Naidheachdan

ROYAL NATIONAL MÒD 2021 IN INVERNESS TO HOST PRESTIGIOUS MEDAL COMPETITIONS

Published: 01 Jun 2021

​Tha An Comunn Gàidhealach air clàran-eagair fhoillseachadh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa, a bhios a’ dol air adhart ann an cruth air loidhne agus ann an da-rìreabh gu ìre, an 8mh chun an 16mh den Dàmhair. Bheir an clàr-eagair air loidhne, a tha glè choltach ri Mòd air loidhne 2020, cothrom do dhaoine pàirt a ghabhail ann an cruth bhideo. Thathas air farsaingeachd a bharrachd de dh’aoisean agus farpaisean a chur ri Mòd air loidhne na bliadhna-sa ann an oidhirp toirt air na h-uimhir de dhaoine ‘s a ghabhas pàirt a ghabhail.

Bidh grunn fharpaisean seinn aon-neach air an cumail aghaidh ri aghaidh, ann an Eden Court. Nam measg Bonn Òr a’ Chomuinn, Bonn Òr an t-Seann Nòis agus an Aigeallan Airgead. Thèid beagan de phrìomh fharpaisean na cloinne a chumail cuideachd - nam measg buinn Sheumais C Mhic a’ Phì, Buinn airgead a’ Chomuinn agus farpaisean seann nòs.

Tha na clàran-eagair rim faotainn air an làrach-lìn againn, An Comunn Gàidhealach - Royal National Mod : Mòd Air Loidhne

Bidh cuirmean cuideachd nam pàirt de Mhòd na bliadhna-sa, a’ taisbeanadh cuid den luchd-ciùil as aithnichte ‘s a tha ann an ceòl traidiseanta air a’ Ghàidhealtachd. Bidh am fìdhlear ainmeal Lauren NicColla, a’ taisbeanadh ceòl a rinneadh a dh’aona-ghnothaich airson Bliadhna nan Costaichean is Uisgeachan na h-Alba. Chaidh seo a chur dheth an uiridh mar thoireadh air Covid. Bidh cuirm shònraichte ‘Ar Cànan ‘s ar Ceòl’ a’ toirt sealladh air an uimhir de thàlant ‘s a tha air a’ Ghàidhealtachd. Mar fhreagairt air dùbhlain a’ chòrona-bhìoras a thaobh bacaidhean air àireamhan luchd-amharc, thathas an dòchas na cuirmean seo a chraoladh air loidhne cuideachd gus am faigh daoine air feadh an t-saoghail cothrom a bhith anns an èisteachd.

Ged nach bi farpaisean nan còisirean ann am bliadhna, ri linn ‘s nach eil iad a’ faighinn a’ chothrom tighinn còmhla mar as àbhaist, tha An Comunn Gàidhealach a’ cumail conaltradh riutha tro mheadhain Comunn nan Còisir. Thathas ag obair air ciamar a ghabhas cuirm beò a chumail ann an Inbhir Nis a bhios a’comharrachadh seinn agus ceòl nan còisir. Tha planaichean airson seo aig ìre thràth agus tha còmhraidhean a’
leantainn.

Thuirt Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich Seumas Greumach, “Tha sinn mothachail air na dùbhlain a tha fhathast mu ar coinneamh a thaobh a’ choròna-bhìoras, ach tha sinn beò an dòchas gum faigh farpaisich agus luchd-amharc cothrom air farpaisean agus cuirmean aghaidh ri aghaidh ann an Inbhir Nis am bliadhna, a dh’ aindeoin nach ann sa chruth àbhaisteach a thachras sin. Tha e na thlachd gu bheil sinn air chomas cruth Mòd air-loidhne a chumail, gus cothrom a thoirt do dhaoine air feadh an t-saoghail pàirt a ghabhail.

Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le ar co-obraichean aig Eden Court a thaobh cruth nam farpais agus nan cuirm. Tha sinn a’ dèanamh fiughar ri dearbhadh de ghabhas dèanamh am bliadhna ann an Inbhir Nis. Tha sinn cuideachd gu mòr an comain ar luchd-maoineachaidh agus ar buidhnean taic. Bu mhath leinn taing a thoirt do cheannardan agus oifigearan Chomhairle na Gàidhealtachd airson taic a thoirt dhuinn agus airson fàilte a thoirt don Mhòid Nàiseanta Rìoghail a dh’ Inbhir Nis.

Thuirt Calum Rothach, Cathraiche Comtataidh na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, “Tha mi toilichte dha-rìribh gun tèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann am prìomh-bhaile na Gàidhealtachd ‘s bidh taic Comhairle na Gàidhealtachd deatamach ann a bhith ga dhèanamh soribheachail. Tha buaidh chànanch, chultaral agus eaconomach a’ Mhòid cudromach do bhaile Inbhir Nis agus sgìre na Gàidhealtachd, gu seach àraid aig an am seo.

Bidh sinn a’cumail ri riaghailtean agus comhairle oifigeil a tha a’ bunntainn ri Covid, mar sin, thèid am Mòd air adhart ann an cruth digiteach agus ann an dà-rìribh.

‘S e cothrom math a th’ann do dhaoine pàirt a ghabhail anns an tachartas an darna cuid air loidhne neo ann an Inbhir Nis fhèin.

Tha An Comunn Gàidhealach a’ leanntainn air adhart leis a’mhodal seo ri linn Covid ‘s bithear a’toirt cothrom do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail coimhead air tachartasan agus pàirt a ghabhail ann am Mòd na bliadhna sa.

Bu mhath leam cuideachd dèanamh soilleir gum faigh Inbhir Nis agus sgìre na Gàidhealtachd deagh fhoillseachadh air feadh an t-saoghail le luchd-èisteachd is luchd-amharc a’coimhead air a’ Mhòd, a’sanasachd na sgìre mar “dachaigh” airson na Gàidhlig agus an cultar.

Bu mhath leam taing a thoirt don Chomunn Ghàidhealach, do Bhuidhean-Eagrachaidh a’ Mhòid agus do na com-pàirtichean air fad. ‘S e àm gu math dùbhlannach a th’ann an-dràsta do bhuidhnean tachartais a tha a’ feuchainn ri tachartasan culturach a chur air adhart. Mar sin, tha mi a’guidhe gach soribheas don Chomunn Ghàidhealach le Mòd na bliadhna sa.”

’S i An Comunn Gàidhealach aon de na Prìomh Buidhnean Lìbhrigidh aig Bòrd na Gàidhlig agus thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard na buidhne:

“Tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd gun tèid cuid de na farpaisean air adhart am-bliadhna ann an Inbhir Nis is gum bi an cothrom aig coimhearsnachd na Gàidhlig a thighinn còmhla uair eile. Tha a’ bhuidheann air a bhith a’ dèiligeadh le suidheachadh Covid gu proifeasanta is iomchaidh agus tha sinn a’ moladh a’ Chomuinn airson an cuid saothair thairis air a’ bhliadhna dhuilich a dh’fhalbh.”

Thèid làn phrògram de thachartasan fhoillseachadh nuair a thèid cùisean a dhearbhadh gu h-iomlan agus gu bheil planaichean air tighinn gu ceann.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council