Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021

​Tha An Comunn Gàidhealach air clàran-eagair fhoillseachadh airson Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa, a bhios a’ dol air adhart ann an cruth air loidhne agus ann an da-rìreabh gu ìre, an 8mh chun an 16mh den Dàmhair. Bheir an clàr-eagair air loidhne, a tha glè choltach ri Mòd air loidhne 2020, cothrom do dhaoine pàirt a ghabhail ann an cruth bhideo. Thathas air farsaingeachd a bharrachd de dh’aoisean agus farpaisean a chur ri Mòd air loidhne na bliadhna-sa ann an oidhirp toirt air na h-uimhir de dhaoine ‘s a ghabhas pàirt a ghabhail.

Bidh grunn fharpaisean seinn aon-neach air an cumail aghaidh ri aghaidh, ann an Eden Court. Nam measg Bonn Òr a’ Chomuinn, Bonn Òr an t-Seann Nòis agus an Aigeallan Airgead. Thèid beagan de phrìomh fharpaisean na cloinne a chumail cuideachd - nam measg buinn Sheumais C Mhic a’ Phì, Buinn airgead a’ Chomuinn agus farpaisean seann nòs.

Farpaisean aig Cuirt Eden

Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 - Clàr-eagair Cùirt Eden

Riaghailtean airson Farpasiean Cùirt Eden

Farpaisean Air-loidhne

Mòd Nàiseanta Rioghail 2021 - Clàr-eagair Air-loidhne

Riaghailtean airson Farpaisean Air-loidhne

Ma bhios ceistean sam bith agaibh, cuiribh fios thugainn air 01463 709705 no post-d gu info@ancomunn.co.uk


Proudly Sponsored By

Bord na Gàidhlig

Bord na Gàidhlig

Sponsor

Scottish Government

Scottish Government

Sponsor

Event Scotland

Event Scotland

Sponsor

SQA

SQA

Sponsor

Cal Mac

Cal Mac

Main Commercial Sponsor

BBC Alba

BBC Alba

Sponsor

Highland Council

Highland Council

Highland Council Mòd 2021 Supporter

Glasgow City Council

Glasgow City Council

Sponsor

Argyll and Bute Council

Argyll and Bute Council

Sponsor

Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar

Hosts of the 2016 National Mòd