Piping Live 2012

Published: 27 Aug 2012

Chaidh Tom agus Raonaid Mitchell gu Fèis Piping Live na bliadhna seo, eadar an 6mh & 10mh den Lùnastal ann an Glaschu.

Chan e a h-uile duine a bhios airson seasamh aig bòrd airson seachdain, ach chòrd an t-seachdain gu mòr ri Tom agus Raonaid. Bha bòrd aca ann am pàillean ann an Ceàrnag Sheòrais, far an robh iad a’ toirt seachad fiosrachadh agus billeagan mun Chomunn agus mun chànan fhèin.

Choinnich iad iomadach pìobair agus luchd-turais a bh’ air siubhail a Ghlaschu airson an Fhèis mìorbhailleach seo, no na ‘Worlds’ mar a chanas iad a-nise.

“Thàinig daoine bho gach ceàrnaidh dhan t-saoghail a bhruidhinn rinn,” thuirt Tom. “Daoine à Canada, Astràlia, a’ Ghearmailt agus Ameireaga, a’ lorg fiosrachadh mun bhuidhean agus mun Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Thadhail fear à Sasainn a bha air cùrsa a dhèanamh aig SMO, Uibhisteach a bh’ air a dhol dhan arm Ameireaganach ach air sgàth’s gur e in-imriche bh’ ann, chan fhaodadh e a dhol a shabaid ann an dùthaich sam bith eile. Mu dheireadh chaidh e dhan Phoileas agus tha e a-nise sa’ Chòmhlan Pìoba aca. Duine gu math inntinneach. Choinnich sinn cuideachd ri nurs à Sìona a tha an dòchas a dhol gu Mòd Dhùn Omhain agus aoghair à Sìona a tha an dràsta a’ leughadh a’ Bhìoball Gàidhlig.

Bha seachdain air leth inntinneach againn a’ coinneachadh ri daoine mar seo. Bha an t-sìde math a chuid as motha den àm cuideachd”

Fhuair Tom agus Raonaid cothrom cuideachd air an oidhche `Chiadain a dhol gu “Òrain nam Pìobairean” ann an Ionad Nàiseanta nam Pìobairean, tachartas sònraichte far an robh Breabach, Kathleen NicAonghais agus a caraidean a’ gabhail pàirt le Calum Rois mar Fhear an Taighe.

Tha ‘Turas Piping Live na Mitchells’ stèidhichte mar phàirt de chlàr-ama a’ Chomuinn gach bliadhna, agus gu dearbh tha sinn uamhasach taingeil agus moiteil dha Tom agus Raonaid airson an obair mhòr a tha iad a’ dèanamh dhan Chomunn, dhan Mòd agus dhan chànan.

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council