Naidheachdan

Mod Ghallaibh - Obair Stiùbhardachd

Published: 16 Jun 2010

Obair Stiùbhardachd

Bu mhath leinn an cothrom seo a ghabhail gus iarraidh oirbh am biodh sibh deònach cuideachadh is taic a thoirt dhuinn a thaobh obair stiùbhardachd aig Mòd Nàiseanta Rìoghail 2010 ann an Gallaibh. Tha e an-còmhnaidh na dhùbhlan dhuinn a bhith a’ cruinneachadh gu leòr stiùbhardan a sheallas às-dèidh farpaisean is cuirmean a’ Mhòid san àite far am bithear ga chumail. Tha stiùbhardan cho feumail ann a bhith a’ toirt seachad ùine is taic aig àm a’ Mhòid agus tha An Comunn Gàidhealach gu mòr nan comain airson an obair ionmholta a tha iad a’ dèanamh bliadhna às dèidh bliadhna. Tha na stiùbhardan an teis mheadhan obair a’ Mhòid agus às an aonais, cha bhiodh e idir comasach na tachartasan a dhol air adhart gu sorbheachail.

Ma tha duine de bhuill na Meòir agaibh neo caraidean air a bheil sibh eòlach deònach agus comasach taic a thoirt air dhòigh sam bith aig Mòd Ghallaibh 2010 agus iad deònach an ainm a chur air adhart airson obair stiùbhardachd, feuch an cuir sibh fios gu Neach-gairm Stiùbhardachd, Comataidh Eagrachaidh Ionadail, Greumach Camshron, airson tuilleadh fiosrachaidh: fòn 01641 063 021 neo air post-d; cameronatcroick@tiscali.co.uk , neo cuiribh fios gu Carol-Anne NicAoidh, Oifigear Taic Thachartasan, 8 Gunn Court, Inbhir Theòrsa, KW14 8QP, air fòn 07801 063 021 neo air post-d: carolannemackay@hotmail.com.

Chan eil diofar a bheil neo nach eil eòlas agaibh air obair stiùbhardachd roimhe seo aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, oir bheir An Comunn Gàidhealach cothrom dhuibh làithean trèanaidh bunaiteach, neo-fhoirmeil a fhrithealadh ron tachartas gus am faigh sibh fiosrachadh mun dleastanas agus an uallach a bhios oirbh mar Stiùbhard aig a’ Mhòd.

Gu cudromach, tha sinn an dòchas gum faigh sibh fìor thlachd is thoileachas bho bhith an sàs ann an obair stiùbhardachd.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council