Iain Moireasdan

Published: 17 Jun 2025

Bha sinn uile aig A’ Chomunn Gàidhealach duilich cluinntinn gun do bhàsaich Iain Moireasdan na bu tràithe an-diugh.

Bha Iain na Cheannard air a’ bhuidheann airson 12 bliadhna agus leig e dheth a dhreuchd ann an 2020. Roimhe sin, bha e air Àrd Chomhairle na buidhne airson grunn bhliadhnaichean. Rinn e obair mhòr na bheatha airson a’ Chomunn agus dhan Ghàidhlig. Bha e gu mòr an lùib buidhnean agus tachartasan Gàidhlig ann an sgìre Dhùn Deagh, gu sònraichte Mòd Ionadail Obar Pheallaidh.

B’ ann à Nis ann an Leòdhas a bha Iain. Bha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh agus sgeulachdan mun sgìre sin. Bha ùidh mhòr aige ann am ball-coise, gu sònraichte sgioba Dhùn Deagh agus bhiodh e tric ri chluinntinn air Rèidio nan Gàidheal a’ bruidhinn mun dheidhinn.

B’ ann am Broughty Ferry a bha a dhachaigh, còmhla ri a bhean, Fiona. Bha aon mhac aca, Ruairidh.

Bidh ionndrainn mhòr air dha rìribh. Tha sinn a’ cuimhneachadh gu mòr air Fiona, Ruairidh, Kirsty agus an teaghlach air fad aig an àm duilich seo.​

Iain Moireasdan

Back to ACG News List


Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

The Highland Council

The Highland Council