Naidheachdan

Ceann-latha 30/06/2017

Published: 30 Jun 2017

​​Tha agaibh gu MEADHAN OIDHCHE A-NOCHD (30/06/017) airson iarrtas a chur a-steach airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.

Feumaidh sibh iarrtas a chur a-steach air loidhne aig enter.ancomunn.co.uk

Cha ghabh sinn foirmean tro post-dealain no tron phost.

Ma tha ceistean agaibh a thaobh an iarrtas agaibh, cuir fios thugainn air 01463 709705 no 01851 703487 suas gu 5f.

Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bh’ur faicinn ann an Loch Abar san Dàmhair! ☺

♪♫♪♫♪♫♪♫

« Back to Mod News List

​SUAICHEANTAS ÙR IS AMASAN ÀRDA AIR AM FOILLSEACHADH AIRSON MÒD GHLASCHU 2019

Published: 23 Jun 2017

Thàinig clann-sgoile bho air feadh Ghlaschu còmhla an-diugh (Dihaoine 23 Ògmhios) gus an suaicheantas airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an 2019 fhoillseachadh.

Thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a chumail ann an Glaschu ann an 2019 – bidh 29 bliadhna ann an uair sin bho chaidh am Mòd a chumail sa bhaile mu dheireadh – agus chaidh suaicheantas ùr a dhealbh airson Mòd Ghlaschu a tha na shamhla beòthail is ealanta air an fhèis iomraitich a mhaireas seachdain agus far an tèid bratach cànan, ceòl agus cultar nan Gàidheal a thogail an àirde sa bhaile-mhòr uair eile.

Tha e na amas do Chomataidh Ionadail Mòd Ghlaschu 2019, le taic bho Chomhairle Baile Ghlaschu agus Glaschu Beò, An Comunn Gàidhealach a chuideachadh le bhith cur Mòd adhartach is lèirsinneach air dòigh a bhios cuideachd a’ sealltainn spèis do dhualchas is freumhan cultarach a’ Mhòid.

Tha a’ bhuidheann-dhealbhachaidh shoirbheachail a tha stèidhichte ann an Glaschu, An Còmhlan Cruthachail, air a bhith ag obair gu dlùth còmhla ris a’ Chomataidh Ionadail gus suaicheantas a dhealbh a bhios na shamhla iomchaidh air a’ Mhòd an dà chuid ann an stuthan clò-bhuailte agus thar nam meadhanan sòisealta. Thathar an dòchas gum bi an ìomhaigh ùr, bhrosnachail seo a’ togail ùidh sa Mhòd am measg luchd na Gàidhlig agus dhaoine aig nach eil an cànan agus gum bi i gam piobrachadh gu bhith gabhail pàirt sna farpaisean, a’ toirt taic dhan Mhòd mar luchd-obrach saor-thoileach agus gu bhith dol ann mar luchd-èisteachd.

Bidh taghadh farsaing de dh’fharpaisean ann a-rithist aig Mòd 2019 airson clann agus inbhich – a’ gabhail a-steach aithris is còmhradh, seinn agus farpaisean ciùil. Dh’fhaodadh cuideachd gun tèid na farpaisean airson Dannsa Gàidhealach is Pìobaireachd a chumail aig àm ùr aig a’ Mhòd gus an gabh comasan is sgilean nam farpaiseach tàlantach seo an taisbeanadh aig cridhe na fèise.

A thuilleadh air na farpaisean, bidh prògram iongantach is farsaing aig Iomall a’ Mhòid far am bi cuid den luchd-chiùil as fheàrr a th’ ann an Alba a’ cluich fad seachdain a’ Mhòid agus airson beagan làithean ron Mhòd, le cuid de na seinneadairean is luchd-ciùil as cliùitiche a th’ ann bho am measg nan Gàidheal a’ nochdadh air an àrd-ùrlar.

Thuirt Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn, Cathraiche Mòd Ghlaschu 2019: “Nuair a shoirbhich leis an tairgse bho Ghlaschu airson Mòd 2019 a chumail, bha fios againn gum feumamaid ìomhaigh is suaicheantas beòthail a chruthachadh gus an fhèis a chur air adhart agus a chuireadh an cèill do mhuinntir Ghlaschu gu bheil am Mòd fosgailte dhan a h-uile duine agus gum bi fàilte air a h-uile duine. Tha sinn airson sealltainn gum faod duine sam bith a dhol an sàs ann an cultar na Gàidhlig, chan eil e gu diofar ged nach eil Gàidhlig aca.

“Nuair a chluinneas daoine ceòl is seinn ann an cànan sam bith, tha e gan toirt còmhla, agus tha sinne mar Chomataidh Ionadail air a chur romhainn gum brosnaich sinn an àireamh as motha de dhaoine as urrainn dhuinn gu bhith dol an sàs sa Mhòd agus tha sinn airson gun toir muinntir Ghlaschu taic dhan tachartas agus gun gabh iad tlachd ann an dualchas beairteach nan Gàidheal , dualchas a tha na phàirt de chultar a’ bhaile aca fhèin.”

