 Sultain, bidh tachartasan eile a’ toirt a-steach còmhlan cèilidh Mo Creach a’ cluich airson luchd-còmhnaidh Taigh Srath Alain, Srath Pheofhair air Dimàirt 9mh, agus cluicheadair ionnstramaid Rhona Shutharlanach an còis sgoilearan Àrd-sgoil Gheàrrloch aig Taigh Srath Bhùrn, Geàrrloch air Diardaoin 10mh.

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Is e fìor chothrom math a tha seo do gach cuid Am Mòd Nàiseanta Rìoghail agus fèis Blas rudeigin a thoirt air ais don choimhearsnachd. Tha cultar na Gàidhlig dathtach agus beairteach gu leòr airson tlachd a thoirt don h-uile duine, agus mar sin is e seo an cothrom as fheàrr gus dèanamh cinnteach gum faigh iadsan nach urrainn a thighinn a-mach gu na h-àiteachan cluiche eòlas fhaighinn air na tha againn ri thabhann.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ tilleadh a dh’ Inbhir Nis airson a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair. Leis gur e seo a’ chiad uair againn air ais anns a’ bhaile-mhòir bho 1997, bidh seo sònraichte math. Is e Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd ris an robh fadachd againn a bhios ann!”

Thuirt Art MacCarmaig bho Fèisean nan Gàidheal, a’ bhuidheann a tha os cionn Fèis Blas: “Tha e na thoileachas dhuinn a bhith ag obair còmhla ris a’ Chomuinn Ghàidhealaich, Ceòl Beò A-nis agus Ceòl ‘sna h-Ospadalan gu bhith toirt luchd-ciùil agus seinneadairean a-steach do dhachaighean cùraim agus ospadalan mar phàirt de phrògram coimhearsnachd a bhios a‘ dol air adhart air feadh na fèise. Tha fòcas sònraichte aig Blas air a bhith a’ toirt òigridh an sàs agus bidh mòran a’ nochdadh taobh ri taobh ri cuid den luchd-ciùil agus seinneadairean as fheàrr anns na 43 prìomh thachartasan aig an fhèis. Tha sinn air leth toilichte gum bi cuid den fheadhainn a bhios a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair a’ faighinn cothrom air na sgilean coileanaidh aca a gheurachadh anns na seiseananan sin a’ toirt tlachd dha daoine ‘s dòcha nach urrainn a thighinn a-mach gu cuid de na tachartasan sin.”

Is e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail an FhèisChultarail Ghàidhlig as motha ann an Alba. Is e seo an 122mh bliadhna den tachartas, agus is i an fhèis as cudromaiche don Ghàidhlig ann an Alba. Is e seo am prìomh thachartas ann an comharrachadh Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd.

Is e An Comunn Gàidhealach, aon de na buidhnean Gaidhlig nàiseanta as sine agus as cliùitiche san t-saoghal a bhios a’ cuir an tachartas naoi-latha air adhart eadar Dihaoine 10 gu Disathairne 18 Dàmhair. Bheir e a-steach farpaisean ann an Dannsa Gàidhealach, Ceòl is Òrain Ghàidhlig, Spòrs, Litreachas is Dràma, a’ toirt cothrom do luchd-labhairt na Gàidhlig aig gach ìre pàirt a ghabhail ann. Tàlaidh e na mìltean de dh’ fharpaisich agus luchd-èisteachd bho air feadh na h-Alba, na RA agus bho gach ceàrnaidh den t-saoghal nam measg na SA, Astràilia agus Canada, gu Inbhirnis.

Ann an 2014 chithear an tachartas Iomaill as motha a-riamh a’ dol air adhart taobh ri taobh ris na farpaisean. Bheir seo a-steach cuirmean, bogadh leabhraichean is CDn, seiseanan ciùil, bàrdachd, dannsa agus cruthan ealain eile de gach seòrsa.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council