Thuirt an Comhairliche Daibhidh MacDhòmhnaill, Iar-Cheannard Comhairle Baile Ghlaschu agus Ball de Ghlaschu Beò: “Tha ceangal air a bhith aig a’ bhaile seo ris a’ Chomunn Ghàidhealach fad còrr is 120 bliadhna bho chaidh am Mòd a thòiseachadh ann an 1891. Tha e cha mhòr 30 bliadhna bho bha am Mòd ann an Glaschu agus leis an t-suaicheantas ùr a chaidh fhoillseachadh an-diugh tha sinn ceum nas fhaisge air an latha nuair a thilleas am Mòd ann an 2019.

“Tha Comhairle Baile Ghlaschu a’ toirt taic do dh’adhartachadh na Gàidhlig tron Phlana Ghàidhlig againn, agus tha am Plana sin na bhunait don obair againn a thaobh na Gàidhlig ann am foghlam, coimhearsnachdan, àiteachan-obrach, na h-ealain, na meadhanan, dualchas, turasachd agus a thaobh a bhith cur na Gàidhlig air adhart agus a’ meudachadh nan cothroman a th’ ann gus an cànan a chleachdadh. San latha an-diugh, mar eisimpleir, tha barrachd sgoilearan ann am Foghlam tron Ghàidhlig ann an Glaschu na gheibhear ann an cha mhòr sgìre sam bith eile ann an Alba, ’s iad a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan na h-aon sgìrean far a bheil barrachd.

“Cuideachd, tha cliù eadar-nàiseanta aig Glaschu mar àite fìor ghoireasach airson tachartasan mòra, agus le bhith cumail a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail thèid cur ris a’ chliù sin agus bidh e mar bhun-stèidh làidir air an gabh togail sna bliadhnaichean ri thighinn gus a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart ann an Glaschu.”

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh a Ghlaschu às dèidh cha mhòr deich bliadhna fichead. Tha cliù aig a’ bhaile air feadh an t-saoghail mar àite air leth airson ceòl agus nan ealain agus tha sinn a’ faireachdainn gu bheil an suaicheantas seo a’ nochdadh beothalachd is brìgh a’ Mhòid agus spiorad Ghlaschu fhèin. Tha am Mòd am measg nam prìomh thachartasan cultarach a bhios gan cumail gach bliadhna, far am faic sibh na Gàidheil agus iomadh duine eile bho air feadh an t-saoghail aig na diofar thachartasan is farpaisean a bhios ann. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri fàilte chridheil bho mhuinntir Ghlaschu ann an 2019.”

Tha a’ Ghàidhlig na pàirt daingeann de dh’eachdraidh is cultar Ghlaschu. Tha Gàidheil air a bhith fuireach sa bhaile fad iomadh linn, agus tha ath-bheothachadh air tighinn air a’ chànan sa bhaile san latha an-diugh, agus àrdachadh mòr air tighinn air an àireimh de sgoilearan FtG sa bhaile thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh.

Thathar an dùil gum bi trì bun-sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu ann an 2019, a bharrachd air àrd-sgoil agus na sgoiltean-àraich ceangailte riutha, agus tha ro-innleachd èifeachdach airson nan ealain agus a’ Ghàidhlig a chur air adhart am measg dhaoine a’ toirt taic dhan fhoghlam sin.

Thèid farpaisean Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 a chumail san Talla Chonsairt Rìoghail, Glaschu eadar Dihaoine 11 – Disathairne 19 Dàmhair, agus bidh mìltean de dh’fharpaisich bho air feadh Alba agus bho air feadh an t-saoghail a’ tighinn dhan bhaile gus pàirt a ghabhail ann an dannsa Gàidhealach, spòrs, litreachas is dràma, agus ceòl agus seinn na Gàidhlig.

« Back to Mod News List

Farpaisean Litreachais 2017

Published: 12 Jun 2017

​​Tha tìde gu leòr agaibh fhathast airson pìosan litreachais a chur a-steach airson farpaisean a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

« Back to Mod News List

Iomain Cholmcille a’ còmharrachadh deich bliadhna de shoirbheachas aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.

Published: 09 Jun 2017

​Thèid Iomain Cholmcille, an co-fharpais iomain eadar-nàiseanta do luchd-labhairt na Gàidhlig a chumail anns a’ Ghearasdan am–bliadhna-sa, a’ còmharrachadh deich bliadhna mar thachartas cho soirbheachail a tha ann ann an saoghal spòrs na Gàidhlig ann an Alba. Thèid an fharpais a chumail air an 14mh den Dàmhair an lùib Mòd Loch Abair 2017

Feumaidh Gàidhlig na h-Alba no na h-Èireann a bhith aig a h-uile cluicheadair air a’ phàirc agus feumaidh i a bhith ga cleachdadh air a’ phàirc cuideachd. Is e seo a a’ chaid uair a chaidh an fharpais a chumail mar phàirt den Mhòd na eachdraidh fhada shoirbheachail.

Chaidh Iomain Cholmcille a ruith airson a’ chiad uair anns an Òban mar phàirt de Fhèill Chaluim Chille air an deicheamh latha den Ògmhios 2007. On uairsin, tha e air a bhith ga cumail ann an Conamara, Dùn nan Gall, An t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu. Tha i air leudachadh o aon gheam eadar Alba agus Cumann Micheal Breathnach gu bhith a’ toirt a-staigh sgiobaidhean eile, Fir Uladh o Cheann a Tuath na h-Èireann agus Na Gaeil Óga à Baile Atha Cliath. Tha co-fharpais ann a-nise cuideachd eadar na boireannaich às an dà dhùthaich, le Còrn Sgàthaich ga cluich gach bliadhna.

Am –bliadhna-sa, bidh co-fharpais òigridh ann do dh’òigridh Loch Abair far am bi iad ag ionnsachadh beagan Gàidhlig tro bhith a’ cluich spòrs nan Gàidheal. Ionnsaichidh iad mu dheidhinn na sgilean a tha an-sàs ann an iomaniocht cuideachd le coidseadh mus faigh iad cothrom geam eadar an dà sgioba Èireannach a choimhead air An Àird anns a’ mhadainn.

Thuirt Eòghan Stiùbhart a tha air a bhtih na cho-ordanaiche Albannach on a thòisich an tachartas o chionn deich bliadhnaichean “Tha sinn glè thoilichte a bhith a’ cumail Iomain Cholmcille X anns a’ Ghearasdan aig an aon àm ri Mòd Loch Abair. Tha e a’ suidheachadh an tachartais iongantaich a tha seo aig cridhe cultarach na Gàidhlig agus ’s e cothrom air leth a th’ ann a bthih ag ionnsachadh o chèile an dà chuid mu chànan agus mu spòrs”

“Tha mòran rudan brosnachail a’ tachairt thall ann an Èirinn an-dràsta a thaobh strì airson còraichean cànain agus tha sinn an dòchas gun tog muinntir na h-Alba spionnadh o ar n-aoighean Èireannach. Is iomadh neach òg a bhrosnaich sinn gus Gàidhlig a bhruidhinn a-rithist le Iomain Cholmcille thar nam bliadhnaichean agus tha sinn an dòchas gun lean sinn oirnn a dhol o neart gu neart.”

Chuir Seumas Greumach, Manaidsear Leasachaidh a’ Mhòid, fàilte chridheil air a’ chompairteachas “Tha An Comunn Gàidhealach air ar dòigh a bhith a’ cumail na farpaise eadar-naiseanta iomain airson Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann. Chan eil àrd-urlar nas fhèarr ann airson na farpaise na am Mòd Nàsieanta Rìoghail, an fhèis as motha airson Ealain Ghàidhlig ann an Alba. Cuideachd, tha e glè fhreagarrach gu bheil an fharpais a’ tachairt ann an Loch Abar, sgìre le dualchas iomain làidir. Tha an fharpais cudromach gu cultural dhan dà chànan, Gàidhlig agus Gaeilige, le bhith a’ neartachadh a’ cheangail eadar na coimhearsnachdan Gàidhealach anns gach dùthaich.”

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ cumail farpais a h-uile bliadhna airson iomain co-dhiù, agus cha tèid dearmad a dhèanamh air sin. Thèid Cùpa a’ Mhòid do sgiobaidhean ionadail a chumail cuideachd air an aon latha aig àite eile anns an sgìre. Uile gu lèir, ’s e fèis iomain air leth thar Loch abair a bhios ann.

Tha Iomain Cholmcille a’ faighinn taic-airgid o Cholmcille, compairteachas eadar Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge a bhios a’ feuchainn ri ceanglaichean eadar Gàidheil ann an Èirinn is Alba a leudachadh is a neartachadh.

Bidh Iomain Cholmcille ag obair ann an compairteachas leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus Comataidh Ionadail Mòd Loch Abair air a’ phròiseact seo còmhla ri Sgioba Iomain a’ Ghearasdain cuideachd.

« Back to Mod News List

Proudly Sponsored By

Sangobeg Investments Ltd

Sangobeg Investments Ltd

BBC Alba

BBC Alba

Caledonian MacBrayne

Caledonian MacBrayne

SQA

SQA

The Scottish Government

The Scottish Government

Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Creative Scotland

Creative Scotland

Event Scotland

Event Scotland

Future Paisley

Future Paisley

Paisley.Is

Paisley.Is

Renfrewshire Council

Renfrewshire Council